Dh’obraich Magaidh Choinneagan aig ìre àrd sa BhBC còrr air fichead bliadhna. Am measg na obraichean a bh’ aice bha Ceannard Rèidio, Alba agus Co-cheannard Prògraman agus Seirbhisean, Alba. Bho 2009 tha e air obrachadh mar choidse ceannardais agus gnìomha. Tha i na ball Bòrd Susbaint Ofcom agus bha i na cathraiche air Bòrd MG Alba fad sia bliadhna on Iuchar 2012. Tha i na cathraiche air Urras Coimhearsnachd a’ Chaoil & Loch Aillse agus na ball neo-eisimeileach air Fòram Fèisean Dhùn Èideann. Bha i na ball stèidheachaidh air Bòrd Sistema Scotland eadar 2007 agus 2019.
Buinidh John Joe MacNèill do dh’Eilean Bharraigh far an deach a thogail air a chuairteachadh le ceòl, cànan agus cultar na Gàidhlig. Bhuannaich John Joe Farpais an t-Seann Nòis aig Mòd Nàiseanta Loch Abair an 2017. Bhuannaich e cuideachd A’ Bhonn Òir aig Inbhir Nis an 2021. Tha e na bhall air Còisir Ghàidhlig an Òbain agus na stiùiriche air Còisir nam Ban aig an Òban. Tha e cuideachd na stiùiriche air còisir à air feadh na Alba: Binneas agus Còisir Ghàidhlig Bharraigh.
Tha John Joe ag obair air Oilthigh Dhùn Èideann mar Òraidiche Foghlaim Gàidhlig. Roimhe sin, bha e na Cheannard aig a’ Bun-sgoil Ghàidhlig Loch Abar, a’ chiad bun-sgoil Gàidhlig sa sgìre. Tha e ag obair gu saor-thoileach aig Celtic Music Radio far am bi e a’ riochdachadh agus a’ craoladh air diofar prògraman. Nì e cuideachd obair craoilidh air a cheann fhèin, riochdachadh is eile aig diofar companaidhean craoilidh Gàidhlig. O chionn ghoirid rinn e sreath phrògraman às leth a’ Mhòd Nàiseanta air an robh feadhainn a bhuannaich boinn Òir agus Traidiseanta thar nam bliadhnaichean. Cluinnear a ghuth air Smuain na Maidne, Radio nan Gàidheal agus prògraman eile.
Tha DI MacIlleDhuinn air a bhith frithealadh Mòdan bho na bha e na ghille beag, le Mòdan Ionadail agus Nàiseanta an Òbain na ciad fheadhainn far an robh an robh e a’ farpais. Bhuannaich e Bonn Òr a’ Chomuinn ann an 2015 agus bha e na Chathraiche air Comataidh Ionadail Mòd Ghlaschu 2019. Tha e seinn ann an Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu (na GGs). Mar sin, tha Gàidhlig agus cultar nan Gàidheal na smior!
Tha DI ag obair aig a’ BhBC na obair làitheil mar Cheannard Cruth-Atharrachaidh. Tha e a’ fuireach ann an Glaschu le theaghlach.
’S ann an Orasaigh, Na Lochan, an Leòdhas a rugadh ’s a thogadh Cairistìona Cheanadach. ’S bha i mion eòlach air obair na croite. Bha i cuideachd air a’ cuairteachadh le dualchas de dh’òrain ’s de cheòl.
An dèidh bliadhnachan a chuir seachad ann a seirbheis nam Poileas, bha i fad ùine ag obair mar stiùiriche aig Comunn na Gàidhlig a’ cruthachadh ’s a dealbh phròiseactan gu h-àraidh a measg an òigridh gu nàiseanta ’s gu h-eadar-nàiseanta. Chluinneadh a guth fad bhliadhnachan a’ lìbhrigeadh prògram nan Dùrachdan is eile air BBC Radio nan Gàidheal.
Tha i air a bhith an sàs às na mòdan fad a beath’ ann an iomadh riochd agus air a bhith an ìre mhath aig a h-uile mòd nàiseanta bho bha i dusan bliadhna dh’aois agus ’na ball-beatha den Chomunn Ghàidhealach. Tha i air a bhith fad bhliadhnachan a’ teagasg ’s ag ullachadh farpaisich airson mòdan agus aig fèisean.
Bhuannaich i Bonn òr an t-seann-nòs ann a 1989 agus thog i prìomh dhuais a’ Cheltavisión a’ riochdachadh Alba aig an fhèis Phan Cheilteach. Tha i air clàraidhean a dhèanamh agus air a bhith seinn an iomadh ceàrnaidh air feadh an t-saoghail.
Tha e a’ toirt mòr thoileachas dhith a bhith a’ cleasachd is a’ seinn, agus a’ gabhail gach cothrom gus a bhith a’ sanasachd “ar cànan ’s ar ceòl”.
B’ ann an Uibhist a Tuath a thogadh Linda, ged a tha i air a bhith fuireach ann an Glaschu a cheart cho fada a-nis. B’ e a’ Ghàidhlig a’ chiad chànan aice agus tro h-òige an Uibhist bha i riamh air a cuairteachadh le òrain, sgeulachdan agus dualchas an eilein. Ann an 2010 cheumnaich i bho Oilthigh Ghlaschu le ceum ann an Gàidhlig, is le MPhil ann an Gàidhlig ann an 2011.
An-diugh tha Linda ag obair pàirt-ùine na preasantair air CBeebies ALBA, is tha an còrr dhen ùine aice air a roinn eadar diofar phròiseactan. Tha Linda air a bhith na Tosgaire Òg airson Leughadh Gàidhlig do Chomhairle nan Leabhraichean bho 2016 agus san Dàmhair 2023 chaidh urram Tosgaire Gàidhlig na Bliadhna a bhuileachadh orra leis a’ Chomunn Ghàidhealach aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann am Pàislig.
Rugadh agus thogadh Seònaid ann an Tobar Mhoire ann am Muile, agus ’s ann an sin a tha i fhathast a’ fuireach! Thug i a-mach ceum ann an Gàidhlig agus Matamataig aig Oilthigh Dhùn Èideann, agus bha i a’ teagasg an dà chuspair sin fad iomadh bliadhna. Bhuannaich Seònaid Bonn Òr a’ Chomuinn ann an Inbhir Nis ann an 1984, ach ron àm sin bhiodh i a’ gabhail pàirt ann am farpaisean aig Mòdan Ionadail agus Nàiseanta. Bha i na ball den chòmhlan “Sound of Mull” a bha gu math ainmeil anns na 70s agus na 80s. Tha i fhathast a’ seinn ann an Còisir Mhuile.
Tha i air a bhith a’ strì às leth na Gàidhlig fad a beatha. On a sguir i theagasg làn-ùine, tha i air a bhith ag obair airson Sabhal Mòr Ostaig, a’ cur taic ri oileanaich air a’ Chùrsa Inntrigidh agus cùrsaichean eile. Cuideachd, tha i an sàs ann am Mòd Ionadach na Dreòlluinn, Co-roinn Ghàidhlig Mhuile agus Idhe, agus iomairtean sam bith a tha toirt taic dhan a’ chànan. Tha Seònaid a’ dèanamh nas urra dhith airson Gàidhlig Earra-Ghàidheil a bhrosnachadh.
Aig toiseach a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Lochabar, 2017, chaidh urram Tosgaire Gàidhlig na Bliadhna a bhuileachadh air Seònaid le Riaghaltas na h-Alba.
Rugadh mi an Glaschu do phàrantan sna Hearadh agus, aig 5 bliadhna a dh’aois cha robh Beurla agam nuair a thòisich mi sa bhun-sgoil. Bha sin an ìre mhath cumanta far an robh mi a’ fuireach an Glaschu agus b’ e Gàidheil Ghlaschu a bh’ aig daoine oirnn. Thar an 40 bliadhna a bha mi ag obair aig BT bha cothrom agam Gàidhlig a bhruidhinn gach latha ri mo cho-obraichean agus custamairean.
’S e briseadh-dùil a th’ ann dhomh gun d’thànaig Foghlam Tro Mheadhan na Gàidhlig fada ro anmoch gus am faighinn buannachd às. Ach, o na leig mi dhìom mo dhreuchd aig BT dh’ionnsaidh mi Gàidhlig a leughadh ged a bha sgrìobhadh na dhùbhlan fhathast.
Tha ballrachd Bòrd-stiùiridh a’ Chomuinn air cothrom a thoirt dhomh a’ cuir ri leasachadh cànan is cultar na Gàidhlig. Tha mi air leth taingeil airson an cothrom a ghabhas mi cho math ’s a ’s urrainn dhomh.
Tha Dòmhnull air a bhith na bhall den Chomunn o chionn 1982, nuair a chaidh e a dh’obair ann an Lunnainn. An dèidh tilleadh dhachaigh a Leòdhas aig deireadh na h-ochdadan, thòisich e a’ cuideachadh le bhi a’ ruith Mòd Ionadail Leòdhais agus bha e na cho-ionmhasair aig an dà Mhòd Nàiseanta ma dheireadh a chaidh a chumail anns na h-Eileanan an Iar; ’s e an ionmhasair a-rithist airson Mòd 2011. Thàinig e chun a’ bhùird ann an 2007 mar riochdaire bho na h-Eileanan an Iar. Chaith e pìos mòr de bheatha ag obair dha Roinn nan Cuspainn ’s nan Cìsean (HM C & E) mus do ghluais e airson greiseag gu BT agus an uair sin, gu Comhairle nan Eilean Siar ann an 1987 mar phrògramair anns an Roinn Coimpiutaireachd aca gus na leig e dheth a dhreuchd ann an 2011. ’S caomh leis a bhith a’ coiseachd nam beann agus a’ siubhal (gu h-àraid thall thairis).
Rugadh is thogadh Eilidh ann an Uibhist a Tuath. Rinn i ceum ann an Gàidhlig aig Oilthigh Obar Dheathain, a’ leantainn gu cuspairean eile as dèidh sin. Thill i a dh’ Uibhist an dèidh bliadhnaichean ag obair aig Sabhal Mòr Ostaig agus aig Bòrd na Gàidhlig. Tha i a-nis ag obair ann an roinn Ionnsachaidh agus Leasachadh Coimhearsnachd aig Comhairle nan Eilean Siar, ag obair le daoine òga agus buidhnean coimhearsnachd ann an Uibhist.
Tha Iain às A’ Ghearasdan agus e na Chathraiche air Meur Loch Abar. Tha e an sàs ann am Mòd Ionadail na sgìre. Bha e air sgioba Mòd Nàiseanta Rìoghail Loch Abar ann an 2017 agus e cuideachd ag obair a dh’ionnsaidh a’ Mhòd Nàiseanta a’ tilleadh a Loch Abar ann an 2025. Ged nach eil e fileanta sa Ghàidhlig tha ceangalan teaghlaich aige tron chànan do Leòdhas, An Eilean Sgitheanach, Baile a’ Chaolais is Uibhist a Deas. Tha Iain na Phrìomh Oifigear aig Sgioba Togail agus Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd agus an lùib sgoiltean Gàidhlig ùra a libhrigeadh air feadh sgìre na Comhairle. Thòisich Iain air Bòrd a’ Chomuinn ann an 2022. Tha e cuideachd an sàs ann an Còmhlan Pìoba Loch Abar agus e cumail taic ri a theaghlach aig farpaisean pìobaireachd agus Mòdan air feadh na dùthcha.
Rugadh agus thogadh Iain Murdo Mac a’ Mhaoilein an Dùn Chàrlabhaigh, Eilean Leòdhais. Chaidh a thogail ann an teaghlach mòr ann an coimhearsnachd Ghàidhlig ’s ann an sin a thog e ùidh sa chànan agus sa chultar. Bho aois gu math òg, bhiodh e a’ frithealadh nam Mòdan le theaghlach ’s tha e fhathast gam frithealadh san latha an-diugh. Chì thu e a’ stiùireadh còisir na sgoile no a’ seinn le Còisir Ghàidhlig Chàrlabhaigh no còisir no dhà a bharrachd air an sin an-dràsta ’s a-rithist!
Thug e ceum a-mach ann an Gàidhlig aig Colaist’ a’ Chaisteil ann an Steòrnabhagh nuair a dh’fhàg e an sgoil. Ann an 2014, ghluais e a Ghlaschu gus trèanadh a dhèanamh is e airson a bhith na thidsear. Chuir e an uairsin 3 bliadhna seachad ag obair ann an Obar Dheathain mus do ghluais e a dh’Inbhir Nis, far a bheil e a-nis na thidsear aig Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis. A bharrachd air obair-sgoile, tha e an sàs ann an comataidh Mòd Ionadail Inbhir Nis ’s e na iar-chathraiche airson na buidhne. Tha Iain Murdo gu mòr airson clann a bhrosnachadh pàirt a ghabhail ann an Saoghal na Gàidhlig ’s gum faigh iad cothrom an cuid Ghàidhlig a chleachdadh a-mach às a’ chlas. Bho thoiseach còisir na sgoile ann an 2018 le dìreach 15, tha mu 50 a-nis a’ seinn air an àrd-ùrlar aig diofar chuirmean is tha sin na thlachd dha gu mòr.
Tha Agnes a’ fuireach am baile Ghabhsainn an Eilean Leòdhais. Tha i air a bhith sàs an obair leasachaidh de gach seòrsa fad a beatha agus tha cànan agus cultar air a bhith na phàirt mhòr den obair sin. ’S ann aig Comann Eachdraidh Nis a fhuair i a’ chiad obair fad ùine agus às dèidh sin, a measg rudan eile, bha i ag obair an lùib na Co Chomainn, na manaidsear aig a’ chompanaidh foillseachaidh Acair, na ball de Choimisean na Croitearan agus a’ lìbhrigeadh prògraman rèidio. Tha Agnes air a bhith sàs an iomadh bhuidheann gu saor thoileach na measg sin, CnaG, Comataidh Craolaidh Gàidhlig, Pròiseact nan Ealain, Iomairt nan Eilean, An Lanntair an Steòrnabhagh. Bho chionn 2005 tha i air a bhith air Urras Oighreachd Ghabhsainn agus an co-cheangal ri sin Fearann Coimhearsnachd Alba.
Tha i fhèin sa cèile Frank fhathast ag obrachadh a chroit a fhuair a seanair sa seanmhair an toiseach an 1924 nuair a chaidh baile Ghabhsainn a dhèanamh bho fhearann an tac.