Luchd-obrach a’ Chomuinn Ghàidhealaich

Obair Chothromach

Thathas a’ dearbhadh gu bheil An Comunn Gàidhealach a’ leantainn a’ phoileasaidh Obair Cothromach aig Riaghaltas na h-Alba tro ar n-obrach le bhith pàigheadh an Tuarastal Bìth-beò fìor. Thathas cuideachd a’ dearbhadh gum bi An Comunn Gàidhealach a’ toirt cothrom don luchd-obrach agus luchd-ùidhe fa-leth an guth aca a thogail ’s gu bheil sinn a’ cumail ris a’ Phoileasaidh Obair Chothromach anns an dòigh seo.

Oifis Inbhir Nis

5 Caolshràid Mhìcheil
Inbhir Nis
IV2 3HQ
Fòn: 01463 709705

.(JavaScript must be enabled to view this email address)
Àrd-oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich

Seumas Greumach

Cheumnaich Àrd-oifigear Seumas Greumach aig Acadamaidh Rìoghail Ciùil is Dràma na h-Alba le BA (le Urram) ann an Ceòl Traidiseanta na h-Alba. Tha e air siubhail air feadh an t-saoghail mar neach-ciùil agus e air nochdadh air sreathan cliùiteach telebhisean is rèidio leithid ‘Transatlantic Sessions 4’. Ghlèidh e duais ceòladair òg traidiseanta na bliadhna aig BBC Radio Scotland ann an 2004 agus ghlèidh e bonn òr a’ Chomuinn Ghàidhealaich ann an 2007. Dh’obraich e fad dà bhliadhna na Oifigear Tachartasan aig Comhairle na h-Eaglaise Brice, a’ cur air bhonn agus a lìbhrigeadh tachartasan mòra ann an Sgìre na Comhairle. Tha eòlas farsainn aige air tachartasan a chur air bhonn. Tha e air a bhith ag obair aig a’ Chomunn Gàidhealach o 2010, roimhe na Mhanaidsear Mòid.

.(JavaScript must be enabled to view this email address)
Oifigear a’ Mhòid

Seonag

Bidh Seonag an sàs ann an obair rianachd A’ Chomuinn Ghàidhealich agus ’s ann oirre a tha uallach manaidsearachd iarrtasan farpaisich a’ Mhòid. Tha Seonag air a bhith ag obair aig An Comunn Gàidhealach fad deich bliadhna agus i an sàs ann an iomairtean Gàidhlig eile taobh a-muigh a h-obrach. Bidh i cuideachd a’ co-òrdanachadh rianachd ballrachd A’ Chomunn Ghàidhealaich agus ag ullachadh fiosrachadh airson ar làrach-lìn agus ar meadhanan sòisealta.

Coinneach Combe
Oifigear Thachartasan & Conaltraidh Digiteach

Coinneach Combe

Rugadh agus thogadh Coinneach an Siorrachd Rinn Friù. Tha ceangalan gu math làidir aige ri coimhearsnachd na Gàidhlig an sgìre mòr Ghlaschu agus buinteanas do dh’Eilean Leòdhais cuideachd. Cheumnaich e o Oilthigh Cailleannach Ghlaschu an 2002 le ceum Coimpiutaireachd. Rinn e cuideachd bliadhna aig Sabhal Mòr Ostaig air cùrsa Gàidhlig is Conaltradh. Tha Coinneach na eòlaiche coimpiutaireachd agus eòlas aige air leasachadh na Gàidhlig. Bha e roimhe ag obair aig Comunn na Gàidhlig agus mar thidsear àrd-sgoile. Dh’obraich e air an sgioba a leasaich an app ionnsachaidh agus cultair IndyLan. Bidh e cuideachd a’ drumaireachd ann an Còmhlan Pìoba Chill Bhearchain agus e na bhall aig buidheann coimhearsnachd saor-thoilich ClannGàidhlig.
Cuiribh fios air Coinneach airson rudan ceangailte ri ar làrach-lìn, meadhanan sòisealta no tachartasan Mòid.

.(JavaScript must be enabled to view this email address)
Oifigear nam Mòdan Ionadail

Fiona NicCoinnich

Cheumnaich Fiona NicCoinnich, Oifigear nam Mòdan Ionadail, aig Oilthigh Obair Dheathain le ceum ann an Eachdraidh na h-Alba agus Ceòl. Tha i cuideachd na iar-cheumnaiche aig Oilthigh Taobh Siar na h-Alba le Maighistireachd ann an Sgrìobhadh Ciùil Gàidhlig agus Gnìomhadh. Dh’obraich i fad 25 bliadhna mar rannsachaidh òrain Gàidhlig agus gnàthaichear cruthachail agus bhuannaich i Bonn Òir A’ Chomuinn Ghàidhealaich ann an 2005. Bidh i a’ clàradh le companaidh Greentrax, a dh’fhoillsich a clàr “Tac an Teine” o chionn ghoirid, a tha stèidhichte air Tasglainn Gàidhlig Thaigh Canna. Tha Fiona air leth moiteil a bhith a’ cumail taic ri lìonradh Mòdan Ionadail air feadh na h-Alba agus cuideachd ag obair gus Mòdan a leasachadh ann an sgìrean far nach eil Mòd an-dràsta.

Oifis Steòrnabhaigh

Aonad 7A
7 Sràid Sheumais
Steòrnabhagh
Eilean Leòdhais
HS1 2QN

Fòn: 01851 703487

.(JavaScript must be enabled to view this email address)
Rùnaire a’ Chomuinn agus Manaidsear na h-Oifis

Peigi

’S i Peigi NicIllInnein Rùnaire Companaidh A’ Chomuinn Ghàidhealaich agus Manaidsear na h-Oifis. Bidh i a’ cumail taic ris an Àrd-oifigear a’ làimhseachadh ionmhais na buidhne. Cheumnaich i aig Oilthigh na Gàidhealtachd is na h-Eileanan le ceum Cànan agus Cultar na Gàidhlig agus i air a bhith ag obair aig An Comunn Gàidhealach o 1999. Tha Peigi na ball Bhòrd Stiùiridh Acair agus na Cathraiche air Fèis Eilean an Fhraoich.
Am measg prìomh dhleastanasan Peigi cumaidh i taic ri Bòrd Stiùiridh A’ Chomuinn, ag obair air buidseatan is cuspairean ionmhais agus rianachd a’ chompanaidh.

.(JavaScript must be enabled to view this email address)
Oifigear a’ Mhòid (pàirt-ùine)

Marina

Cheumnaich Marina NicAoidh o Oilthigh Obar Dheathain le ceum ann an Eòlas na Gàidhlig ann an 2004 agus i air a bhith ag obair aig An Comunn Gàidhealach on uair sin. Bidh i a’ leasachadh agus brosnachadh diofar rudan farpaiseach aig a’ Mhòd, gu h-àraidh tachartasan litreachais Gàidhlig. Tha Marina gu mòr an sàs ann an stuthan margaidheachd a’ Mhòid agus bidh i a’ sgrìobhadh ar cuairt-litir mìosail a bharrachd air stuthan a chuir air ar làrach-lìn is meadhanan sòisealta. Tha i na ball air comataidh Fèis Eilean an Fhraoich.

Just Giving ACG

Connect with Us

Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

The Highland Council

The Highland Council