Published: 30 Jun 2016
- All entries must be paid for before you can submit own choice pieces
- When you have paid for the competition, click on the ‘Manage Submissions’ button (on left hand side of screen)
- You will see the competitions which require own choice music
- Click Add and you will be directed to a page which will allow you to search your computer for your files
- Once selected, upload and finalise the files for your entry to be complete.
- The status of these entries will change to ‘submissions require approval’. An Comunn Gàidhealach staff will be checking andapproving entries in the coming months
Please note: own choice submissions for junior storytelling competitions C21, C25, C41, C41A & C89 are not necessary. However, the system will require for you to upload a document for your submission for your entry to be shown as complete. We ask that you please upload a blank document for this submission.
« Back to Mòd News ListPublished: 23 Jun 2016
Tha tagraidhean airson Mòd Nàiseanta Rìoghail 2016 a’ taomadh a-steach, ach thathas a’ cur an cuimhne daoine gu bheil an ceann là airson iarrtasan air-loidhne mu choinneamh farpaisean a’ teannadh dlùth. Tha gu deireadh na mìos aig daoine, 30mh den Ògmhìos, a tha airson pàirt a ghabhail ann am Mòd na bliadhna-sa, a thèid a chumail anns na h-Eileanan Siar, airson an t-siathamh turas.
Thuirt Seònaid NicDhòmhnaill, Stiùiriche a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail, “Tha làn-chothrom aig farpaisich cur a-steach an cuid iarrtasan on a chaidh an ceann-latha a leudachadh fad mìos na b’ fhaide. Tha an siostam iarrtais ùr againn a chaidh a leasachadh thairis air an dà bhliadhna a chaidh seachad air a dheagh chleachdadh le farpaisich mu thràth, le dùil gum bi fad a bharrachd a’ cur a-steach ro 30mh Ògmhìos. Bu mhath leinn cluinntinn bho fharpaiseach sam bith ma tha trioblaid sam bith aca le bhith a’ cur a-steach iarrtas, agus faodar comhairle a thoirt seachad le seo.”
“Thèid Cuairt Dheireannach nam Bonn Òir a chraoladh beò a-rithist air BBC Alba agus air Rèidio nan Gàidheal oidhche Chiadain seachdain a’ Mhòid, às deidh cho soirbheachail ‘s a bha craoladh Cuairt Dheireannach Bonn Òir an t-Seann Nòis beagan bhliadhnaichean air ais. Chuirear fàilte mhòr air na h-atharrachaidhean seo le farpaisich agus luchd-èisteachd le chèile ‘s tha sinn toilichte gum faigh luchd-coimhid ‘s luchd-èisteachd nas fharsainge an cothrom coimhead air na farpaisean seo a-nist.”
Chuir Neach-gairm na Comataidh Ionadail, Tormod Dòmhallach fàilte air prìomh fhèis chultarail na Gàidhealtachd a’ tilleadh dha na h-Eileanan an Iar. “Tha e air leth freagarrach gun till am Mòd gu na h-Eileanan an Iar seach gur e bun-stèidh a’ Mhòid beartas ar cànan is cultar a’ thaisbeanadh. `S e cànan coimhearsnachd a th’ anns a’ Ghàidhlig sna h-Eileanan agus bi luchd-frithealaidh a’ Mhòid cinnteach gum faighear fàilte fìor Ghàidhealach anns na h-Eileanan am bliadhna-sa.”
Tha Comhairle nan Eilean Siar fhèin a’ coimhead air adhart ris a’ Mhòd a’ tilleadh dha na h-Eileanan, a tha an-còmhnaidh na dheagh àite tarraingeach do luchd-frithealaidh is luchd-èisteachd a’ Mhòid. Thuirt Stiùiriche Poileasaidh, Sgioba na Gàidhlig, Doileag NicLeòid: “Tha Comhairle nan Eilean Siar toilichte dha rìribh taic a chur ris an tachartas am bliadhna-sa agus tha sinn a’ coimhead air adhart gus fàilte a chur air farpaisich, luchd-amharc agus a h-uile duine a bhios an làthair aig na co-fharpaisean agus na tachartasan. Tha a’ Chomhairle air a bhith taiceil don Ghàidhlig anns a h-uile roinn de sheirbheis thairis air na bliadhnachan agus tha an taic sin leantainneach. Tha sinn air a bhith adhartach le cleachdadh na Gàidhlig agus le bhith a’ togail inbhe a’ chànain agus le sin tha e freagarrach gum bi prìomh fhèis na Gàidhlig ga cumail anns na h-Eileanan san Dàmhair.”
Thèid Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chumail anns na h-Eileanan Siar eadar 14-22 Dàmhair 2016. Ma tha feum air tuilleadh fiosrachaidh a thaobh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail, feuch gun tadhal sibh air www.ancomunn.co.uk no www.modnaneileansiar2016.com.
« Back to Mòd News ListPublished: 20 Jun 2016
Bithear a’ toirt seachad Seirbheis-Bìdhe aig Mòd nan Eilean Siar bho Ionad-bìdhe Sgoil ‘Ic Neacail, Steòrnabhagh rè seachdain a’ Mhòid. Gheibhear dìnnear, biadh teth, blasad-bìdhe, tì/cofaidh agus bèicearachd-dachaigh gach latha dhen Mhòd bho 10m-4f. Bithidh lòn ri fhaighinn aig Oifisean Chomhairle nan Eilean Siar cuideachd le bhith ag òrdachadh ro-làimh.
Ma tha an còisir agaibh biadh fhastadh aig amannan sònraichte tron t-seachdain, faodar fios a chur gu Louise Laing, post-d: louise.laing@cne-siar.gov.uk neo fòn: 01851 822 733, ro-làimh.
Thèid clàr-bìdh a chuairteachadh gu buidhnean sam bith aig a bheil ùidh.
« Back to Mòd News List