Tha Sgeama Measaidh nan cairtean a’ toirt taic agus spionnadh do dh’fharpaisich an cuid sgilean Gàidhlig a leasachadh, gus am faigh iad na cairtean a tha a dhìth orra, airson pàirt a ghabhail ann an cuid de dh’fharpaisean a’ Mhòid. Tha an sgeama ann mar shlat-tomhais gus fileantas fharpaisich a dhearbhadh anns na farpaisean agus a chumail aig àrd ìre. Ri linn seo, tha sgeama a’ Chomuinn gu mòr a’ cur ris an àrdachadh de dh’fhileantas a-measg inbhich agus luchd-labhairt na Gàidhlig agus ri leasachadh na Gàidhlig san fharsaingeachd.
Chaidh Sgeama Measaidh nan cairtean atharrachadh ann an 2012, agus, bhon uair sin, thathas a’ faicinn tòrr dhaoine a’ dèanamh oidhirp le bhith a’ cosnadh cairt tron sgeama.
Tha eisimpleirean de chòmhraidhean rim faotainn gu h-ìosal. Chithear na structaran as cudromaiche a dh’fhaodar a bhith air an cleachdadh agus inbhe gach còmhraidh a dh’fheumas a choileanadh aig gach ìre. Bidh liosta sgrùdaidh aig gach neach-measaidh gus dèanamh cinnteach gu bheil ceartas is cothromachd anns na measaidhean.
Tha agaibh ri Measadh a dhèanamh ro ceann-latha iarrtasan a’ Mhòid a-nis.
Faodaidh farspaichean goireasan ionnsachaidh sam bith a chleachdadh gus an inbhe fileantachd a choileanadh a dh’fheumas iad airson cairt a ghleidheadh ach tha An Comunn Gàidhealach a’ moladh gum faodar tadhail air learngaelic.scot
Gheibhear tuilleadh fiosrachadh gu h-ìosal:
Ìre 1 Còmhraidhean.pdf
Ìre 2 Còmhraidhean.pdf
Ìre 3 Còmhraidhean.pdf
Ìre 4 Còmhraidhean.pdf
Ìre 5 Còmhraidhean.pdf
Ìre 6 Còmhraidhean.pdf
Ìre 7 Còmhraidhean.pdf
Ìre 8 Còmhradh.pdf
Ma tha sibh airson latha measaidh a chur air dòigh no ma tha ceist sam bith agaibh a thaobh na measaidhean, cuiribh fios gu seonag@ancomunn.co.uk no cuiribh fòn gu 01463 709 705.