Published: 20 Sep 2017
Leis gu bheil Mòd Nàiseanta Rìoghail 2017 dìreach ceitheir seachdainnean air falbh, tha comataidh ionadail a’ Mhòid air a bhith a’ sireadh luchd saor-thoileach a bhiodh deònach a bhith nan stiùbhardan air an t-seachdain mhòr fhèin.
Tha pàirt cudromach dha rìreabh aig na stiùbhardan ann a bhith a deànamh cinnteach gu bheil a h-uile càil a’ ruith mar bu chòir, agus tha feum air grunnan dhiubh, gu h-àraidh aig toiseach an t-seachdain aig àm farpaisean na cloinne. ‘S e dòigh air leth a tha seo a bhith a’ gabhail pàirt sònraichte anns a’ Mhòd agus fìor bhlas a’ Mhòid fhaighinn. Bhiodh sinn toilichte cluinntinn bho neach sam bith aig a bheil ùidh ann an cànan, ceòl agus cultar nan Gàidheal.
Ma tha ùidh agaibhse a bhith nur stiùbhard cuiribh fios gu Comataidh Ionadail Loch Abar.
« Back to Mòd News List