’S e An Comunn Gàidhealach am buidhean ’s sine ’s aithnichte ann an saoghal na Gàidhlig. Bhon a chaidh a stèidheachadh san Òban ann an 1891, tha An Comunn air cliù a dhearbhadh ann an teagasg, ionnsachadh agus cleachdadh a’ chànan agus air brosnachadh a thoirt dha leudachadh litreachas, eachdraidh, ceòl agus ealain na Gàidhlig.
Leis a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail fo sgèith agus obair leasachaidh sna coimhearsnachdan a’ dol am meud, tha An Comunn fhathast a’ daingneachadh na h-amais a bhith a’ brosnachadh agus a’ neartachadh cànan, cultar, eachdraidh agus dualchas na Gàidhlig aig ìrean ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta.
Bratach a’ Mhòid ga cuir fo chùram na h-Eilean an Iar a bhios a’ gabhail an uallaich an tachartas a ruith ann an 2027 Tha luchd-rianachd A’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail air ceud mìle t...