Check the progress of your entry
LOG IN HERE
’S e An Comunn Gàidhealach am buidheann ’s sinne ’s aithnichte ann an saoghal na Gàidhlig. Bhon a chaidh a stèidheachadh san Òban ann an 1891, tha An Comunn air cliù a dhearbhadh ann an teagasg, ionnsachadh agus cleachdadh a’ chànain agus air brosnachadh a thoirt dha leudachadh litreachas, eachdraidh, ceòl agus ealain na Gàidhlig. Leis a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail fo sgèith agus obair leasachaidh sna coimhearsnachdan a’ dol am meud, tha An Comunn fhathast a’ daingneachadh na h-amais a bhith a’ brosnachadh agus a’ neartachadh cànan, cultar, eachdraidh agus dualchas na Gàidhlig aig ìrean ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta.

Tha An Comunn Gàidhealach air leth toilichte co‑bhanntachd ainmeachadh le Glasgow Convention Bureau, buidheann àite‑fuirich oifigeil Mòd Nàiseanta Rìoghail Ghlaschu 2026. Chaidh prìsean sònraichte aontachadh le mòran thaighean‑òsta air feadh a’ bhaile, le àiteachan freagarrach aig prìsean reusanta do chòisirean, farpaisich, luchd‑ciùil agus luchd‑èisteachd. Thèid àite‑fuirich a thoirt seachad mar a thig iarrtasan a-steach, is tha na prìsean sònraichte rim faighinn gu ruige 28mh Lùnastal 2026. Glèidheabh àite tràth gus am faigh sibh an taigh‑òsta a tha sibh ag iarraidh. Gheibhear an tuilleadh fiosrachaidh is cothrom àite‑fuirich a ghlèidheadh aig an ceangal seo.
Thoiribh an aire ma thèid seòmraichean a ghlèidheadh dòigh sam bith eile chan fhaighear cothrom air na prìsean sònraichte an seo.

9 - 17 Dàmhair 2026 Glaschu
9 - 17 October 2026 Glasgow
8 - 16 Dàmhair 2027 Eileanan Siar
8 - 16 October 2027 Western Isles