Published: 13 Dec 2011
« Back to Mòd News List
Published: 02 Dec 2011
Às dèidh cho soirbheachail ‘s a bha Mod Nàiseanta Rìoghail nan Eilean Siar am-bliadhna, tha buidheann eagrachaidh a’ Mhòid, An Comunn Gàidhealach, air atharrachaidhean ainmeachadh air sgeama measaidh a’ Mhòid, a thig gu buil aig Mod 2012.
Tha an sgeama ur coltach ris an fhear a bh’ ann ach le atharrachaidhean cudromach na chois. Tha eisimpleirean de chòmhraidhean rim faotainn air loidhne far am faicear na structaran as cudromaiche a dh’fhaodar a bhith air an cleachdadh agus inbhe gach còmhraidh a dh’fheumas a choileanadh aig gach ìre. Bidh liosta sgrùdaidh aig gach neach-measaidh gus dèanamh cinnteach gu bheil ceartas is cothromachd anns na measaidhean. Faodaidh farspaichean goireasan ionnsachaidh sam bith a chleachdadh gus an inbhe fileantachd a choileanadh a dh’fheumas iad airson cairt a ghlèidheadh ach tha An Comunn Gàidhealach a’ moladh gum faodar tadhail air www.learngaelic.net.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mun sgeama mheasaidh uir, feuch an tadhail sibh air ar làrach-lìn no cuiribh fios gu An Comunn Gàidhealach air 01463 709 705.
Thuirt Maoilios Caimbeul a chruthaich an sgeama ùr, “Thathas an dòchas gum bi na eisimpleirean de chòmhraidhean a bhios rim faotainn air làrach-lìn a’ Chomuinn nan cuideachadh mòr do fharpaisich a bhios a’ feuchainn airson cairtean umha, airgid no òir. Chan eilear a’ sùileachadh ge-ta gum bi tagraichean a’ cumail gu dlùth ris na còmhraidhean fhèin gu mionaideach. ‘S e a bhith comasach air còmhradh a dhèanamh gu nàdarrach agus na structuran as cudromaiche a chleachdadh gu h-iomchaidh na rudan as deatamaiche.”
Bu chòir do dh’fharpaisich a bhios ag iarraidh cur a-steach airson farpais an Aigeallain Airgid a bhith mothachail gum feumar cairt airgid fhaighinn airson feuchainn air an fharpais seo. Thig an t-atharrachadh seo gu buil bho seo a-mach, a’ ciallachadh gum feum na farpaisich aig a bheil cairt umha agus a chur a-steach airson farpais an Aigeallain Airgid aig Mod 2011, cairt airgid fhaighinn gus pàirt a ghabhail ann am farpais 2012 agus bho sin a-mach.
Thuirt Seònaid NicDhòmhnaill, stiùiriche a’ Mhòid, “‘S e prìomh amas a’ Chomuinn Ghaidhealaich ann a bhith a’ cur air dòigh a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail, Gàidhlig a bhrosnachadh agus a leasachadh. Leis an sgeama ur a tha seo, thathas an dòchas gum faicear farspaichean a’ dèanamh adhartas cunbhalach ann a bhith ag ionnsachadh a’ chanain gus na cairtean a’ dh’fheumar a ghleidheadh airson pàirt a ghabhail aig a’ Mhòd. Chan eil an sgeama ùr cho cuingealaichte do thagraichean agus bithear a’ dèanamh cinnteach gu bheil inbhe co-ionnanachd ann, le bhith a’ cleachdadh liosta-sgrùdaidh gus farspaichean a mheasadh.”
Faodar coinneamh a dhèanamh aig uair sam bith tron bhliadhna airson measadh Gàidhlig le bhith a’ cur fios gu, An Comunn Gaidhealach, 5 Caolshràid Mhìcheil, Inbhir Nis, IV2 3HQ, fon: 01463 709 705, post-d @ info@ancomunn.co.uk.
« Back to Mòd News List