Published: 21 Dec 2017
Tha sinn gu math toilichte a bhith mar phàirt de na tachartasan a bhios a’ gabhail aite an ath-bhliadhna airson Bliadhna na h-Òigridh ann an Alba a chomharrachadh. Nach cum sibh sùil air na meadhanan sòisealta againn airson barrachd fiosrachadh sa bhliadhn’ ùr.
« Back to Mòd News List
Published: 07 Dec 2017
Tha An Comunn Gàidhealach ag aithneachadh an obair mhòr a rinn Pàislig leis an tagradh aca airson inbhe Baile Cultarail na Rìoghachd Aonaichte 2021 a chosnadh. Ged nach robh Pàislig soirbheachail aig a’ cheann thall, bha an tagradh aca air leth adhartach agus cruthachail.
Aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail a chaidh a chumail ann an Loch Abar bho chionn ghoirid, chaidh dearbhadh mura biodh Pàislig soirbheachail leis an tagradh aca airson inbhe Baile Cultarail na Rìoghachd Aonaichte 2021, gun deidheadh ath-sgrùdadh a dhèanamh air an dà thagradh a thàinig a-steach airson Mòd 2021. ’S ann bho Phàislig agus bho Pheairt a fhuair sinn na tagraidhean sin.
Bidh sinn a’ dèanamh sgrùdadh air an dà thagradh agus gheibh an tagradh leis na comharran as àirde cothrom am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chumail ann an 2021 agus gheibh an tagradh eile cothrom air a’ Mhòd ann an 2022. Ainmichidh An Comunn Gàidhealach far an tèid am Mòd a chumail ann an 2021 agus 2022 aig coinneamh bhliadhnail a’ Chomuinn Ghàidhealaich anns a’ Mhàrt 2018.
Thuirt Iain Moireasdan, Àrd-oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich:
“Ged nach robh Pàislig soirbheachail leis an tagradh aca airson Baile Cultarail na Rìoghachd Aonaichte 2021, tha sinn airson meal an naidheachd a chuir air an sgioba airson tagradh a bha air leth proifeiseanta agus cruthachail a chur ri chèile.
Tha sinn airson cothrom a thoirt dha Pàislig agus Peairt aoigheachd a thoirt don Mhòd Nàiseanta Rìoghail san àm ri teachd as dèidh an obair chruaidh a rinn iad leis an dà thagradh aca airson inbhe Baile Cultarail na Rìoghachd Aonaichte 2021. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ris na h-àitichean seo gus sin a thoirt gu buil anns na bliadhnaichean a tha romhainn.”
Thathas an dùil gun tèid Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chumail air na cinn-latha a leanas:
2021- 8mh – 16mh den Dàmhair (ri dhearbhadh)
2022- 14mh – 22mh den Dàmhair (ri dhearbhadh)</br>
« Back to Mòd News List