Litreachas

Chaidh duaisean Litreachas na bliadhna seo a thoirt seachad mar phàirt de Laithean Litreachais a’ Mhòid. Tha measgachadh de dh’fharpaisean Litreachas ann airson òigridh agus inbhich gach bliadhna.

’S e Bàrd a’ Chomuinn Ghàidhealaich an t-urram litreachais as cudromaiche a thèid a thoirt seachad, agus ’s i Anna Frater a fhuair e am bliadhna.

Meal an naidheachd air gach neach a bhuannaich duais - chì thu tagraichean ealain 2024 a bhuannaich ann an cruth PDF san liosta fodha - agus taing mhòr dhan a h-uile duine a ghabh pàirt sna farpaisean.

Gheibhear liosta de na toraidhean gu lèir an seo (litreachas òigridh Diluain is inbeach Diciadain).

Taing mhòr do na buidhnean a thug taic do Latha Litreachais a’ Mhòid am bliadhna seo: Ughdarras Theisteanas na h-Alba, Comhairle nan Leabhraichean, Bòrd na Gàidhlig agus Learned Kindred of Currie. Mòran taing dhuibh uile.

Anns a’ bhidio tha beachd no dhà bho fheadhainn a tha an sàs ann an saoghal litreachas na Gàidhlig an-dràsta, agus carson a tha sgrìobhadh anns a’ Ghàidhlig a’ còrdadh riutha. Mòran taing dhuibh uile!

feadainn a choisinn duaisean Litreachais inbheach aig Mòd Nàiseanta Loch Abar 2025
Anns an dealbh chìthear feadainn a choisinn duaisean Litreachais inbheach na bliadhna seo, còmhla ri Bàrd a’ Chomuinn, Anna Frater (anns a’ mheadhan).

Le taic bho