Litreachas

Chaidh duaisean Litreachas na bliadhna seo a thoirt seachad mar phàirt de Latha Litreachais a’ Mhòid, air Diciadain 16 Dàmhair 2024. Tha measgachadh de dh’fharpaisean Litreachas ann airson òigridh agus inbhich gach bliadhna.

’S e Bàrd a’ Chomuinn Ghàidhealaich an t-urram litreachais as cudromaiche a thèid a thoirt seachad, agus ’s i Meg Bateman, foghlamaiche Albannach, bàrd agus sgrìobhaiche, a fhuair e am bliadhna.

Meal an naidheachd air gach neach a bhuannaich duais - chì thu tagraichean ealain a bhuannaich ann an cruth PDF san liosta fodha - agus taing mhòr dhan a h-uile duine a ghabh pàirt ann am farpaisean na bliadhna seo.

Gheibhear liosta de na toraidhean gu lèir an seo (thèid sìos gu Diciadain airson litreachas).

Taing mhòr do na buidhnean a thug taic do Latha Litreachais a’ Mhòid am bliadhna seo: Ughdarras Theisteanas na h-Alba, Comhairle nan Leabhraichean, Bòrd na Gàidhlig agus Learned Kindred of Currie. Mòran taing dhuibh uile.

Anns a’ bhidio tha beachd no dhà bho fheadhainn a tha an sàs ann an saoghal litreachas na Gàidhlig an-dràsta, agus carson a tha sgrìobhadh anns a’ Ghàidhlig a’ còrdadh riutha. Mòran taing dhuibh uile!

Anns an dealbh chìthear an fheadainn a choisinn duaisean Litreachais na bliadhna seo, còmhla ri Bàrd a’ Chomuinn, Meg Bateman (anns a’ mheadhan).

Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

The Highland Council

The Highland Council