Published: 24 Jun 2024
Chaidh Seumas Greumach agus Coinneach Combe dhan Òban Dihaoine 21d Ògmhios an lùib obair ullachaidh A’ Chomuinn airson Mòd Nàiseanta Rìoghail am bliadhna. Thug iad sùil air tallaichean, slighean caismeachd, agus choinnich iad ri riochdairean Comataidh Mòid an Òbain. Tha obair mhòr ri dhèanamh sna mìosan air thoiseach air Mòd Nàiseanta, eadar prògram a dhealbhachadh, breitheamhan a thrusadh, iarrtasan farpaisich is mòran eile.
Le sin a’ ràdh, cùm sùil air ar làrach-lìn agus meadhanan sòisealta sna làithean a tha romhainn gus an sgaoil sinn fios airson tiogaidean Mòd Nàiseanta an Òbain 2024! Tha fiughair oirnn ur faicinn ann.
« Back to Mòd News List
Published: 04 Jun 2024
Chaidh far am bi Mòdan Nàiseanta Rìoghail 2026 agus 2027 fhoillseachadh, le fèis bhliadhnail cànan is cultar na Gàidhlig gu bhith ann an Glaschu ann an 2026 agus an uair sin anns Na Eileanan Siar ann an 2027.
Le dearbhadh gun tachair e an Glaschu eadar 9 – 17 Dàmhair 2026, bidh an cruinneachadh bhliadhnail Gàidhlig as cliùitiche air feadh a bhaile le farpaisean is tachartasan cultarail a fhreagras air a h-uile aois fad na seachdain.
Tha am bhaile aithnichte air sgàth ceangalan làidir ri cànan, cultar agus coimhearsnachd na Gàidhlig, agus tha mòran luchd-ciùil, seinneadairean agus luchd-labhairt na Gàidhlig a bhuineas dha no a’ fuireach san sgìre.
Nuair a bha an tachartas an Glaschu mu dheireadh an 2019, thadhail còrr air 12,000 air a’ bhaile gus am biodh iad an sàs sna tachartasan, a’ sgaoileadh còrr air £3.2 millean dhan eaconamaidh ionadail. Bha 81% dhaibhsan a bha tadhail air Glaschu aig an àm ann gus cultar Albannach a chomharrachadh aig a’ Mhòd.
Tillidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail dha Na h-Eileanan Siar an ceann trì bliadhna airson an seachdamh uair, le tachartasan sna h-eileanan eadar 8 – 16 Dàmhair 2027. Sgìre le dualchas Gàidhlig làidir a th’ ann, le àireamhan ùr an cunntas sluaigh a sealltainn gu bheil an cruinneachadh às a’ cheud nas motha deth luchd-labhairt na Gàidhlig agus 57% aig a bheil sgilean sa chànan am measg an t-sluaigh. Bha am Mòd Nàiseanta Rìoghail mu dheireadh sa sgìre ann an 2016, a’ sgaoileadh £2.4 millean an eaconamaidh na sgìre is a’ cuir fàilte air còrr air 7,500 luchd-tadhail.
Bidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail na àite cruinneachaidh do choimhearsnachdan Gàidhlig às an RA, Èireann, Astràilia, Canada is eile far am bithear a’ comharrachadh an cànan cuide ri ceòl traidiseanta na h-Alba, òrain, dràma, litreachais agus spòrs.
Tachraidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail eadar 11 – 19 Dàmhair 2024 san Òban mus bi e ann an Loch Abar eadar 10 – 18 Dàmhair 2025.
Thuirt Seumas Greumach, Àrd-oifigear A’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Tha sinn air ar dòigh gun till Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a Ghlaschu an 2026 agus dha Na h-Eileanan Siar an 2027. Thachair deagh Mhòdan san dà sgìre mar-thà agus sinn gu math toilichte tilleadh thuca, le dualchas agus eachdraidh Gàidhlig cho làidir, gus an cànan agus cultar a chomharrachadh. Bidh sinn gu math toilichte obrachadh le na comhairlean ionadail agus meuran A’ Chomuinn gus dà thachartas air leth eile a lìbhrigeadh.
Thuirt Ceannard Thachartasan aig Glaschu Beò, Julie Pearson: “’S e deagh naidheachd a th’ ann gun till Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a Ghlaschu an 2026. Tha am baile aithnichte gu h-eadar-nàiseanta mar àite far am faigh tachartasan fàilte agus bha Mòd 2019 an seo gu math soirbheachail, le farpaisich agus luchd-tadhail às gach ceàrnaidh a’ cuir ris an eaconamaidh ionadail.
“Tha sinn a’ coileanadh ar dleastanas Gàidhlig a bhrosnachadh tro chothroman cruthachail (tachartasan agus prògraman ionnsachaidh nam measg) le bhith a’ cuir fàilte air an sàr thachartas a tha an seo. Tha sinn ag aithneachadh cho cudromach ’s a tha e gum bi cothrom dhan fheadhainn aig a bheil agus aig nach eil Gàidhlig a bhith aig cuirmean is eile gus am bi iad an sàs ann an cultar na Gàidhlig, mar sin bidh sinn ro thoilichte fàilte chridheil a chur air an tachartas cliùiteach seo a-rithist san Dàmhair 2026.”
Thuirt Neach-gairm Chomhairle nan Eilean Siar, Coinneach MacLeòid: “Tha a’ Chomhairle air leth taiceil dhan Mhòd Nàiseanta Rìoghail agus mar sin tha sinn fìor thoilichte gum bi am Mòd stèidhichte sna h-Eileanan ann an 2027, a’ tilleadh às dèidh aon bliadhna deug. Mar a tha fios aig a’ mhòr-shluaigh, tha dualchas agus cultar làidir Gàidhlig anns na h-Eileanan an Iar agus thig tuilleadh misneachd dhan chànan mar thoradh air am Mòd a bhith an seo. Bu mhath leam taing mhòr a thoirt do Stiùirichean is Oifigearan a’ Chomuinn Ghàidhealaich airson an taic agus an co-chonaltradh feumail thairis air na mìosan a chaidh seachad agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair gu dlùth còmhla riutha gus lìbhrigeadh a’ Mhòd ann an trì bliadhna.”
Thuirt Cathraiche Comataidh na Gàidhlig, Comhairliche Dòmhnall MacSuain: “’S e naidheachd fìor mhath a tha seo dha na h-Eileanan an Iar agus bidh cothrom ann a bhith taisbeanadh am beairteas tàlant a tha am measg na coimhearsnachd Ghàidhlig, is gu sònraichte am measg an òigridh. Faodaidh iadsan a bhios a’ frithealadh a’ Mhòid a bhith cinnteach gum bi fàilte chridheil romhpa ann an 2027 agus tha mi cinnteach gum bi e soirbheachail dha-rìribh.”
Tha na buidhnean Bòrd na Gàidhlig, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, EventScotland, Riaghaltas na h-Alba, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, BBC ALBA, Alba Chruthachail agus SQA a’ cumail taic ris A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail am bliadhna san Òban.
« Back to Mòd News List