Naidheachdan

Ceann-latha a' tarraing dlùth

Published: 25 May 2011

Le tagraidhean airson Mòd Nàiseanta Rìoghail 2011 a’ taomadh a-steach gach latha tha eagraichean a’ Mhòid, An Comunn Gàidhealach trang ag ullachadh airson tachartasan na bliadhna seo, a thèid an cumail anns na h-Eileanan an Iar.

Ged a tha mòran de thagraidhean air a thighinn a-steach mu thràth, tha An Comunn a’ dùileachadh gun tig cuid mhath fhathast ron cheann-latha ainmichte air 31 Cèitean agus tha iad a-rithist a’ cur an cuimhne dhaoine cho cudromach sa tha e gum faighear tagraidhean làn-lìonte a-steach ron àm.

Dhaingnich Seònaid NicDhòmhnaill, Stiùiriche a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail a’ bheachd seo ag ràdh, “Tha mi airson cur an cuimhne fharpaisich nach tèid gabhail ri tagraidhean anmoch neo neo-chrìochnaichte a gheibhear an-dèidh a’ cheann-latha sin. Bu mhath leam cuideachd cur an cuimhne fharpaisich gun fheumar pìosan ciùil fèin-roghnaichte a chur a-steach ro 30 Ògmhios.”

S e seo an còigeamh turas a thèid am Mòd a chumail sna h-Eileanan an Iar le Mòdan air gabhail àite ann an 1979, 1989, 2001 agus 2005. Tha e soilleir gu bheil muinntir nan Eilean a’ cur fàilte air a’ Mhòd a chumail a-rithist. Thuirt Neach-gairm na Comataidh Eagrachaidh Ionadail, Alex Dòmhnallach, “Tha sinn airson ’s gum bi Mòd 2011 a cheart cho soirbheachail ri na Mòdan a chaidh an cumail sna h-Eileanan an Iar a cheana. Tha sinn misneachail gur e Mòd fìor mhath a bhios ann, ann an 2011 agus gun còrd an turas dha na h-Eileanan ri luchd-tadhail. Gu dearbh, tha fàilte chridheil Ghàidhealach a’ feitheamh air luchd-tadhail agus farpaisich.

Thèid farpaisean is tachartasan a chumail fad is farsaing air feadh nan eilean, le farpaisean Pìobaireachd na h-òigridh ‘s nan inbheach a’ gabhail àite ann am Beinn na Faoghla agus farpaisean dannsa Gàidhealach gan cumail ann am Barraigh.

Thuirt Iain Macleòid, Ceann-suidhe a’ Chomuinn Ghàidhealaich, “’Tha e air leth iomchaidh gun till am Mòd gu na h-Eileanan an Iar leis gur e seo an t-àite a tha aig fìor chridhe ar cànain is ar cultair. ’S e cànan coimhearsnachd a th’ anns a’ Ghàidhlig sna h-Eileanan fhathast agus chan eil àite nas fheàrr ann airson prìomh fhèis Ghàidhlig na h-Alba a thaisbeanadh.”

Thèid Mòd Nàiseanta Rìoghail a chumail anns na h-Eileanan Siar eadar 14mh agus 22mh Dàmhair 2011.

Airson tuilleadh fiosrachaidh a thaobh a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail neo Mòd nan Eilean Siar 2011, feuch an tadhal sibh air ar làrach-lìn.

« Back to Mòd News List

Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

Argyll & Bute Council

Argyll & Bute Council

BID4Oban

BID4Oban