Royal National Mòd · 1 An Giblean 2024

Trèanadh Britheamhachd Màrt 2024

Tha An Comunn Gàidhleach air a’ chiad bùth-obrach ann an sreath a chur air dòigh airson airson fiosrachadh a thoirt seachad mu dheidhinn britheamhachd agus clàr obrach a’ Mhòid. Thachair e ann an Taigh-òsta a’ Ghlynhill ann an Rinn Friù, faisg air Pàislig.

Chur sinn fàilte air breitheamhan ùr agus feadhainn a th’ air a bhith a’ cumail taic ris a’ Mhòid fad bliadhnaichean. Bha cothrom aca sùil a thoirt air bhideothan gus am faiceadh iad diofar cho-fharpaisean agus fhuair iad stiùireadh air mar a bheireadh iad seachad comharran gu cothromach. Bha ùine aca bruidhinn ann am buidhnean beaga air carson a rinn iad na co-dhùnaidhean aca.

Bha an trèanadh air leth feumail ann an dàimh ri obair ullachaidh a’ Mhòid. Thèid an ath bhùth-obrach a chumail an Inbhir Nis sna mìosan a tha romhain.

← Naidheachdan uile

Le taic bho