Published: 08 Apr 2015
Taisbeanadh leasachaidh gu bhith a’ toirt spionnadh do àireamhan sgoilearan
Leis gu bheil Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’
tilleadh chun dachaigh aige san Òban am-bliadhna, thathas a’ dèanamh oidhirpean
gus ùidh san fhèis ath-bheothachadh a-measg fharpaisich òga. Ged a bha
àireamhan fharpaisich san fhèis Ghàidhlig ann an Inbhir Nis an-uiridh na b’
àirde na bha a-riamh roimhe, is e dìreach triùir òganach à sgìre an Òbain a
shiubhail gu prìomh bhaile na Gàidhealtachd gus pàirt a ghabhail ann.
A-nis, agus am Mòd a’ tighinn don Òban airson an
16mh turas - b’ ann sa bhaile seo a chaidh a’ chiad tachartas a chumail ann an
1892 - tha luchd-eagrachaidh a’ feuchainn ri dèanamh cinnteach gum bi
làn-riochdachadh aige bho sgìre Latharna.
Tha manaidsear a’ Mhòid Seumas Greumach a’ toirt
Taisbeanadh Leasachaidh a’ Mhòid air adhart, a chaidh timcheall 12 sgoil air
feadh an Òbain is Latharna gus com-pàirt a bhrosnachadh anns a’ Mhòd Nàiseanta
Rìoghail eadar 9-17 Dàmhair. Thug Seumas cuid den luchd-ciùil as tàlantaich air
Taobh an Iar na Gàidhealtachd timcheall sgoiltean ann an Taigh an Uuillt, An
Apainn, A’ Chonghail, Am Barra Calltainn, Aird Fheàrna, Cill an Inbhir, An Dùn
Beag, Eisdeal, agus Ach na Creige, Naomh Cholm Cille agus Pàirc an Òban, a
bharrachd air Àrd-sgoil an Òbain.
Fhad ’s a bha iad a’ tadhal air Bun-sgoil Cholm
Chille Dihaoine sa chaidh, thuirt Seumas: “Tha na sgoilearan agus an
luchd-teagaisg air ùidh shònraichte a nochdadh anns gach sgoil. Bha sinn an
dùil an Taisbeanadh Leasachaidh a chleachdadh gus taic ùrachadh ann an sgìrean
eile san dùthaich ach is e an Òban an fhìor àite airson tòiseachadh seach gun
deach àireamh nam farpaisich òga sìos o chionn ghoirid. Tha mothachadh a-measg
luchd-teagaisg ris am bi sinn a’ bruidhinn mun Mhòd ach chan eil iad uile mothachail
air an taic as urrainn dhuinn a thoirt do sgoiltean. Tha sinn airson gum bi
sgìre an Òbain air a riochdachadh gu làidir aig tachartas na bliadhna-sa oir
tha tàlant sònraichte ann agus luchd-teagaisg ciùil a tha fìor mhath.”
A-measg an luchd-ciùil aig Taisbeanadh Leasachaidh
a’ Mhòid bha Sìleas Nic na Ceàrdaich (A’ Chonghail), Moireach Willis (Liosmòr)
agus Fionnlagh Wells (An Òban) a thug mòr thoileachas dha na sgoilearan leis a’
chiùil beòthail aca. Chaidh Oifigear Leasachaidh Gàidhlig Earraghàidheal
Donnchadh MacNèill agus Oifigear Leasachaidh Dràma Fèisean nan Gàidheal
Dùbhghlas Beck an sàs a’ leasachadh sgilean dràma nan sgoilearan agus thug
Tosgaire Gàidhlig 2014 is an craoladair Kirsteen NicDhòmhnaill an eòlas aice
air a’ Mhòd seachad do na sgoilearan.
Aig ìre ionadail, tha a’ chomataidh eagrachaidh a
tha an sàs le Mòd an Òbain am-bliadhna air aontachadh Acadamaidh a’ Mhòid a
stèidheachadh, a chuireas luchd-teagaisg a-steach do sgoiltean ag amas air
barrachd com-pàirt àrdachadh. Bidh am pròiseact seo rudeigin coltach ri Club a’
Mhòid ann am Muile a tha làn-stèidhichte a-nis, agus a tha air a bhith na
mheadhan air mòran fharpaisich bhon eilean a thoirt air adhart gu bhith gu
làidir an sàs aig Mòdan o chionn ghoirid.
Thuirt Donnchadh Dòmhnallach, Neach-gairm a’
Chomataidh Ionadail airson Mòd Nàiseanta Rìoghail 2015: “Is e pròiseact pìleat
a tha ann an Acadamaidh a’ Mhòid a tha sinn an dòchas a leanas às deidh a’
Mhòid Nàiseanta Rìoghail am-bliadhna; tha sinn airson gum bi clann sgoile bhon
Òban agus Latharna a’ leantainn a bhith an sàs ann am farpaisean a’ Mhòid. Tha
na h-àireamhan air a bhith a’ tuiteam ach tha na tidsearan glè thrang agus tha
mòran de phàrantan airson an cuid cloinne a thoirt air falbh air saor-làithean
fad làithean-saora san Dàmhair, nuair a bhios an Mòd a’ dol air adhart.”
Bithear an dùil gum bi suas ri 10,000 neach a’
frithealadh Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna-sa, a chuireas fàilte air
farpaisich bho air feadh na h-Alba, còisirean Gàidhlig às a’ Ghearmailt agus
Canada agus farpaisich inbheach à Astràilia. Aig fèis iomaill a’ Mhòid bi
cuirmean, seiseanan, òraidean is cleasachd sràide ann an diofar àiteachan air
feadh na fèise naoi-latha.
« Back to Mòd News List