Check the progress of your entry
LOG IN HERE
Ceann-latha Dùnaidh Iarrtasan Mòid Loch Abar 2025
’S e An Comunn Gàidhealach am buidheann ’s sinne ’s aithnichte ann an saoghal na Gàidhlig. Bhon a chaidh a stèidheachadh san Òban ann an 1891, tha An Comunn air cliù a dhearbhadh ann an teagasg, ionnsachadh agus cleachdadh a’ chànain agus air brosnachadh a thoirt dha leudachadh litreachas, eachdraidh, ceòl agus ealain na Gàidhlig. Leis a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail fo sgèith agus obair leasachaidh sna coimhearsnachdan a’ dol am meud, tha An Comunn fhathast a’ daingneachadh na h-amais a bhith a’ brosnachadh agus a’ neartachadh cànan, cultar, eachdraidh agus dualchas na Gàidhlig aig ìrean ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta. Ma tha sibh airson taic a thoirt dhan obair againn agus tabhartas a thoirt seachad, faodaidh sibh sin a dhèanamh tron duilleag JustGiving againn.
10 - 18 Dàmhair 2025 Loch Abar
10 - 18 October 2025 Lochaber
9 - 17 Dàmhair 2026 Glaschu
9 - 17 October 2026 Glasgow
8 - 16 Dàmhair 2027 Eileanan Siar
8 - 16 October 2027 Western Isles