Royal National Mòd · 20 An Cèitean 2024

Nas Lugha na Dà Sheachdain Airson Iarrtasan A’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail 2024

Mòd Phàislig 2023 Official Opening

Fosgladh Mòd Phàislig 2023
Fosgladh Mòid Phàislig 2023

Ceann-latha a’ teannachadh airson iarrtasan A’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail 2024 san Òban

Tha siostam clàraidh air loidhne do dh’fharpaisich Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna sa a’ dùnadh a dh’aithghearr. Tha aig farpaisich fa leth agus buidhneann a tha ag iarraidh a bhith an sàs ann an tachartas 2024, 11-19mh Dàmhair san Òban, gu meadhan oidhche Dihaoine 31mh Cèitean 2024 gus iarrtasan a chuir a-steach.

Tha tachartas na bliadhna, a’ phrìomh Fhèis na h-Alba a’ comharrachadh cànan ’s cultar na Gàidhlig, air leth cudromach agus e a’ tilleadh don Òban airson an 17mh turas.

Tha an t-Òban aithnichte mar dhachaigh a’ Mhòid, leis An Comunn Gàidhealach, a’ bhuidheann a bhios a’ lìbhrigeadh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail agus Mòdan Ionadail air feadh na h-Alba, air a stèidheachadh sa bhaile ann an 1891. Thachair a’ chiad Mòd a-riamh an ath-bhliadhna sa bhaile ann an Earra-Ghàidheal.

Abair gum bi an Òbain beòthail eadar 11mh agus 19mh Dàmhair eadar tallaichean, taighean-òsta agus sràidean le ceòl, farpaisean, caismeachd, cuirmean, bùthan-obrach agus gu leòr eile.

Gheibhear liosta air a bheil a h-uile farpais ann am Mòd 2024, nam measg: seinn, bàrdachd, ionnsramaideach, dràma agus Dannsa Gàidhealach, ann an Clàran-eagair a’ Mhòid agus gabhaidh iarrtasan a chuir a-steach gu deireadh na mìos an seo.

Thuirt Marina NicAoidh, Oifigear a’ Mhòid aig A’ Chomunn Gàidhealach: “Chan eil ach mu dà sheachdain gus an dùin iarrtasan, mar sin mholainn do dhuine sam bith a tha a’ beachdachadh air farpaisean Mòid iarrtas a chuir a-steach gus am bi iad an sàs ann am Mòd na bliadhna-sa san Òban. Chaidh fàilte a chuir air còrr air 8,000 luchd-tadhail ann am Pàislig an-uiridh aig còrr air 200 tachartas agus sinn an dùil ri barrachd na sin am bliadhna gus ceòl agus cultar na Gàidhlig a chomharrachadh. Cuiridh sinn fàilte air na seinneadairean is luchd-ciùil as fheàrr às gach ceàrnaidh aig a’ Mhòd am bliadhna.”

Tha Bòrd na Gàidhlig, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, EventScotland, Riaghaltas na h-Alba, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, BBC ALBA, Alba Chruthachail agus SQA a’ cumail taic ris A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail.

← Naidheachdan uile

Le taic bho