Published: 25 May 2011
Le tagraidhean airson Mòd Nàiseanta Rìoghail 2011 a’ taomadh a-steach gach latha tha eagraichean a’ Mhòid, An Comunn Gàidhealach trang ag ullachadh airson tachartasan na bliadhna seo, a thèid an cumail anns na h-Eileanan an Iar.
Ged a tha mòran de thagraidhean air a thighinn a-steach mu thràth, tha An Comunn a’ dùileachadh gun tig cuid mhath fhathast ron cheann-latha ainmichte air 31 Cèitean agus tha iad a-rithist a’ cur an cuimhne dhaoine cho cudromach sa tha e gum faighear tagraidhean làn-lìonte a-steach ron àm.
Dhaingnich Seònaid NicDhòmhnaill, Stiùiriche a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail a’ bheachd seo ag ràdh, “Tha mi airson cur an cuimhne fharpaisich nach tèid gabhail ri tagraidhean anmoch neo neo-chrìochnaichte a gheibhear an-dèidh a’ cheann-latha sin. Bu mhath leam cuideachd cur an cuimhne fharpaisich gun fheumar pìosan ciùil fèin-roghnaichte a chur a-steach ro 30 Ògmhios.” ’S e seo an còigeamh turas a thèid am Mòd a chumail sna h-Eileanan an Iar le Mòdan air gabhail àite ann an 1979, 1989, 2001 agus 2005. Tha e soilleir gu bheil muinntir nan Eilean a’ cur fàilte air a’ Mhòd a chumail a-rithist. Thuirt Neach-gairm na Comataidh Eagrachaidh Ionadail, Alex Dòmhnallach, “Tha sinn airson ’s gum bi Mòd 2011 a cheart cho soirbheachail ri na Mòdan a chaidh an cumail sna h-Eileanan an Iar a cheana. Tha sinn misneachail gur e Mòd fìor mhath a bhios ann, ann an 2011 agus gun còrd an turas dha na h-Eileanan ri luchd-tadhail. Gu dearbh, tha fàilte chridheil Ghàidhealach a’ feitheamh air luchd-tadhail agus farpaisich.
Thèid farpaisean is tachartasan a chumail fad is farsaing air feadh nan eilean, le farpaisean Pìobaireachd na h-òigridh ‘s nan inbheach a’ gabhail àite ann am Beinn na Faoghla agus farpaisean dannsa Gàidhealach gan cumail ann am Barraigh.
Thuirt Iain Macleòid, Ceann-suidhe a’ Chomuinn Ghàidhealaich, “’Tha e air leth iomchaidh gun till am Mòd gu na h-Eileanan an Iar leis gur e seo an t-àite a tha aig fìor chridhe ar cànain is ar cultair. ’S e cànan coimhearsnachd a th’ anns a’ Ghàidhlig sna h-Eileanan fhathast agus chan eil àite nas fheàrr ann airson prìomh fhèis Ghàidhlig na h-Alba a thaisbeanadh.”
Thèid Mòd Nàiseanta Rìoghail a chumail anns na h-Eileanan Siar eadar 14mh agus 22mh Dàmhair 2011.
Airson tuilleadh fiosrachaidh a thaobh a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail neo Mòd nan Eilean Siar 2011, feuch an tadhal sibh air ar làrach-lìn.
« Back to Mòd News List
Published: 19 May 2011
Chaidh atharrachadh a dheanamh air farpais A305 mar a leanas. Gheibhear liosta de ceartaichean sam bith eile airson Mòd 2011 an seo.
Farpais A305
Soraidh leis an àit’
Duilleag 6, bar 63- Soprano 2 agus Alto, ‘s e ‘Choltaich mi ri Gàidhlig’ bu chòrr a bhi ann.
« Back to Mòd News List
Published: 11 May 2011
Gabhaidh cèilidh agus dannsa àite ann an taigh-òsta a’ Chaladh air Disathairne 21 Cèitean 2011 airson airgead a chruinneachadh mu choinneamh a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail. ‘S iad comataidh Fèis nan Còisir a tha air an oidhche a chur air dòigh, agus tòisichidh e aig 7f. ‘S ann a’ gabhail àite a’ Chuirm Bhliadhnail aig Fèis nan Còisir a bhios a’ gabhail àite aig an àm seo gach bliadhna a tha a’ chèilidh seo.
An làthair air an oidhche bi Eòghainn MacLeòid agus Mairead NicLeman, a bhuannaich Bonn Òr an t-Seann Nòs aig Mòd Ghallaibh ann an 2010. Tha iad, le chèile, cuideachd nam buill de Chòisir Sgir’ a’ Bhac. Cuideachd bi cothrom èisteachd ri na ceithir còisearan a tha stèidhichte ann an Leòdhais agus iad a’ tòiseachadh ag ullachadh mu choinneamh a’ Mhòd. Cluinnear cuideachd na còmhlain-ciùil a bhuannaich aig Mòd Ionadail Leòdhais anns a’ Mhàrt 2011. ‘S iad sin Bun-sgoil Steòrnabhaigh, Sgoil Lional agus Sgoil MhicNeacail. Agus mura robh gu leòr ann an sin, ‘s e Iain Aonghas MacLeòid agus a chòmhlan a bhios a’ toirt thugaibh an cèol dannsa. Is e Dòmhnall Màrtainn còir a bhios a’ cumail rian air cùisean is e na fhear-an-taighe.
Tha tiogaidean airson a’ chèilidh a cosg còig notaichean agus ma tha sibh ann an Steòrnabhagh, gheibhear iad bho Events no faodar cuideachd pàigheadh aig air doras air an oidhche. Airson tuilleadh fiosrachaidh cuir fios gu Amy NicAmhlaigh, comataidh na Fèise air amyvmacaulay@gmail.com.
« Back to Mòd News List
Published: 10 May 2011
Ciorstaidh Peutan from Kilmuir, Skye won the Open Clarsach competition at the International Pan Celtic Festival in Dingle.
Ciorstaidh who currently studies at the City of Edinburgh Music School, will be going to the Royal Northern College of Music in Manchester in September.
The festival, now in its 40th year has seen competitors and visitors from around the world gather in Dingle and Ciorstaidh came out on top against two local competitors. Ciorstaidh has been attending the festival as a representative of the Clarsach Society and has been attending the Pan Celtic for the first time. Ciorstaidh has previously been a winner at the Royal National Mod.
Speaking after winning the competition Coirstaidh (18) said “ I am really happy to have won the competition. It was a tough competition but I am delighted. It’s been a great festival and it’s nice for Scotland to have had success”.
« Back to Mòd News List
Published: 06 May 2011
An Comunn GàidhealachMeur Inbhir Nis
Oidhche na h-Uibhistich!
Club Fidhlear / Bocsa Uibhist
Club Dannsa Uibhistst
Seinneadaieran & Piobairean Uibhist
le
Fear an Tighe ……. Ruaridh MacNeacail
Disathairne 4mh an t-Ogmhios 2011
7.30f
Talla Green Drive, Inbhirnis
Biadh … Ti / Cofaidh…..Raffle
Cosgais: £8 ………. Thoiribh leibh botal!
Ticeadan bho: 07869368205 / 07891814925 / 07777632585
“A’ cruinneachadh airgeadh airson Mod Ionadail Inbhirnis, an t-Ogmhios, 2011”
« Back to Mòd News List
Published: 06 May 2011
An Comunn Gàidhealach
Meur Inbhir Nis
Dannsa an t-sabhail!
Cèòl le
Còmhlain Fiona Dalgetty
Disathairne 14mh Ceitean 2011
7.30f
Tuath Bogbain, Inbhirnis
Bàr ……………Raffle
BBQ
Cosgais: £8 ……………. Ticeadan aig an doras
Fiosrachadh bho: 07891814925
07777632585
“A’ cruinneachadh airgead airson Mòd Ionadail Inbhirnis, an t-Ògmhios 2011.”
« Back to Mòd News List
Published: 03 May 2011
As a fundraiser for Mòd nan Eilean Siar 2011, the Ladies Committee are planning on
putting together a Mòd Cookbook. As a result, we’d appreciate any recipes that
are favourites - home baking perhaps being a Mòd speciality?!
All recipes gratefully received; starters, mains, puddings as well as baking.
Recipes can be e-mailed to Moira Maclean or Christine Morrison at the following e-mail addresses:
Moira - moira.maclean@btinternet.com
Christine - cmmorrison@btinternet.com
« Back to Mòd News List
Published: 02 May 2011
Farpais cliùiteach aig a’ Mhòd a’ cuimhneachadh Na Ceanadaich – Buannaichean Bonn Òr a’ Chomuinn
Tha An Comunn Gàidhealach toilichte ainmeachadh gum bi farpais cliùiteach ùr aig Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo anns na h-Eileanan an Iar. Bidh an fharpais air a chuingealachadh ri gach cuid fir is mhathan a tha air Bonn Òr a’ Chomuinn a chosnadh roimhe seo. Bithear ag iarraidh air farpaisich aon òran den roghainn fhèin a sheinn.Gheibh an neach a bhuannaicheas an fharpais duais ùr a tha gu bhith air a toirt seachad mar chuimhneachan air Calum Ceannadach agus a bhean Anna NicIllÌosa, nach maireann. Choisinn an dithis aca Bonn Òr cliùiteach a’ Chomuinn, Calum ann an 1955 agus Anna ann an 1952. Tha teaghlach Chaluim is Anna a’ toirt seachad na duais agus thathas an dùil gum bi riochdaire bhon teaghlach aig a’ Mhòd airson a toirt seachad.
Aig aon àm bha farpais coltach ri seo aig a’ Mhòd a bha airson buannaichean a’ Bhonn Òr agus farpaisean seinn aon-neach eile, ach cha deach a chumail a’ dol bho bha Mhòd Nàiseanta 1953 anns an Òban. Gu h-inntinneach sheinn Calum fhèin anns an fharpais seo sa bhliadhna sin agus chaidh e air adhart gu bhith a’ cosnadh Bonn Òr a’ Chomuinn dà bhliadhna às dèidh sin aig Mòd Obar Dheathain, agus bha sin mar cheum brosnachaidh dhà gu bhith air leth soirbheachail mar sheinneadair cliùiteach air feadh an t-saoghail.
Thuirt Ceann-suidhe a’ Chomuinn Ghàidhealaich Iain Macleòid an-diugh: “Tha An Comunn Gàidhealach air leth toilichte a bhith a’ cur air chois an leithid seo de dh’fharpais cliùiteach aig Mòd na bliadhna-sa anns na h-Eileanan an Iar, agus tha sinn an dòchas gun gabh grunn de bhuannaichean Bonn Òr a’ Chomuinn bho dhiofar ghinealaichean pàirt ann. Tha e cuideachd freagarrach gun tèid an fharpais seo air adhart airson a ‘ chiad uair aig Mòd nan Eilean Siar mar chuimhneachan air na seinneadairean ainmeil Calum Ceannadach agus a bhean Anna NicIllÌosa a choisinn còmhla rin teaghlach làn-spèis is urram ann an saoghal seinn is ciùil na Gàidhlig. Bha iad nan fhìor thosgairean mòr don Ghàidhlig, a’ toirt ar cànan is ar cultar gu luchd-èisteachd air feadh an t-saoghail, agus is e cothrom math a tha an seo an dithis sheinneadair sin a chumail nar cuimhne san àm ri teachd. ”
Thuirt Fiona Ceannadach, an nighean as sine aig Calum is Anna: “Tha mo pheathraichean, Kirsteen, Morag, Morven, Deirdre agus mi fhìn uamhasach moiteil an duais seo a thoirt seachad mar chuimhneachan air ar pàrantan. Ann an iomadach dòigh, b’e cupall òrach a bha annta, le guthan brèagha beannaichte a thug tlachd agus togail dha luchd-èisteachd aig an taigh agus thall thairis. Is ann aig a’ Mhòd a thòisich a h-uile càil dhaibh le bhith a’ buannachadh am Bonn Òr agus bha sin na cheum mòr nan cùrsan-beatha agus cha do dhì-chuimhnich iad sin a-riamh. Chòrd e riutha a bhith a’ gabhail pàirt, an obair-ullachaidh gach bliadhna, an càirdeas, am fealla-dhà, an spòrs agus na cèilidhean! Tha fhios againn gum biodh iad air an dòigh le farpais ùr ga ainmeachadh mar chuimhneachan orra.”
Feumaidh tagraidhean a bhith a-staigh ro 31 Cèitean 2011 agus faodar an cur a-steach air-loidhne. Mar a tha fìor a thaobh farpaisean eile aig a’ Mhòd, feumar na faclan a chur a-steach chun Chomuinn Ghàidhealaich ro 30 Ògmhios.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu riaghailtean msaa, tadhlaibh air ar làrach-lìn.
« Back to Mòd News List