Published: 23 Apr 2012
Tha An Comunn Ghaidhealach toilichte a bhi a’ cur taic ri Sgoil Bhardachd na Comraich 2012, a theid a chumail eadar an 2mh agus and 6mh den Iuchar sa Chomraich.
Bidh Sgoil Bhardachd na Comraich a’ brosnachadh agus a’ comharrachadh seanchas Albannach agus nas fhaide as na sin air Baird Ghaidhlig, thairis air coig latha, tro sheirminearan, clasaichean agus buthan-obrach air sgriobhadh cruthachail.
Bidh an cursa a’ libhrigeadh le ar n-oraidichean cliuteach tron Ghaidhlig le eadar-theangachadh mar aon ri fhaighinn do fheadhainn aig nach eil a’ Ghaidhlig.
Bidh Lewis Mac Fhionghuinn, a chaidh a chrunadh mar Bard a’ Chomuinn aig Mod nan Eilean Siar 2011, an lathair airson pairt a ghabhail air an t-seachdain.
Gheibhear tuilleadh fiosrachadh aig www.sgoilbhardachd.co.uk.
« Back to Mòd News List
Published: 20 Apr 2012
Gheibhear gu h-iosal foirmean iarrtais airson Mod Naiseanta Rioghail 2012.
Ma tha ceistean sam bith agaibh a thaobh na foirmean, cuiribh fon gu Rena NicAsgaill, Rianadair a’ Mhoid air 01463 709 705 no cuiribh post-d thuice air rena@ancomunn.co.uk
« Back to Mòd News List
Published: 18 Apr 2012
Thèid Mod Ionadail Dhùn Èideann a chumail Disathairne seo tighinn (21 Giblean) ann an Ard Sgoil Liberton, Rathad Gilmerton, Dùn Èideann.
Tha sinn an dòchas gun tèid gu math dha na farpaisich, a’ chomataidh agus gach neach a bhios an sàs ann air an deireadh sheachdain seo!
Ma tha fiosrachadh sam bith eile a dhìth oirbh, cuiribh fios gu Fiona Nic an Tòisich air 0131 476 6611 no cuiribh post-d thuice aig fiona.mackintosh@blueyonder.co.uk no tadhalaibh air www.edinburghlocalmod.co.uk.
« Back to Mòd News List
Published: 17 Apr 2012
A300 Cath Ghairidheach
Loidhne 38 - ‘S e ‘droch chàramh’ bu chorr a bhi ann agus chan e ‘droch càramh’ .
A271 Gur fad am thàmh mi
Loidhne 1, bar 4 - ‘s e ‘aghmhor’ bu chorr a bhi ann agus chan e -‘àigmhor’
« Back to Mòd News List
Published: 11 Apr 2012
Gheibhear gu h-iosal aithisg rannsachaidh a chaidh a dheanamh air Mod nan Eilean Siar 2011. Tha fiosrachadh gu math inntinneach ann agus chithear gur e Mod gu air leth soirbheachail a bh’ ann. Tha sinn an dochas gun do chord e ribh uile!
Aithisg Rannsachaidh Mod nan Eilean Siar 2011.pdf
« Back to Mòd News List