Luchdaich sìos Pasgan Digiteach agus Templates nam Mòdan Ionadail (ùraichte san Dàmhair 2024)
Thèid fiosrachadh co-labhairt 2025 fhoillseachadh an seo a dh’aithghearr.
Chuir An Comunn Gàidhealach co-labhairt air an robh “Na Mòdan Ionadail - An-diugh agus an t-Àm ri teachd” air bhonn air 24 Gearran ann an Inbhir Nis aig Cùirt an Easbaig. Air an latha, bha cothrom còmhradh a dhèanamh air mar a thathas a’ brosnachadh agus a chomharrachadh na Mòdan Ionadail. Tha sinn cuideachd gu mòr airson taic a thoirt do chomataidhean na Mòdan ‘s bha cnuasachadh air na rudan a tha ag obair gu math dhuibh agus na dùbhlain a dh’ fhaodadh a bhith an luib na h-obrach. Bha an tachartas seo feumail gus leasachadh agus piseach a thoirt air na Mòdan sna bliadhnaichean ri thighinn. Bha prògram inntinneach ann air an latha, làn fiosrachaidh, agus a’ gabhail a-steach chuspairean leithid “Maoineachadh”, “Mòdan agus an t-Eadar-lìon” agus “Dòighean Breithneachaidh aig a’ Mhod Nàiseanta”. Bha fàilte ann bho Maggie Choinneagan , Ceann-Suidhe a’ Chomuinn. Bha cèilidh ann air an oidhche aig a British Legion, Inbhir Nis leis a’ chòmhlan ainmeil, “Black Isle Ceilidh Band”. Bha sinn toilichte gun robh cothrom còmhradh air “Na Mòdan- An-diugh agus an t-Àm ri teachd” agus ur beachdan a chluinntinn. Tha clàr-ama an seo.
Faodaidh sibh ceistean a chur thugainn aig fiona@ancomunn.co.uk.
« Tillibh gu Mapa nam Mòdan Iondail