Naidheachdan

Co-op a' toirt taic dha 2011

Published: 21 Sep 2010

Tha an Co-op a’ toirt taic do Mhòd Nàiseanta Rìoghail 2011, a tha a’ gabhail àite anns na h-Eileanan an Iar, le bhith a’ toirt £5000 don chomataidh ionadail. Tha obair ullachaidh a’ gabhail àite mu choinneamh Mòd 2011, prìomh fhèis na Gàidhlig, a bhios a’ gabhail àite san Dàmhair, agus tha a’ Co-op aig a bheil bùthain air feadh na h-Eileanan Siar, a toirt taic don tachartas.

Thuirt Lorraine Christie, Manaidsear na h-Obrach Roinneil aig a’ Ch-op: “Bidh e na tharraing mhòr do dhaoine gu bheil a’ Mòd gu bhith air a chumail anns na h-Eileanan an Iar, chan e a-mhàin do mhuinntir an àite ach do luchd-tadhail cuideachd. “Tha sinn làn chinnteach gum bi e soirbheachail dha rìreabh agus na thogail mhòr don choimhearsnachd ionadail, agus mar mòr-bhutha anns a’ choimhearsnachd tha sinn air leth toilichte a bhith a’ toirt taic anns an dòigh seo”.

Thuirt Cathraiche Comataidh Ionadail Mòd nan Eilean Siar 2011, Ailig Dòmhnallach:“Tha an Comataidh Ionadail a’ cur meas mhòr air taic fhialaidh seo bhon Cho-op. ‘S e tachartas sònraichte dha rìreabh a bhios ann am Mòd na h-ath bhliadhna, agus tha sinn anabarrach toilichte an taic a tha seo fhaighinn bho mhòr-bhùth a tha cho cudromach don choimhearsnachdan ionadail”.

Anns an dealbh tha Mìchael Boylan, Manaidsear na h-Obrach aig a’ Ch-op, Ailig Dòmhnallach, Cathraiche Comataidh Ionadail Mòd nan Eilean Siar 2011 agus Steven Cooper, Manaidsear a’ Ch-op, Rathad MacAmhlaigh, Steòrnabhagh.

« Back to Mòd News List

Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

The Highland Council

The Highland Council