Published: 15 Sep 2011
Bidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail, prìomh fhèis na h-Alba a’ comharrachadh cànan is dualchas na Gàidhlig, am-bliadhna a’ siubhal gu na h-Eileanan an Iar airson an còigeamh uair ann an eachdraidh 120 bliadhna, sia bliadhna às dèidh dha tadhal mu dheireadh air na h-eileanan ann an 2005.
Tha an tachartas ochd-latha seo de cheòl, dannsa, dràma, ealain is litreachas na Gàidhlig, a bhios a’ ruith bho Dhihaoine 14 gu Disathairne 22 Dàmhair, an dùil na mìltean de luchd com-pàirt a thàladh a bhios a’ toirt a-steach làn choimhearsnachd nan Eilean - Leòdhas, Na Hearadh, Beinn na Faoghla, Barraigh is na h-Uibhistean.
Fo stiùir a’ Chomuinn Ghàidhealaich, a’ bhuidheann as sine agus as measail a-measg nam buidhnean Gàidhlig air fad, is e fèis farpaiseach a tha anns a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail a bhios a’ tàladh fharpaisich bho choimhearsnachdan Gàidhlig air feadh na RA, Èirinn, Àstràlia, a’ Ghearmailt, Canada agus na SA agus thathas ga fhaicinn mar an tachartas as motha a tha air mìosachan na Gàidhlig.
Thuirt Iain Moireasdan, Àrd-oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Tha sinn uamhasach toilichte a bhith toirt Am Mòd air ais gu na h-Eileanan an Iar am-bliadhna; sgìre le eachdraidh làidir ann a bhith a’ lìbhrigeadh deagh thachartas dha gach cuid luchd com-pàirt is luchd-amhairc. Tha a’ Chomataidh Eagrachaidh Ionadail air a bhith uamhasach trang gus dèanamh cinnteach gum bi tachartas na bliadhna air leth soirbheachail agus le raon farsaing de thachartasan air an iomall; chuirinn ìmpidh air a h-uile duine a thighinn a-mach gus faicinn na bhios a’ dol air adhart aig a’ Mhòd.
“Mu thràth tha sinn air àireamhan mòr de thagraidhean fhaighinn bho dhaoine de gach aois airson pàirt a ghabhail ann am farpaisean na bliadhna agus tha sinn air tagraidhean fhaighinn bho àiteachan cho fad às ri Canada, na United Arab Emirates, California agus Virginia.”
Aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail gheibh daoine raon farsaing de chothroman pàirt a ghabhail ann am farpaisean, a’ toirt a-steach chan e a-mhàin luchd-labhairt fileanta na Gàidhlig ach cuideachd feadhainn a tha air ùr thòiseachadh air a’ chànan ionnsachadh.
Air iomall a’ Mhòid, tha cothrom ann gach bliadhna dha Gàidheil agus Goill a bhith a’ cruinneachadh gus càirdeas ùrachadh neo eòlas fhaighinn air caraidean ùra. Am-bliadhna tha tachartasan a’ toirt a-steach chèilidhean, oidhcheanan ciùil air àrd-ùrlar, dannsa an rathaid gach oidhche, taisbeanaidhean eachdraidheil, bùthan-obrach ciùil ‘gabh an cothrom’, agus òraid cuimhneachaidh Aonghais Mhicleòid.
Tòisichidh an Fhèis air Dihaoine 14 Dàmhair le cuirm-fosglaidh tràth san oidhche agus às dèidh sin bìdh cèilidh traidiseanta ann gus blas a thoirt do luchd-tadhail air na tha romhpa fad na seachdain farpaiseach a tha air thoiseach.
Bidh farpaisean dha-rìribh a’ tòiseachadh Diluain 17 Dàmhair, a’ cur air bhog seachdain làn de chiùil, òrain, dannsa, dràma, spòrs and litreachas na Gàidhlig.
Thèid farpaisean na cloinne air adhart aig toiseach na seachdain agus bidh faisg air 1,700 leanabh bho air feadh na dùthcha an sàs annta.
Cumar na cuairtean-ullachaidh airson Buinn Òr an t-Seann Nòs agus Buinn Òr a’ Chomuinn air Diciadain 19 Dàmhair agus bidh na cuairtean deireannach ann Diardaoin 20 Dàmhair. Thèid co-dhùnadh mu dhuaisean òir-mhiannach MhicShimidh is Thulaich Bhàrdainn agus Mhàiread NicDhonnchaidh air Dihaoine 21 Dàmhair mus tèid a’ chuirm dheireannaich air adhart. Thig cùisean gu crìch aig Mòd Nàiseanta Rìoghail 2011 air Disathairne 22 Dàmhair nuair a chruinnicheas na Mòr-chòisirean le caismeachd ann an Ceàrnag Phearsabhail, le còmhlain pìoba ionadail aig an stiùir.
An-uiridh chaidh am Mòd gu Gallaibh airson a’ chiad uair; don tachartas soirbheachail sin thàinig HRH Diùc Bhaile Bhòid agus thug e seachad duaisean Bonn Òr a’ Chomuinn don dithis a bha soirbheachail san fharpais sin, Joy Dunlop agus Iain MacIlleathain. Ghabh còrr is 2,000 farpaiseach pàirt ann am Mòd Nàiseanta Rìoghail 2010 agus shiubhail mìltean de luchd-tadhail gu Gallaibh airson an tachartais.
Thuirt Ailig Dòmhnallach, Neach-gairm, Comhairle nan Eilean Siar agus Neach-gairm Comataidh Eagrachaidh Ionadail Mòd nan Eilean Siar 2011: “Mar an neach-gairm air gach cuid Comhairle nan Eilean Siar agus comataidh eagrachaidh ionadail Mod nan Eilean Siar 2011, tha mi air leth toilichte an cothrom a ghabhail gus fàilte a chur air a’ Mhòd air ais gu na h-Eileanan an Iar airson an 5mh uair na eachdraidh. Chan eil suidheachadh nas fheàrr ann airson an tachartais comharrachaidh fad-seachdain seo de chànan is chultar na Gàidhlig, na na h-Eileanan an Iar mar mhòr-sgìre dualchasach na Gàidhlig.
“Tha a’ Ghàidhlig stèidhichte ann an cridhe na h-eileanan seo, far a bheil sluagh a tha a’ comharrachadh a’ chànain anns gach raon dem beatha làitheil: anns an dachaigh, san raon obrach agus anns a’ choimhearsnachd. Tha Comhairle nan Eilean Siar moiteil a bhith a’ cumail taic ris a’ Ghàidhlig agus nì sinn ar làn-dhìcheall a h-àite cheart a chumail agus a bhrosnachadh aig cridhe cultar beartach dualchas na h-Alba.”
Thuirt Phil Preston, Stiùiriche Riaghlaidh Caledonian Mac a’ Bhriuthainn (CalMac): ”Is e Am Mòd Nàiseanta Rìoghail aon de na sàr-thachartasan bliadhnail aig CalMac agus tha sinn air leth toilichte a bhith tighinn a Steòrnabhagh a tha na phàirt cho cudromach den lìonra againn. Is e deagh chothrom a th’ ann an seo a bhith a’ coinneachadh agus a’ ceangal ri daoine air feadh na sgìre againn, agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ cur fàilte orra don t-seann bhus Mac a’ Bhriuthainn againn, a tharraing uidhir de dh’aire ann an Inbhir Theòrsa an-uiridh.”
Thuirt Pòl Bush OBE, Àrd-oifigear Gnìomh aig EventScotland, a’ bhuidheann tachartais nàiseanta: ”Tha EventScotland toilichte a bhith a’ toirt taic don Mhòd Nàiseanta Rìoghail a-rithist am-bliadhna. A’ comharrachadh ceòl is cultar na Gàidhlig, tha Am Mòd a’ toirt tlachd dha mòran dhaoine air feadh an t-saoghail, a’ cuideachadh le bhith a’ brosnachadh na h-Alba agus sàr-dhualchas ionmholta na dùthcha.”
A’ toirt an taic don Mhòd, tha Comhairle nan Eilean Siar, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, Bòrd na Gàidhlig, EventScotland, a’ bhuidheann tachartais nàiseanta, Banca Rìoghail na h-Alba, SQA, Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean, BBC ALBA, Riaghaltas na h-Alba agus Am Posta Rìoghail.
Airson làn-phrògram na Fèise agus mion-fhiosrachadh, tadhlaibh air ar làrach-lìn.
Ceann-là | Tachartas | Àite* |
Dihaoine 14 Dàmhair | Tachartas fosglaidh | An Lanntair |
Disathairne 15 Dàmhair | Cuairt-dheireannach Cupa Iomain a’ Mhòid | Lionacleit |
Cuirm nam Fìdhlearan | Ionad Spòrs Leòdhais | |
Didòmhnaich 16 Dàmhair | Seirbheis Eaglais a’ Mhòid | Talla Bhaile Steòrnabhaigh |
Aoradh Ceilteach | Eaglais Martin’s | |
Diluain 17 Dàmhair | Cuirm na Cloinne | Ionad Spòrs Leòdhais |
Dimàirt 18 Dàmhair | Cuirm na Cloinne | Ionad Spòrs Leòdhais |
Diciadain 19 Dàmhair | Duaisean Litreachais | Seòmar na Comhairle |
Cuairt-ullachaidh a’ Bhuinn Òir A220 / A221 | Talla Cruinneachaidh, Sgoil MhicNeacail | |
Cuairt-ullachaidh a’ Bhuinn Òir A222 / A223 | Eaglais Naomh Chaluim Chille | |
Cuairt dheireannaich An Aigeallan Airgid | Ionad Spòrs Leòdhais | |
Cuairt dheireannaich an Drama | An Lanntair | |
Cuairt-ullachaidh a’ Bhuinn Òir – Seann Nòs | Talla Cruinneachaidh, Sgoil MhicNeacail | |
Diardaoin 20 Dàmhair | Dannsa Gàidhealach | Bàgh a’ Chaisteil, Barraigh |
Cuairt dheireannaich Bonn Òr a’ Chomuinn | Ionad Spòrs Leòdhais | |
Cuairt dheireannaich a’ Bhuinn Òir – Seann Nòs | Ionad Spòrs Leòdhais | |
Cèilidh an Neach-gairm – Seann Nòs | An Lanntair | |
Dihaoine 21 Dàmhair | MacShimidh is Thulaich Bhàrdainn | Ionad Spòrs Leòdhais |
Màiread NicDhonnchaidh | Talla Bhaile Steòrnabhaigh | |
A’ Chuirm Dheireannaich | Ionad Spòrs Leòdhais | |
Disathairne 22 Dàmhair | Caismeachd mòr-chòisirean is chòmhlain pìoba | Ceàrnag Phearsabhail |
* Dh’fhaodadh na h-àiteachan atharrachadh. Faic an làrach-lìn airson dearbhadh.
« Back to Mòd News List