Royal National Mòd · 1 An Dàmhair 2024

Feadhainn a Bhuannaich Cogadh nan Còmhlan 2023 aig Stiùidio ann am Pàislig

Band in studio

Thachair An Comunn Gàidhealach ri dithis a bh’ anns a’ chòmhlan Darach a bhuannaich Cogadh nan Còmhlan aig Mòd Phàislig an-uiridh. Choisinn iad seisean aig JJ Recordings ann am Pàislig agus sinn a’ toirt taing do Jamie a bha cho taiceil do Khathleen agus Orin agus iad a’ clàradh an cuid ciùil. ’S cinnteach gum faic sinn a-rithist iad air àrd-ùrlar a dh’aithghearr.

Tha sinn an dòchas gun tèid gu math le gach còmhlan a tha an sàs ann am farpais na bliadhna sa.

Cluinnear criomagan fuaim an seo:

← Naidheachdan uile

Le taic bho