Naidheachdan

Bidh seinneadairean agus luchd-ealain a’ farpais airson prìomh dhuaisean air an latha mu dheireadh ach aon de Mòd 2024

Published: 18 Oct 2024

Còisirean Dùthchail Bùrach agus Còisir Sgìr’ a’ Bhac Tha farpaisean còisir a’ leantainn agus tha buannaiche Duais Ealain na Gàidhealtachd air ainmeachadh

​Bha òrain Ghàidhlig a’ lìonadh Tallaichean a’ Chorrain a-raoir, agus Buinn Òr an t-Seann Nòis a’ tilleadh don chomharrachadh as motha air an t-saoghal air cànan is cultar na Gàidhlig, Am Mòd Nàiseanta Rìoghail.

Thàinig Ruairidh Moireasdan à Inbhir Nis am bàrr ann am farpais nam fear, a’ toirt buaidh air seinneadairean tàlantach Gàidhlig bho air feadh na dùthcha, agus choisinn Claire Frances NicNìll à Barraigh am Bonn ann am farpais nam ban, le seinn a bha sònraichte.

Thuirt buannaiche Bonn Òr Seann Nòs nam Fear Ruairidh Moireasdan: “Tha mi air mo dhòigh, cha robh dùil agam duais fhaighinn. Seo mo threas uair san fharpais agus bha e sònraichte a bhith air àrd-ùrlar air beulaibh èisteachd a tha cho bàigheil dhan Ghàidhlig. Tha e cho cudromach dhomh a bhith an sàs sa Mhòd, a tha a’ comharrachadh ar cultar agus dualchas. Tha an dòigh sa bheil Gàidhlig is air cultar air an taisbeanadh an seo na dhearbhadh air soirbheachas ar cultar. Seo Am Mòd Nàiseanta Rìoghail far bliadhnaichean, na shamhla air cho fallainn ’s a tha ar traidisean.”

Thuirt buannaiche Bonn Òr Seann Nòs nam Ban Claire Frances NicNìll: “Tha mi cho pròiseil às a’ Ghàidhlig, is mi cho dèidheil air seinn traidiseanta. ’S ann tro na òrain seo a tha mi ceangailte ri ar cultar agus sgeulachdan. ’S mìorbhail a th’ ann duais cho aithnichte faighinn. Bha tòrr seinneadairean math san fharpais, is stoidhle is eòlas aca fhèin am follais. Ghabh mi òrain a bha cudromach dhomh is mi an dòchas gun robh na rinn mi freagarrach.”

Cuideachd an dè, chunnaic sinn Farpaisean nan Còisir a’ tilleadh, ’s iad a’ tachairt ann an iomadh àite air feadh an Òbain. Thàinig Còisirean Dùthchail bho air feadh na h-Alba còmhla san Òban gus bòidhchead òrain Ghàidhlig a chomharrachadh, le Còisir Sgìr’ a’ Bhac a’ faighinn Sgiath Latharna airson an coileanadh air leth, agus Bùrach a’ dol dhachaigh le Cuach Cuimhneachaidh an t-Siorraim MacMhaighstir Caimbeul, airson an siathamh turas.

Thuirt Avril Allen, Stiùiriche Còisir Sgìr’ a’ Bhac: “Tha seo sònraichte math air sgàth ’s gun do chòrd e rinn seinn, agus dùil againn gun do rinn cho math ’s a b’ urrainn. Chan eil sin ag ràdh le cinnt gum buannaich sibh, ach chòrd ar roghainn fhèin rinn. Tha e gu math cudromach dhan chòisir, bha sinn air ar dòigh co-dhiù, agus air leth math gun do bhuannaich sinn.”

Thuirt Riona Whyte, Stiùiriche Bùrach: “Abair urram a bhith a’ comharrachadh an siathamh uair a bhuannaich sinn. Ged a tha mi fhèin nam sheasamh aig an aghaidh ’s i an còisir a nì an obair agus bha iad ionmholta. Seach gu bheil sinn air a bhith cho soirbheachail, tha e gar putadh, ach aig an aon àm tha e eagallach. Thuirt cuideigin rium gu bheil fuaim air leth aig Bùrach agus sinn pròiseil às a sin.”

An-diugh, bidh Farpaisean Còisirean Sgìreil a’ lìonadh a’ bhaile le ceòl àlainn. Bidh iad uile a strì airson sgiath MhicShimidh is Thulaich Bhàrdainn agus cupa Margrat Duncan a bhuannachd, air beulaibh sluagh mòr ann an Tallaichean a’ Chorrain. Tha buidhnean de sheinneadairean, bho Shiorrachd Lannraig a Tuath gu Inbhir Pheofharain agus a h-uile àite eatarra, air tighinn còmhla anns a’ bhaile airson seinn.

Feasgar an-diugh thèid buannaiche Duais Ealain Ghàidhealach a’ Mhòid ainmeachadh aig Ionad Achadh na Creige. Tha Iseabail Mhoireach, an neach-ealain agus tidsear à Eilean Leòdhais, air 10 pìosan ealain air a’ gheàrr-liosta a thaghadh bho Taisbeanadh Duais Ealain na Gàidhealtachd a-mach à còrr is 70 obair-ealain bho air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean. Thèid an neach a bhuannaicheas, aig am bi cothrom taisbeanadh a chur air dòigh ann an Loch Abar an ath-bhliadhna, ainmeachadh an-diugh.

Thuirt Magaidh Choineagan, Ceann-suidhe a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “’S e Dihaoine an latha mu dheireadh de na farpaisean againn, agus crìoch seachdain làn ealain, ceòl, spòrs, sgeulachdan, dràma agus ionnsachadh. Mar phrìomh thachartas aig a’ Mhòd, bha Farpais Chrìochnachaidh Bonn Òir an t-Seann Nòis cho math ris am biodh dùil, agus bu chòir don fheadhainn a bhuannaich a bhith moiteil às na tha iad air a choileanadh. Bidh iad a-nis ann an cuideachd luchd-taice cultar na Gàidhlig. Tha barrachd luchd-ciùil againn a’ tighinn don àrd-ùrlar air an latha farpaiseach mu dheireadh againn san Òban agus bu mhath leam a bhith a’ guidhe gach soirbheachas do na Còisirean Sgìreil - chan urrainnear cus cuideam a chuir air an fhaireachdainn aoibhneach a bhios na seinneadairean seo a’ cruthachadh agus a tha a’ riochdachadh càirdeas a’ Mhòid ann an dòigh fìor-mhath”.

Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail am-bliadhna san Òban a’ faighinn taic bho Phrògram Maoineachaidh Tachartasan Eadar-nàiseanta EventScotland, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Riaghaltas na h-Alba, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, BBC ALBA, Alba Chruthachail agus SQA.

Bidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail san Òban gu Disathairne 19 Dàmhair.

Tha na buidhnean EventScotland, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Riaghaltas na h-Alba, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, BBC ALBA, Alba Chruthachail agus SQA a’ cumail taic ris A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail am bliadhna san Òban.

Bidh Mòd Nàiseanta Rìoghail san Òban gu Disathairne 19 Dàmhair. Tha tiogaidean prìomh thachartasan rim faighinn air ar duilleag Eventbrite.

Tuilleadh fiosrachaidh air ar làrach-lìn.

Tha Prògram an Iomaill an seo.

« Back to Mòd News List

Am Mòd a’ faighinn cliù anns an Òban mar urram dha na seinneadairean Gàidhlig as fheàrr san t-saoghal

Published: 17 Oct 2024

Ryan Johnston agus Alice MacMillan

​Tha Am Mòd Nàiseanta Rìoghail air cliù a chosnadh agus e a’ tighinn a-steach don t-seachdamh latha de shubhachas is farpais san Òban.

Aig a’ phrìomh thachartas cultarach Gàidhlig bha sàr sheinneadairean Gàidhlig bho air feadh na h-Alba agus nas fhaide air falbh a’ farpais ann am farpaisean cliùiteach A’ Bhuinn Òir agus An Aigeallain Airgid aig Tallaichean a’ Chorrain, an-dè.

Chaidh Bonn Òr nam mnathan a bhuannachadh le Alice Nic a’ Mhaoilein a Leòdhas, agus chaidh duais nam fear a ghabhail le Ryan Johnston à Ìle. Chaidh urram a thoirt do dhualchas òrain is ceòl na Gàidhlig fad an fheasgair nuair a chaidh na seinneadairean suas don àrd-ùrlar airson aon òran ainmichte agus aon phìos a thagh iad fhèin a ghabhail, ’s iad an dòchas gun còrdadh an t-seinn aca do na britheamhan.

B’ e latha eachdraidheil a bh’ ann do dh’Ailce: choisinn i A’ Bhonn Òir Traidiseanta ann am Peairt dà bhliadhna air ais. Tha seinn na teaghlach an Eilean Leòdhais, agus i a-nis air an dà dhuais seo a choisinn. Bha Ryan a riochdachadh a dhachaigh, Eilean Ìle, agus bhuannaich e às dèidh dha seachd bliadhna a chuir seachad gun sheinn aon-neach a dhèanamh aig a’ Mhòid.

Thuirt buannaiche Bonn Òr nam Ban Alice Nic a’ Mhaoilein: “Tha mi cho toilichte am Bonn Òr a bhuannachadh, agus cuideachd toilichte gu robh mo theaghlach à Leòdhas an seo gam choimhead, bha sin cudromach dhomh. ’S caomh leam an dà amhrain a thagh mi agus bha mi ag iarraidh feadhainn a chòrdadh rium an gabhail. Tha e nas fhasa a seinn mar sin. Tha an t-Òban air a bhith cho math agus chòrd an talla rium. Suas leis a’ Ghàidhlig!”

Thuirt buannaiche Bonn Òr nam Fear Ryan Johnston: “Tha e doirbh a chreidsinn gun do bhuannaich mi am Bonn Òr. Tha mi air mo dhòigh gun robh mi a riochdachadh Ìle am bliadhna, gu h-àraidh anns an t-Òban. Tha mi air a bhith ag ullachadh fad mìosan agus bha agam ri obair a dhèanamh air na h-òrain gus am biodh a h-uile sgath mar is còir. Tha a’ Mhòd cudromach dhomh. Thòisich mi a seinn nuair a bha mi còig bliadhna a dh’aois is mar sin tha e cho math tilleadh mar inbheach gu àrd-ùrlar mar seo. Tha mo theaghlach air a bhith ann sàs ann an còisirean agus seinn Gàidhlig cho fada, is mar sin tha e math an duais seo a bhuannachadh às leth Ìle.

Chaidh Farpais Chrìochnachaidh An Aigeallain Airgid a chumail feasgar an dè, agus b’ e Flora Cummings, 20, à Seattle a bhuannaich farpais nam mnathan. Bhuannaich athar Flora an dearbh fharpais o chionn fhichead bliadhna san Òban nuair a bha a màthair trom leatha. Choisinn Sìm Stallard, 31, à Lunnainn na comharran as àirde ann am farpais nam fear. B’ e an dàrna turas aig Mòd às dèidh dha gaol fhaighinn air cànan is ceòl Gàidhlig.

B’ ann ann an Tallaichean Cruinneachaidh Earra-Ghàidheil a bha Cuairt Dheireannach Dràma a’ Mhòid air a chumail, far a do choisinn Buidheann Dràma Chille Mhoire às An Eilean Sgitheanaich duais Cuach West Highland Free Press.

An-diugh thèid Farpais Chrìochnachaidh Bonn Òr an t-Seann Nòis a’ chumail, far am bi seinneadairean a’ seinn dà òran aon-neach a thagh iad fhèin. Thèid farpaisich an aghaidh a chèile ann an oidhirp an ainm a chur anns na leabhraichean eachdraidh air beulaibh luchd-èisteachd Tallaichean a’ Chorrain agus na mìltean a’ coimhead aig an taigh air BBC ALBA.

Thig na ceudan de sheinneadairean còmhla airson Co-fharpaisean nan Còisirean Dùthchail an-diugh cuideachd. A’ farpais airson Sgiath Latharna agus Cuach Cuimhneachaidh an t-Siorraim MacMhaighstir Caimbeul, tha seo a’ toirt gu crìoch suas gu bliadhna de dh’obair chruaidh airson mu 25 còisirean Gàidhlig.

Ann an àiteachan eile tron ​​latha, bidh a h-uile càil ann bho Dannsa Gàidhealach gu leabhraichean gan cur air bhog, airson luchd-tadhail a’ Mhòid a chumail toilichte.

Cuiridh Coinneach Macleòid, no The Hebridean Baker, an leabhar-còcaireachd ùr aige air bhog a-nochd aig Ionad Achadh na Creige ron tachartas Let’s Make a Scene aig a’ Mhòd a-nochd. Bidh seo fosgailte do dhuine sam bith a bhios ag iarraidh dàn, sgeulachd no òran ùr a ghabhail. Bidh na dannsairean as fheàrr bho air feadh Alba a’ gabhail pàirt ann am Farpaisean Dannsa Gàidhealach aig Ionad Spòrs Atlantis fad an latha, a’ taisbeanadh cultar na h-Alba.

Thuirt Seumas Greumach, Àrd-oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Tha a’ Ghàidhealtachd air tighinn don Òban an t-seachdain-sa agus tha an ìre de cheòl, an spèis a th’ aig daoine airson a’ chànain agus an tàlant gutha a tha air a thaisbeanadh dha-rìribh brosnachail fhaicinn. Tha buannaichean nam farpais againn a’ riochdachadh an cuid as fheàrr de ar cultar agus tha na farpaisich air fad air a bhith gu math soirbheachail an t-seachdain seo.

“Tha an t-Òban gu math trang an dràsta, agus chan eil dùil againn ach a bhith nas trainge agus sinn a’ cur fàilte air na còisirean Gàidhlig airson dà latha de cho-fharpaisean. Ge bith an e oidhche chiùil no leabhar ga chur air bhog as fheàrr leibh, tha prògram an iomaill làn de thachartasan a chòrdas do luchd-tadhail agus tha sinn a’ dèanamh fiughair ris na beagan làithean mu dheireadh den tachartas chultarail seo.”

Thuirt Ealasaid Dhòmhnallach, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig: “Tha an ìre de dhealas agus de thàlant air a thaisbeanadh leis a h-uile duine a ghabh pàirt anns na farpaisean an t-seachdain seo air a bhith cho àrd agus tha e air a bhith cho math na h-uimhir de dhaoine fhaicinn a’ gabhail pàirt ann an cultar na Gàidhlig agus coimhearsnachd Ghàidhlig cho làidir fhaicinn còmhla. Bu mhath le Bòrd na Gàidhlig meal-a-naidheachd a chuir air a h-uile duine a tha air duaisean a thogail gu ruige seo, gu sònraichte Alice Nic a’ Mhaoilein agus Ryan Johnston, a choisinn na Buinn Òir am-bliadhna.”

Tha na buidhnean EventScotland, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Riaghaltas na h-Alba, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, BBC ALBA, Alba Chruthachail agus SQA a’ cumail taic ris A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail am bliadhna san Òban.

Bidh Mòd Nàiseanta Rìoghail san Òban gu Disathairne 19 Dàmhair. Tha tiogaidean prìomh thachartasan rim faighinn air ar duilleag Eventbrite.

Tuilleadh fiosrachaidh air ar làrach-lìn.

Tha Prògram an Iomaill an seo.

« Back to Mòd News List

Urraman Litreachais agus seinn mhìorbhaileach ann an teis mheadhan a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail

Published: 16 Oct 2024

Meg Bateman

Bidh gaisgich saoghal litreachas na Gàidhlig a’ faighinn urram aig A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail an diugh, agus bidh na seinneadairean as fheàrr a’ strì ann am Farpais Chrìochnachaidh a’ Bhuinn òir feasgar.

’S e Bàrd a’ Chomuinn Ghàidhealaich an t-urram litreachais as cudromaiche a bhios air a thoirt seachad an diugh, agus ’s i Meg Bateman, foghlamaiche Albannach, bàrd agus sgrìobhaiche, a bhios ga fhaighinn.

Tha còrr is ceud bliadhna bhon a chaidh a thoirt seachad son a’ chiad uair, agus tha an duais seo a’ toirt urram ri neach a tha air mòran a chur ri saoghal litreachail na Gàidhlig. ’S i Meg Bateman an trì-ficheadamh Bàrd a fhuair an crùn, agus tha i a’ leantainn Niall O’ Gallagher, am bàrd agus eadar-theangair Albannach.

Rugadh Meg ann an Dùn Èideann. Rinn i ceum na Ceiltis aig Oilthigh Obar Dheathain agus an dèidh a bhith bliadhna ann an Uibhist a Deas ga bogadh anns a’ Ghàidhlig, chrìochnaich i ollamhachd air bàrdachd chreidmheach Ghàidhlig. An uair sin, theagaisg i aig Oilthigh Dhùn Èideann, Oilthigh Obar Dheathain agus Sabhal Mòr Ostaig. Nochd a cuid bàrdachd ann an iomadh duanaire, nam measg Aotramachd is dàin eile, a bhuannaich duais bho Comhairle Ealain na h-Alba, agus a bha air geàrr-liosta Duais Stakis airson Leabhar Albannach na Bliadhna. Tha Meg air duaisean a ghlèidheadh ann an iomadh Fèis Litreachais. Tha i air cruinneachaidhean bhàrdachd a dheasachadh agus eadar-theangachadh, nam measg bàrdachd dhiadhaidh eachdraidheil, agus bàrdachd le mnathan. Chaidh an leabhar as ùire aice fhoillseachadh ann an 2020 – Window to the West: Culture and Environment in the Scottish Gàidhealtachd. Tha seo a’ sgrùdadh ma tha barail shònraichte aig Gàidheil air an t-saoghal.

Thuirt Meg Bateman: “’S e urram a th’ ann a bhith a’ dol nam bhàrd aig a’ Chomunn, gu h-àraidh seach gum b’ e ionnsachadh a rinn mi. Tha e a’ faireachdainn neònach ge-tà gu bheil rudeigin a nì mi ann an uaigneas a’ dol na rud corporra! Tha mi an dòchas gun dèan mi feum sa bhliadhna a tha romhainn do bhàrdachd na Gàidhlig. Tha e mìorbhaileach gu bheil a’ Ghàidhlig fhathast ann agus gum bi daoine – luchd-labhairt dùthchasach agus ùra – a’ lorg na fìrinn aca sa chànain. Cha leig mi leas innse gur e cànain bhrèagha shùbailte a th’ innte, làn ciùil is ìomhaighean talmhaidh.”

Nuair a ruigeas sinn an t-siathamh latha de Mhòd Nàiseanta Rìoghail 2024, bidh mòran dhuaisean eile air an toirt seachad, ann an sgrìobhadh, ealain agus na meadhanan, mus tachair na farpaisean crìochnachaidh ann an Dràma, an Aigeallain Airgid agus anns na Buinn Òr.

Bidh seinneadairean sònraichte – luchd-ionnsachaidh ann am farpais an Aigeallain Airgid, agus fileantaich sa’ Bhonn Òr – a’ seinn do na britheamhan is iad an dùil na duaisean tarraingeach a ghleidheadh.

An-dè, chaidh iomadh duais a thoirt seachad don òigridh. Ghabh farpais Bonn Airgid an t-Seann Nòis àite ann an Cathair-eaglais Naomh Eòin airson balaich is caileagan eadar 13 is 15 bliadhna. Ghlèidh Fionnlagh Moireasdan à Àrd-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu agus Millie Bonniwell à Àrd-sgoil an Òbain na Buinn Airgid. Bhuannaich Millie cuideachd an duais airson na comharran as àirde thairis air an dà fharpais, ’s e sin Cuach Cuimhneachan Anna Cheallaidh NicDhòmhnaill.

Bha farpaisean Prìne Fèilidh Airgid a’ Chomuinn Ghàidhealaich agus Aigeallan Airgid a’ Chomuinn Ghàidhealaich ann an-dè cuideachd. Fhuair Iain MacLeòid à Inbhir Nis am Prìne-Fèilidh agus bhuannaich Lily Robastan às an t-Òban an Aigeallan Airgid. Rinn an dithis aca an gnothach air còrr is fichead farpaiseach.

Bha Farpais Cogadh nan Còmhlan a’ tachairt an raoir ann an Tallaichean Cruinneachaidh Earra-Ghàidheil, agus chrìochnaich Ceòl a’ Chaisteil sa chiad àite an aghaidh ceathrar còmhlain eile. Tha iad air cothrom clàraidh ann an stiùidio ionadail a bhuannachd, a’ sealltainn an uiread de thàlant a tha a’ nochdadh ann an Gàidhlig is ceòl traidiseanta an Alba.

Aig Tallaichean a’ Chorrain ann am farpaisean còisir 13-18 bhuannich Sgoil Sir E Scott à Tairbeart na Hearadh Còisir Aon-fhuaimneach agus Còisir Co-sheirm. Bhuannaich Còisir Àrd-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu Puirt-à-beul.

Anns na farpaisean fo 13 an-dè, bhuannaich Còisir na h-Òige an fharpais aon-fhuaimneach, Geall-dùbhlain Meur Sgìreil Obar Phoill. Fhuair Còisir Sgoil Sir E Scott farpais a’ phuirt-à-beul a togail Cupa na M-p Schroder, agus farpais Chòisirean Co-sheirm Fileanta, a togail

Geall-dùbhlain Cuimhneachaidh na M-p Anna Ghranndach à Lagain. Bhuannaich iad cuideachd Geall-dùbhlain Chaledonian Mhic a’ Bhriuthainn Siùsaidh NicPhàdraig mar na buannaichean a b’ àirde tarsainn nan roinnean uile. Choisinn Sgoil an Iochdair Cuach Chomataidh Sgìreil Bhàideanaich agus Srath Spè san fharpais Aon-fhuaimneach Fosgailte Fo 13 bliadhna.

Cluinnear measgachadh de cheòl tron t-seachdain ‘s bidh taighean-seinnse an Òbain a’ tighinn beò le Ceòl sa Bhaile seachdain a’ Mhòid. Bidh na seiseanan neo-fhoirmeil seo a’ toirt còmhla ceòl na Gàidhlig le cuid den luchd-ciùil as ainmeile sa sgìre agus ann an Alba.

Thuirt Seumas Greumach, Àrd-oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “’S e Diciadain latha cudromach eile aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail, oir ’s e àm gu math sònraichte a th’ ann, leis na h-àiteachan air feadh an Òbain, bho Thallaichean a’ Chorrain gu Tallaichean Cruinneachaidh Earra-Ghàidheil, loma làn le òrain, ceòl, litreachas agus ealain.

Meal a naidheachd air Meg Bateman, Bàrd na bliadhna-sa; tha àite sònraichte aig a h-obair ann an litreachas na Gàidhlig, agus thathas a’ guidhe gach soirbheachas do na farpaisich air fad an diugh.

Thuirt Dòmhnall MacIlleathain, Cathraiche Comataidh Ionadail Mòd 2024: “On a tha sinn a’ toirt urram don fheadhainn tàlantach ann an litreachas na Gàidhlig, leithid Bàrd ùr a’ Chomuinn Ghàidhealaich, bithear a’ comharrachadh beartas coimhearsnachd an Òbain le Bonn Òr a’ Chomuinn a’ gabhail àite agus seiseanan ciùil beòthail sna taighean-seinnse. Bidh am baile air goil, ’s bidh am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ toirt a chuid as fheàrr den chultar againn còmhla. Ar taing do dh’àitean-fuirich an Òbain, tachartasan an iomaill agus Ceòl a’ Bhaile, a’ toirt cothrom do luchd-ciùil ionadail agus luchd-tadhail tlachd a ghabhail ann an ceòl is cultar na Gàidhlig.”

Tha na buidhnean EventScotland, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Riaghaltas na h-Alba, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, BBC ALBA, Alba Chruthachail agus SQA a’ cumail taic ris A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail am bliadhna san Òban.

Bidh Mòd Nàiseanta Rìoghail san Òban gu Disathairne 19 Dàmhair. Tha tiogaidean prìomh thachartasan rim faighinn air ar duilleag Eventbrite.

Tuilleadh fiosrachaidh air ar làrach-lìn.

Tha Prògram an Iomaill an seo.

« Back to Mòd News List

Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ taisbeanadh guthan òga agus rionnagan an àm ri teachd san Òban

Published: 15 Oct 2024

Cruth: seisean digiteach Bidh farpaisean seinn òigridh, gnìomhan chloinne, Cogadh nan Còmhlan agus taisbeanaidhean air a’ chòigeamh latha

Bidh guthan òga Gàidhlig agus tàlant ciùil ùr am follais san Òban an-diugh, agus farpaisean seinn òigridh airson fileantaich agus Cogadh nan Còmhlan a’ tilleadh chun a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail.

An-dè, bha daoine òga a’ farpais ann an grunn thachartasan a’ gabhail a-steach farpaisean nan còisirean òigridh agus tiotalan seinn aon-neach òigridh cliùiteach.

Anns a’ cho-fharpais Còisir Aon-fhuaimneach, bhuannaich Còisir Ghàidhlig Fèis Phàislig, a’ toirt dhachaigh Geall-dùbhlain Dhòmhnaill MhicPhàil, a bharrachd air cupa Iubailidh Airgid Chomunn Gàidhlig Darlington airson nan comharran as àirde ann an Gàidhlig. Bhuannaich Comunn Gàidhealach Mhuile Cuach Cuimhneachaidh Mhòraig Robb airson nan comharran as àirde ann an ceòl.

Bhuannaich Comunn Gàidhealach Mhuile farpais Puirt-à-Beul Luchd-ionnsachaidh Fo 13, leis na seinneadairean tàlantach a’ toirt dhachaigh Cupa Mhic an t-Saoir agus Geall-dùbhlain Mnatha Uasail Chaimbeul MBE.

Bhuannaich Còisir Òg Ghàidhlig na h-Eaglaise Brice tòrr eadar Geall-dùbhlain Crùnadh na Banrigh Ealasaid ann am farpais Còisir Aon-fhuaimneach Fosgailte fo 19, Geall-dùbhlain Thòmais MhicCreamhain ann am farpais Còisir Co-sheirm Fosgailte Fo 19 agus Cupa Mhàrtainn MacUilleim anns an fharpais Puirt-à-Beul a bharrachd air duaisean airson sreath fharpaisean.

San fharpais Seinn Aon-neach Balaich 16-18, choisinn Seamus MacRath bho Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh a’ chiad àite agus choisinn Isla Duke bho Chòisir Òg Ghàidhlig na h-Eaglaise Brice a’ chiad àite ann am farpais nan nigheanan. Fhuair Isla Duke agus Caitlyn Yule, bho Chòisir Òg Ghàidhlig na h-Eaglaise Brice na comharran as àirde airson ceòl agus roinnidh iad Geall-dùbhlain Cuimhneachan Meryl Mae Stiùbhart, le Isla Duke cuideachd a’ faighinn na comharran as àirde ann an Gàidhlig airson Cuach Thura.

Rinn Aimee NicLeòid à Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh math nuair a bhuannaich i Bonn Pròbhaist na h-Eaglais Brice. Anns a’ cho-fharpais Seinn Aon-neach fo 19, b’ i Caitlyn Yule bho Chòisir Òg Ghàidhlig na h-Eaglaise Brice a choisinn a’ chiad àite.

Bha òigridh aois 13-15 a’ farpais airson Bonn Cuimhneachaidh Sheumais C Mac a’ Phì, le Robbie Dòmhnall MacIllEathain, aois 13, à Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil ann am Barraigh a’ buannachadh cupa nam balach agus Geall-dùbhlain Alasdair Hamalton airson a’ chomharra as àirde ann an Gàidhlig. Fhuair Cara Joe NicAonghais fhèin, aois 15, à Àrd-sgoil an Òbain duais nan nigheanan agus choisinn Erin Greig, aois 14, bho Chomunn Gàidhealach Mhuile an comharra as àirde ann an ceòl agus thog i Cuach Cuimhneachaidh Sìne Greumach.

An-diugh bidh farpaisean Bonn Airgid Thraidiseanta nan nigheanan is na balaich a’ tòiseachadh aig 2:30f ann an Cathair-eaglais an Naoimh Eòin. Bidh deugairean aois 13-15 bho air feadh na h-Alba a’ seinn an taghadh fhèin, a’ farpais airson aithne nàiseanta.

Air an fheasgar seo chithear nigheanan a’ farpais airson Aigeallan Airgid a’ Chomuinn Ghàidhealaich agus co-fharpaisean Prìne Fèilidh Airgid nam balach. Cuideachd ann an Cathair-eaglais Naoimh Eòin bho 6f, bidh daoine òga a’ seinn òrain Ghàidhlig do phannal de bhritheamhan cliùiteach.

Diardaoin aig a’ Mhòd bidh farpais fo aois 19 bliadhna a dh’aois Cogadh nan Còmhlan a’ tilleadh, a’ taisbeanadh na tàlantan a tha a’ tighinn am bàrr bho bhuidhnean air saoghal a’ chiùil Ghàidhlig agus thraidiseanta.

Bidh a’ chuairt dheireannach a’ gabhail àite aig 7:30f a-nochd ann an Tallachan Cruinneachaidh Earra-Ghàidheal, far am bi na farpaisich a’ strì airson prìomh dhuais ùine ann an stiùidio clàraidh ionadail. A-nis san treas bliadhna, tha an fharpais a’ toirt cothrom dhan ath ghinealach de thàlant fhaicinn a’ deàrrsadh air an àrd-ùrlar.

A-raoir chunnacas Ceòl a’ Chaisteil a buannachadh ann am farpais fo aois 13 bliadhna Cogadh nan Còmhlan, a’ gabhail a’ phrìomh àite ann am farpais chruaidh.

Bidh Sruth, tachartas òigridh, a’ tilleadh airson dàrna seisean an-diugh, bho 10m gu 3f aig Tallaichean Cruinneachaidh Earra-Ghàidheal. Ag amas air luchd-labhairt na Gàidhlig aig aois sgoile, tha a’ bhùth-obrach a’ toirt cothrom do dhaoine òga na sgilean còmhraidh aca a chleachdadh le an co-aoisean còmhla ri cuid de rionnagan Gàidhlig ainmeil.

Tha Àite Ealain Ionad Achadh na Creige cuideachd a’ cumail seiseanan an-asgaidh le Bookbug agus Club Ealain Gàidhlig an-diugh, a’ toirt cothrom don fheadhainn bheaga sgeulachdan Gàidhlig a chluinntinn agus a bhith cruthachail leis na teaghlaichean aca. An-diugh agus a-màireach, bidh Cluba Sradagan ann an Talla Guides, le raon de chur-seachadan a’ gabhail a-steach ealain is ciùird, geamannan paraisiut agus geamannan ball, fosgailte do sgoilearan P1-7 ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig agus fileantaich.

Bidh cothroman gu leòr ann airson ceòl is dannsadh an-diugh cuideachd, le Cèilidh Tràth-bhliadhnaichean san Talla Guides bho 1f airson teaghlaichean le clann nas òige, agus dàrna Cèilidh Teaghlaich na seachdain ann an Tallaichean a’ Chorrain aig 6:30f, le ceòl, geamannan, agus dannsa.

Tha grunn thaisbeanaidhean inntinneach rim faicinn cuideachd fad seachdain a’ Mhòid. Bidh Taisbeanadh Duais Ealain na Gàidhealtachd ann an Seòmar Uinnseinn aig Ionad Achadh na Creige, fosgailte eadar 10m - 3f gach latha, a’ taisbeanadh sàr luchd-inntrigidh na bliadhna-sa fad na seachdain, ron chuirm chliùiteach dhuaisean air Dihaoine 18 Dàmhair, far an tèid buannaiche na bliadhna-sa ainmeachadh.

Bithear a’ comharrachadh beatha Seònaid NicLachlainn, a’ chiad ghuth ann an Gàidhlig a chaidh a chlàradh a-riamh air a’ ghramophone, inneal a bha ùr ann an 1899. Bha far ainm ‘Smeòrach nan Gàidheal’ oirre agus bidh taisbeanadh sònraichte a’ ruith fad na seachdain aig Ionad ChalMac. Rugadh Seònaid san Òban ann an 1866, agus b’ i rionnag a’ chiad Mhòd a-riamh san Òban ann an 1892 agus thàinig i gu bhith na seinneadair cliùiteach ainmeil air feadh an t-saoghail.

Tha Taisbeanadh Còisirean Earra-Ghàidheal aig Ionad Achadh na Creige fosgailte bho 10m - 3f gach latha. ’S e an cuspair dualchas beairteach chòisirean ionadail, a’ toirt sealladh do luchd-tadhail air buaidh cultarail ceòl còisirean Gàidhlig agus an dìleab mhaireannach.

’S e Diciadain latha litreachais a’ Mhòid, agus a-màireach bidh na Duaisean Litreachais ann an Seòmar Darach aig Ionad Achadh na Creige aig 12f, a’ taisbeanadh na farpaisich a bhuannaich ann an roinnean sgrìobhaidh, ealain agus nam meadhanan. Thèid leabhar ùr fhoillseachadh cuideachd, a bharrachd air leughadh bàrdachd feasgar.

Thuirt Magaidh Choineagan, Ceann-suidhe a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Tha an latha an-diugh a’ cur fòcas air an òigridh aig a’ Mhòd agus a’ comharrachadh cho cudromach sa tha iad a thaobh glèidheadh agus leasachadh cultar na Gàidhlig. Bho cho-fharpaisean seinn na h-òigridh gu Cogadh nan Còmhlan, agus le grunn thachartasan air an iomall ag amas air luchd-labhairt òg agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, tha guthan ùr is òg aig cridhe prògram an latha an-diugh. Tha e sgoinneil òigridh na sgìre agus luchd-tadhail fhaicinn a’ dol an sàs agus a’ cur feum air gach nì a tha aig a’ Mhòd air an son.”

Tha na buidhnean EventScotland, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Riaghaltas na h-Alba, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, BBC ALBA, Alba Chruthachail agus SQA a’ cumail taic ris A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail am bliadhna san Òban.

Bidh Mòd Nàiseanta Rìoghail san Òban gu Disathairne 19 Dàmhair.. Tha tiogaidean prìomh thachartasan rim faighinn air ar duilleag Eventbrite.

Tuilleadh fiosrachaidh air ar làrach-lìn.

Tha Prògram an Iomaill an seo.

« Back to Mòd News List

Bidh tachartasan am pailteas aig a’ Mhòd airson Gàidheil òga agus luchd-ionnsachaidh

Published: 14 Oct 2024

​Tha Am Mòd Nàiseanta Rìoghail 2024 a’ leantainn an-diugh le grunn thachartasan is fharpaisean gu sònraichte airson daoine òga agus luchd-ionnsachaidh.

Bidh farpaisean chloinne is òigridh aig cridhe raon de chuspairean, bho sheinn aon-neach is còisir gu sgeulachdan is bàrdachd. Bidh prìomh cho-fharpaisean a’ toirt a-steach Bonn Pròbhaist na h-Eaglaise Brice Fosgailte 16-18 agus Bonn Cuimhneachaidh Balaich is Nigheanan 13-15 Sheumais C. Mac a’ Phì a’ cur fàilte air òigridh bho air feadh na h-Alba, bho Inbhir Nis chun Eilean Sgitheanach, gus an cuid ghuthan as fheàrr a chuir air adhart.

Bidh na còig còmhlain as fheàrr bho Cogadh nan Còmhlan fo 13 a’ cluich aig Tallaichean Cruinneachaidh Earra-Ghàidheal a-nochd. Anns a’ cho-fharpais a bhios a’ taisbeanadh tàlant ùr ann an saoghal ciùil Ghàidhlig is traidiseanta chìthear na còmhlain òga a’ farpais airson prìomh àite: ùine clàraidh aig stiùidio ionadail. Thèid a’ chuairt dheireannach, còmhla ri cuairt dheireannach fo 19 a-màireach, a chraoladh beò cuideachd gus am bidh cothrom a choimhead air feadh an t-saoghail.

Tha cuideachd clàr làn de thachartasan tarraingeach do dhaoine òga agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a’ ruith tron t-seachdain seo, bho sgeulachdan didseatach gu cèilidhean. Tha an sreath inntinneach de thachartasan nan cothroman bogaidh air leth ann an cultar na Gàidhlig aig prìomh thachartas na Gàidhlig.

Do luchd-labhairt na Gàidhlig is òige, tha Sradagan a’ tabhann cur-seachadan spòrsail aig Talla Guides an Òbain. A’ ruith bho 10m gu 12f gach latha gu Diciadain, bidh an club chloinne seo a’ gabhail a-steach ealain is ciùird, geamannan paraisiut, agus geamaichean ball, a’ cruthachadh cothrom air leth do chloinn aois bun-sgoile a bhith a’ cruinneachadh, a’ cluich, agus a’ cleachdadh an cuid Gàidhlig.

Aig Tallaichean Cruinneachaidh Earra-Ghàidheil, tha seiseanan còmhraidh Sruth a’ ruith eadar 10m-12f agus 1f-3f an-diugh agus a-màireach. Bheir an tachartas neo-fhoirmeil seo cothrom do luchd-labhairt òga na Gàidhlig coinneachadh ri Gàidheil ainmeil agus na sgilean cànain aca a chleachdadh ann an suidheachadh nadarrach.

Thall aig Cafaidh Òigridh an Òbain bho 10m-12f an-diugh agus a-màireach, tha seisean aithris sgeulachdan didseatach Cruth a’ toirt cuireadh do dhaoine cruthachail òga iad fhèin a bhogadh ann an cruthachadh susbaint agus riochdachadh bhidio. Glacaidh com-pàirtichean spiorad beothail a’ Mhòid agus ionnsaichidh iad sgilean ùra sna meadhanan didseatach anns na seiseanan a bhios FilmG a’ ruith.

Bidh seiseanan òrain, rannan is sgeulachdan cuideachd a’ tighinn am follais airson Bookbug aig Àite Ealain Ionad Achadh na Creige, a bhios cuideachd a’ cumail Seisean Ealain feasgar. Cuiridh Tosgaire na Gàidhlig an-uiridh agus preasantair CBeebies ALBA Linda NicLeòid fàilte cuideachd air daoine òga aig Leugh is Seinn le Linda.

Aig 6:30f a-nochd agus feasgar a-màireach, gheibh an teaghlach gu lèir cuireadh gu Cèilidh Teaghlaich ann an Tallaichean a’ Chorrain. Làn ceòl traidiseanta Albannach, dannsadh agus geamannan, tha an tachartas seo freagarrach dha-rìribh do theaghlaichean a tha airson eòlas fhaighinn air cultar na Gàidhlig.

Bidh cuideachd Cèilidh Tràth-bhliadhnaichean a’ gabhail àite aig an Guide Hall a-màireach aig 1f a bhios gu sònraichte freagarrach airson teaghlaichean le clann nas òige. Bheir an seisean seo ro-ràdh spòrsail agus socair don cheòl traidiseanta agus na dannsan a tha aig cridhe cultar na Gàidhlig.

Thuirt Seumas Greumach, Àrd-oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “’S e àm air leth brosnachail a th’ ann a bhith nad Ghàidheal òg agus ’s e deagh chothrom a th’ anns a’ Mhòd dhan ath ghinealach a bhith a’ gabhail ris a h-uile càil a tha aig a’ chànan aca ri thabhann. Tha e na fhìor thoileachas guthan òga Gàidhlig a bhith air an togail còmhla air feadh an Òbain agus chan eil dòigh nas fheàrr air seachdain slàn de cho-fharpaisean a thòiseachadh. Tha gu leòr thachartasan airson gach aois is ìre gan tabhann an-diugh agus a-màireach agus bhithinn a’ brosnachadh clann agus pàrantan a dhol an sàs agus na cothroman iongantach seo a ghlacadh.”

Tha na buidhnean EventScotland, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Riaghaltas na h-Alba, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, BBC ALBA, Alba Chruthachail agus SQA a’ cumail taic ris A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail am bliadhna san Òban.

Bidh Mòd Nàiseanta Rìoghail san Òban gu Disathairne 19 Dàmhair. Tha tiogaidean prìomh thachartasan rim faighinn air ar duilleag Eventbrite.

Tuilleadh fiosrachaidh air ar làrach-lìn.

Tha Prògram an Iomaill an seo.

« Back to Mòd News List

A’ comharrachadh fosgladh a’ Mhòid 2024 le deireadh-seachdain soirbheachail

Published: 13 Oct 2024

Ar Cànan ’s Ar Ceòl concert Farpaisean pìoba agus taisbeanadh de cheòl, ealain agus cultar ri fhaicinn agus Am Mòd air tilleadh dhachaigh dhan Òban

Bha deagh dheireadh-seachdain san Òban agus Am Mòd Nàiseanta Rìoghail air tilleadh dhachaigh, a’ daingneachadh a chliù mar phrìomh thachartas cultarail na Gàidhlig.

Fo stiùir A’ Chomunn Ghàidhealaich, chaidh an fhèis a stèidheachadh san Òban ann an 1891 agus thachair a’ chiad tachartas sa bhaile àlainn ann an 1892. Tha sia làithean eile ri dhol aig Mòd an Òbain agus dùnaidh cuirm-chiùil Trail West an fhèis Disathairne sa tighinn.

Tha ceòl, ealain agus spòrs air bhith dol an deireadh seachdain sa mar-thà. Chruinnich cluicheadairean ball-coise aig Campa Trèanaidh Nàiseanta le Alba FA. Chaidh an stèidheachadh gus ball-coise a cheangal le Gàidhlig tro thachartasan ball-coise sa choimhearsnachd.

Thachair cuirm Ar Cànan ’s Ar Ceòl a-raoir ann an Tallaichean a’ Chorrain le tàlant bho air feadh Earra-Ghàidheal.

Bha an cuirm fo stiùir Sileas Nic na Ceàrdaich agus John Joe MacNèill mar fhear an taighe. Cuide riutha bha tàlant ionadail leithid an t-seinneadair ainmeil à Muile, Alasdair MacIlleBhàin, Buidheann Traidiseanta Àrd-sgoil an Òbain agus pìobairean Àrd-sgoil an Òbain, luchd-ciùil Fèis Latharna, Còisir Ghàidhlig an Òbain, Na Garvins, Sorren MacIllEathain agus Hannah Fisher againn a’ chiad Chòisir Ghàidhlig Makaton san t-saoghal: ‘Aon Ghuth’.

Gu mì-fhortanach, ri linn na droch shìde, chaidh geamaichean spòrs a chuir dheth. Cha do thachair Cupa Camanachd a’ Mhòid aig Pàirc Mossfield ach tha dòchas ann an fharpais a dhèanamh latha eile.

Chaidh geàrr-liosta Duais Ealain na Gàidhealtachd fhoillseachadh, le 12 iarrtasan air leth o air feadh na h-Alba air an taghadh le tidsear agus neach-ealain Iseabail Mhoireach. ’S iad iarrtasan mìorbhaileach:

  • Blue Grey Sea, Cille Pheadair, South Uist/Sé Liath, Cille Pheadair, Uibhist a Deas le Caroline Hunter, Artmap Argyll
  • Dùthchas: Pabaigh Strollers le Yasmin Davidson, Comann Ealain Uibhist
  • In the Wilds ¦ Anns an Fhàsach le David Deamer, Resipole Studios, Àird nam Murchan
  • Inverewe - Branches Make Trees le Catherine Sargeant, An Talla Solais in Ulapul
  • Metamorphic (2023) le Laura Donkers, Comann Ealain Uibhist
  • Rust, Trotternish le John Nicholson, Comann Ealain Inbhir Nis
  • Snow Colours, Moray Firth le Jude Edgar, An Talla Solais, Ulapul
  • The Edge of the Atlantic 3 le Lesley McKenzie, Open Studios Hebrides, Eilean Leòdhais
  • The Vast Expanse ¦ An Leud Mòr le Jane Rushton Resipole Studios, Àird nam Murchan
  • The Vennel le Katie Squires, Comann Luchd-ealain Cataibh
  • Travelling Alone le Jules Mather, Artmap Argyll
  • 240 Burning Houses le Michael Forbes, Teapot Trust, Inbhir Pheofharain.

Thèid buannaiche na bliadhna-sa ainmeachadh aig cuirm ann an Ionad Achadh na Creige, Dihaoine 18mh Dàmhair.

Bidh Seirbheis Eaglais a’ Mhòid ann an Eaglais Pharraist an Òbain aig 3f agus thèid a chraoladh beò air BBC Radio nan Gàidheal. A-nochd, bidh Ceòl Soisgeulach Cheilteach aig Tallaichean a’ Chorrain.

Fad na seachdain bidh cothrom ann cur-seachadan is spòrs ùr fheuchainn le Farpais Sligheadaireachd don òigridh a-màireach, Bòrd Seasaimh, Club Gàidhlig LEGO agus leasan Sgèithidh Dròn.

Bidh cuideachd farpaisean Cogadh nan Còmhlan Diluain is Dimàirt an t-seachdain-sa, Latha Litreachais, Dràma a’ Mhòid Diciadain, Bonn Òir Traidiseanta Diardaoin agus latha nan còisirean Dihaoine.

Thuirt Seumas Greumach, Àrd-oifigear A’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Tha an ceòl agus ealain ealanta ri fhaicinn aig Mòd Nàiseanta Rìoghail 2024 air deagh thòiseachadh a thoirt dhan seachdain. Eadar cuirm Mànran agus na tàlant air leth a th’ aig luchd-ealain na sgìre, tha a’ Mhòd air tilleadh dhachaigh le stoidhle. Tha a’ Mhòd na adhbhar misneachd, mar sin cluinnear ceòl agus còmhradh Gàidhlig air feadh an t-Òbain.

Chan ann air ceòl a-mhàin a bha an deireadh-seachdain – tha Seirbheis Eaglais agus Ceòl Soisgeulach an-diugh nan cothrom do dhaoine tighinn cruinn còmhla gus meòrachadh agus taing a thoirt seachad. ’S e adhbhar thoileachas a th’ ann gun do thòisich prìomh fhèis na Gàidhlig le beartas cothroman cultarail, a comharrachadh beartas ar cànain.”

Tha na buidhnean EventScotland, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Riaghaltas na h-Alba, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, BBC ALBA, Alba Chruthachail agus SQA a’ cumail taic ris A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail am bliadhna san Òban.

Bidh Mòd Nàiseanta Rìoghail san Òban gu Disathairne 19 Dàmhair. Tha tiogaidean prìomh thachartasan rim faighinn air ar duilleag Eventbrite.

Tuilleadh fiosrachaidh air ar làrach-lìn.

Tha Prògram an Iomaill an seo.

« Back to Mòd News List

Mòd an Òbain air Tòiseachadh le Farpaisean Pìoba

Published: 12 Oct 2024

Cuirm Mànran Neach-ionnsachaidh na Bliadhna agus Caraidean a’ Mhòid gan ainmeachadh agus farpaisean pìoba, spòrs agus cuirm-chiùil a’ comharrachadh tàlant Earra-Ghàidheil an-diugh

Tha Mòd Nàiseanta Rìoghail 2024 air tòiseachadh, latha trang le farpaisean ciùil traidiseanta agus spòrs san Òban madainn an-diugh.

Thòisich naoi làithean na tachartais le stoidhle a-raoir agus Caismeachd Lòchranach tro shràidean a’ bhaile. Cha do chuir an droch shìde stad air coimhearsnachd an Òbain gus am faiceadh iad is gum biodh iad an sàs sna bha a’ dol air àilean a’ bhaile.

Bha cuirm aig còmhlan Albannach Mànran ann an Tallaichean a’ Chorrain, a’ comharrachadh a’ Mhòd a tilleadh dhachaigh le stoidhle.

Chaidh cuideachd Neach-ionnsachaidh na Bliadhna ainmeachadh an-dè agus Caraidean a’ Mhòid. Air a thaghadh le Sabhal Mòr Ostaig chaidh urram na bliadhna sa ga thoirt do Harry Josephine Giles (i/iadsan). À Arcaibh o thùs agus a’ fuireach ann an Lite, chrìochnaich Harry Josephine cùrsa Gàidhlig is Conaltradh aig Sabhal Mòr Ostaig an-uiridh agus i aig bàrr a’ chlas – air leth math agus i dìreach air tòiseachadh Gàidhlig ionnsachadh o chionn dà bhliadhna.

Bha an obair aice uile barraichte. Cuideachd, bha i uabhasach taiceil do chàch anns a’ chlas, a’ bruidhinn na Gàidhlig gun sguir mun àrainn, agus a’ toirt eisimpleir de shàr sgoilearachd dhan na h-oileanaich eile. ’S e ùghdar cliùiteach a th’ ann an Josie. Choisinn an nobhail rannach aice ann an Scots, Deep Wheel Orcadia, duais Arthur C. Clarke ann an 2022, an duais litreachais Ficsean Saidheans as cudromaich anns an Rìoghachd Aonaichte. Tha PhD aice ann an sgrìobhadh cruthachail, agus dà MA aice: tè ann an stiùireadh dràma agus tèile ann an leasachadh seasmhach. Tha i an dùil a-nis cumail oirre ag ionnsachadh le Sabhal Mòr air astar anns an dàrna bliadhna.

Thuirt Neach-ionnsachaidh Gàidhlig na bliadhna, Harry Josephine Giles: “Nach buidhe dhomh gun do dh’ionnsaich mi a’ Ghàidhlig? Còmhla ris a’ chànan, tha mi air caraidean ùra a dhèanamh, air òrain ùra a ghabhail ’s air sgeulachdan ùra a chluinntinn. A bharrachd air sin, tha sealladh nas fharsainge agam a-nis air eachdraidh, cultar is muinntir na dùthcha—an dùthaich agam fhìn. Tha làn fhios agam gu bheil mo chuid Ghàidhlig glè bheag fhathast, ach, mar sin, làn taingealachd gu bheil tòrr a bharrachd ri ionnsachadh—agus, mar sin, làn taingealachd airson urram na duaise.”

Tha duais Caraidean a’ Mhòid ga thoirt seachad do dhaoine a tha air sàr obair a dhèanamh a thaobh na Gàidhlig agus nam Mòdan. ’S iad Moira agus Sandy Dunlop às A’ Choingheal a choisinn duais na bliadhna sa, Iseabal Banks às an Òban fhèin, Margaret Farmer à Tairbeart Loch Fìne agus Jon ‘Hearach’ MacDhòmhnaill.

Tha Moira agus Sandy Dunlop air a bhith dèanamh obair shaor-thoileach aig Mòdan Ionadail agus Nàiseanta fad bliadhnaichean. Ged nach cuala Moira a’ Ghàidhlig ach air an telebhisean, ghluais Moira dhan Òban a Siorrachd Lannraig gus obrachadh sa bhun-sgoil, is sin far an thòisich a gaol air cultar agus ceòl na Gàidhlig, a dol gu Mòdan le còisir na sgoile. Mar phàrantan le ceathrar chloinne, tha e a’ còrdadh riutha a bhith aig tachartasan, a cumail pàrantan rèidh agus a’ dearbhadh gun còrd an tachartas ri a h-uile duine a tha an sàs.

Rinn Iseabal Banks a’ chiad farpais aig Mòid aig aois naoi ann am Mòd Ghlaschu 1949. Bha Gàidhlig aig a h-athar à Cataibh agus bhrosnaich e a h-ùidh ann an ceòl is cultar na Gàidhlig. Bha Iseabal pòsta aig Robin Banks, nach maireann, a bha na rùnaire aig Comunn Gàidhealach an Òbain. Fad 51 bliadhna pòsta bha Iseabal an còmhnaidh an sàs, agus chithear aig bòrd nam breitheamh a’ feitheamh toraidhean agus beachdan a thoirt dha na farpaisich.

Thòisich Margaret Farmer a’ seinn ann an còisirean aig aois 10 bliadhna. Le còisir na sgoile fo stiùir a h-athair an toiseach, an uair sin còisir Àrd-sgoil an Òbain agus mu dheireadh Còisir Ghàidhlig an Òbain. Tha Margaret a cur luach air ‘teaghlach na còisire’ – chan e a-mhàin na òrain agus ach na buannachdan sòisealta bho bhith ann an còisir. Tha Margaret air a bhith ag obair le luchd saor-thoilich eile ann am pròiseact Acadamaidh a’ Mhòid a thug cothrom dha òigridh na sgìre taic fhaighinn le ullachadh farpaise.

Bhuineadh Jon ‘Hearach’ MacDhòmhnaill dha Lingreabhagh agus dh’obraich e an sgìre Inbhir Nis fad bliadhnaichean mòra. Chaidh e gu Mòd an toiseach ann an 1966 an Inbhir Nis fhèin agus bha a bhean agus a nighean tric ann am farpaisean seinn. Tha Jon air bhith a cumail taic ris a’ Mhòd tro a ghnìomhachas stèidhichte an Inbhir Nis.

Chaidh Alba Football Association a stèidheachadh gus ball-coise a cheangal le Gàidhlig sa choimhearsnachd. Bidh Campa Trèanaidh Nàiseanta na Bliadhna aig Àrd-sgoil an Òbain fad an deireadh seachdain.

Gu mì-fhortanach chaidh na geamaichean Cupa Camanachd a’ Mhòid a chuir dheth ri linn na droch shìde aig Pàirc Mossfield. Feuchaidh iad na farpaisean a chluich latha eile ma ghabhas a dhèanamh.

Bidh farpaisean teann cuideachd aig tachartasan pìoba, le Farpaisean Pìoba Òigridh ann an Àrd-sgoil an Òbain aig aoisean fo 16 agus 16 – 18. Tha Farpaisean Inbheach cuideachd a’ tòiseachadh le Prìomh Chluicheadairean Ìre A agus B, an dà chuid Pìobaireachd agus Caismeachd, Srath Spè is Ruidhle.

Bidh cuirm Ar Cànan ’s Ar Ceòl a-nochd aig Tallaichean a’ Chorrain. Oidhche air leth de cheòl traidiseanta agus cultar Gàidhlig le tàlant gu leòr bho air feadh Earra-Ghàidheal. Bidh an seinneadair ainmeil Alasdair MacIlleBhàin nar measg còmhla ri tàlant ionadail eile: Buidheann Traidiseanta Àrd-sgoil an Òbain còmhla ri Sunday Sessions Fèis Latharna. A bharrachd air a’ sin bidh pìobairean Àrd-sgoil an Òbain againn agus Còisir Ghàidhlig Makaton ‘Aon Ghuth’.

Tillidh Seirbheis Eaglais a’ Mhòid a-màireach, a thòisicheas aig 3f ann an Eaglais Pharraist an Òbain a thèid a chraoladh beò air BBC Radio nan Gàidheal. Bidh Ceòl Soisgeulach Cheilteach ann an Tallaichean a’ Chorrain feasgar.

Thuirt Magaidh Choineagan, Ceann-suidhe A’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Tha Am Mòd air tòiseachadh gu h-oifigeil às dèidh cuirm Mànran na h-oidhche a-raoir, is abair deagh thòiseachadh. An-diugh tha rud cudromach againn air clàr-ama a’ Mhòid, na farpaisean pìoba. Gu mì-fhortanach bha againn ri na geamaichean iomain a chuir dheth ri linn na droch shìde ach tha sinn an dòchas gun tachair iad latheigin eile.

Tha e cho math Am Mòd a thoirt air ais dhachaigh dhan Òban, tha deagh fhaireachdainn ann air an dàrna latha den tachartas. Nuair a bhios farpaisean an latha seachad tha cuirm air leth air thoiseach oirnn, far am faicear tàlant gu leòr bho air feadh Earra-Ghàidheal, còrdaidh e ri muinntir na sgìre agus luchd-turais.”

Tha na buidhnean EventScotland, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Riaghaltas na h-Alba, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, BBC ALBA, Alba Chruthachail agus SQA a’ cumail taic ris A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail am bliadhna san Òban.

Bidh Mòd Nàiseanta Rìoghail san Òban gu Disathairne 19 Dàmhair.. Tha tiogaidean prìomh thachartasan rim faighinn air ar duilleag Eventbrite.

Tuilleadh fiosrachaidh air ar làrach-lìn.

Tha Prògram an Iomaill an seo.

« Back to Mòd News List

An t-Òban a’ cur fàilte air prìomh thachartas cultarail na Gàidhlig

Published: 11 Oct 2024

Am Mòd air tilleadh dhachaigh le Tosgairean Gàidhlig air ainmeachadh

Tha an t-Òban a’ cuir fàilte air fosgladh A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail an-diugh – prìomh thachartas cultair Gàidhlig a thachras ann am baile Albannach diofraichte gach bliadhna. Bidh seo A’ Mhòd as motha o chionn còig bliadhna agus e air ais san àite far an do thòisich e.

Comharrachaidh an tachartas ainmeil de chànan, cultar is ceòl na Gàidhlig air feadh a’ bhaile Earra-Ghàidhealach eadar an-diugh agus Disathairne 19 Dàmhair.

Thachair a’ chiad Mòd san Òban ann an 1892, o chionn 132 bhliadhna, agus bha e aig baile mu dheireadh ann an 2015. Seo an 17mh Mòd Nàiseanta san Òban agus bidh e air leth: timcheall air 10,000 farpaiseach, luchd-ciùil is luchd-tadhail an dùil tighinn tharais air na naoi làithean a tha romhainn gus am faic iad cuirmean, farpaisean, taisbeanaidhean agus spòrs.

Thèid Caismeachd Lòchranach air adhart tro shràidean an Òbain gus an oidhche a chur air cois gu foirmeil. Bidh Leas Prìomh Mhinisteir na h-Alba Ceit Fhoirbeis, buill A’ Chomuinn Ghàidhealaich agus Comataidh Mòd an Òbain ga stiùireadh tron bhaile. Nochdaidh an uair sin an còmhlan Albannach Mànran air àrd-ùrlar Tallaichean a’ Chorrain. Chì sinn tàlant o air feadh Earra-Ghàidheal a-màireach aig cuirm Ar Cànan ’s Ar Ceòl.

Tha am baile air fàilte chridheil ullachadh, le tòrr gnìomhachasan san t-Òban air a bhith an sàs ann am farpais sgeadachaidh uinneige, a’ beothachadh a’ bhaile le sealladh agus ìomhaigh a’ Mhòid.

Thèid latha fosglaidh a’ Mhòid cuideachd a chomharrachadh le ainmeachadh Tosgaire Gàidhlig na Bliadhna – urram le Riaghaltas na h-Alba air a thoirt seachad do Ghàidheal a th’ air sàr obair a dhèanamh às leth na Gàidhlig.

Bheir Leas Prìomh Mhinisteir, Ceit Fhoirbeis, seachad urram na bliadhna do dhithis a bhuineas do dh’Eilean Leòdhais – eòlaiche foghlam agus leasachadh Mairead NicÌomhair agus neach iomairt Gàidhlig Fionnlagh MacLeòid nach maireann.

Rinn Mairead NicÌomhair bliadhnaichean rannsachaidh agus teagaisg Gàidhlig, ann an àrd-sgoiltean anns A’ Mhanachainn, Inbhir Nis, Glaschu agus An t-Òban mus do thòisich i air obair leasachaidh na Gàidhlig. Dh’obraich i air feadh na h-Alba aig Bòrd Leasachaidh na Gàidhealtachd agus Comunn na Gàidhlig. Chuir Mairead Buidheann Adhartachaidh Foghlam Gàidhlig air chois, iomairtean fastaidh tidsearan agus a’ chiad rannsachadh nàiseanta a chaidh a dhèanamh às leth luchd-ionnsachaidh. Stèidhich i Comunn Nam Pàrant (Nàiseanta) a tha an-diugh mar a’ phrìomh bhuidheann coimhearsnachd a tha strì airson foghlam Gàidhlig agus lìonra proifeasanta Comann Luchd-teagaisg Àrd-sgoiltean (CLAS). Nas fhaidhe air adhart ghabh Mairead obair òraidiche Gàidhlig aig Oilthigh Obar Dheathain agus tha i air a bhith an sàs ann an iomadach buidheann, na measg na rùnaire a’ Chòmhdhail Cheilteach. Tha 50 bliadhna o na thòisich i na breitheamh aig Mòd Nàiseanta Rìoghail.

Chuir Fionnlagh Macleòid, nach maireann, a bheatha seachad ag iomairt às leth na Gàidhlig agus a’ chànan a leasachadh dha clann fo aois sgoile. Rinn e tòrr siubhail air feadh na dùthcha agus b’ e a’ chiad neach a fhuair airgead bho Bhòrd Leasachaidh na Gàidhealtachd airson pròiseactan Gàidhlig. Ann an 1981 dh’fhosgail a’ chiad cròileagan anns an Òban. Goirid an dèidh sin, thòisich cròileagain eile a’ nochdadh. Bha e na Stiùiriche air Comhairle Nan Sgoiltean Àraich fad bliadhnaichean agus stèidhich e Ionad Gàidhlig Mhoireibh ann an siorrachd Bhanff. An sin, sgrìobh e agus leasaich e cùrsaichean chloinne fo aois sgoile agus nan tràth-ìrean bun-sgoile, cho math ri cùrsaichean phàrantan. Fhuair obair Fhionnlaigh cliù agus moladh eadar-nàiseanta agus dh’obraich e le luchd-leasachaidh cànanan dùthchasach air feadh an t-saoghail. Air a chuimhneachadh mar mhiseanaraidh na Gàidhlig, bhiodh Fionnlagh a’ frithealadh Mòdan Nàiseanta Rìoghail gach bliadhna agus bha e aithnichte mar neach iomairt Gàidhlig. Togaidh piuthar Fhionnlaigh, Margaret Wilks, an duais às a leth.

Thuirt Mairead NicÌomhair: “Tha an duais seo na mhòr-urram dhomh, agus tha mi fo fhiachan don a’ Chomunn Ghàidhealach gun do mheas iad mi freagarrach airson tiotal Tosgaire na Gàidhlig a bhuileachadh orm, air a’ bhliadhna seo. Gun teagamh sam bith, ’s e adhbhar irioslachd a th’ ann dhòmhsa.”

Thuirt Margaret Wilks: “Tha mi air leth pròiseil an duais seo fhaighinn às leth mo bhràthair Fionnlagh, nach maireann. Tha e ag aithneachadh obair a bheatha às leth leasachadh na Gàidhlig. Bhiodh e air a dhòigh, mar a tha mi fhìn, gu bheil e air a roinn le ar co-ogha Mairead.”

Thuirt Seumas Greumach, Àrd-oifigear A’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Tha e cho math a bhith air ais san Òban aig a’ Mhòd agus sinn a’ cur fàilte air na mìltean: Gàidheal agus luchd-taic na Gàidhlig gus ar cànan is cultar a chomharrachadh. Tha àite cudromach fhathast aig a’ Ghàidhlig ann am beatha làitheil na h-Alba agus chì sinn gun tèid sin a neartachadh thar na naoi làithean a tha romhainn. Tha mi airson aithneachadh ar Tosgairean Gàidhlig 2024 agus an cuid misneachd dhan Ghàidhlig na cànan fàsmhor àraidh air moladh. Seallaidh na naoi làithean a tha romhainn cho shoirbheachail sa tha an cànan, air bunait cultar agus coimhearsnachd làidir.”

Thuirt an Leas-Phrìomh Mhinistear agus Rùnaire a’ Chaibineit airson na h-Eaconamaidh agus na Gàidhlig, Ceit Fhoirbeis: “Tha e iomchaidh gun tilleadh am Mòd dhachaigh don Òban is sinn a’ comharrachadh fàs ann an àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig airson a’ chiad uair ann an còrr air 50 bliadhna.

“Mar neach-labhairt pròiseil den chànan ’s e urram a tha ann a bhith a’ faicinn gaisgich na Gàidhlig air an aithneachadh le duais Riaghaltas na h-Alba airson Tosgaire Gàidhlig na Bliadhna.

“Tha sinn air barrachd air £120 millean a thoirt do dh’iomairtean Gàidhlig mar am Mòd bho 2021. Gus togail air an taic seo, tha sinn a’ cur air adhart Bile nan Cànan Albannach gus foghlam Gàidhlig a neartachadh is inbhe a bhuileachadh air a’ Ghàidhlig mar aon de chànain oifigeil na h-Alba.”

Thuirt Comhairliche Jim Lynch, Ceannard, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid: “Ceud mìle fàilte. Tha e na thoileachas A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail fhaicinn air ais na dachaigh fhèin, san Òban, às dèidh cha mhòr deich bliadhna. Tha àite eaconamach agus cultarail cudromach aig a’ Mhòd ann an Earra-Ghàidheal is Bhòid, an-dè, an-diugh is a-màireach. Mar chomhairle, agus mar choimhearsnachdan, tha sinn moiteil taic a chumail ri tachartas an seachdain a tha romhainn gus ar cultar Gàidhlig a chomharrachadh. Tha mi an dòchas gun còrd seallaidhean agus aoigheachd Earra-Ghàidheil is Bhòid ribh. Gur math thèid le na tachartasan.”

Thuirt Rebecca Edser, Ceannard EventScotland, VisitScotland: “Tha sinn moiteil taic a’ chumail ris A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail tro ar Prògram Maoineachaidh Tachartasan Eadar-nàiseanta. Tha Am Mòd Nàiseanta Rìoghail air leth cudromach dha cànan, cultar agus ceòl na Gàidhlig. ’S e adhbhar misneachd a th’ ann a bhith cluinntinn mu dheidhinn prògram nan tachartas, agus na th’ ann de ghnìomhachasan a th’ air fàilte a chuir air a’ Mhòd. Tha fhios againn gun tèid fàilte a chuir air muinntir na sgìre agus luchd-tadhail a bhios air an glacadh le prìomh fhèis Gàidhlig na h-Alba.

Thuirt Ealasaid Dhòmhnallach, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig: “Tha Mòd an Òbain an-còmhnaidh sònraichte agus bu mhath le Bòrd na Gàidhlig gach soirbheachas a ghuidhe don a h-uile duine a bhios a’ gabhail pàirt ann tron seachdain a tha romhainn. Tha e an-còmhnaidh cudromach a bhith a’ comharrachadh obair dhaoine a chuir gu mòr ris a’ Ghàidhlig thar ar coimhearsnachdan, agus tha Mairead NicÌomhair agus Fionnlagh MacLeòid le chèile airidh air an aithne a bhith air ainmeachadh mar thosgairean na Gàidhlig.”

A bharrachd air cothrom na tachartasan fhaicinn sa bhaile air feadh na seachdain, bidh sruth bhidio air loidhne aig cuid a thèid air feadh an t-saoghail. ’S iad cuirm Mànran a-nochd, Ar Cànan ’s Ar Ceòl a-màireach agus cuairtean deireannaich Cogadh nan Còmhlan Oidhche Luain is Oidhche Mhàirt. Thèid cuideachd criomagan à prìomh fharpaisean a chraoladh air BBC ALBA Diluain gu Dihaoine an ath sheachdain.

Tha na buidhnean EventScotland, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Riaghaltas na h-Alba, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, BBC ALBA, Alba Chruthachail agus SQA a’ cumail taic ris A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail am bliadhna san Òban.

Tachraidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail san Òban eadar 11 – 19 Dàmhair 2024. Tha tiogaidean prìomh thachartasan rim faighinn air ar duilleag Eventbrite.

Tuilleadh fiosrachaidh air ar làrach-lìn.

Tha Prògram an Iomaill an seo.

« Back to Mòd News List

Prìomh 10 Tachartasan aig Mòd Nàiseanta Rìoghail an Òbain

Published: 02 Oct 2024

Còisirean aig Mòg Phàislig 2023
Còisirean aig Mòd Phàislig 2023

Tha Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ tilleadh dhan Òban san Dàmhair. Mar sin, tha ullachadh gu leòr a’ dol le prògram làn farpaisean, ceòl Ceilteach, ealan agus spòrs. Bidh cuideachd tachartasan iomaill is cur-seachadan a fhreagras air a h-uile aois.

Tachraidh an fhèis cultarail Albannaich sa bhaile eadar 11 – 19 Dàmhair 2024, a’ toirt cothrom do mhuinntir an Òbain agus luchd-siubhail o air feadh an t-saoghail eòlas fhaighinn air dualchas na h-Alba agus cànan is cultar na Gàidhlig.

Tha nas lugha na dà sheachdain ri dhol, mar sin seo cuid de na prìomh rudan ri fhaicinn is ri dhèanamh aig Mòd am bliadhna.

1. Cuirm Fhosglaidh Mànran

Goirid às dèidh cuirm air leth aig Lochaber Live, cuiridh an còmhlan traidiseanta ainmeil Mànran am Mòd air a chasan le deagh oidhche air Dihaoine 11d Dàmhair, a’ tòiseachadh an t-seachdain le stoidhle. Aithnichte gu h-eadar nàiseanta am measg nan còmhlan as cliùitiche an Alba san latha an-diugh, tha misneachd aig an seachdnar aca agus iad a’ putadh stoidhlean ciùil ùra, a’ toirt togail dhan luchd-èisteachd gach uair a thèid iad air àrd-ùrlar air feadh an t-saoghail.

2. Ar Cànan ’s Ar Ceòl

Tillidh Ar Cànan ’s Ar Ceòl gu Tallaichean a’ Chorrain Disathairne 12na Dàmhair. Oidhche air leth de cheòl traidiseanta agus cultar Gàidhlig le tàlant gu leòr bho air feadh Earra-Ghàidheal. Thigibh còmhla rinn airson taisbeanadh de thàlant ionadail le Buidheann Traidiseanta Àrd-sgoil an Òbain còmhla ri Sunday Sessions Fèis Latharna. A bharrachd air a sin, bidh Còmhlan-pìoba Àrd-sgoil an Òbain againn agus bidh an seinneadair ainmeil Alasdair MacIlleBhàin nar measg agus cuideachd Còisir Ghàidhlig Makaton ‘Aon Ghuth’.

3. Cogadh nan Còmhlan (Battle of the Bands)

Tillidh farpaisean Cogadh nan Còmhlan don Mhòd am bliadhna a’ taisbeanadh an tàlant ùr ann an saoghal na Gàidhlig agus ceòl traidiseanta. Bidh a’ chuairt deireannaich farpais fo aois 13 air Diluain 14mh Dàmhair agus fo aois 19 Dimàirt 15mh Dàmhair, ann an Tallaichean Cruinneachaidh Earra-Ghàidheil.

Gheibh an còmhlan a bhuannaicheas cothrom clàradh còmhla aig stiùidio ionadail. Sàr chothrom an ath ghinealach tàlant Ceiltich ùr fhaicinn air àrd-ùrlar.

4. Caismeachd Lòchranach

Fosglaidh an caismeachd solais Mòd Nàiseanta Rìoghail am bliadhna air Dihaoine 11d Dàmhair, a’ tòiseachadh aig Ceàrnag an Stèisein aig ciaradh na h-oidhche. Cuiridh e fàilte air an tachartais a’ tilleadh dhan dachaigh eachdraidheil le bhith soillseachadh a’ bhaile. Tha fàilte romhaibh uile a bhith an sàs.

5. Cupa Camanachd a’ Mhòid

Tachraidh seo aig Pàirc Mossfield, Disathairne 12na Dàmhair, a’ tòiseachadh aig 10:30 nuair a bhios cluicheadairean òg o air feadh Earra-Ghàidheal a’ farpais airson Cupa Camanachd na h-Òigridh. Tòisichidh geama nam bàn aig 12:00 a’ farpais airson Cupa Camanachd nam Ban. Tòisichidh geama nam fear aig 2:00f. ’S cinnteach gum bi farpais teann ann. Chan eil cosgais a bhith ga choimhead, mar sin feuch nach caill sibh seo!

6. Cuir air Bhog Leabhar ùr a’ Hebridean Baker

Bidh rionnag nam meadhanan sòisealta agus bèicearachd Coinneach MacLeòid, air a bheil The Hebridean Baker, a’ cur air bhog an leabhar ùr aige aig tachartas sònraichte aig a’ Mhòd. Thigibh còmhla rinn gu Ionad Achadh na Creige Diardaoin 17mh Dàmhair. airson cèilidh is craic cuide ris a’ Hebridean Baker agus a’ Hebridean Hutter, Padruig MacCuithean.

7. Duais Ealain na Gàidhealtachd: Farpais & Taisbeanadh

Bidh Ealain aig Mòd am bliadhna a-rithist agus iarrtasan farpais Duais Ealain na Gàidhealtachd ann an Seòmar Uinnsinn, Ionad Achadh na Creige Dihaoine 11d – Disathairne 19mh Dàmhair. Bidh Cuirm-Fosgailte Duais Ealain na Gàidhealtachd a’ gabhail àite air Disathairne 12mh aig 5:30f leis na duaisean gan toirt seachad Dihaoine 18mh Dàmhair aig 12:30f.

Tha fàilte air a h-uile duine chun an tachartasan agus an taisbeanadh.

8. Let’s Make a Scene aig a’ Mhòd

’S ann eadar ‘open mic’ agus taigh cèilidh a tha Let’s Make a Scene; àite far an tèid ceòl agus sgrìobhadh ùr a thaisbeanadh ann an suidheachadh càirdeil, neo-fhoirmeil aig Ionad Achadh na Creige Oidhche Dhiardaoin 17mh Dàmhair. Tha fàilte air duine sam bith le bàrdachd, sgeulachd no òran ùr a’ ghabhail (ann an cànan sam bith). Air a mhìos seo, tha sinn a’ toirt brosnachadh bhon Mhòd agus cultar na Gàidhlig, is sinn a’ cur fàilte shònraichte air pìosan air cuspairean ceangailte ri cànan, dualchas, dùthchas agus fèin-aithne, bho Alba agus thall thairis.

9. Co-Chòisirean

Disathairne 19mh Dàmhair: fear de na tachartasan mu dheireadh aig Mòd Nàiseanta Rìoghail an Òban - cruinnichidh na còisirean aig Tallaichean a’ Chorrain mus bi iad a’ caismeachd gu Ceàrnag an Stèisein. Abair seinn a bhios aig na còisirean còmhla, chan eil a shamhail ann. Bidh fàilte romhaibh uile agus na seinneadairean a’ comharrachadh an latha mu dheireadh dhen Mhòd mus tèid a’ bhratach a thoirt seachad do Loch Abar airson 2025.

10. Cuirm Dùnaidh a’ Mhòid le Trail West

Aig deireadh naoi làithean na tachartais, feasgar Disathairne 19mh Dàmhair, cuiridh Cuirm Dùnaidh a’ Mhòid fàilte air Trail West aig Tallaichean a’ Chorrain gus prìomh fhèis chiùil agus cultar na Gàidhealtachd a thoirt gu crìch.

Thuirt Seumas Greumach, Àrd-oifigear A’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Tha nas lugha na dà sheachdain gus an tòisich Mòd Nàiseanta Rìoghail am bliadhna san Òban, tha sinn ro thoilichte prìomh thachartasan an iomaill a chomharrachadh. Ceòl, ealain, spòrs, litreachas, tha rudeigin ann a fhreagras air a h-uile duine. Mholadh sinn gun leugh daoine am prògram gus an dealbhaich iad an ùine a bhios aca ann am baile àlainn an t-Òban agus an sgìre mun cuairt. Co-dhiù ged a bhiodh iad a siubhail astar mòr no a’ fuireach sa sgìre tha sinn ag iarraidh gum faigh iad buannachd às a’ Mhòd. Tha fadachd oirnn fàilte a chuir air a h-uile duine gu prìomh fhèis cànain Gàidhlig, ceòl agus cultar.”

Tha na buidhnean EventScotland, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Riaghaltas na h-Alba, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, BBC ALBA, Alba Chruthachail agus SQA a’ cumail taic ris A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail am bliadhna san Òban.

Tachraidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail san Òban eadar 11 – 19 Dàmhair 2024. Tha tiogaidean prìomh thachartasan rim faighinn air ar duilleag Eventbrite.

Tuilleadh fiosrachaidh air ar làrach-lìn.

Tha Prògram an Iomaill an seo.

« Back to Mòd News List

Feadhainn a Bhuannaich Cogadh nan Còmhlan 2023 aig Stiùidio ann am Pàislig

Published: 01 Oct 2024

Còmhlan ann an stiùideo

​Thachair An Comunn Gàidhealach ri dithis a bh’ anns a’ chòmhlan Darach a bhuannaich Cogadh nan Còmhlan aig Mòd Phàislig an-uiridh. Choisinn iad seisean aig JJ Recordings ann am Pàislig agus sinn a’ toirt taing do Jamie a bha cho taiceil do Khathleen agus Orin agus iad a’ clàradh an cuid ciùil. ’S cinnteach gum faic sinn a-rithist iad air àrd-ùrlar a dh’aithghearr.

Tha sinn an dòchas gun tèid gu math le gach còmhlan a tha an sàs ann am farpais na bliadhna sa. Gabhaidh tiogaidean farpais na bliadhna, a bhios aig Mòd Nàiseanta Rìoghail an Òbain òrdachadh air ar duilleag Eventbrite.

Cluinnear criomagan fuaim an seo:

« Back to Mòd News List

Taisbeanadh do fheadhainn a stèidhich Dualchas Làidir Gàidhlig Earra-Ghàidheil

Published: 30 Sep 2024

Còisirean Earra-Ghàidheil
Còisirean Earra-Ghàidheil

Thèid na sgeulachdan aig feadhainn aig a bheil àite air leth ann an eachdraidh chiùil Gàidhlig agus an cuid ceangalan don Òban agus Earra-Ghàidheal – dachaigh A’ Mhòid Nàiseanta – innse ann an dà thaisbeanadh làn fiosrachadh inntinneach.

Bidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail san Òban san Dàmhair airson an 17mh turas - ann an sgìre aig a bheil mòran eachdraidh cultarail Gàidhlig.

Chaidh An Comunn Gàidhealach a chuir air bhonn san Òban ann an 1891 agus thachair a’ chiad Mòd Nàiseanta an ath bhliadhna sa bhaile, 132 bhliadhna air ais.

Aig an tachartas seo ann an 1892, às dèidh cho math ’s a rinn Seònaid am fianais Bana - phrionnsa Louise, a bha pòsta aig Am Marcas Latharnach, fhuair i cothrom seinn air beulaibh Banrigh Bhictoria ann am Baile Mhorail far an deach broidse daoimean a thoirt dhi mar thaing, a’ chiad cheum ann an dreuchd ainmeil.

Air leth ainmeil airson a cuid seinn, thug dreuchd Seònaid bho a h-àite breith san Òban gu àrd- ùrlaran air feadh an t-saoghail, nam measg Canada, Na Stàitean Aonaichte, Sealainn Nuadh agus Astràilia. A bharrachd air an teaghlach Rìoghail bha luchd-leantainn aig Seònaid am measg uaislean air feadh Na Roinn Eòrpa.

Gheibhear fiosrachadh air Sheònaid aig taisbeanadh sònraichte aig Mòd na bliadhna, na dachaigh fhèin agus cridhe Gàidhlig na h-Alba. Bheir an taisbeanadh seachad fiosrachadh air a beatha agus a dìleab air leth, ga toirt gu aire a’ mhòr-sluaigh.

Bidh seo ri fhaicinn Disathairne 5mh gu Didòmhnaich 20mh Dàmhair fad seachdain a’ Mhòid aig Ionad Aiseig Caledonian Mhic a’ Bhriuthainn, Cidhe a Deas. Chaidh an taisbeanadh a chuir air bhonn le boireannaich; seinneadair cliùiteach Gàidhlig Màiri Anna NicUalraig, acadamhaiche Dotair Priscilla Scott agus neach-tasgaidh Marij van Helmond – mar urram air an tè a thòisich air cànan agus ceòl Gàidhlig a chuir air àrd-ùrlar air feadh an t-saoghail.

Le far-ainm Smeòrach nan Gàidheal, thòisich Seònaid a seinn aig aois ochd bliadhna is chaidh a clàradh air gramafon ann an Glaschu ann an 1899. B’ e sin rud eile a rinn Seònaid air thoiseach air càch: a’ chiad uair a-riamh a chaidh Gàidhlig a chlàradh air gramafon.

Thuirt neach tasgaidh an taisbeanaidh, craoladair agus seinneadair Gàidhlig Màiri Anna NicUalraig: “B’ e fìor reul na cruinne a bh’ ann an Seònaid – a’ chiad ghuth Gàidhlig a chaidh air chlàr. B’ e a prìomh ghràdh a cànan màthaireil fhèin, agus na Gàidheil air an do thadhail i thar chuantan airson seinn dhaibh.

Is e adhbhar moit a th’ ann a bhi deasachadh an taisbeanaidh seo mu dhìleab Seònaid mar phàirt de thachartas cho iomchaidh. Tha mi a’ faireachdainn mar gu bheil mi air eòlas a chur oirre mar phearsa, seach dìreach mar neach ann an eachdraidh.

Nuair a smaoineachas tu gu bheil sinn fhathast a’ strì airson co-ionnanachd ann an saoghal nan ealan an-diugh, tha neart is dìcheall Seònaid slighe a dhèanamh dhi fhèin mar sheinneadair dìreach iongantach, gu h-àraid ann an saoghal far nach robh spèis ga thoirt dha leithid. Is e deagh eisimpleir a tha innte do bhoireannaich òga, luchd-ciùil is Gàidheil a cheart cho math. Shìol cuimhne oirre às ri linn uabhas a’ Chogaidh Mhòir, gu robh i meadhanach òg, agus cho beag cothrom ’s a bhiodh ann àite boireannaich a sheasamh ann an eachdraidh. Ach tha mi an dùil gu bheil sinn a’ leigeil leis an reul seo dealradh às ùr.”

Bhàsaich Seònaid ri linn tinneas a fhuair i air a slighe dhachaigh às an Fhraing tron Spàinn aig toiseach A’ Chiad Cogaidh Mòir. Bha na ceudan aig a tìodhlacadh agus chaidh carragh chuimhne a thogail às a leth ann an 1921.

Às dèidh na cogaidhean mòra, cha robh Seònaid cho ainmeil. Chaidh uaigh a lorg agus a leasachadh ann an 2020 le sgioba an taisbeanaidh. Dh’obraich iad cuideachd le Stòrlann gus am biodh àite air loidhne don òigridh far an ionnsachadh iad mu Sheònaid. San ùine ghoirid o na chaidh am foillseachadh chaidh na faidhlichean ionnsachaidh a luchdadh a-nuas còrr air 11,000 turais.

A-rithist, thuirt Màiri Anna NicUalraig: “Bhon a dh’fhoillsich sinn goireasan-ionnsachaidh Stòrlann bho chionn beagan mhìosan, chaidh na faidhlichean a luchdadh a-nuas còrr air 11,000 turas. Tha e riatanach gu bheil Gàidhlig agus Gàidheil a’ faighinn cothrom an sgeulachdan soirbheachais innse. Tha e riatanach gu bheil daoin’ òga a’ faighinn cothrom cluinntinn mu bhoireannaich leithid Seònaid gus am bi spèis aca dhan dualchas fhèin, is gun tuig iad gu bheil àite aige ann an eachdraidh na cruinne san fharsaingeachd.

’S e an taisbeanadh seo an ceum mu dheireadh ann am pròiseact fada gus Seònaid a thoirt air ais dha a dachaigh san t-Òban agus Earra-Ghàidheal – far an do sheinn i aig a’ chiad Mòd, toiseach a dreuchd ionmholta.

“Thiodhlaigeadh Seònaid an Glaschu, agus ged a bha i a’ coimhead gu beanntan Earra-Ghàidheil gu tuath, cha deach aice air tilleadh dhachaigh. Tha mi an dùil gu bheil an obair-càraidh a rinn sinn air a crois-cuimhneachaidh sa chladh agus an taisbeanadh seo ann an da-rìribh ‘a’ cur clach air càrn’.

“Is fìor thoil leam gum bi an taisbeanadh ann an ionad-aisig ChalMac, làmh ris an loidhne-rèile a bha air Seònaid a ghiùlain dhan t-saoghal mhòr a-muigh agus gach nì a rinn i ann. Is e cothrom a bhios ann do mhuinntir an àite, luchd-tadhail a’ Mhòid agus luchd-siubhail san dol seachad ionnsachadh mun bhoireannach àraid seo, a bha cho dlùth is dìleas dha a cuideachd.

“Tha uimhir a dh’òrain Ghàidhlig air an clàradh againn a-nise, ach tha feum ann bho àm gu àm coimhead air far an do thòisich seo uile, agus moladh a dhèanamh air tè a gheàrr an slighe, gus am b’ urrainn dhuinn uile coiseachd na làraich.”

Bidh dualchas beartach còisire na sgìre agus na buidhnean a sheinn air àrdan-ùrlar ionadail agus nàiseanta cuideachd ri fhaicinn aig taisbeanadh a bhios aig Mòd an Òbain ann an Ionad Achadh na Creige.

Tha Taisbeanadh Còisirean Earra-Ghàidheil le Eleanor NicFhionghain agus na Oban Heritage Hunters. Tha mòran còisirean a bha stèidhichte an Earra-Ghàidheal air a bhith air àrd-ùrlaran a’ Mhòid thar na bliadhnaichean.

Thathar an dùil gu bheil 20 còisirean Gàidhlig air a bhith stèidhichte an Earra-Ghàidheil thairis air 60 bliadhna, ceithir à Muile nam measg. Tha Còisir Ghàidhlig an t-Òban air a bhith a dol nas fhaide na càch agus i air tòiseachadh ann an 1892.

Bidh mòran dheilbh san taisbeanadh, tòrr aca a thànaig o An t-Òbanach, a bharrachd air feadhainn a bh’ ann an tasglann a’ buidheann eachdraidh, a’ sealltainn an gaol a th’ aig muinntir Earra-Ghàidheil air òrain Gàidhlig. Seallaidh bhideothan tasglann BBC ALBA buill chòisirean Earra-Ghàidheil a’ seinn gus am bi cothrom aig luchd-tadhail blasad fhaighinn air Mòdan na bliadhnaichean a dh’fhalbh.

Bidh cuideachd film goirid ann le filmeadair Òbanach Anna Garvin san taisbeanadh. Bheir e seachad iomradh cò ris a tha e coltach a bhith an lùib còisir Ghàidhlig is an neart a chuireas feadhainn a-steach dha na buidhnean seo is an toileachas is faireachdainn coimhearsnachd a gheibh iad ri linn.

Thuirt Eleanor NicFhionghain, Neach-tasgaidh: “Mhothaich ar buidheann eachdraidh gu bheil tòrr dealbhan is eile againn nar cruinneachadh eachraidh sòisealta ionadail a ghabhadh a shealltainn do luchd-tadhail. Sin ’s coireach gun do dh’ullaich sinn an taisbeanadh.

’S e ar n-amas gum brosnaich sinn cuimhne agus còmhraidhean thar ginealaichean mun eachraidh iongantach a th’ aig còisirean Gàidhlig Earra-Ghàidheil. Cha bhiodh an taisbeanadh air a bhith ann às aonais taic An t-Òbanach agus cuideachadh coimhearsnachdan Gàidhlig agus ionadail a thug seachad dealbhan is eile thar na bliadhnaichean.

’S e seo mar a tha sinn a’ cuir fàilte dhan Mhòd agus e a’ tilleadh don Òban san Dàmhair. Tha e sònraichte gu bheil cothrom againn ar dualchas a roinn dha na mìltean luchd-tadhail.”

Tha na buidhnean EventScotland, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Riaghaltas na h-Alba, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, BBC ALBA, Alba Chruthachail agus SQA a’ cumail taic ris A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail am bliadhna san Òban.

Tachraidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail san Òban eadar 11 – 19 Dàmhair 2024. Airson tuilleadh fiosrachaidh, tadhalaibh air làrach-lìn Mòd an Òbain.

Tiogaidean prìomh thachartasan rim faighinn an seo air Eventbrite.

« Back to Mòd News List

Mìos ri dhol gus an cuir Costa an Iar fàilte air fèis Ghàidhlig

Published: 11 Sep 2024

Dannsa Gàidhealach
Dannsa Gàidhealach

​Ann an dìreach mìos, bidh baile àlainn an t-Òban air leth trang leis a h-uile càil iongantach a bhios a’ dol aig A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail agus e a’ tilleadh dhan Costa an Iar.

Bidh an tachartas cultarail Albannaich sa bhaile bho 11 – 19 Dàmhair 2024 agus tha muinntir an Òbain agus an sgìre mun cuairt ag ullachadh airson an 17mh Mòd Nàiseanta, gus am bi e na dheagh thachartas.

Le iarrtasan farpaisean cha mhòr an treas cuid nas àirde na bha iad an-uiridh am Pàislig, ann an 2024 bidh àireamh fharpaisich cho àrd ’s a bha iad ro CHOVID. Tha gnìomhachasan agus luchd-ciùil an Òbain deiseil gus fàilte chridheil a chuir air luchd-labhairt agus luchd-taic na Gàidhlig.

Tha Comataidh Ionadail Mòid an Òbain air sreath chlasaichean Gàidhlig a chuir air dòigh do ghnìomhachasan na sgìre agus an luchd-obrach gus am faigh daoine fàilte cho math ’s a ghabhas. Tha Mòd an Òbain agus Ionad Gàidhlig Furan air clasaichean an asgaidh a chuir air dòigh ann an Tallaichean a’ Chorrain, prìomh ionad a’ Mhòid agus gnìomhachasan na sgìre ag ionnsachadh abairtean Gàidhlig feumail.

Bidh cuideachd cothrom aig gnìomhachasan an Òbain air farpais sgeadachaidh uinneige ron Mhòd, agus bidh bùithtean is eile air an sgeadachadh le stoidhle a fhreagras air an tachartas cultarail.

Tha iarrtas cuideachd air luchd-ciùil na sgìre a tha a’ dèanamh fiughair ri fàilte a chuir air tàlant agus pailteas ciùil nach gabh tomhas dhan bhaile aca.

Tha neach-ciùil ionadail Joanie Garvin air a bhith an sàs ann an ceòl traidiseanta an Earra-Ghàidheal fad bhliadhnaichean. Am measg a teaghlach luchd-ciùil proifeiseanta tha a nighean, Anna Garvin, ag obair air film don taisbeanadh Còisirean Earra-Ghàidheil a bhios aig Mòd an Òbain.

Thuirt Jonie Garvin agus i air a dòigh: “Tha an còmhnaidh deagh fhaireachdainn san Òban nuair a bhios am Mòd Nàiseanta aig baile! Tha an t-uabhas feadhainn òga againn ag ionnsachadh ceòl traidiseanta sa sgìre agus tha am baile air leth moiteil às na còmhlain pìoba, Fèis Latharna agus Sgoil Chiùil Traidiseanta Àrd-sgoil an Òbain. ’S e sàr chothrom a th’ anns A’ Mhòd Nàiseanta dhaibh an cuid sgilean a chleachdadh air àrd-ùrlar agus brosnachadh fhaighinn o chàch. Tha mi air bhioran gum bi an t-Òban làn ceòl beò ann an iomadach àite, le rudeigin a fhreagras air a h-uile duine!”

Thuirt Seumas Greumach, Àrd-oifigear A’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Tha Mòd na bliadhna sa a’ teannadh oirnn agus an t-Òban deiseil gus fàilte a chuir air Gàidheil às gach ceàrnaidh. Tha e air a bhith gu math misneachail fhaicinn mar a tha a’ choimhearsnachd agus gnìomhachasan a chuir fàilte air an tachartas. Le àireamh fharpaisich air fàs agus ullachadh a’ dol gu math, bidh sinn air leth toilichte muinntir an Òbain agus a h-uile duine a bhios an lùib A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail an sàs ann an cànan is cultar na Gàidhlig ann an dìreach mìos.”

Thuirt Ceannard Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Comhairliche Jim Lynch: “Tha sinn uile air bhioran agus sinn ag ullachadh airson Mòd Nàiseanta Rìoghail an Òbain. ’S sinne a tha pròiseil às ar dualchas Gàidhlig an Earra-Ghàidheal is Bhòid is bidh sinn toilichte fàilte a chur air daoine às gach àite aig tachartas na bliadhna sa.”

Thuirt Rebecca Edser, Ceannard EventScotland: “Tha tachartasan cudromach nar coimhearsnachdan agus bidh an t-Òban na dheagh àrd-ùrlar agus Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ tilleadh dhachaigh san Dàmhair. Mar phrìomh thachartas cultar Gàidhlig na h-Alba, bheir e deagh bhuaidh sòisealta, eaconamach agus cultarail dhan choimhearsnachd agus cothrom dhan h-uile duine a tha an sàs ceangalan a dhèanamh ann an dòigh spòrsail.

Tha sinn air leth pròiseil a bhith a’ cumail a’ dol a’ toirt taic leantainneach dhan Mhòd Nàiseanta Rìoghail agus bidh sinn a’ coimhead air adhart ri cultar Gàidhlig na h-Alba a chomharrachadh ann am mìos.”

Thathar an dùil gum bi na mìltean ann am baile an t-Òbain an luib prògram air leth làn farpaisean, cuirmean-ciùil, bùthan-obrach is tachartasan iomaill. Bidh farpaisich às gach ceàrnaidh de dh’Alba agus àitean eile an sàs ann am farpaisean seinn, bàrdachd, ionnsramaidean, dràma agus Dannsa Gàidhealach.

Tòisichidh am Mòd Dihaoine 11 Dàmhair le cuirm-chiùil Mànran, còmhlan traidiseanta a th’ air iomadach duais a chosnadh, aig Tallaichean a’ Chorrain. Air feadh na seachdain bidh cuirmean, taisbeanaidhean, cuir air bhog leabhraichean, tachartasan cloinne agus spòrs agus tòrr eile ann am Prògram an Iomaill, gus an dùin Trail West am Mòd Disathairne 19 Dàmhair.

Tha na buidhnean EventScotland, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, EventScotland, Riaghaltas na h-Alba, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, BBC ALBA, Alba Chruthachail agus SQA a’ cumail taic ris A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail am bliadhna san Òban.

Tachraidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail eadar 11 – 19 Dàmhair 2024 san Òban. Tha tiogaidean na prìomh thachartasan rim faighinn an seo air Eventbrite.

« Back to Mòd News List

Spòrs do theaghlaichean aig cridhe Mòd an Òbain 2024

Published: 16 Aug 2024

Club Cloinne Gàidhlig
Club Cloinne Gàidhlig

Bidh spòrs do theaghlaichean aig cridhe Mòd Nàiseanta Rìoghail am bliadhna nuair a thilleas e dhan Òban eadar 11 - 19 Dàmhair 2024, le prògram làn tachartasan sa bhaile. A’ tilleadh dhan dachaigh eachdraidheil, far an do thachair a’ chiad Mòd ann an 1892, bidh prìomh fhèis Ghàidhlig agus cultar na h-Alba a’ comharradh cànan agus cultar tro cheòl traidiseanta, dràma, litreachas, ealain agus spòrs. Bidh mòran luchd-ciùil agus luchd-ealain air àrd-ùrlar san Òban thairis air naoi làithean.

Bidh pailteas chur-seachadan ann a fhreagras air pàrantan rè làithean saora na sgoile san Dàmhair aig àm A’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail. Tha an tachartas a’ comharrachadh dualchas, cànan agus cultar na h-Alba, le fòcas sònraichte air òigridh gus dìleab na Gàidhlig a neartachadh sna bliadhnaichean a tha romhainn.

Bidh cothroman gu leòr ann Gàidhlig a chluinntinn agus ionnsachadh, raon farsainn chur-seachdadan spòrsail, a cheart cho math ri cothrom dhaibhsan a tha fileanta sa Gàidhlig an cànan a chleachdadh agus coinneachadh ri luchd-labhairt aig a h-uile aois.

Seo agaibh tachartasan teaghlaich a thèid a chumail aig Mòd an Òbain.

Cèilidhean Teaghlaich

Diluain 14 agus Dimàirt 15 Dàmhair, Tallaichean a’ Chorrain: Cèilidhean Teaghlaich spòrsail dhan teaghlach air fad le ceòl, geamannan agus Dannsa Gàidhealach. Tha na tachartasan seo air an cuir air dòigh le Comunn na Gàidhlig far am faigh clann cothrom dannsa.

Bidh Cèilidh Tràth Bhliadhnaichean ann an Talla Guides an Òbain air Dimàirt 15 Dàmhair, ag amas gu sònraichte air teaghlaichean le clann nas òige.

Bòrd Seasaimh

Cothrom rud ùr fheuchainn aig a’ Mhòd am bliadhna. Bidh seiseanan Bòrd Seasaimh air an cumail le Spòrs Gàidhlig. Bun-sgoil 5 – 7 Dimàirt 15 Dàmhair agus Àrd-sgoil 1 – 4 Diciadain 16 Dàmhair. A’ fàgail Tallaichean a’ Chorrain, bidh an òigridh a’ cuir eòlas air sgìre àlainn an Òbain agus ag ionnsachadh sgilean ùr tro mheadhan na Gàidhlig.

Cruth – Na Meadhanan Sòisealta

Ann an co-bhanntachd le FilmG agus Astar Media, aig Cruth bidh deugairean le Gàidhlig nan sgeulaichean didseatach! Togaidh iad eòlas air susbaint a chruthachadh agus bhidio a chlàradh. Aig Café Òigridh an Òbain Diluain 14 agus Dimàirt 15 Dàmhair, nì iad agallamhan le feadhainn a th’ aig a’ Mhòd gu faigh iad blas air na bhios a’ dol.

Leugh is Seinn le Linda NicLeòid

Seisean de dh’òrain Gàidhlig, geamannan agus pupaidean air a chuir air dòigh le Comhairle nan Leabhraichean fo stiùir Linda NicLeòid: tosgaire leughaidh Gàidhlig agus tosgaire Gàidhlig A’ Chomuinn Ghàidhealaich. Anns a’ mhadainn bidh seisean ann do dh’aoisean 0-5 agus feasgar aoisean 5-8. Thèid tachartas a chumail aig Ionad Achadh na Creige Diciadain 16 Dàmhair le amas litreachas am measg an òigridh a leasachadh ann an dòigh spòrsail.

Bookbug Gàidhlig

Seisean spòrsail agus càirdeil làn òrain is sgeulachdan airson clann a bhios aig Àite-cluiche Ionad Achadh na Creige Diluain 14 agus Dimàirt 15 Dàmhair rè Mòd na Cloinne.

Sradagan (Club Òigridh Gàidhlig)

Bidh raon chur-seachadan ann, nam measg ealain is obair-chiùird is diofar gheamannan, fosgailte do chlann aois Bun-sgoile aig a bheil no a tha ann am foghlam Gàidhlig. Ann an Talla Guides an Òbain Diluain 14 – Diciadain 16 Dàmhair, bidh seo na dheagh cothrom do chlann òg thighinn cruinn còmhla rè làithean saora na sgoile agus an cuid Gàidhlig a chleachdadh.

Club LEGO Gàidhlig

Aig Ionad Achadh na Creige Latha na Sàbaid 13 Dàmhair bidh Club LEGO Gàidhlig ann, far am faigh òigridh cothrom air rudan a thogail mar chur-seachad. Tha an tachartas seo freagarrach dhan h-uile ìre a’ toirt cothrom beagan Gàidhlig ionnsachadh tro chluich.

Slighe nan Rannsachair

Eadar Didòmhnaich 13 – Dihaoine 18 Dàmhair bidh Slighe nan Rannsachair ann an Taigh -tasgaidh, Caisteal agus Geàrraidhean Dhùn Ollaidh. Freagraidh seo air aois sam bith le cothrom duais fhaighinn aig an deireadh. Gabhaidh duilleagan a thogail air an rathad a—steach dhan làraich eachdraidheil.

Tachartas Sligheadaireachd

Cur-seachad a chòrdas ri òigridh aig a bheil Gàidhlig ann an clasaichean bun-sgoile 4 gu 7, tachraidh tachartas sligheadaireachd Spòrs Gàidhlig ann an Taigh-tasgaidh, Caisteal agus Geàrraidhean Dhùn Ollaidh Diluain 14 Dàmhair. Cleachdaidh an òigridh mapaichean gus eòlas a chuir air an làrach shònraichte, eachdraidheil seo, mus faigh iad cothrom air a’ chùrsa sligheadaireachd agus duaisean a bhuannachadh!

Seiseanan Ealain

Anns an Àite Ealain aig Ionad Achadh na Creige Diluain 14 is Dimàirt 15 Dàmhair, bheir Seiseanan Ealain Mòd an Òbain cothrom dhan òigridh an cuid Gàidhlig (aig ìre sam bith) a chur gu feum agus a bhith cruthachail.

Sruth “Buainidh Aon Fhacal Ceud”

Gheibh an òigridh cothrom tachairt ri feadhainn as ainmeile ann an saoghal na Gàidhlig aig Tallaichean Cruinneachaidh Earra-Ghàidheil Diluain 14 is Dimàirt 15 Dàmhair. Seo an treas bliadhna aig an tachartais seo a bhios a’ brosnachadh luchd labhairt na Gàidhlig le ìre cànan sam bith.

Tachartasan Leasachaidh Sgilean Albannach

Diluain 14 agus Dimàirt 14 Dàmhair bidh seiseanan Sgèithidh Dròin an asgaidh do dh’aoisean 10 – 16 bliadhna, far am faigh sgoilearan cothrom ionnsachadh mar a stiùireas iad dròn agus ciamar a tha drònaichean air an cleachdadh ann an companaidhean air feadh na dùthcha.

Air na h-aon làithean bidh Leasachadh Sgilean na h-Alba cuideachd a tabhainn Tog muileann-gaoithe le LEGO do dh’aoisean 10-14. Tachraidh seo air a’ bhàta-aiseig eadar an t-Òban agus Muile. Ionnsachaidh iad mu dheidhinn mar a tha lùth gaoithe air a chruthachadh agus na dreuchdan a tha rim faighinn ann an Alba sa ghnìomhachas seo.

Thuirt Seumas Greumach, Àrd-oifigear A’ Chomuinn Ghàidhealaich:

“Tha òigridh agus teaghlaichean aig cridhe A’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail is tha e air leth cudromach dhuinn gum bi raon farsainn de thachartasan air an son aig Mòd an Òbain san Dàmhair. ’S e cothrom air leth a th’ ann do dh’òigridh an Òbain, no a tha tadhal air an sgìre, Gàidhlig ionnsachadh is a bhruidhinn, sgilean agus caraidean ùr fhaighinn, a’ cheart cho math ri deagh spòrs agus iad a’ cuir eòlas air a’ Mhòd.

“Mholainn gun glèidheadh daoine àite ro làimh gus am faigh iad cothrom air na seiseanan a tha iad ag iarraidh, is gum faic iad a h-uile càil a bhios a dol air feadh a’ bhaile. Bidh sinn air ar dòigh glan nuair a chì sinn feadhainn aig gach aois a’ dol an sàs!”

Thuirt Dòmhnall MacGillEathain, Cathraiche, Comataidh Ionadail Mòd 2024:

“Tha cothroman dhan òigridh tron Ghàidhlig cho cudromach sa ghabhas – tha coimhearsnachd luchd-labhairt Gàidhlig òg agus pàrantan san Òban, agus tha na h-ionadan tro mheadhan na Gàidhlig aig Bun-sgoil Achadh na Creige agus Bun Sgoil Srath na h-Apainne a’ trèanadh Gàidheil òg comasach gach bliadhna. A bharrachd air sin tha buidhnean coimhearsnachd ionadail againn, buidhnean ciùil is eile.

’S iad an fheadhainn comasach seo a th’ air am prògram farsainn seo dhan òigridh a chuir ri chèile. Tha mi cho moiteil às an obair a rinn an comataidh gus am prògram ullachadh. Bidh rudeigin ann don h-uile duine aig Mòd an Òbain – is tha am Prògram seo a’ dearbhadh sin.”

Tha na buidhnean EventScotland, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Riaghaltas na h-Alba, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, BBC ALBA, Alba Chruthachail agus SQA a’ cumail taic ris A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail am bliadhna san Òban.

Tachraidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail san Òban eadar 11 – 19 Dàmhair 2024. Airson tuilleadh fiosrachaidh, tadhlaibh air ar làrach-lìn.

Gheibhear Prògram an Iomaill an seo.

« Back to Mòd News List

Iarrtasan air fhosgladh do dh’fharpaisean pìoba inbheach A’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail

Published: 07 Aug 2024

Roddy McLeod MBE
Roddy McLeod MBE

Tha iarrtasan fosgailte do dh’fharpais pìobairean inbheach A’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail agus mìos mhòr ann do phìobaireachd air tòiseachadh. Thathar a’ bhrosnachadh pìobairean iarrtasan a chuir a-steach a dh’aithghearr gus àite fhaighinn ann am farpais cliùiteach nas fhaidhe air adhart am bliadhna.

Tillidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail dhachaigh dhan Òban 11 – 19 Dàmhair 2024, far an do thachair a’ chiad Mòd a-riamh ann an 1892.

Tachraidh farpaisean pìoba inbheach A’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail Disathairne 12 Dàmhair ann an Àrd-sgoil an Òbain, air an cuir air bhonn le An Comunn Gàidhealach agus Comann Farpais nam Pìobairean.

Tha Comann Farpais nam Pìobairean an urra ri iarrtasan farpais nan inbheach agus ceann-latha dùnaidh 5f Diardaoin 22 Lùnastal. Gabhaidh iarrtasan a chuir a-steach an-dràsta air an làrach-lìn aca.

Bidh farpaisean aig ìrean A & Prìomh agus B ann, anns an dà chuid bidh tachartasan Pìobaireachd agus MSR agus bidh feum air ceithir puirt anns gach farpais. Tha tuilleadh fiosrachaidh an seo.

Tha raoin farsainn de dh’fharpaisean agus tachartasan iomaill gu bhith aig Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo. Bidh prìomh fhèis Gàidhlig agus cultar na h-Alba a’ comharradh cànan agus cultar tro cheòl traidiseanta, dràma, litreachas, ealain agus spòrs. Bidh mòran luchd-ciùil agus luchd-ealain air àrd-ùrlar san Òban thairis air naoi làithean.

Thuirt Seumas Greumach, Àrd-oifigear A’ Chomuinn Ghàidhealaich:

“Tha sinn air ar dòigh cò-obrachadh le Comann Farpais nam Pìobairean uair eile an lùib farpais pìoba nan inbheach Mòid an Òbain agus sinn a’ tilleadh dhan Òban, dachaigh eachdraidheil a’ Mhòid.

Tha Earra-Ghàidheal is Bhòid aithnichte ann an dualchas pìobaireachd, agus tha sinn misneachail gum faigh sinn iarrtasan bho na pìobairean as fheàrr an Alba agus air feadh an t-saoghail. Nì sinn fiughair ri farpais air leth teann san Dàmhair le ceòl a bheir togail do luchd-ciùil sa h-uile ginealach. Mholainn gun cuir pìobairean nan iarrtasan farpaiseach a-steach an-dràsta.”

Tha na buidhnean EventScotland, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Riaghaltas na h-Alba, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, BBC ALBA, Alba Chruthachail agus SQA a’ cumail taic ris A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail am bliadhna san Òban.

Tha iarrtasan farpais pìoba nan inbheach Mòid an Òbain a’ dùnadh 5f Diardaoin 22 Lùnastal. Gabhaidh iarrtasan a chuir a-steach an-dràsta air an làrach-lìn aca

Tachraidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail san Òban 11 – 19 Dàmhair 2024. Airson tuilleadh fiosrachaidh, tadhal air ar làrach-lìn.

Tha prògram an iomaill an seo.

« Back to Mòd News List

Prògram Iomall a’ Mhòid air fhoillseachadh!

Published: 01 Jul 2024

Bidh an t-uabhas a’ dol san Òban, dachaigh A’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail, agus Prògram Iomall a’ Mhòid air fhoillseachadh

Tha raoin farsainn cuirmean-chiùil, tachartasan, taisbeanaidhean agus bùthan-obrach air fhoillseachadh a bhios aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail am bliadhna nuair a thilleas an fhèis cliùiteach dhachaigh dhan Òban eadar 11 – 19 Dàmhair 2024.

A’ tilleadh dhan dachaigh eachdraidheil, far an do thachair a’ chiad Mòd ann an 1892, bidh prìomh fhèis Gàidhlig agus cultar na h-Alba a’ comharradh cànan agus cultar tro cheòl traidiseanta, dràma, litreachas, ealain agus spòrs. Bidh mòran luchd-ciùil agus luchd-ealain air àrd-ùrlar san Òban thairis air naoi làithean.

Tha am baile àlainn agus an sgìre ag ullachadh airson an 17mh Mòd Nàiseanta. Chaidh Mòd 2015 a chumail san Òban agus bha e air leth soirbheachail. Tha dùil gum bi na mìltean deth dhaoine a’ tadhal air a’ bhaile an Earra-Ghàidheal gus na sàr fharpaisean agus tachartasan an iomaill a fhrithealadh.

’S iad Tallaichean a’ Chorrain prìomh ionad a’ Mhòid, le tallaichean agus àitean eile air an cleachdadh airson tachartasan cuideachd. Bidh taighean-seinnse an Òbain làn ceòl agus dùil ri seiseanan fad na seachdain.

Bidh gaisgich ionadail: an còmhlan ainmeil Mànran a’ fosgladh le cuirm-chiùil beòthail an Tallaichean a’ Chorran air Dihaoine 11 Dàmhair, a’ tòiseachadh an t-seachdain le stoidhle. Aithnichte gu h-eadar nàiseanta am measg nan còmhlain as cliùitiche an Alba san latha an-diugh, tha iad a’ measgachadh ionnsramaidean traidiseanta agus ùra, an cois òrain Gàidhlig agus Beurla.

Aig deireadh naoi làithean a’ Mhòid, Disathairne 19 Dàmhair, cuiridh Cuirm Crìochnachaidh a’ Mhòid fàilte air Trail West aig Tallaichean a’ Chorrain gus prìomh fhèis chiùil agus cultar a’ dùnadh le brag.

Tillidh cuirm Ar Cànan ’s Ar Ceòl Disathairne 12 Dàmhair: Oidhche air leth de cheòl traidiseanta agus cultar Gàidhlig le tàlant gu leòr bho air feadh Earra-Ghàidheal. Bidh an seinneadair ainmeil Alasdair MacIlleBhàin nar measg còmhla ri tàlant ionadail eile: Buidheann Traidiseanta Àrd-sgoil an Òbain còmhla ri luchd-ciùil Fèis Latharna. A bharrachd air a’ sin bidh pìobairean Àrd-sgoil an Òbain againn agus Còisir Ghàidhlig Makaton ‘Aon Ghuth’ a chleachdas gluasadan Makaton agus iad a’ seinn.

Na caill tachartas le rionnaig nam meadhanan sòisealta agus bèicearachd Coinneach MacLeòid, air a bheil The Hebridean Baker, agus e a’ cuir air bhog leabhar ùr aig Ionad A’ Chreig, Diciadain 16 Dàmhair. Bheir e fhèin agus Pàdruig MacCuidhein, air a bheil The Hebridean Hutter, seachad an cuid sgeulachdan, òrain agus craic aig an tachartas.

Air feadh seachdain a’ Mhòid bidh taisbeanadh air Seasaidh NicLachlainn, a ghabh a’ chiad òran Gàidhlig a chaidh a chlàradh air gramafòn ann an 1899 agus i aithnichte mar ‘Banrighinn Ciùil na h-Alba’. Rugadh Seasaidh san Òban ann an 1866, agus i na prìomh aoigh aig a’ chiad Mòd a-riamh ann an 1892. Dh’fhàs i ainmeil gu h eadar-nàiseanta, agus i a’ seinn dha teaghlaichean rìoghail Eòrpach agus ann an tallaichean consairt air feadh a t-saoghail. Bidh an taisbeanach, a chaidh ullachadh le Màiri Anna NicUalraig agus Priscilla Scott, a sealltainn ceanglan Seasaidh agus a buaidh air A’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail, agus a’ comharrachadh beatha chuideigin air leth a bhuineas dhan Òban.

Bidh tòrr cur-seachadan ann a fhreagras air an òigridh agus teaghlaichean air feadh na seachdain, nam measg Club Lego Gàidhlig, Bookbug Gàidhlig, seiseanan ealain aig Ionad a’ Chreig agus cèilidh thràth-bhliadhnaichean aig Talla Guides. Bidh cuideachd cèilidh teaghlaich aig Tallaichean a’ Chorrain Dimàirt 15 Dàmhair far am bi ceòl, geamannan agus dannsa am pailteas.

Bidh spòrs cuideachd air fàire le farpaisean bhliadhnail Cupa Iomain a’ Mhòid agus Cupa Ball-coise a’ Mhòid air Pàirc A’ Mhòine agus na Glinne Disathairne 12 Dàmhair. ’S cinnteach gum bi farpais teann eadar na sgiobaidhean Gàidhealach as fheàrr agus iad ag iarraidh na duaisean tlachdmhor seo a ghlèidheadh.

Bidh cuideachd Taisbeanadh a’ Mhòid ri taobh Tallaichean a’ Chorrain, anns am bi bùird air am frithealadh le companaidhean agus buidheann bho air feadh na h-Alba a tha taiceil dhan Ghàidhlig.

Tha Prògram Iomall a’ Mhòid na chruinneachadh anns a bheil grunn thachartasan a fhreagras air a h-uile aois air feadh na seachdaine, a bharrachd air na prìomh fharpaisean ainmeil aig a’ Mhòd. Thèid daoine dhan Òban bho air feadh Alba, agus nas fhaide air falbh, gus na farpaisean leithid seinn, bàrdachd, ionnsramaidean, dràma agus Dannsa Gàidhealach a fhrithealadh.

Thuirt Seumas Greumach, Àrd-oifigear A’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Tha Prògram Iomaill Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna a’ freagairt air a h-uile duine, dhaibhsan a tha fileanta sa Ghàidhlig no ga ionnsachadh, no aig a bheil ùidh ann an ceòl, obair-chiùird, eachdraidh, spòrs no dannsa. Tha deagh Mhòdan air a bhith san Òban sna bliadhnaichean a dh’fhalbh agus e na dachaigh eachdraidheil far an robh a’ chiad Mòd a-riamh, agus tha fiughair oirnn tilleadh. Tha e tlachdmhor fhaicinn mar a chumas a’ choimhearsnachd taic ris a’ Mhòd agus cuideachd an fheadhainn a bhios a’ tadhal ri linn. Tha sinn air leth taingeil dhan chomataidh ionadail agus compàirtichean airson an cuid oidhirp gus am bi Mòd na bliadhna-sa cho soirbheachail.”

Thuirt Ceannard Chomhairle Earra-Ghàidheil is Bhòid, Comhairliche Jim Lynch: “Tha sinn air ar dòigh glan fàilte a chuir air a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail san Òban agus tha prògram na bliadhna loma làn tachartasan agus cuir-seachadan – tha rudeigin ann dhan h-uile duine. “Tha Gàidhlig na pàirt cudromach den chultar againn an Earra-Ghàidheal is Bhòid agus tha uallach oirnn fàs a thoirt air a’ chànan. Tha e an còmhnaidh na urram Mòd Nàiseanta a bhith againn agus tha mi cinnteach gum bi Mòd am bliadhna air leth soirbheachail.”

Thuirt Dòmhnall MacGillEathain, Cathraiche, Comataidh Ionadail Mòd 2024: “Sna 9 bliadhna o na bha Mòd Nàiseanta san Òban mu dheireadh, tha coimhearsnachdan Gàidhlig ionadail agus eadar-nàiseanta air mòran atharrachadh fhaicinn. Tha sinn air leth pròiseil nar dualchas Gàidhealach agus a’ coimhead air adhart ri cothroman ar cànan agus ar cultar a bhrosnachadh agus a thoirt gu aire a’ mhòr shluaigh. Tha Mòd an Òbain 2024 ag amas air ar coimhearsnachdan a’ bhrosnachadh agus sinn a’ coimhead air an àm ri teachd dha ar cànan is cultar – agus tha e cho iomchaidh sin a dhèanamh le prògram iomaill cho farsainn agus tarraingeach.”

Thuirt Ceannard, Bòrd na Gàidhlig, Ealasaid Dhòmhnallach: “Tha Bòrd na Gàidhlig a’ dèanamh gàirdeachas prògram de thachartasan tarraingeach fhaicinn air an cur air dòigh airson Mòd an Òbain 2024. Bu chòir meal an naidheachd a chur air sgioba a’ Mhòid airson dèanamh cinnteach gu bheil rudeigin ann a fhreagras air a h-uile duine agus a bhios a’ tarraing farsaingeachd de dh’ fharpaisich agus luchd-tadhail dhan bhaile anns an Dàmhair. Tha cliù aig baile an Òbain airson a bhith a’ cur air adhart cultar na Gàidhlig, gu h-àraidh, nuair a bhios am Mòd air aoigheachd sa bhaile, ‘s tha sinn uile a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ comharrachadh a’ chànain againn aig an Fhèis Nàiseanta chudromach a tha seo.”

Tha na buidhnean Bòrd na Gàidhlig, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, EventScotland, Riaghaltas na h-Alba, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, BBC ALBA, Alba Chruthachail agus SQA a’ cumail taic ris A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail am bliadhna san Òban.

Tachraidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail eadar 11 – 19 Dàmhair 2024 san Òban.

Tha tiogaidean prìomh thachartasan rim faighinn an-diugh an seo.

Tuilleadh fiosrachaidh air ar làrach-lìn.

Chìthear am prògram an seo.

« Back to Mòd News List

Cuairt Ullachaidh Mòd Nàiseanta an Òbain

Published: 24 Jun 2024

Seumas agus Coinneach aig Tallaichean a’ Chorrain
Coinneach agus Seumas aig Tallaichean a’ Chorrain

Chaidh Seumas Greumach agus Coinneach Combe dhan Òban Dihaoine 21d Ògmhios an lùib obair ullachaidh A’ Chomuinn airson Mòd Nàiseanta Rìoghail am bliadhna. Thug iad sùil air tallaichean, slighean caismeachd, agus choinnich iad ri riochdairean Comataidh Mòid an Òbain. Tha obair mhòr ri dhèanamh sna mìosan air thoiseach air Mòd Nàiseanta, eadar prògram a dhealbhachadh, breitheamhan a thrusadh, iarrtasan farpaisich is mòran eile.

Le sin a’ ràdh, cùm sùil air ar làrach-lìn agus meadhanan sòisealta sna làithean a tha romhainn gus an sgaoil sinn fios airson tiogaidean Mòd Nàiseanta an Òbain 2024! Tha fiughair oirnn ur faicinn ann.

« Back to Mòd News List

Bidh Mòdan Nàiseanta Rìoghail 2026 agus 2027 ann an Glaschu agus Na h-Eileanan Siar

Published: 04 Jun 2024

Farpais Chòisearan Sgìreil Mòid 2023
Farpais Chòisearan Sgìreil Mòid 2023

​Chaidh far am bi Mòdan Nàiseanta Rìoghail 2026 agus 2027 fhoillseachadh, le fèis bhliadhnail cànan is cultar na Gàidhlig gu bhith ann an Glaschu ann an 2026 agus an uair sin anns Na Eileanan Siar ann an 2027.

Le dearbhadh gun tachair e an Glaschu eadar 9 – 17 Dàmhair 2026, bidh an cruinneachadh bhliadhnail Gàidhlig as cliùitiche air feadh a bhaile le farpaisean is tachartasan cultarail a fhreagras air a h-uile aois fad na seachdain.

Tha am bhaile aithnichte air sgàth ceangalan làidir ri cànan, cultar agus coimhearsnachd na Gàidhlig, agus tha mòran luchd-ciùil, seinneadairean agus luchd-labhairt na Gàidhlig a bhuineas dha no a’ fuireach san sgìre.

Nuair a bha an tachartas an Glaschu mu dheireadh an 2019, thadhail còrr air 12,000 air a’ bhaile gus am biodh iad an sàs sna tachartasan, a’ sgaoileadh còrr air £3.2 millean dhan eaconamaidh ionadail. Bha 81% dhaibhsan a bha tadhail air Glaschu aig an àm ann gus cultar Albannach a chomharrachadh aig a’ Mhòd.

Tillidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail dha Na h-Eileanan Siar an ceann trì bliadhna airson an seachdamh uair, le tachartasan sna h-eileanan eadar 8 – 16 Dàmhair 2027. Sgìre le dualchas Gàidhlig làidir a th’ ann, le àireamhan ùr an cunntas sluaigh a sealltainn gu bheil an cruinneachadh às a’ cheud nas motha deth luchd-labhairt na Gàidhlig agus 57% aig a bheil sgilean sa chànan am measg an t-sluaigh. Bha am Mòd Nàiseanta Rìoghail mu dheireadh sa sgìre ann an 2016, a’ sgaoileadh £2.4 millean an eaconamaidh na sgìre is a’ cuir fàilte air còrr air 7,500 luchd-tadhail.

Bidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail na àite cruinneachaidh do choimhearsnachdan Gàidhlig às an RA, Èireann, Astràilia, Canada is eile far am bithear a’ comharrachadh an cànan cuide ri ceòl traidiseanta na h-Alba, òrain, dràma, litreachais agus spòrs.

Tachraidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail eadar 11 – 19 Dàmhair 2024 san Òban mus bi e ann an Loch Abar eadar 10 – 18 Dàmhair 2025.

Thuirt Seumas Greumach, Àrd-oifigear A’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Tha sinn air ar dòigh gun till Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a Ghlaschu an 2026 agus dha Na h-Eileanan Siar an 2027. Thachair deagh Mhòdan san dà sgìre mar-thà agus sinn gu math toilichte tilleadh thuca, le dualchas agus eachdraidh Gàidhlig cho làidir, gus an cànan agus cultar a chomharrachadh. Bidh sinn gu math toilichte obrachadh le na comhairlean ionadail agus meuran A’ Chomuinn gus dà thachartas air leth eile a lìbhrigeadh.

Thuirt Ceannard Thachartasan aig Glaschu Beò, Julie Pearson: “’S e deagh naidheachd a th’ ann gun till Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a Ghlaschu an 2026. Tha am baile aithnichte gu h-eadar-nàiseanta mar àite far am faigh tachartasan fàilte agus bha Mòd 2019 an seo gu math soirbheachail, le farpaisich agus luchd-tadhail às gach ceàrnaidh a’ cuir ris an eaconamaidh ionadail.

“Tha sinn a’ coileanadh ar dleastanas Gàidhlig a bhrosnachadh tro chothroman cruthachail (tachartasan agus prògraman ionnsachaidh nam measg) le bhith a’ cuir fàilte air an sàr thachartas a tha an seo. Tha sinn ag aithneachadh cho cudromach ’s a tha e gum bi cothrom dhan fheadhainn aig a bheil agus aig nach eil Gàidhlig a bhith aig cuirmean is eile gus am bi iad an sàs ann an cultar na Gàidhlig, mar sin bidh sinn ro thoilichte fàilte chridheil a chur air an tachartas cliùiteach seo a-rithist san Dàmhair 2026.”

Thuirt Neach-gairm Chomhairle nan Eilean Siar, Coinneach MacLeòid: “Tha a’ Chomhairle air leth taiceil dhan Mhòd Nàiseanta Rìoghail agus mar sin tha sinn fìor thoilichte gum bi am Mòd stèidhichte sna h-Eileanan ann an 2027, a’ tilleadh às dèidh aon bliadhna deug. Mar a tha fios aig a’ mhòr-shluaigh, tha dualchas agus cultar làidir Gàidhlig anns na h-Eileanan an Iar agus thig tuilleadh misneachd dhan chànan mar thoradh air am Mòd a bhith an seo. Bu mhath leam taing mhòr a thoirt do Stiùirichean is Oifigearan a’ Chomuinn Ghàidhealaich airson an taic agus an co-chonaltradh feumail thairis air na mìosan a chaidh seachad agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair gu dlùth còmhla riutha gus lìbhrigeadh a’ Mhòd ann an trì bliadhna.”

Thuirt Cathraiche Comataidh na Gàidhlig, Comhairliche Dòmhnall MacSuain: “’S e naidheachd fìor mhath a tha seo dha na h-Eileanan an Iar agus bidh cothrom ann a bhith taisbeanadh am beairteas tàlant a tha am measg na coimhearsnachd Ghàidhlig, is gu sònraichte am measg an òigridh. Faodaidh iadsan a bhios a’ frithealadh a’ Mhòid a bhith cinnteach gum bi fàilte chridheil romhpa ann an 2027 agus tha mi cinnteach gum bi e soirbheachail dha-rìribh.”

Tha na buidhnean Bòrd na Gàidhlig, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, EventScotland, Riaghaltas na h-Alba, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, BBC ALBA, Alba Chruthachail agus SQA a’ cumail taic ris A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail am bliadhna san Òban.

« Back to Mòd News List

​MÒDAN IONADAIL

Published: 29 May 2024

Bidh a’ chuid as motha de na Mòdan Iondail a’ gabhail àite thairis air na seachdainean a tha romhainn. Tha sinn an dòchas gun teid gu math dhuibh uile! Ma tha sibh a‘ gabhail pàirt aig Mòd Ionadail, nach cuiribh a-steach airson farpaisean Mòd Nàiseanta Rìoghail 2024 cuideachd? Tha fadachd oirnn ur faicinn san Òban san Dàmhair!

Tuilleadh fios an seo.

Clàraibh an seo.

Cuiribh fios thugainn: info@ancomunn.co.uk

« Back to Mòd News List

Buannaichean Buinn Òir Mòid Phàislig air an slighe gu Mòd Chesapeake

Published: 28 May 2024

Iain agus Emma
Iain agus Emma

​Bidh buannaichean Buinn Òir Mòid Nàiseanta Rìoghail 2023 ann am Pàislig, Emma NicLeòid agus Iain MacCarmaig, aig Mòd Chesapeake am Maryland san Lùnastal gus an dàimh làidir Gàidhealach eadar Alba is na Stàitean Aonaichte a chomharrachadh.

An lùib na choisinn iad nuair a bhuannaich iad na Buinn Òir airson seinn, bidh iad nan tosgairean aig an fhèis ionadail, a thachras Disathairne 3mh Lùnastal 2024. Seinnidh iad is bidh iad a’ teagaisg da bhùth obrach, a bharrachd air a bhith aig dìnneir comharrachaidh agus cèilidh air an oidhche.

Tha Mòd Chesapeake, a bhios air a chumail an Sgoil Gàidhlig Bhaile an Taigh Mhòir, a’ comharrachadh clach-mhìle chudromach do cheangalan eadar-nàiseanta A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail, a’ daingneachadh a bhuaidh chruinneil agus ceangalan làidir le coimhearsnachdan anns gach ceàrnaidh.

Bho na chaidh a stèidheachadh ann an 2023, tha na tosgairean agus an turas a’ riochdachadh ath-bheòthachadh ceangalan cultarail eadar dealasaich Gàidhlig Albannaich agus Ameireaganaich, a’ neartachadh càirdeas agus dualchas cumanta, le turas Iain agus Emma tarsainn a’ chuain mar shamhla air na ceangalan a th’ aig coimhearsnachdan Gàidhlig air feadh an t-saoghail.

Chaidh Mòd Chesapeake a stèidheachadh le dà bhuidheann ionadail Sgoil Gàidhlig Bhaile an Taigh Mhòir ann am Baltimore agus Gàidhlig Photomac, iad ann an Washington D.C. agus Virginia a Tuath. Tha Mòdan sgìreil a’ fàs sna Stàitean Aonaichte, le Mòd New York agus Mòd Kentucky cuideachd a’ tòiseachadh ann an 2023 agus tha Mòd Carolina a Tuath agus Mòd Nàiseanta Aimeireagaidh stèidhichte mar-thà.

Aig Mòd Chesapeake bidh cothrom aig feadhainn a bhios an làthair bogadh fhaighinn ann an cànan is cultar Gàidhlig tro shreath bhùithtean obrach ag amas air luchd-tòiseachaidh agus luchd-ionnsachaidh adhartach. Fo stiùir oidean eòlach tha na bùithtean obrach seo nan cothrom eòlas a bharrachd fhaighinn air cultar na Gàidhlig agus sgilean cànain a leasachadh.

Bha Emma NicLèoid, a bhuineas do Scalpaigh o thùs, mar-thà air am Bonn Òir Traidiseanta a bhuannachadh agus nuair a bhuannaich i aig a’ Mhòd an-uiridh choisinn i an dàrna Bonn Òir dhith fhèin leis an t-seinn àlainn aice. Tha Iain MacCarmaig, a bhuineas dhan Eilean Sgitheanach agus a-nis a’ fuireach an Glaschu, ann an teaghlach ainmeil deth bhuannaichean Buinn Òir, ghabh e an aon òrain sa gabh athair o chionn 40 bliadhna nuair a bhuannaich e fhèin am Bonn Òir.

Thuirt Liam Ó Caiside, co-stèidheadair agus breitheamh Mòd Chesapeake, co-eagraiche Gàidhlig Photomac agus Ceann Suidhe An Comunn Gàidhealach Ameireaganach:

“Tha sinn gu math toilichte gun tig Iain agus Emma a-nall dha na Stàitean airson Mòd Chesapeake am bliadhna. Bidh seo an dàrna Mòd ionadail againn anns an sgìre seo – eadar Baltimore, Washington, D.C., agus Virginia a Tuath. Gheibh luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig san sgìre brosnachadh mòr bhon tadhail seo – ’s mòr an onair.

Tha sinn uile aig Mòd Chesapeake air bhioran a bhith ag obair còmhla ris A’ Chomunn Gàidhealach ann an Alba am bliadhna. Togaidh ACG an oidhirp againn gu ìre nas àirde. Tha sinn a’ faighinn taic bhon Chomunn Gàidhealach Ameireaga (ACGA) cuideachd. Tha e cudromach dha na h-oileanaich air an taobh seo coinneachadh ri seinneadairean agus luchd-bruidhinn na Gàidhlig, agus bidh Iain agus Emma nan “tosgairean Gàidhealach.” Ionnsaichidh sinn mòran bhuapa, tha mi cinnteach, agus tha mi ’n dòchas gum faic iad dè cho làidir ’s a tha ùidh anns a’ Ghàidhlig sa cheàrnaidh seo.

Saoilidh mi gun tig feadhainn ann dìreach airson an coinneachadh! Bidh fàilte agus furan air an dithis aca.”

Thuirt Emma NicLeòid: “Tha mi air mo dhòigh a bhith a’ faighinn an cothrom seo a dhol thall thairis gu Mòd Chesapeake mar Tosgaire Gàidhlig, còmhla ri Iain. ’S e urram mòr a th’ ann a bhith a’ siubhal cho fad’ air falbh gus mo ghaol agus mo dhealas airson a’ chànain, cultair agus òrain Ghàidhlig a thaisbeanadh. Tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith a’ coinneachadh ris na daoine a bhios an làthair aig Mòd Chesapeake, gam brosnachadh gus gabhail ris na traidiseanan Gàidhlig, agus ag adhartachadh meas nas doimhne air dualchas na h-Alba.

Tha riochdachadh na Gàidhlig gu h-eadar-nàiseanta na urram agus cuideachd na dhearbhadh air ar dearbh-aithne chultarach. Dè an dòigh as fheàrr air cànan ionnsachadh na tro òrain? Bidh mi a’ tighinn beò aig àm a’ Mhòid agus tha mi a-nise a’ dol gu dhà dhiubh taobh a-staigh dà mhìos – air mo dhòigh!”

Thuirt Iain MacCarmaig: “Tha e na thlachd an cuireadh seo fhaighinn bho An Comunn Gàidhealach Ameireaga (ACGA) agus tha mi gu math moiteil gu bheil mi fhèin, cuide ri Emma, a’ dol a-mach gu Mòd Chesapeake mar thosgairean às leth A’ Chomuinn agus na Gàidhealtachd san fharsaingeachd. Tha am Mòd air pàirt shònraichte a chluich nam bheatha on a bha mi òg, agus tha mi a’ coimhead air adhart ri cothrom fhaighinn ar cànan ’s ar ceòl a thaisbeanadh gu h-eadar-nàiseanta. Tha e gu math cudromach ceangal ri cultar nan Gàidheal a chumail le ar caraidean ’s na Stàitean Aonaichte aig a bheil buntanas ris a’ Ghàidhealtachd, agus ’s cinnteach gum bi tòrr aig a’ Mhòd aig a bheil sinnsearan Gàidhealach. Gu pearsanta, tha mise gu h-àraid a’ coimhead air adhart ri bhith a’ coinneachadh ri cuid aig a bheil ceanglaichean Sgitheanach bho thus! Gura math a thèid do Mhòd Chesapeake!”

Tachraidh an dàrna Mòd Chesapeake bliadhnail aig Àrd-sgoil St. Vincent Pallotti, Maryland, Na Stàitean Aonaichte Disathairne 3mh Lùnastal 2024. Tadhalaibh air làrach-lìn Mhòid Chesapeake airson an tuilleadh fiosrachaidh.

Tachraidh Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna sa 11-19mh Dàmhair san Òban. Tha buidhnean Bòrd na Gàidhlig, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, EventScotland, Riaghaltas na h-Alba, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, BBC ALBA, Alba Chruthachail agus SQA a’ cumail taic ris A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail.

Tuilleadh fiosrachaidh air ar làrach-lìn.

« Back to Mòd News List

​FARPAISEAN IONNSRAMAID

Published: 27 May 2024

Thoiribh suil an seo airson liosta de na farpaisean eadar-dhealaichte a th’ againn dhiubh airson Mòd an Òbain 2024!

Tuilleadh fios an seo.

Clàraibh an seo.

Cuir fios thugainn: info@ancomunn.co.uk

« Back to Mòd News List

​1 SEACHDAIN RI DHOL!

Published: 24 May 2024

​Tha ceann-latha clàraidh Mòd an Òbain 2024 a’ tighinn faisg! A bheil sibh air smaoineachadh air dè na farpaisean a tha sibh airson a dhèanamh? Dè an t-òran tha sibh airson a sheinn? Tha measgachadh de dh’ fharpaisean againn dhuibh. Siuthad sibh, tha Mòd air leth gu bhith againn san Obain!

Tuilleadh fios aig: https://bit.ly/3UxVYjM

Clàraibh an seo: https://enter.ancomunn.co.uk/

Tuilleadh fios: info@ancomunn.co.uk

#mòdanòbain #mòdanòbain2024 #Gàidhlig #Gaelic

« Back to Mòd News List

Luchd-ciùil òga!

Published: 23 May 2024

Ma ’s e neach-ciùil òg a th’ annad, ann an còmhlan-ciùil tràidiseanta, nach gabh sibh pàirt ann an “Cogadh nan Còmhlan” 2024! ’S e cothrom air leth a tha seo do dhaoine òga, na sgilean ciùil aca a thaisbeanadh air an àrd-ùrlar, ann am farpais beò le bhith a’ dol an-aghaidh còmhlain eile!

Gheibh an còmhlan a bhuannaicheas, cothrom ceòl a chlàradh agus a mheasgachadh le companaidh pròifeiseanta, le stiùireadh bho shàr-eòlaichean. Siuthad sibh!

Tuilleadh fios an seo

Clàraibh an seo

Tuilleadh fios: info@ancomunn.co.uk

« Back to Mòd News List

Nas Lugha na Dà Sheachdain Airson Iarrtasan A’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail 2024

Published: 20 May 2024

Fosgladh Mòd Phàislig 2023
Fosgladh Mòid Phàislig 2023

​Ceann-latha a’ teannachadh airson iarrtasan A’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail 2024 san Òban

Tha siostam clàraidh air loidhne do dh’fharpaisich Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna sa a’ dùnadh a dh’aithghearr. Tha aig farpaisich fa leth agus buidhneann a tha ag iarraidh a bhith an sàs ann an tachartas 2024, 11-19mh Dàmhair san Òban, gu meadhan oidhche Dihaoine 31mh Cèitean 2024 gus iarrtasan a chuir a-steach.

Tha tachartas na bliadhna, a’ phrìomh Fhèis na h-Alba a’ comharrachadh cànan ’s cultar na Gàidhlig, air leth cudromach agus e a’ tilleadh don Òban airson an 17mh turas.

Tha an t-Òban aithnichte mar dhachaigh a’ Mhòid, leis An Comunn Gàidhealach, a’ bhuidheann a bhios a’ lìbhrigeadh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail agus Mòdan Ionadail air feadh na h-Alba, air a stèidheachadh sa bhaile ann an 1891. Thachair a’ chiad Mòd a-riamh an ath-bhliadhna sa bhaile ann an Earra-Ghàidheal.

Abair gum bi an Òbain beòthail eadar 11mh agus 19mh Dàmhair eadar tallaichean, taighean-òsta agus sràidean le ceòl, farpaisean, caismeachd, cuirmean, bùthan-obrach agus gu leòr eile.

Gheibhear liosta air a bheil a h-uile farpais ann am Mòd 2024, nam measg: seinn, bàrdachd, ionnsramaideach, dràma agus Dannsa Gàidhealach, ann an Clàran-obrach a’ Mhòid agus gabhaidh iarrtasan a chuir a-steach gu deireadh na mìos an seo.

Thuirt Marina NicAoidh, Oifigear a’ Mhòid aig A’ Chomunn Gàidhealach: “Chan eil ach mu dà sheachdain gus an dùin iarrtasan, mar sin mholainn do dhuine sam bith a tha a’ beachdachadh air farpaisean Mòid iarrtas a chuir a-steach gus am bi iad an sàs ann am Mòd na bliadhna-sa san Òban. Chaidh fàilte a chuir air còrr air 8,000 luchd-tadhail ann am Pàislig an-uiridh aig còrr air 200 tachartas agus sinn an dùil ri barrachd na sin am bliadhna gus ceòl agus cultar na Gàidhlig a chomharrachadh. Cuiridh sinn fàilte air na seinneadairean is luchd-ciùil as fheàrr às gach ceàrnaidh aig a’ Mhòd am bliadhna.”

Tha Bòrd na Gàidhlig, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, EventScotland, Riaghaltas na h-Alba, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, BBC ALBA, Alba Chruthachail agus SQA a’ cumail taic ris A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail.

Tha siostam iarrtais Mòd Nàiseanta 2024 an seo agus clàran-obrach an seo.

« Back to Mòd News List

3 Seachdainean Ri Dhol!

Published: 10 May 2024

​Chan eil ach TRÌ seachdainean air fhàgail airson clàradh airson farpaisean Mòd Nàiseanta na bliadhna seo! Cuimhnichibh gum feumar pìosan fèin-thaghte a chur a-steach ron latha seo cuideachd!

Tha tòrr fharpaisean againn dhuibh; seinn, beul-aithris, còisir, dràma, còmhlain, litreachas, dannsa, ionnsramaid agus mòran eile!

« Back to Mòd News List

4 Seachdain Ri Dhol

Published: 03 May 2024

​Chan eil ach 4 seachdain air fhàgail gus clàradh airson Mòd Nàiseanta Rìoghail 2024!

Tha an siostam clàraidh FOSGAILTE agus gheibhear liosta de na farpaisean agus riaghailtean air ar làrach-lìn.

Cuiribh iarrtasan a-steach an seo.

Ma tha taic sam bith a dhìth oirbh, cuiribh fios thugainn aig àm sam bith air 01463 709 705 no cuiribh post-d gu info@ancomunn.co.uk

4 seachdain ri dhol

« Back to Mòd News List

Gàidhlig Do Ghnìomhachasan An Òbain

Published: 02 May 2024

Beagan Gàidhlig a bhios feumail dhan gnìomhachas agaibh!

Tha Ionad Fuaran agus Mòd an Òbain 2024 air leth toilichte na clasaichean seo a thoirt seachad, ag amas air gnìomhachasan ionadail agus an luchd-obrach aca.

Tha sinn an dòchas gun ionnsaich luchd-obrach a bhios a’ dèiligeadh ris a’ phobaill ag ionnsachadh beagan Gàidhlig ro Mòd Nàiseanta 2024, far am bi na mìltean aig a bheil Gàidhlig aig baile agus a’ cleachdadh gnìomhachasan fad ’s a bhios an t-seachdain a’ dol air adhart.

Bidh na seiseanan, a tha an asgaidh, aig Tallaichean a’ Chorrain, Òban, air na cinn-latha a leanas;

  • 2na Cèitean 7f
  • 9mh Cèitean 12f
  • 16mh Cèitean 7f
  • 23mh Cèitean 12f

Airson tuilleadh fiosrachaidh, agus gus innse gum bi sibh an làthair, thoir sùil air an tachartas Facebook an seo​.

Blasad Gàidhlig Do Ghnìomhachasan An Òbain

« Back to Mòd News List

Ceann-latha Iarrtasan Mòd Nàiseanta 2024 a’ Teannachadh

Published: 04 Apr 2024

​Cuimhnichibh gu feum iarrtasan A’ Mhòid Nàiseanta a bhith a-staigh Dihaoine 31d Cèitean aig a’ char as fhaide!

Clàraich no ùraich iarrtasan an seo.

« Back to Mòd News List

Trèanadh Britheamhachd Màrt 2024

Published: 01 Apr 2024

​Tha An Comunn Gàidhleach air a’ chiad bùth-obrach ann an sreath a chur air dòigh airson airson fiosrachadh a thoirt seachad mu dheidhinn britheamhachd agus clàr obrach a’ Mhòid. Thachair e ann an Taigh-òsta a’ Ghlynhill ann an Rinn Friù, faisg air Pàislig.

Chur sinn fàilte air breitheamhan ùr agus feadhainn a th’ air a bhith a’ cumail taic ris a’ Mhòid fad bliadhnaichean. Bha cothrom aca sùil a thoirt air bhideothan gus am faiceadh iad diofar cho-fharpaisean agus fhuair iad stiùireadh air mar a bheireadh iad seachad comharran gu cothromach. Bha ùine aca bruidhinn ann am buidhnean beaga air carson a rinn iad na co-dhùnaidhean aca.

Bha an trèanadh air leth feumail ann an dàimh ri obair ullachaidh a’ Mhòid. Thèid an ath bhùth-obrach a chumail an Inbhir Nis sna mìosan a tha romhain.

« Back to Mòd News List

Fàilte don sgioba, a Choinnich!

Published: 18 Mar 2024

​Tha An Comunn Gàidhealach air leth toilichte fàilte a chuir air Coinneach Combe mar Oifigear Thachartasan agus Conaltraidh Digiteach.

Tha eòlas farsaing aige air coimhearsnachd na Gàidhlig, coimpiutaireachd agus tachartasan a chuir air bhonn. Am measg na obraichean a bh’ aige roimhe seo tha e air a bhith na oifigear leasachaidh aig Comunn na Gàidhlig agus na thidsear coimpiutaireachd àrd-sgoile. Bha e cuideachd air a’ sgioba a leasaich an app ionnsachaidh agus cultar IndyLan.

A bharrachd air a’ sin tha e gu math dèidheil air seinn agus a’ drumaireachd ann an Còmhlan Pìoba Cill Bhearchain. Mar sin, tha e ro thoilichte tòiseachadh aig A’ Chomunn gus cùisean a’ thoirt air adhart agus a’ Mhòid agus a’ Ghàidhlig a thoirt gu suidheachadh nas treasa sna bliadhnaichean a tha romhainn.

Thòisich Coinneach anns an dreuchd an diugh agus tha an sgioba a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ris.

Fàilte mhòr ort a Choinnich!

« Back to Mòd News List

Coinneamh Bhliadhnail

Published: 11 Mar 2024

​​Thèid Coinneamh Bhliadhnail a’ Chomuinn Ghàidhealaich a chumail air Dihaoine an 15mh den Mhàirt, aig 7f ann an Taigh Òsta a’ Ghlynhill, Pàislig. Tha fàilte chridheil air Buill a’ Chomuinn a thighinn còmhla rinn air an oidhche.

Tha fios air a dhol a-mach gu buill a’ Chomuinn air post-dealain. Mur a d’ fhuair sibh am post-dealan, agus ma tha sibh nur ball, feuch gun dèan sibh cinnteach gu bheil an seòladh post-dealain agaibh anns an siostam againn – tadhlaibh an seo gus dèanamh cinnteach gu bheil e anns a’ chunntas agaibh:
https://enter.ancomunn.co.uk/

Cuiribh fios gu peigi@ancomunn.co.uk airson tuilleadh fiosrachaidh.

« Back to Mòd News List

​​Coinneamh Bhliadhnail

Published: 02 Mar 2023

Thèid Coinneamh Bhliadhnail a’ Chomuinn Ghàidhealaich a chumail air Dihaoine an 17mh den Mhàirt 2023, aig 7.30f ann an Taigh Òsta a’ Ghlynhill, Pàislig. Tha fàilte chridheil air Buill a’ Chomuinn a thighinn còmhla rinn air an oidhche.

Tha fios air a dhol a-mach gu buill a’ Chomuinn air post-dealain. Mur a d’ fhuair sibh am post-dealan, agus ma tha sibh nur ball, feuch gun dèan sibh cinnteach gu bheil an seòladh post-dealain agaibh anns an siostam againn – tadhlaibh an seo gus dèanamh cinnteach gu bheil e anns a’ chunntas agaibh:
https://enter.ancomunn.co.uk/

Cuiribh fios gu peigi@ancomunn.co.uk airson tuilleadh fiosrachaidh.

« Back to Mòd News List

​Clàradh a-nis fosgailte airson farpaisean a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail® 2023 ann am Pàislig

Published: 02 Feb 2023

Tha an siostam inntrigidh air-loidhne do Mhòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo a-nis fosgailte, tha An Comunn Gàidhealach air ainmeachadh. Tha cothrom aig farpaisich a tha airson com-pàirt a
ghabhail ann an tachartas 2023, a tha a’ gabhail àite eadar 13-21 Dàmhair 2023 ann am Pàislig, air an innteartan a chur a-steach suas gu meadhan-oidhche air Diciadain 31 Cèitean 2023.

Chì 2023 prìomh thachartas ciùil is cultair saoghal nan Gàidheal a bhios a’ comharrachadh cànan is cultar na Gàidhlig, a’ tilleadh a Phàislig airson an dàrna turas. Chaidh an tachartas a chumail mu dheireadh sa bhaile o chionn deich bliadhna ann an 2013 agus dhearbh e an uair sin a bhith na àite air an robh fìor mheas am measg chom-pàirtichean agus luchd-èisteachd.

Chunnaic tachartas 2022 na bliadhna an-uiridh a chaidh a chumail ann am Peairt, Mòd làn-sgèile a’ tilleadh an dèidh dà bhliadhna de throimh-chèile, le tachartasan gan cumail air-loidhne agus ann an
cruth tar-chinealach ann an 2020 agus 2021. Bidh Pàislig airson togail air a dhìleab shoirbheachail bhon tachartas ann an 2013, le bhith a’ lìbhrigeadh Mòd air leth eile a’ toirt buaidh dheimhinneach air a’ bhaile agus air a’ chànan san sgìre. Tha dualchas cultarach saidhbhir san sgìre de dhaoine le Gàidhlig a ghluais a Phàislig aig deireadh na 18mh linn agus tràth san 19mh linn a dh’obair ann an gnìomhachas nam muilnean snàith nuair a bha an gnìomhachas soirbheachail.

Am measg na làn liosta de fharpaisean a bhios a’ gabhail àite, bidh roinnean seinn, bàrdachd, ionnsramaidean, dràma agus dannsa Gàidhealach a lorgar ann an clàran-obrach a’ Mhòid aig ancomunn.co.uk/nationalmod/syllabus agus faodar innteartan a chur a-steach aig Innteartan

Tha an eileamaid air-loidhne a’ fuireach na dhòigh air a bheil meas leothasan a tha airson pàirt a ghabhail san tachartas air astar, a’ ceadachadh do fharpaisich an gnìomhaidhean a chur a-steach, a chlàradh agus a luchdachadh suas tron t-siostam dhidseatach. Thèid na farpaisean is gnìomhaidhean air-loidhne a mhòr-thaisbeanadh tro shianalan mheadhanan sòisealta a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail mar phàirt den tachartas san Dàmhair.

Am-bliadhna, chithear an fharpais chliùiteach Cogadh nan Còmhlan a’ tilleadh. Bhuannaich BowReel, an duais an-uiridh airson seisean clàraidh sa Wee Studio ann an Steòrnabhagh.

Taobh a-muigh a’ chlàr-obraich, bidh fàilte air ais ga chur air an fharpais fhèillmhor TikTok agus tachartas Sruth ann am prògram 2023. Is e tachartas a th’ ann an Sruth a tha ag amas air barrachd còmhraidh nàdarra a bhrosnachadh am measg dhaoine òga agus ’s e cothrom air leth a th’ ann airson coinneachadh agus còmhradh le cuid de na h-aodainn as aithnichte ann an saoghal na Gàidhlig. Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu deidhinn nan tachartasan ùra sin aig www.ancomunn.co.uk.

Ann an clàr-obrach nan inbheach, bithear a’ cur fàilte air ais air na farpaisean as ùire mar farpais chòisirean le taic-ciùil a tha ag amas air buidhnean a bhios a’ seinn ann an co-sheirm sa bheil eadar còig agus deich seinneadairean, agus an fharpais ùr aon-neach Farpais CalMac, a tha fosgailte do luchd-ionnsachaidh inbheach.

Ann an tachartas 2023, chithear cuideachd an fharpais ealain fìor shoirbheachail a’ tilleadh, air a co-òrdanachadh le Comunn Gàidhealach Lunnainn a bhios a’ cur mòr-thaic ri obraichean chruthachail
bho air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Gheibh an taisbeanadh aoigheachd sa Briggait, Glaschu ann an co-bhonn ri WASPS, carthannas a tha a’ solarachadh stiuidiothan aig prìs reusanta do luchd-ealain air feadh Alba agus bidh taisbeanadh sònraichte ga fhaicinn bho bhuannaiche na bliadhna an-uiridh, David Page à Muile.

Thuirt Marina NicAoidh, Oifigear a’ Mhòid aig A Chomunn Gidhealach: “Tha mi gu mòr a’ moladh do neach sam bith a tha a’ smaoineachadh air tagradh, dìreach sin a dhèanamh agus an innteart a chur a-steach. Gach bliadhna, tha sinn a’ faicinn a leithid de raon de thàlant am follais agus cha bhi Pàislig 2023 diofraichte. Faodaidh iadsan a tha airson pàirt a ghabhail air astar tagradh a chur a-steach air-loidhne, ga dhèanamh fosgailte do na h-uile. Tha sinn a’ coimhead air adhart ris na th’ ann de thàlant iongantach fhaicinn uile aig tachartas na bliadhna seo.”

Thuirt Seòna NicIllinnein, Àrd-Oifigear, Bòrd na Gàidhlig: “Tha sinn air leth toilichte taic a chur ris a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail uair eile, a tha ga chumail ann am Pàislig 2023. Tha a’ bhuaidh a tha e a’ toirt air meudachadh ann an cleachdadh is adhartachadh na Gàidhlig thar luaich, agus tha a bhuaidh eaconamach gu cunbhalach a’ taisbeanadh cho cudromach ’s a tha Gàidhlig ann an eaconamaidh na h-Alba.”

Thuirt Lorraine Chamshroin, Pròbhaist Siorrachd Rinn Friù: “Tha mi a’ coimhead air adhart ri fàilte a chur air farpaisich agus luchd-tadhail chun na sgìre nuair a thilleas am Mòd Nàiseanta Rìoghail a Phàislig am-bliadhna, deich bliadhna on a bha e air aoigheachd roimhe sa bhaile.

“Tha ullachadh airson Mòd Phàislig gu mòr fo sheòl gus an inbhe as àirde de chultar is dualchas na Gàidhlig a chomharrachadh.”

Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ faotainn taic bho EventScotland, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle Siorrachd Rinn Friù, EventScotland, Riaghaltas na h-Alba, HIE, Caledonian Mac a’ Bhruthainn, BBC ALBA agus SQA.

Bidh Mòd na bliadhna-sa a’ gabhail àite ann am Pàislig bho 13-21 Dàmhair 2023. Airson làn fhiosrachadh mun t-siostam inntrigidh air-loidhne agus clàran-obrach a’ Mhòid 2023, tadhailibh air
ancomunn.co.uk/nationalmod/syllabus agus a thaobh pìosan ainmichte a’ Mhòid 2023, tadhailibh air ancomunn.co.uk/store .

Airson tuilleadh fiosrachaidh, cuiribh fios gu An Comunn Gàidhealach aig info@ancomunn.co.uk no fòn: 01851 703487.

« Back to Mòd News List

Toraidhean

Published: 15 Oct 2022

​Cumaibh suil air an duilleag seo airson toraidhean bho farpaisean na bliadhna seo. Thèid an duilleag seo ùrachadh gach latha.

« Back to Mòd News List

De tha dol?

Published: 15 Oct 2022

​Madainn mhath dhuibh!

Seo na bhios a’ dol an diugh, air a’ chiad latha den Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann am Peairt. Feuch gun tig sibh còmhla rinn!

https://www.horsecross.co.uk/.../the-royal-national-m%C3…

#modpheairt2022 #gaidhlig #gaelic

« Back to Mòd News List

​​FIOSRACHADH FEUMAIL

Published: 15 Oct 2022

Ma tha sibh a’ lorg fios mu dè tha dol, cuin agus ciamar a gheibh sibh ann,
thoiribh sùil air na ceanglaichean gu h-ìosal!

Prògram oifigeil a’ Mhòid: https://bit.ly/3eRfBSv

Iomall a’ Mhòid: bit.ly/3K5ZGvi

Tiocaidean: https://bit.ly/3CsdEnL

Busaichean: https://bit.ly/3T0ABFR

« Back to Mòd News List

Mòd 2022 a’ fosgladh & Tosgaire ùr ga ainmeachadh

Published: 14 Oct 2022

Tha an tachartas cliùiteach nàiseanta a’ tilleadh don Bhaile Bhòidheach airson a’ chiad uair bho 2004

Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ fosgladh a-nochd gu fàilte is furan agus mu 7,500 neach-tadhail a’ tighinn a Pheairt gus tlachd a ghabhail às an raon mhòr de ghnìomhaidhean iongantach agus de ghnìomhachdan cultarach a thathar a’ tabhann thar nan naoi làithean ri teachd.

A’ tilleadh don Bhaile Bhòidheach airson a’ chiad uair ann an ochd bliadhna deug, bidh an tachartas eachdraidheil seo a’ tarraing luchd-leantainn ceòl is cultar na Gàidhlig còmhla uair eile, gus an cànan, an eachdraidh agus àm teachdail nan Gàidheal a chomharrachadh, agus thathar a’ sùileachadh gun toir e togail eaconamach de £1 millean don sgìre sa phròiseas sin.

Gus fosgladh a’ Mhòid chudromaich seo a chomharrachadh, tha luchd-eagrachaidh a’ Mhòid An Comunn Gàidhealach air Tosgaire Gàidhlig na Bliadhna ainmeachadh. Tha an t-urram bliadhnail seo bho Riaghaltas na h-Alba ga bhuileachadh am-bliadhna air Iain Urchadain – preasantair, sgrìobhadair, òraidiche agus na phearsa fhollaiseach sa choimhearsnachd Ghàidhlig.

Tha Mgr Urchadain, a rugadh is thogadh sna Hearadh le Gàidhlig mar chiad chànan, air prògraman rèidio a’ BhBC leithid Caithris na h-Oidhche agus Car mu Chnoc a phreasantadh, agus prògraman TBh leithid Prògraman a’ Mhòid air a’ BhBC, Dòtaman, Brag, Around Scotland, The Ice Cream Van agus Beag air Bheag.

Anns na 1990an, chuir Iain facail Ghàidhlig ri òrain roc do na còmhlain-ciùil 101 agus Mise Mise. Bha e a’ frithealadh mar Mhinistear Eaglais na h-Alba airson dà bhliadhna dheug agus dh’eadar-theangaich e mòran artaigilean, leabhraichean agus laoidhean Beurla gu Gàidhlig. Bha e cuideachd na phàirt den sgioba a dh’eadar-theangaich an Tiomnadh Nuadh bho Ghreugais gu Gàidhlig.

Mar ùghdar agus mar bhàrd cliùiteach, bhuannaich e Duais Dhòmhnaill Meek leis a’ chiad chruinneachadh bàrdachd aige, Turas, agus bha e air a’ gheàrr-liosta airson duais sgrìobhainnean
neo-fhoillsichte aig na Duaisean Litreachais air an ruith le Comhairle nan Leabhraichean, airson an dàrna cruinneachaidh aige, Ceum. Tha Mgr Urchadain gu làithreach na òraidiche aig Sabhal Mòr Ostaig agus bidh e a’ preasantadh podcastan SpeakGaelic.

Is e Mgr Urchadain an 14mh neach a fhuair an duais chliùiteach seo le taic bho Riaghaltas na h-Alba, gus aithne a thoirt do agus tabhartasan sònraichte a thaobh cànan is cultar na Gàidhlig a chomharrachadh.

Thuirt Iain Urchadain: “ ’S e fìor urram a th’ ann Tosgaire Gàidhlig na Bliadhna fhaighinn, agus tha mi air leth toilichte a’ choimhearsnachd Ghàidhlig a riochdachadh. ’S e Gàidhlig mo chiad chànan agus tha mi air a bhith ag obair ann am foghlam agus fèisteas do na Gàidheil fad còrr air 30 bliadhna, mar sin tha e a’ dèanamh an urraim seo fiù nas speisealta.”

Tha 2022 cuideachd a’ faicinn A’ Chomuinn a’ cur duais ùr air bhog. Tha Caraidean a’ Mhòid a’ tuigsinn na h-obrach a tha a leithid de dhaoine air a dhèanamh, agus a’ leantainn air adhart a’ dèanamh, gus dèanamh cinnteach gum fuirich spiorad na Gàidhlig beò. Bidh suas ri ceathrar luchd-faighinn a’ dol a-steach do Thalla Cliù Caraid a’ Mhòid gach bliadhna, air an taghadh airson na chuir iad ri coimhearsnachd, ceòl agus cànan. Is iad a’ chiad ceithir taghaidhean Anna NicLeòid, an Gàidheal aithnichte Freddie MacCoinnich, Marlene Yule bho Chòisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain agus an taoitear Gàidhlig, Christine NicIain.

Bidh am feasgar seo a’ cur a dhol prògram aoibhneach a’ Mhòid de ghnìomhaidhean is fharpaisean le Caismeachd Lòchranach air a stiùireadh le Còmhlan Pìoba Shrath Athaill agus Còmhlan Pìoba Sgìre Pheairt a’ fàgail bho Àrd-Shràid Pheairt aig 6.30f.

Chithear aig an t-seirbheis fhosglaidh chatharra, an seinneadair cliùiteach à Siorrachd Pheairt, Mairead Bennett, a’ lìbhrigeadh òraid dhealasach mar fhosgladh oifigeil a’ Mhòid, agus Cuirm-chiùil an Fhosglaidh a’ cur nan tachartasan ciùil air bhog le stoidhle ann an Talla Consairt Pheairt aig 7.30f. Bidh cuid den tàlant as fheàrr ann an saoghal nan Gàidheal, a’ gabhail a-steach nan seinneadairean Màiri NicAonghais, Art MacCarmaig, Ceitlin Lilidh agus Darren MacIlleathain, a’ tighinn còmhla le còmhlan-ciùil fo stiùir luchd-ciùil Mànran agus preasantairean a’ BhBC Gary Innes agus Eoghann MacEunraig.

Thar nan naoi làithean às dèidh sin, bidh an fhèis a’ cothlamadh clàr eadar-mheasgte de fharpaisean brosnachail beò agus consairtean air an iomall, a thuilleadh air clàr de ghnìomhaidhean air-loidhne a bhios rin craoladh fad na seachdaine, le timcheall air 2,000 neach-ciùil is com-pàirtiche a’ lìonadh còrr air 14 ionadan-cruinneachaidh air feadh a’ bhaile.

Am measg nam prìomh thachartasan, bidh farpais chrìochnachaidh Bonn Òir a’ Chomuinn Ghàidhealaich air Diciadain 19 Dàmhair agus farpais chrìochnachaidh Bonn Òir an t-Seann Nòis air Diardaoin 20 Dàmhair. Bidh Farpaisean nan Còisirean Dùthchail agus Farpaisean nan Còisirean Sgìreil a’ tilleadh cuideachd air Diardaoin agus Dihaoine an ath-sheachdain.

Thuirt Seumas Greumach, Àrd-Oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Tha sinn air leth toilichte fàilte a chur air seann chàirdean agus càirdean ùra chun a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail ann am Peairt. Tha eachdraidh aig a’ Ghàidhlig ann an Siorrachd Pheairt agus mar sin tha sinn air ar dòigh a bhith air ais ann am Peairt airson a’ chiad Mhòd sa bhaile bho 2004.

“Tha buannachdan cultarach agus eaconamach a’ Mhòid fad-ruigsinneach, agus thar nan naoi làithean ri teachd bidh sinn a’ coimhead gum bi adhartachadh eadar-nàiseanta na Gàidhlig agus
baile aoigheachd Pheairt a’ toirt buaidh dheimhinneach air a’ ghnìomhachas turasachd is aoigheachd ionadail, agus gu sònraichte a’ togail spiorad dhaoine coinneachadh a-rithist agus dàimhean ath-ùrachadh.

“Tha a’ Chaismeachd Lòchranach agus a’ Chuirm Fhosglaidh le chèile nan dòigh fhoirfe air an tachartas a chur air bhonn le toileachas, agus tha sinn a’ dèanamh fiughar ris gach neach a bhith a’ gabhail tlachd às a’ chlàr bheairteach de thachartasan, farpaisean agus cuirmean-ciùil a tha sinn a’ tabhann am-bliadhna.”

Thuirt Rùnaire an Fhoghlaim Shirley-Anne Somerville: “’S e fìor urram a th’ air a bhith ann comharrachadh am Mòd Nàiseanta Rìoghail a bhith a’ tilleadh a Pheairt.

“’S e seo sàr fhèis na h-Alba son a bhith a’ comharrachadh a dualchas cultarail is cànanach Gàidhlig. Tha am Mòd cuideachd a’ tabhann cothrom bliadhnail son Gàidheil is feadhainn gun Ghàidhlig cruinneachadh gus comharrachadh aon de phrìomh phàirtean fèin-aithne na h-Alba.

“Tha tachartasan den t-seòrsa seo a’ cur am follais carson a bu chòir dhuinn leantainn oirnn a’ toirt taic don Ghàidhlig is aithneachadh luach cultarail, eaconamach is sòisealta a’ chànain
do dh’Alba gu lèir.”

Thuirt Stiùiriche Comhairle Pheairt is Cheann Rois, An Comhairliche Grant Laing: “Tha sinn air leth toilichte gu bheil am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ tilleadh a Pheairt gus Gàidhlig a chomharrachadh ann an iomadach dòigh. Tha sinn air a bhith ag ullachadh airson fàilte a chur air luchd-tadhail gu Peairt agus Siorrachd Pheairt bho fhad’ is farsaing, agus tha sinn an dòchas gum bi fèis mhìorbhaileach aig gach com-pàirtiche anns na prìomh fharpaisean agus sna tachartasan air an Iomall.”

Thuirt Pòl Bush OBE, Stiùiriche Thachartasan VisitScotland: “Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail air a bhith an-còmhnaidh na àrd-ùrlar foirfe airson cultar agus cruthachalachd na Gàidhlig adhartachadh tro cheòl, dràma agus barrachd agus tha EventScotland fìor thoilichte leantainn air adhart a’ cur taic ris an tachartas ann an 2022. A’ fosgladh a-nochd le caismeachd lòchranach mhìorbhaileach, agus le ealain agus luchd-ealain air an riochdachadh sa phrògram loma-làn airson a’ chiad uair, tha mise co-dhiù a’ coimhead air adhart ris a’ Mhòd a’ tilleadh a Pheairt airson a’
chiad uair ann an 18 bliadhna.”

Thuirt Seòna NicIllinnein, Ceannard, Bòrd na Gàidhlig: “Tha sinn fìor thoilichte taic a chur ris a’ Mhòd am-bliadhna ann am Peairt. Tha am Mòd an-còmhnaidh na shubhachas mòr às leth cànan is cultar na Gàidhlig, a’ toirt seachad chothroman air a’ chànan a chleachdadh ann an raon farsaing de thachartasan. Tha e cuideachd a’ cur ri faireachdainn de shunnd, gu h-àraid tro bhith a’ tarraing seann charaidean is caraidean ùra còmhla an dèidh bliadhnaichean a bha glè dhùbhlanach. Tha sinn a’ cur fàilte air subhachasan uile às leth na Gàidhlig agus a cultar, agus tha mi cinnteach gum bi Peaairt na àite-cruinneachaidh air leth a-rithist am-bliadhna.”

Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ faotainn taic bho Bhòrd na Gàidhlig, Comhairle Pheairt is Cheann Rois, EventScotland, Riaghaltas na h-Alba, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn agus SQA.

Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ ruith ann am Peairt gu Disathairne 22 Dàmhair. Tha tuilleadh fiosrachaidh ri fhaotainn aig www.ancomunn.co.uk. Tha tiogaidean rim faotainn le an ceannach bho oifis Ealain Horsecross aig www.horsecross.co.uk.

« Back to Mòd News List

Busaichean ann am Peairt

Published: 13 Oct 2022

Gheibhear fiosrachadh gu h-ìosal mu busaichean agus àiteachan airson pairceadh ann am Peairt thairis air seachdain a’ Mhòid.

Map of car parking - Perth & Kinross Council (pkc.gov.uk) – Interactive Map
Parking in Perth City Centre - Perth & Kinross Council (pkc.gov.uk) – Rates and Locations in Perth City Centre
Perth Park&Ride (Broxden) - Perth & Kinross Council (pkc.gov.uk) – Broxden Roundabout Park and Ride (72 hours free)
Maps | Stagecoach (stagecoachbus.com) – Interactive map of live buses in Perth run by Stagecoach

« Back to Mòd News List

​SRUTH – BUAINIDH AON FHACAL CEUD

Published: 22 Sep 2022

​SRUTH – BUAINIDH AON FHACAL CEUD

*Sgoilearan aois bun-sgoile & àrd-sgoile*

Talla Chonsairt Pheairt
Dil. 17mh luchd-ionnsachaidh
Dim. 18mh fileantaich
10.00 – 15.00

Cothrom air leth airson coinneachadh ri feadhainn de na rionnagan as cliùitiche ann an saoghal na Gàidhlig agus beagan còmhraidh a dhèanamh leotha, nam measg:

Calum MacIlleathain (Dhan Uisge)
Ruairidh Greumach (Niteworks)
Lauren NicFheargais (TikTok)
Claire Frances NicNèill (CBeebies)

Tha seo fosgailte do dh’fhileantaich agus luchd-ionnsachaidh anns a’ bhun-sgoil agus an àrd-sgoil.

Ma tha ùidh agaibh a bhith mar phàirt den tachartas ùr seo, cuiribh fios gu rowan@ancomunn.co.uk

« Back to Mòd News List

Tiocaidean & Prògram Iomall a' Mhòid ri Fhaotainn!

Published: 19 Aug 2022

​​‘S e Dihaoine a th’ ann agus abair deagh naidheachd a th’ againn dhuibh! Chan eil ach 56 làithean air fhagail gus an toisich am Mòd Nàiseanta Rìoghail ann am Peairt am bliadhna agus faodar tiocaidean a cheannachd a-nis airson na prìomh chuirmean-ciùil agus tachartasan a thèid an cumail tro sheachdain a’ Mhòid!

Chithear prògram dheth na prìomh thachartasan an seo https://bit.ly/3K5ZGvi agus gheibhear tiocaidean bho Horsecross an seo https://www.horsecross.co.uk/.../the-royal-national-m%c3%b2d air neo bho Box Office Horsecross tro bhith a’ fònadh 01738 621031.

Bidh prògram slàn airson iomall a’ Mhòid ri fhaotainn a dh’aithghearr.

« Back to Mòd News List

An Roghainn - atharrachadh

Published: 16 Aug 2022

C107

District Ladies - An Roghainn
Bars 77/78 - change to the 2nd Soprano Line:
The minim notes G, Ab, Bb (mi fa so) currently the same as the Alto 1 line should be Bb, C, D (so, la, ti) to make them each a 3rd above the Alto 1 line.

« Back to Mòd News List

Atharrachaidhean ri Earrainnean Mòd Nàiseanta Rìoghail 2022

Published: 01 Mar 2022

​Bithibh mothachail gu bheil sinn air atharrachaidhean fhoillseachadh airson na farpaisean a leanas:

Competition C104 - Lovat and Tullibardine: Eilean na h-Òige

Competition C106 - District Puirt-à-beul: Chuirinn Mo Bhalachan, Faca Sibh Màiri Nigh’n

Competition C101 - Rural Choirs - Sheriff MacMaster: Soraidh Alasdair, Bainne nan Gobhar .

Gheibhear tuilleadh fiosrachadh mu na h-atharraidhean seo AN SEO.

Thèid atharrachaidhean ri Earrainnean Mòd Nàiseanta Rìoghail 2022 a chlàradh air an larach-lìn againn agus anns a’ chuairt-litir anns na mìosan a tha romhainn.

Ma tha ceist sam bith agaibh, cuiribh fios gu info@ancomunn.co.uk no cuiribh fòn thugainn air 01463 709 705.

« Back to Mòd News List

Clàran-eagair agus pìosan ainmichte ​Mòd 2022 gam foillseachadh

Published: 03 Dec 2021

Tha e na thlachd don Chomunn Ghàidhealach clàran-eagair farpaisean agus pìosan ainmichte Mòd Pheairt 2022 fhoillseachadh. Bidh Mòd Pheairt a’ dol eadar an 14mh agus an 22mh den Dàmhair 2022, nuair a thilleas am Mòd chun a’ bhaile airson a’ chiad uair bho 2004.

Rinneadh ath-sgrùdadh agus co-chomhairleachadh nas tràithe am bliadhna le buidheann-obrach agus com-pàirteachaidh, ‘s thathas air farpaisean ùra a chur ri clàr-fharpaisean na cloinne. Nam measg tha ‘Cogadh nan Còmhlan’ neo ‘Battle of the Bands’ agus farpais tro mheadhain ‘Tik Tok’ ann an roinn nam meadhanan. Bidh dreach ùr air farpaisean còmhraidh, ann an oidhirp còmhradh nas nàdarraiche a bhrosnachadh a-measg an òigridh. Thèid tuilleadh fiosrachaidh fhoillseachadh mun seo ann an ùine gun a bhith fada.

Tha farpaisean ùra ann an clàran-eagair nan inbheach cuideachd. Nam measg, farpais ùr do chòisirean le taic ciùil, farpais a bhios ag amas air co-sheirm do bhuidhnean le eadar 5 agus 10
seinneadairean. Bidh farpais ùr fon ainm ‘The CalMac Competition’ fosgailte do sheinneadairean aon-neach, ann an roinn an luchd-ionnsachaidh.

Bha Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna sa ann an Inbhir Nis na cheum gu math cudromach a thaobh slighe air ais gu Mòd gu tur ‘àbhaisteach’ ann am Peairt an ath-bhliadhna. Chaidh Mòd soirbheachail a lìbhrigeadh air loidhne ann an 2020, mar thoradh air COVID-19 agus chaidh Mòd Inbhir Nis a chumail an dà chuid ann an dà-rìreabh aig Talla Cluiche Chùirt an Aodainn agus air loidhne. Tha sinn toilichte innse gum bi farpaisean air loidhne nam pàirt de Mhòd Pheairt 2022 cuideachd. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu na roinnnean eadar-dhealaichte air a’ chlàr-eagair, tro làrach-lìon a’ Chomuinn.

Tha e cuideachd na thlachd don Chomunn foillseachadh gu bheilear air a bhith ag obair ann an co-bhuinn le Comunn Fharpais nam Pìobairean airson farpaisean do dh’ inbhich eadar ìrean A,
Premier agus B. Bidh Pìobaireachd, Caismeachd, Strathspèidh agus Ruidhle nam pàirt de na farpaisean seo. ‘S iad Comunn Farpais nam Pìobairean a bhios a’ dèiligeadh ri iarrtasan airson nam farpaisean seo tron làrach-lìon aca. ‘S e ceithir port a bhios riatanach anns gach farpais. Airson tuilleadh fiosrachaidh, cuiribh brath gu rùnaire Comunn Farpais nam Pìobairean aig: cpa_sec@yahoo.co.uk.

Bu mhath leinn cur an cuimhne dhaoine gum bu chòir fuinn nam pìosan ciùil ainmichte a sheinn mar a tha iad sgrìobhte. Ach, gu faodar ruitheam nam pongan-ciùil a ghabhail a-rèir na Gàidhlig agus dual-chainnt. Tha an t-atharrachadh seo ag amas air cothrom a thoirt do dh’ fharpaisich an dreach fhèin a thoirt air na h-òrain agus a bhith nas cruthachaile.

Mar phàirt de na h-atharrachaidhean, tha cruth eadar-dhealaichte air farpaisean na cloinne. ‘S ann stèidhichte air a’ chlas a bhios pàistean aig àm a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail a bhios cuid de na farpaisean. Thathas air mìneachadh as ùire a dhealbhachadh a thaobh fileantas do sgoiltean neo aonadan tro mheadhan na Gàidhlig. Tha stiùireadh a thaobh nan clàran-eagar ùr airson teaghlaichean, sgoiltean agus pàrantan cuideachd ga fhoillseachadh, feuch tuilleadh fiosrachaidh agus taice a thoirt do dh’ fharpisich. Gheibhear seo aig www.ancomunn.co.uk

Gheibhear cuideachd na clàran-eagair aig www.ancomunn.co.uk agus na pìosan ainmichte gu lèir airson Mòd 2022 aig www.ancomunn.co.uk/store. Airson tuilleadh fiosrachaidh, cuiribh fios gu info@ancomunn.co.uk. Neo air a fòn- 01851 703487.

« Back to Mòd News List

Diciadain a' Mhòid

Published: 13 Oct 2021

​Diciadain mu thràth?! Seo na bhios a’ dol an diugh aig Mòd Inbhir Nis. Nach tig sibh còmhla rinn!

Eden Court Tickets: https://eden-court.co.uk

Online: https://myplayer.uk/mod

#Mòd2021 #YCW2021

« Back to Mòd News List

Disathairne aig a' Mhod

Published: 08 Oct 2021

​​Seo na bhios a’ dol an diugh aig Mòd Nàiseanta Rìoghail Inbhir Nis.

Tiocaidean Cuirt Eden: https://eden-court.co.uk/event/mòd-nàiseanta-rìoghail-2021-royal-national-mod-2021

Tiocaidean airson tachartasan air-loidhne: https://myplayer.uk/mod

Prògram an seo: https://edition.pagesuite-professional.co.uk//launch.aspx?pbid=16c844be-71dc-4d03-9d73-d6025d482fa0

« Back to Mòd News List

Fosgladh a' Mhoid

Published: 08 Oct 2021

​Thèid Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo fhosgladh gu h-oifigeil A-NOCHD ann an Inbhir Nis!

Feuch gun tig sibh còmhla rinn gu Cùirt Eden aig 19.30!

Faodaidh sibh a choimhead air-loidhne cuideachd.

Eden Court Tickets: https://eden-court.co.uk/event/mòd-nàiseanta-rìoghail-2021-royal-national-mod-2021

Live-stream Tickets: https://myplayer.uk/mod

Prògram an seo | Programme here:

https://edition.pagesuite-professional.co.uk//launch.aspx?pbid=16c844be-71dc-4d03-9d73-d6025d482fa0

« Back to Mòd News List

​PRÒGRAM A’ MHÒID AN SEO!

Published: 24 Sep 2021

Seo agaibh Prògram oifigeil Mòd Nàiseanta Rìoghail 2021! Gheibhear liosta de na farpaisean agus na tachartasan, a thèid a chumail ann an Cùirt Eden agus air-loidhne thairis air seachdain a’ Mhòid.

Tha ticeadan airson farpaisean Cùirt Eden rin ceannach aig: https://eden-court.co.uk/event/mòd-nàiseanta-rìoghail-2021-royal-national-mod-2021

Thèid cuid de na prìomh thachartasan a chumail air-loidhne cuideachd. ‘S urrainnear ticeadan airson seo a cheannach aig: https://myplayer.uk/mod

Bidh prògram slàn ri cheannach bho www.ancomunn.co.uk agus bho Cùirt Eden anns na làithean a tha romhainn cuideachd no cuiribh fòn thugainn air 01851 703 487.

Siuthad sibh, thigibh còmhla rinn airson seachdain air leth aig Mòd Inbhir Nis 2021!

#Mòd2021 #YCW2021

Prògram an seo | Programme here:

« Back to Mòd News List

ROYAL NATIONAL MÒD 2021 IN INVERNESS TO HOST PRESTIGIOUS MEDAL COMPETITIONS

Published: 01 Jun 2021

​Tha An Comunn Gàidhealach air clàran-eagair fhoillseachadh airson Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna-sa, a bhios a’ dol air adhart ann an cruth air loidhne agus ann an da-rìreabh gu ìre, an 8mh chun an 16mh den Dàmhair. Bheir an clàr-eagair air loidhne, a tha glè choltach ri Mòd air loidhne 2020, cothrom do dhaoine pàirt a ghabhail ann an cruth bhideo. Thathas air farsaingeachd a bharrachd de dh’aoisean agus farpaisean a chur ri Mòd air loidhne na bliadhna-sa ann an oidhirp toirt air na h-uimhir de dhaoine ‘s a ghabhas pàirt a ghabhail.

Bidh grunn fharpaisean seinn aon-neach air an cumail aghaidh ri aghaidh, ann an Eden Court. Nam measg Bonn Òr a’ Chomuinn, Bonn Òr an t-Seann Nòis agus an Aigeallan Airgead. Thèid beagan de phrìomh fharpaisean na cloinne a chumail cuideachd - nam measg buinn Sheumais C Mhic a’ Phì, Buinn airgead a’ Chomuinn agus farpaisean seann nòs.

Tha na clàran-eagair rim faotainn air an làrach-lìn againn, An Comunn Gàidhealach - Royal National Mod : Mòd Air Loidhne

Bidh cuirmean cuideachd nam pàirt de Mhòd na bliadhna-sa, a’ taisbeanadh cuid den luchd-ciùil as aithnichte ‘s a tha ann an ceòl traidiseanta air a’ Ghàidhealtachd. Bidh am fìdhlear ainmeal Lauren NicColla, a’ taisbeanadh ceòl a rinneadh a dh’aona-ghnothaich airson Bliadhna nan Costaichean is Uisgeachan na h-Alba. Chaidh seo a chur dheth an uiridh mar thoireadh air Covid. Bidh cuirm shònraichte ‘Ar Cànan ‘s ar Ceòl’ a’ toirt sealladh air an uimhir de thàlant ‘s a tha air a’ Ghàidhealtachd. Mar fhreagairt air dùbhlain a’ chòrona-bhìoras a thaobh bacaidhean air àireamhan luchd-amharc, thathas an dòchas na cuirmean seo a chraoladh air loidhne cuideachd gus am faigh daoine air feadh an t-saoghail cothrom a bhith anns an èisteachd.

Ged nach bi farpaisean nan còisirean ann am bliadhna, ri linn ‘s nach eil iad a’ faighinn a’ chothrom tighinn còmhla mar as àbhaist, tha An Comunn Gàidhealach a’ cumail conaltradh riutha tro mheadhain Comunn nan Còisir. Thathas ag obair air ciamar a ghabhas cuirm beò a chumail ann an Inbhir Nis a bhios a’comharrachadh seinn agus ceòl nan còisir. Tha planaichean airson seo aig ìre thràth agus tha còmhraidhean a’
leantainn.

Thuirt Àrd-Oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich Seumas Greumach, “Tha sinn mothachail air na dùbhlain a tha fhathast mu ar coinneamh a thaobh a’ choròna-bhìoras, ach tha sinn beò an dòchas gum faigh farpaisich agus luchd-amharc cothrom air farpaisean agus cuirmean aghaidh ri aghaidh ann an Inbhir Nis am bliadhna, a dh’ aindeoin nach ann sa chruth àbhaisteach a thachras sin. Tha e na thlachd gu bheil sinn air chomas cruth Mòd air-loidhne a chumail, gus cothrom a thoirt do dhaoine air feadh an t-saoghail pàirt a ghabhail.

Tha sinn air a bhith ag obair gu dlùth le ar co-obraichean aig Eden Court a thaobh cruth nam farpais agus nan cuirm. Tha sinn a’ dèanamh fiughar ri dearbhadh de ghabhas dèanamh am bliadhna ann an Inbhir Nis. Tha sinn cuideachd gu mòr an comain ar luchd-maoineachaidh agus ar buidhnean taic. Bu mhath leinn taing a thoirt do cheannardan agus oifigearan Chomhairle na Gàidhealtachd airson taic a thoirt dhuinn agus airson fàilte a thoirt don Mhòid Nàiseanta Rìoghail a dh’ Inbhir Nis.

Thuirt Calum Rothach, Cathraiche Comtataidh na Gàidhlig, Comhairle na Gàidhealtachd, “Tha mi toilichte dha-rìribh gun tèid am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chumail ann am prìomh-bhaile na Gàidhealtachd ‘s bidh taic Comhairle na Gàidhealtachd deatamach ann a bhith ga dhèanamh soribheachail. Tha buaidh chànanch, chultaral agus eaconomach a’ Mhòid cudromach do bhaile Inbhir Nis agus sgìre na Gàidhealtachd, gu seach àraid aig an am seo.

Bidh sinn a’cumail ri riaghailtean agus comhairle oifigeil a tha a’ bunntainn ri Covid, mar sin, thèid am Mòd air adhart ann an cruth digiteach agus ann an dà-rìribh.

‘S e cothrom math a th’ann do dhaoine pàirt a ghabhail anns an tachartas an darna cuid air loidhne neo ann an Inbhir Nis fhèin.

Tha An Comunn Gàidhealach a’ leanntainn air adhart leis a’mhodal seo ri linn Covid ‘s bithear a’toirt cothrom do luchd-èisteachd air feadh an t-saoghail coimhead air tachartasan agus pàirt a ghabhail ann am Mòd na bliadhna sa.

Bu mhath leam cuideachd dèanamh soilleir gum faigh Inbhir Nis agus sgìre na Gàidhealtachd deagh fhoillseachadh air feadh an t-saoghail le luchd-èisteachd is luchd-amharc a’coimhead air a’ Mhòd, a’sanasachd na sgìre mar “dachaigh” airson na Gàidhlig agus an cultar.

Bu mhath leam taing a thoirt don Chomunn Ghàidhealach, do Bhuidhean-Eagrachaidh a’ Mhòid agus do na com-pàirtichean air fad. ‘S e àm gu math dùbhlannach a th’ann an-dràsta do bhuidhnean tachartais a tha a’ feuchainn ri tachartasan culturach a chur air adhart. Mar sin, tha mi a’guidhe gach soribheas don Chomunn Ghàidhealach le Mòd na bliadhna sa.”

’S i An Comunn Gàidhealach aon de na Prìomh Buidhnean Lìbhrigidh aig Bòrd na Gàidhlig agus thuirt Shona NicIllinnein, Ceannard na buidhne:

“Tha sinn a’ cur fàilte air an naidheachd gun tèid cuid de na farpaisean air adhart am-bliadhna ann an Inbhir Nis is gum bi an cothrom aig coimhearsnachd na Gàidhlig a thighinn còmhla uair eile. Tha a’ bhuidheann air a bhith a’ dèiligeadh le suidheachadh Covid gu proifeasanta is iomchaidh agus tha sinn a’ moladh a’ Chomuinn airson an cuid saothair thairis air a’ bhliadhna dhuilich a dh’fhalbh.”

Thèid làn phrògram de thachartasan fhoillseachadh nuair a thèid cùisean a dhearbhadh gu h-iomlan agus gu bheil planaichean air tighinn gu ceann.

« Back to Mòd News List

​MÒD NÀISEANTA RÌOGHAIL 2021 GU BHITH EADAR-DHEALAICHTE!

Published: 27 Apr 2021

Tha An Comunn Gàidhealach, buidheann-deasachaidh a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail, air dearbhadh gum bheil dùil an tachartas a chur air adhart ann an Inbhir Nis eadar 8 agus 16 an Dàmhair am-bliadhna, agus gum bheil obair-deasachaidh air tòiseachadh air cruth na cuirme.

Ri linn na mì-chinnt a tha riaghailtean Covid19 a’ cur air cruinneachaidhean den t-seòrsa tha an luchd-deasachaidh air nochdadh gum bi dreach eadar-dhealaichte air Mòd na bliadhna seo, le barrachd cruth taisbeanaidh subhachais agus nas lugha de dh’fharpaisean air chomas.

Thuirt Àrd-Oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich, Seumas Greumach, “ ’S e dùbhlan a th’ ann clàr-tachartais a dheasachadh far am bheil riaghailtean pandemic a’ cuingealachadh chùisean cho mòr, agus gun chinnt air dè dh’fhaodadh tachairt eadar seo agus an Dàmhair. Ach tha sinn ag obair gu dlùth le ar buidhnean co-phàirte ag amas air clàr-tachartais a bhios innleachdach agus tarraingeach. Tachartas a chuireas ri inbhe na Gàidhlig is a bheir toileachas dha luchd-amhairc is èisteachd, agus aig an aon àm a dh’fhoillsicheas prìomh bhaile na Gàidhealtachd feadh an t-saoghail. Bidh dùil againn togail air na dh’fhoghlam sinn bhon Mhòd Air-loidhne a dh’fhoillsich sinn ann an 2020, agus a bha cho soirbheachail, nuair a b’ fheudar Mòd àbhaisteach a chur dheth air sgàth a’ chorònabhìorais.

“Le mothachadh gum feum an clàr a bhith sùbailte gu leòr gus an tèid aige air aomadh ma choinneamh atharraichean a dh’fhaodadh tighinn, tha obair-deasachaidh dìreach air tòiseachadh agus tha sinn
an dùil barrachd fiosrachaidh fhoillseachadh deireadh a’ Chèitein. Aig an ìre seo tha sinn airson innse dha caraidean a’ Mhòid anns gach àite gum bheil cuirm gu bhith ann am-bliadhna, agus gum bi cothrom aca taic a chur ris na bhios a’ tachairt.

“Dh’iarrainn taing a thoirt dha Bòrd na Gàidhlig, Riaghaltas na h-Alba, agus Comhairle na Gàidhealtachd airson an cuid taice leantainnich tro na h-amannan dùbhlanach seo, agus cuideachd buidhnean-goistidheachd a’ Mhòid bhon roinn phrìobhaideach.”

« Back to Mòd News List

Cuirm Feasgair Disathairne @ 2f

Published: 10 Oct 2020

Cuirm Feasgair Disathairne @ 2f: Cruinneachadh de chuid de na gnìomhaidhean as fheàrr tarsainn roinnean nan ionnsramaidean fo aois 13.

Tha e na thlachd dhuinn na cluicheadairean a leanas a thoirt thugaibh an-diugh.

*Airson fiosrachadh: Chaidh na h-àiteachan a bhuileachadh mar a leanas:

‘Sònraichte’ (1); ‘Air leth math’ (2) agus ‘Ri mholadh’ (3)

(B1) Bogsa CSR fo Aois 13 / Accordion MSR U13

1. Jake, Biggar
2. Eilidh, Inbhir Nis
3. Lauren, Leòdhas

(F1) Fidheall fo aois 13 / Fiddle U13
1. Seonaidh, Barraigh
2. Alice, Steòrnabhagh
3. Eliza, An Gearastan

(P1) Pìana fo aois 13 / Piano U13
1. Grace, Inbhir Nis
2. Hazel, Dùn Èideann

(PB1) Feadan – neach-ionnsachaidh. Fosgailte / Chanter – novices. Open
1. Dòmhnall Eachann, Barraigh
2. Iain, Inbhir Nis
3. Ronnie, Inbhir Nis

(PB3) Pìob – CSR fo aois 13 / Bagpipes MSR U13
1. Archie, An t-Òban
2. Magnus, Massachusetts, Na Stàitean Aonaichte
3. Grace, Inbhir Nis

(PB5) Pìob – fo aois 13 / Bagpipes U13
1. Grace, Inbhir Nis
2. Charlie, Inbhir Nis
3. Archie, An t-Òban

(PB8) Pìobaireachd fo aois 13 / Bagpipes U13
1. Magnus, Massachusetts, Na Stàitean Aonaichte

« Back to Mòd News List

Mod Air-loidhne a' Fosgladh a-nochd!

Published: 09 Oct 2020

Tòisichidh am Mòd Nàiseanta Rìoghail Air-loidhne an a-nochd, le cuirm air leth air a lìbhrigeadh le Kirsteen NicDhòmhnaill.

Bidh ceòl agus òrain againn bho Mary Ann Kennedy & Finlay Wells, Alasdair MacIllebhàin agus Graham MacIllinnein & Keith Moireasdan.

Feuch gun tig sibh còmhla rinn, a-nochd aig 7f air duilleag Facebook a’ Mhòid agus seanal YouTube a’ Chomuinn!

Chì sinn ann sibh!

!

« Back to Mòd News List

Ceann-latha Mod Air-loidhne an ath sheachdain!

Published: 13 Aug 2020

​​Madainn mhath dhuibh. Tha sinn an dòchas gu bheil sibh uile toilichte a bhith air ais anns an sgoil!

Cuimhnichibh gu bheil agaibh gu Dihaoine 21 Lùnastal airson clàradh airson Mòd Air-loidhne 2020.

Feumar na bhideothan agaibh a chur thugainn ron latha seo cuideachd. Tha e cho furasta an cuir thugainn!

https://enter.ancomunn.co.uk/

Cuiribh fios thugainn aig info@ancomunn.co.uk no 01463 709 705.

« Back to Mòd News List

CEANN-LATHA IARRTASAN A’ MHÒID NÀISEANTA RÌOGHAIL AIR LOIDHNE AIR A LEUDACHADH

Published: 30 Jul 2020

Tha an ùine a’ ruith airson tagraidhean a chlàradh airson a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail a thèid a chumail air loidhne am bliadhna. Bu mhath, ge-tà, leis a’ Chomunn Ghàidhealach innse gu bheilear a’ sìneadh ceann là nan tagraidhean chun an 21mh Lùnasatal. Tha sin a’ toirt barrachd cothrom do dhaoine cur a-steach agus pàirt a ghabhail ann am Mòd na bliadhna sa.

Thuirt Seoang NicAnndrais, Oifigear a’ Mhòid, “Le sgoiltean a’ tilleadh tràth san Lùnastal a-niste, tha sinn airson airson ùine a bharrachd a thoirt do chlann, gu h-àraidh, iarrtasan a chur a-steach airson a’ Mhòid air loidhne le bhith a’ sìneadh a-mach ceann là nan tagraidhean rud beag nas fhaide. Tha daoine air oidhirp nach gann a dhèanamh le an cuid thagraidhean gu ruige seo, ann am farsaingeachd de roinnean. Tha cothrom a bharrachd a-nise aig sgoiltean
agus sgoilearan pàirt a ghabhail”.

Thuirt Seumas Greumach, Àrd Oifigear a’ Chomuinn, “’Ri linn a’ choròna-bhìorais, ‘s e bliadhna air leth mì-àbhaisteach a th’ air a bhith ann do thachartasan ealain, leithid Am Mòd Nàiseanta Rìoghail. Cha robhar an dùil idir gum bithear a’
cumail thachartasan air loidhne seach ann an da-rìribh. Le sin a ràdh, ‘s e cothrom eile a th’ ann a bhith a’ taisbeanadh nan ealain Gàidhlig dhan mhòr-shluaigh a dh’ aindeoin nan dùbhlain a tha romhainn an-dràsta.”

Thèid Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chumail air loidhne am bliadhna san Dàmhair. Ma tha feum air tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn, feuch gun tadhal sibh air: https://www.ancomunn.co.uk/air-loidhne.

« Back to Mòd News List

TAIGH CÈILIDH A’ MHÒID

Published: 08 Jul 2020

​TAIGH CÈILIDH A’ MHÒID

Bidh òrain againn bho na leanas aig Taigh Cèilidh a’ Mhòid an t-seachdain seo. Oidhche Dhiardaoin @ 8.30f, beò air duilleag Facebook a’ Mhòid.2000 – Deirdre Nic an t-Sagairt

2000 – Innis MacLeod
2001 – Riona J I Whyte
2001 – Archie Maclean
2002 – Kirsteen S Menzies
2002 – Calum Alex MacMillan
2003 – Jenna Cumming
2003 – Darren MacLean
2004 – Iseabail Nic an t-Sagairt
2004 – Gillebride Mac‘Illemhaoil
2005 – Fiona NicChoinnich
2005 – Kenneth Nicolson
2006 – Kirsteen L NicDhòmhnaill
2006 – Alasdair C Whyte
2007 – Jean Mackay
2007 – James Graham
2008 – Kerrie Finlay
2008 – Lyle Kennedy
2009 – Sineag MacIntyre
2009 – Steven MacIomhair

#MòdCèilidh #ancomunngàidhealach #ammòdnàiseantarìoghail #gàidhlig #gaelic #cleachdiaigantaigh

« Back to Mòd News List

AM MÒD NÀISEANTA RÌOGHAIL- AIR LOIDHNE 2020

Published: 10 Jun 2020

Tha e na thlachd don Chomunn Gàidhealach foillseachadh gun tèid dreach air loidhne den Mhòd Nàiseanta Rìoghail a chumail nas fhaide air adhart dhan bhliadhna. Mar a bu dual don Mhòd a h-uile bliadhna, ‘s ann anns an Dàmhair a bhios an tachartas; a’ comharrachadh agus a’ taisbeanadh cànan agus cultar na Gàidhlig.

Bha dùil ri Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna-sa ann an Inbhir Nis, ach, mar thoireadh air a’ Choròna-bhìoras, b’ fheudar a chur dheth chun an ath-bhliadhna.

Tha fàilte gu chur air clann agus inbhich pàirt a ghabhail anns an tachartas. Eadar roinnean seinn, bàrdachd, ionnstramaidean agus dannsa Albannach, faodar clàraidhean a chur dhan Chomunn tron eadar-lìon. Bithear gan taisbeanadh tro mheadhanan sòisealta a’ Chomuinn. Gheibhear an liosta slàn de roinnean agus tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn a’ Mhòid air loidhne tro bhith a’ tadhal an seo.

‘S e 31mh Iuchair an ceann là mu dheireadh airson clàraidhean a chur a-steach.

A thuilleadh air Mòd air loidhne na bliadhna-sa, tha tachartasan air loidhne cuideachd anns an amharc aig a cheart àm. Bithear a’ sgaoileadh tuilleadh fiosrachaidh mun seo anns na seachdainnean a tha romhainn.

Thuirt Oifigear a’ Mhòid, Marina NicAoidh “Tha sinn gu mòr an dòchas gun gabh clann agus inbhich brath air a’ chothrom a tha seo, gun uallach a bhith air beulaibh luchd-amharc neo britheamhan. Chan ann a’ feuchainn ri Mòd Nàiseanta Rìoghail àbhaisteach a tharraing còmhla a tha sinn idir. ‘S e tha fainear dhuinn ach cothrom a thoirt do dhaoine ar cànan ‘s ar ceòl a thaisbeanadh ann an dòigh mi-fhoirmeil, spòrsail.”

Thuirt Seumas Greumach, Àrd Oifigear a’ Chomuinn, ‘Bha e na bhriseadh dùil air leth dhuinn gum b’ fheudar Mòd Nàiseanta na bliadhna-sa ann an Inbhir Nis a chur dheth, ‘s ri linn sin, nach fhaigh coimhearsnachd na Gàidhlig an cothrom
tighinn còmhla mar is àbhaist. Tha sinn air bhioran, ge-tà, tachartas air loidhne a chur air dòigh, feuch ceangalaichean agus conaltradh a chumail ri coimhearsnachd a’ Mhòid. Tha suidheachadh den t-seòrsa seo air cothrom a thoirt dhuinn dòighean eile a lorg airson a’ Ghàidhlig agus ceòl a thaisbeanadh agus a chomharrachadh.’

Daibhidh Boag, Stiùiriche Planadh Cànain is Leasachaidhean Coimhearsnachd - “Tha Bòrd na Gàidhlig agus tha sinn cinnteach daoine air feadh an t-saoghail a’ cur fàilte bhlàth air an naidheachd seo. Tha e nas cudromaiche an-dràsta na bha e riamh gum bi coimhearsnachd na Gàidhlig a’ tighinn còmhla gus cleachdadh na Gàidhlig a chur air adhart agus gus ar cultar agus ar cànan luachmhor a chomharrachadh. Tha sinn a’ guidhe gach soirbheachas gu An Comunn Gàidhealach agus a h-uile duine a bhios a’ gabhail pàirt anns a’ Mhòd air loidhne anns an Dàmhair.”

Thuirt an Comhairliche Helen NicIlleMhicheil, Probhost Inbhir Nis: “Tha sinn a’ guidhe gach soirbheachas dhan Mhod Naiseanta Rioghail air-loidhne 2020 agus tha Baile Inbhir Nis a’ coimhead air adhart ri failte a chur air neach-tadhail a’ Mhoid don bhaile ann an 2021.

Tha An Comunn Gàidhealach toilichte a bhith ag obair ann an co-bhann le Caledonian Mac a’ Bhriuthainn a-rithist ‘s iad nan prìomh bhuidheann maoineachaidh airson an tachartais sònraichte seo. Thuirt Diane Burke, Stiùiriche Coimeirsealta Caledonian Mhic a’ Bhriuthainn, “Tha sinn air a bhith ag obair ann an com-pàirteach leis a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail fad iomadh bliadhna, agus ‘s e tlachd a th’ ann a bhith a’ cumail taic ri coimhearsnachd agus cultar na Gàidhlig. Tha sinn gu mòr an dòchas gun glac an tachartas sònraichte seo aire dhaoine air feadh an t-saoghail.”

Airson tuilleadh fiosrachaidh fhaotainn air Mòd Nàiseanta Rìoghail air loidhne 2020, neo airson stiùireadh sam bith fhaighinn air mar a bu chòir clàraidhean a chur thugainn tadhaibh air www.ancomunn.co.uk cuiribh fios gu info@ancomunn.co.uk, neo fòn 01463 709705.

« Back to Mòd News List

Taigh Cèilidh a' Mhoid - a-nochd!

Published: 12 May 2020

Feuch gun tig sibh còmhla rinn a-nochd @ 8.30f, airson sàr oidhche de dh’ òrain Gàidhlig.

Bidh sinn a’ tighinn thugaibh beò air duilleag Facebook a’ Mhòid, le measgachadh de sheinn agus clàraidhean den fheadhainn a choisinn Bonn Òr a’ Chomuinn Ghàidhealaich anns na 90s!

1990 - Gillian NicChoinnich
1990 - Dòmhnall Mìcheal MacAonghais
1991 - Wilma NicUalraig
1991 - Dòmhnall Moireach
1992 - Katrina NicEalair
1992 - Seòras Gunn
1993 - Mairead Stiùbhart
1993 - Seumas Gunn
1994 - Maggie Dhòmhnallach
1994 - Tormod MacFhionghuinn
1995 - Mairead J NicIllFhaoilean
1995 - Fionnlagh MacAoidh
1996 - Joanne Mhoireach
1996 - Alisdair Barnett
1997 - Alyth NicArmaig
1997 - Graham Neilson
1998 - Barbara Nic a’ Ghobhainn
1998 - Aonghas Mac a’ Ghobhainn
1999 - Joyce Mhoireach
1999 - Raymond Bremner

#MòdCèilidh #ancomunngàidhealach #ammòdnàiseantarìoghail #gàidhlig #gaelic #cleachdiaigantaigh​Nach tig sibh còmhla rinn oidhche Dhiardaoin airson Taigh Cèilidh a’ Mhòid!

« Back to Mòd News List

Taigh Cèilidh a' Mhòid

Published: 07 May 2020

​Nach tig sibh còmhla rinn, beò air-loidhne, air duilleag Facebook a’ Mhòid airson sàr oidhche de dh’ òrain Ghàidhlig air an 14mh den Chèitean.

Taigh Cèilidh a’ Mhòid – le feadhainn de na seinneadairean Gàidhlig is ainmeil a choisinn Bonn Òr a’ Chomuinn sna 90’s.

Tha John Joe MacNèill gu bhith na Fhear an Taighe air an fheasgair.

Chì sinn ann sibh!

« Back to Mòd News List

Mòd Nàiseanta Rìoghail 2020 air a chur dheth

Published: 24 Apr 2020

​​Mar thoireadh air a’ bhìoras COVID-19 a tha air sgapadh air feadh an t-saoghail, cho-dhùin Bòrd Stiùiridh a’ Chomuinn Ghàidhealaich nach tèid Mòd Nàisenta Rìoghail 2020 na bliadhna a chumail.

Thathas cuideachd air co-dhùnadh gun tèid Mòd Nàiseanta Rìoghail na h-ath bhliadhna a chumail ann an Inbhir Nis, 8-16 Dàmhair 2021. Bithear a’ conaltradh ann an co-bhann le Ùghdarasan Ionadail feuch slighe a dhearbhadh do Mhòdan 2022, 2023 & 2024, thèid tuilleadh fiosrachaidh a sgaoileadh mun seo cho luath ‘s a thèid planaichean a dhaingneachadh.

Cha bheag am briseadh dùil a th’ ann dhuinn nach bi sinn a’ coinneachadh san Dàmhair am bliadhna ach tha sinn a’ coimhead air adhart le mòran fiughair ri coinneachadh ribh an Inbhir Nis ann an 2021.

« Back to Mòd News List

Còisir Soisgeul air ais!

Published: 11 Mar 2020

​Tha Soisgeul, a’ Chòisir Ghàidhlig Shoisgeulach, air ais! Nach mìorbhaileach! Agus tha sinn gu mòr air ar dòigh a bhi nar pairt de ghrunn chuirmean an Inbhir Nis thairis air an deir-sheachdain, a’ togail airgid agus a’ togail aire dhaoine gu bheil am Mòd Rìoghail Nàiseanta a’ tilleadh do phrìomh bhaile na Gàidhealtachd nas fhaide dhen bhliadhna.

Os cionn gnothaich aon uair eile bidh Màiri Anna NicUalraig agus ar prìomh stiùiriche air aoigheachd, Gareth Fuller, agus air a’ phiàna bidh Pòl Watson. Bidh againn dà là de bhùithean-obrach le ceann a’ mhaide ga chumail rinn is sinn ag ionnsachadh òrain ainmeil soigeulach nar dreach Gàidhlig fhìn, agus bidh sinn cuideachd a’ tilleadh do dh’iomadh òran spioradail air a bheil sinn ro-dheidheil.

Is e seo an ceathramh turas a bha Gareth air aoigheachd againn an Alba. Tha cliù aige mar aon de phrìomh stiùirichean soisgeulach na rìoghachd, agus theab nach eil e air fàs cleachdte ri aimsir na h-Alba mu dheireadh thall – b’ ann car fionnar a bha a bhaisteadh anns a’ chòisir agus e a’ tadhal air Eilean Ì comhla rinn aig deireadh a’ gheamhraidh bho chionn tri bliadhn’ air ais.

Mur a cuala sibh fhathast sinn, agus sibh deiseil airson ceòl a thogas anam is cridhe, no ma chuala sibh cheana sinn, is sibh air bhioran airson tuilleadh, tha dà chothrom ann ar cluinntinn air an deir-sheachdain seo.

Tha sinn gu math moiteil an cothrom fhaighinn a bhi air aoigheachd sinn fhìn aig cuirm shònraichte oidhche Shathairne (14mh) aig taigh-òsta, far am bi sàr-ghaisgich ceòl na Gàidhlig - Iain ‘Costello’ MacÌomhair agus New Tradition air an àrd-ùrlar.

Agus bhiodh sinn cho toilichte ur faicinn ann an ionad-bhùithean an Eastgate air an DìDòmhnaich (15mh). Bidh sinn a’ seinn fad uair a thìde le Gareth agus Pòl aig am ‘Blue Wall’ làimh ri bùth Waterstones bho 2uf. Gàirdeachas mòr!

Tha Soisgeul a’ toirt taing airson an taic bho Alba Chruthachail agus stòras Tasgadh.

www.soisgeul.com

www.facebook.com/gaelicgospelchoir

« Back to Mòd News List

Acadamaidh a' Mhòid 2020

Published: 05 Mar 2020

​Tha Sgioba na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd ag obair còmhla ri Fèisean nan Gàidheal agus An Comunn Gàidhealach gus pròiseact Acadamaidh a’ Mhòid a leasachadh, gu h-àraid ann an sgìre Inbhir Nis a thoiseach air Mòd Roinneil Inbhir Nis agus am Mòd Nàiseanta Rìoghail a bhios air an cumail ann an Inbhir Nis san Ògmhios agus san Dàmhair. Tha Acadamaidh a’ Mhòid ag amas air sgoiltean Foghlam tron Ghàidhlig agus sgoiltean Foghlam tron Bheurla a tha air a’ Ghàidhlig a thaghadh mar dhàrna cànan a bharrachd (C3). Airson Ionnsachadh Cànain 1+2 cuiridh a’ chlann agus na daoine òga eòlas air cànan a bharrachd bho P1 air adhart (Cànan 2 no C2). Tha dàrna cànan a bharrachd air a thoirt a-steach bho P5 (Cànan 3 no C3). Bidh am pròiseact cuideachd air a lìbhrigeadh ann an sgoiltean a tha airson taic
fhaighinn le bhith ag ullachadh dhaoine òga airson a’ Mhòid.

Tha am pròiseact an-dràsta a’ cur oidean air dòigh gus oideachadh a lìbhrigeadh ann an ionnsachadh is cleachdadh na Gàidhlig, òrain Ghàidhlig, seinn chòisirean Gàidhlig, bàrdachd, agus cluiche còmhlain-chiùil. Bidh an t-oideachadh a’
buntainn ri clàr-obrach is farpaisean a’ Mhòid agus com-pàirteachas sa Mhòd.

Bidh An Comunn Gàidhealach a’ lìbhrigeadh sreath de thachartasan Togail Aire Òigridh a’ Mhòid ann an sgoiltean na sgìre.

Thuirt Iar-Phròbhaist Inbhir Nis, an Comhairliche Graham Ros, “Bidh pròiseactan a bhrosnaicheas ionnsachadh, cleachdadh is com-pàirteachas a thaobh cultar na Gàidhlig a’ neartachadh eòlas ionnsachaidh dhaoine òga. Tha mi an dòchas gun gabh sgoiltean an cothrom gus com-pàirt a ghabhail ann am pròiseact Acadamaidh a’ Mhòid seach gu bheil e a’ tabhann fìor dheagh oideachadh mar ullachadh airson prìomh fhèis na Gàidhlig.” Lean e air adhart, “Tha a’ Chomhairle ag
aithneachadh gu bheil buannachd shòisealta, chànanach, chultarail is eaconamach an lùib na Gàidhlig anns a’ Ghàidhealtachd.”

Thuirt Janice NicRath, Ceannard Bun-Sgoil Bhaile an Fhraoich, “Tha sinne, aig Bun-Sgoil Bhaile an Fhraoich fìor thoilichte gun deach iarraidh oirnn Acadamaidh a’ Mhòid a chur air bhog airson na bliadhna sa.” Lean i air adhart,
“Tha pàirt fìor chudromach aig a’ Ghàidhlig ann an cultar is dualchas na Gàidhealtachd. Tha e sgoinneil gu bheil sinne a’ faighinn taic mar sgoil gus com-pàirt a ghabhail sa Mhòd ionadail agus nàiseanta, agus gu bheil cothrom aig a’ chloinn againn com-pàirt a ghabhail ann am fèis Ghàidhlig bheothail a tha a’ brosnachadh an ùidh is an tlachd sa chànan.”

Thuirt Eilidh NicCoinnich Barker, “Tha Fèisean nan Gàidheal a’ cur fàilte air a’ chothrom obrachadh còmhla ri daoine òga gus na sgilean ciùil Gàidhlig aca a thoirt air adhart. Tha am meur foghlaim foirmeil againn, Fèisgoil, air a bhith
an lùib Acadamaidh a’ Mhòid airson grunn bhliadhnaichean a’ cuideachadh chloinne is thidsearan gus òrain is bàrdachd ullachadh sa bhaile anns am bi am Mòd air aoigheachd gach bliadhna. Tha sinn gu h-àraid toilichte a bhith ag
obair ann an sgoiltean FtG na Gàidhealtachd agus anns na sgoiltean far a bheil sgoilearan ag ionnsachadh na Gàidhlig mar chànan a bharrachd. Chuireamaid fàilte air a’ chothrom an com-pàirteachas co-obrachail seo a leudachadh le
bhith a’ brosnachadh luchd-obrach is dhaoine òga gus na cothroman a tha an lùib ionnsachadh cultarail Gàidhlig a ghabhail.”

Tha am pròiseact a’ faighinn taic bho Bòrd na Gàidhlig.

« Back to Mòd News List

​​Am Mòd Nàiseanta Rìoghail 2020

Published: 02 Dec 2019

Chuir an Comunn Gàidhealach, Comataidh Ionadail Mòd 2020,
Comhairle na Gàidhealtachd agus Maoin Math Coitcheann Inbhir Nis air
bhog, Mòd Nàiseanta Rìoghail Inbhir Nis 2020 ann a Talla Bhaile Inbhir
Nis, air Diluain 2mh Dùbhlachd. Chluinn sinn ceòl bho òigridh na sgìre
agus bha tì, cofaidh agus grèim-bìdh air a chur air dòigh le Maoin Math
Coitcheann Inbhir Nis.

Tha tuilleadh naidheachdan agus fiosrachadh ri thighinn.


« Back to Mòd News List

​Sgeama Measaidh nan Cairtean Gàidhlig

Published: 19 Feb 2019

Cuimhnichibh dèanamh cinnteach ma tha feum agaibh air measadh Gàidhlig a dhèanamh mus gabh sibh pàirt ann an farpaisean.

Ma tha feum agaibh air cairt fhaighinn airson Mòd Ghlaschu 2019, cuiribh fios gu Seonag Anderson airson measadh a chuir air dòigh seachdain a’ Mhòid.

Cuideachd, cuimhnichibh gu bheil feum aig inbhich a tha airson Bonn Òr a’ Chomuinn Ghàidhealaich no Bonn Òr an t-Seann Nòis a dhèanamh air cairt fhaighinn gach trì bliadhna.

Ma tha ceist sam bith agaibh a thaobh measadh, cuiribh fios gu An Comunn Gàidhealach tro mheadhain post-dealain gu

seonag@ancomunn.co.uk neo cuiribh fòn gu:

01463 709 705

« Back to Mòd News List

​Àite-fuirich

Published: 16 Jan 2019

​Tha Am Mòd Nàiseanta Rìoghail, Glaschu 2019, fìor thoilichte a bhith ag obair ann an co-bhann le People Make Glasgow agus Biùro Co-chruinneachadh Ghlaschu ann a bhith ag ìsleachadh prìsean àite-fuirich is taighean-òsta do dhaoine airson seachdain Mòd Ghlaschu 2019.

Lorgar tuilleadh fiosrachaidh air àite-fuirich aig:

https://peoplemakeglasgow.com/MOD2019 neo air fòn: 0141 566 0821

« Back to Mòd News List

Duaisean a' Mhòid

Published: 11 Sep 2018

​Bu chòrr dhuibh a bhith air duaisean a’ Mhòid a thilleadh thugainn a-nis. Bu chòrr dhaibh uile a bhith ann an staid reusanta airson Mòd Nàiseanta Rìoghail Dhùn Omhain 2018. Mur a bheil sibh air an tilleadh thugainn, cuiribh fios thugainn cho luath ’s a ghabhas. Tha sinn airson taing a thoirt dhan a h-uile duine a tha air na duaisean aca a thilleadh mu thràth.

Feumaidh duaisean a bhith air ais ann an Oifis Inbhir Nis no an Oifis Steòrnabhaigh ro Diluain 17 Sultain.

« Back to Mòd News List

Foirm airson Tiocaidean a' Mhòid 2018

Published: 03 Aug 2018

​​Gheibh sibh foirm airson tiocaidean agus prògraman a’ Mhòid gu h-ìosal.

Nam b’ urrainn dhuibh a’ foirm a thilleadh thugainn ro Diciadain 12/09/18 cuiridh sinn an òrdugh thugaibh tron phost.

Am bliadhna tha sinn a’ tabhachd tiocaidean aig prìs nas ìsle – ach dìreach suas gu 12 Sultain. Dèanaibh cinnteach nach caill sibh seo!

Foirm airson Tiocaidean a’ Mhòid

Foirm airson Tiocaidean a’ Mhòid (Buill ACG)

« Back to Mòd News List

​Ceann-latha iarrtasan a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail air a leudachadh

Published: 29 Jun 2018

Tha an ùine a’ ruith a-mach airson tagraidhean a chlàradh airson a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail a thèid a chumail ann an Dùn Omhain am bliadhna ach bu mhath leis a’ Chomunn Ghàidhealach innse do dh’ fharpisich gu bheilear a’ sìneadh ceann là nan tagraidhean air adhart chun an 13mh Iuchar. Tha sin a’ ciallachadh gu bheil 11 làithean a bharrachd aig farpisich a tha airson pàirt a ghabhail ann am Mòd na bliadhna-sa cur a-steach.

Thuirt Alison Bruce, Oifigear a’ Mhòid, “Le soirbheachas siostam tagraidhean air loidhne a-niste a’ dèanamh obair-rianachd nan tagraidhean rud beag nas fhasa dhuinn, tha sinn airson ùine a bharrachd a thoirt do dh’ fharpisich le bhith a’ sìneadh a-mach ceann là nan tagraidhean rud beag nas fhaide am bliadhna. Tha sin a’ ciallachadh cuideachd gu bheil ceann là nam farpaisean air fad a-niste air an aon là. Tha sinn mothachail gu bheil uallach air clann is pàrantan le sgoiltean a’ dùnadh an t-seachdain sa ‘s gum biodh e caran teann do chuid de dhaoine an cuid tagraidhean a chur a-steach ron cheann là a bh’ againn. Mar sin, tha aig farpisich chun 13mh Iuchar a-niste gus clàradh airson a’ Mhòid Nàiseanta.”

Chuir Neach-gairm na Comataidh Ionadail, Dick Walsh fàilte air prìomh fhèis chultarail na Gàidhealtachd a’ tilleadh gu Dùn Omhain a tha an-còmhnaidh na dheagh àite tarraingeach do luchd-frithealaidh is luchd-èisteachd a’ Mhòid. “Tha obair ullachaidh Mòd Nàiseanta 2018 a’ sìor thighinn air adhart. Tha a’ Chomataidh Ionadail agus Comhairle Earra Ghàidheal is Bhòid toilichte dha rìribh taic a chur ris an tachartas am bliadhna-sa agus tha sinn a’ coimhead air adhart gus fàilte a chur air farpaisich, luchd-amharc agus a h-uile duine a bhios an làthair aig na co-fharpaisean agus na tachartasan. Tha a’ Chomhairle air a bhith taiceil dhan Mhòd anns a h-uile roinn de sheirbheis thairis air na bliadhnachan agus tha an taic sin leantainneach. Gu dearbh, tha sinn a’ dèanamh fiughair prìomh fhèis na Gàidhlig ga cumail ann an Dùn Omhain san Dàmhair.”

Thèid Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chumail ann an Dùn Omhain 12-20 Dàmhair 2018. Ma tha feum air tuilleadh fiosrachaidh a thaobh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail, feuch gun tadhal sibh air www.ancomunn.co.uk no www.moddhunomhain.com

« Back to Mòd News List

Dreach Prògram 2018

Published: 20 Jun 2018

​​Gheibhear dreach prògram airson farpaisean a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail an seo.

Cuimhnichibh nach eil ann ach dreach agus gun tèid atharrachaidhean a dhèanamh fhathast.

Updated: 02/08/2018

« Back to Mòd News List

Measaidhean Gàidhlig

Published: 13 Jun 2018

Cuiribh fios gu Seonag Anderson ma tha sibh airson Measadh Gàidhlig a chur air dòigh. Cuimhnichibh, tha agaibh ri measadh a dhèanamh ro 2 Iuchar 2018.

Fòn: 01463 709705
Post-d: seonag@ancomunn.co.uk

« Back to Mòd News List

Cuairt a’ Mhòid a’ gabhail chun an rathaid

Published: 30 May 2018

Bidh Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna-sa a’ tilleadh gu Dùn Omhain. Mar sin, ghabh mi fhèin agus mo cho-obraiche, Seonag NicAnndrais chun an rathaid an t-seachdain a chaidh, le ‘Cuairt a’ Mhòid’; a’ tadhal air sgoiltean sgìre Dhùn Omhain is Earra Ghàidheal. Chuir sinn seachad trì là a’ bruidhinn ri sgoilearan bho 7 sgoiltean. Bidh sinn a’ tilleadh aig toiseach na h-ath mhìos airson tadhal air sgoiltean eile anns an sgìre.

Chaidh ‘Cuairt a’ Mhòid’ a stèidheachadh an toiseach san Òban ann an 2015. A h-uile bliadhna bhon uairsin, tha sinn air a bhith a’ tadhal air sgoiltean anns na sgìrean far a bheil am Mòd Nàiseanta Rìoghail ga chumail. ‘S e a bhith a’ brosnachadh chloinne gus pàirt a ghabhail sa Mhòd, prìomh àmais na h-iomairte. Tha Cuairt a’ Mhòid air a bhith gu math soirbheachail ann a bhith a’ piobrachadh chloinne gus ùidh san fhèis ath-bheothachadh a-measg fharpaisich òg.

Tha e cudromach gu bheil òigridh sgìre Dhùn Omhain a’ faireachdainn nam pàirt mhòr dhe na bhios a’ dol anns a’ bhaile aca fhèin san Dàmhair, thoireadh, aig deireadh an là, ‘s e am Mòd aca fhèin a th’ ann. Faodaidh iad sin a dhèanamh le bhith a’ feuchainn air cuid dhe na farpaisean. Ach, mas e agus nach eil iad airson sin a dheànamh, bidh iomadh cothrom eile anns am faod iad pàirt a ghabhail anns a’ Mhòd. Bidh bùithean-obrach, consairtean, seiseanan-ciùil is caismeachdan a’ dol, ‘s gu dearbha bi fàilte romhpa a bhith an làthair.

‘S e tha fainear dhuinne, a thaobh sgeama ‘Cuairt a Mhòid ‘ ach aire chloinne a tharraing gu na Mòdan Ionadail agus Nàiseanta, ann an dòigh aotrom, spòrsail agus inntinneach. Thathas an dòchas gun tog seo aire òganaich ann an cànan agus cultar na Gàidhlig agus gum bi na Mòdan mar mheadhan a thaobh sgilean-ciùil agus cànain a leasachadh. Bhiodh e na thlachd dha-rìribh riochdachadh mòr bho sgìre Dhùn Omhain fhèin fhaicinn a’ gabhail pàirt sa Mhòd am-bliadhna, gu sònraichte an dèidh na chualas de thàlant ann an sgoiltean na sgìre an t-seachdain a chaidh. Thèid Cuairt a’ Mhòid a thadhal air sgoiltean cho fad is farsaing ri Taigh na Bruaich, Srath Chura, Grianaig agus Gleann Da-Ruail. Bithear a’ tadhal air 12 sgoiltean uile gu lèir mus bi an cuairt seachad.

A thuilleadh air an seo, tha obair chudromach eile a’ dol air adhart ann an sgoiltean na sgìre an-dràsta tron sgeama ‘Acadamaidh a’ Mhòid’. Tha An Comunn Gàidhealach air a bhith ag obair còmhla ri Fèisean nan Gàidheal agus Fèisgoil gus luchd-teagasg a chur an luib nan sgoiltean mar thaic airson nam Mòdan. Bidh clann-sgoile a’ faighinn oideachadh le bhith ag ionnsachadh an cuid phìosan airson a’ Mhòid ‘s thathas an dòchas gun cuir an sgeama ri àrdachadh àireamhan fharpisich ‘s gum bi làn-riochdachadh ann bhon sgìre air fad.

Mar a bhios fios aig gu leòr, mar phàirt de phrògram tachartasan Riaghaltas na h-Alba ‘s e 2018, ‘Bliadhna na h-òigridh’, agus tha sinne gu mòr airson taic a chuir ris a bhliadhna shònraichte a tha seo, le bhith a’ brosnachadh na h-òigridh a thaobh nan ealan Ghàidhlig. ‘S e tlachd a th’ ann am faicinn aig Mòdan Ionadail agus Nàiseanta agus cha bheag an luach a thaobh na Gàidhlig.

Seumas Greumach
Manaidsear a’ Mhòid




« Back to Mòd News List

Mòd 2018 Entry Deadlines

Published: 25 May 2018

​​Bheil sibh airson iarrtas agus pìosan fèin thaghte a chur a-steach tron phost? Chan eil fada ri dhol gus an ceann-latha!

Tha agaibh gu 2 Iuchar 2018 ma chuireas sibh an iarrtas agaibh a-steach air loidhne.

« Back to Mòd News List

Farpaisean Litreachas na h-Òigridh

Published: 15 May 2018

​Aon, dhà, sgrìobh!

Tha tòrr chothroman againn dha Gàidheil òga, cruthachail aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail. Nach cuir sibh sgeulachd, pìos bàrdachd, cunntas-naidheachd no postair a tha sibh air a dhèanamh a-steach airson cothrom duais a bhuannachadh.

Tha farpais prògram rèidio agus film goirid againn cuideachd- deagh chothrom dha òigridh a tha airson a bhith ag obair anns na meadhanan Gàidhlig.

⭐CUIMHNICHIBH⭐

Faodaidh sibh rudeigin a tha sibh air a dhèanamh sa chlas no aig buidhean as dèidh na sgoile a chur a-steach

« Back to Mòd News List

Atharrachadh air Farpaisean agus Riaghailtean 2018

Published: 30 Mar 2018

​​Bidh mòran agaibh ag ullachadh airson cuir a-staigh airson farpaisean Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo a dh’ aithghearr. Dèanamh cinnteach gu bheil sibh a’ cleachdadh an liosta as ùra de farpaisean a’ Mhòid, gun fhios nach deach atharrachaidhean sam bith a dhèanamh ri na farpaisean. Tha sinn air cuid de na riaghailtean atharrachadh am bliadhna, cuideachd. Gheibh sibh na pàipearan seo gu h-ìosal:

Clàr-eagair Òigridh

Clàr-eagair Inbhich

Riaghailtean

Feumar cuir a-staigh airson na farpaisean ro 31 Cèitean 2018 tron phost agus ro 2 Iuchar2018 air loidhne. Bidh an siostam iarrtais againn fosgailte a dh’aithghearr.

Ma bhios ceistean sam bith agaibh, cuiribh fios thugainn air 01463 709 705 no post-d gu info@ancomunn.co.uk

« Back to Mòd News List

An Comunn Gàidhealach ag ainmeachadh Bailtean airson Mòd Nàiseanta Rìoghail 2021 & 2022

Published: 23 Mar 2018

​Aig coinneamh bhliadhnail a’ Chomuinn, (Dihaoine an 23mh den Mhàirt) chaidh fhoillseachadh gur ann am Peairt a bhios Mòd Nàiseanta Rìoghail 2021, ‘s gur ann am Pàislig a bhios Prìomh Fhèis na Gàidhlig ann an 2022. Tillidh am Mòd gu Peairt airson a’ chiad turas ann an seachd bliadhna deug. Bha am Mòd mu dheireadh ann am Pàislig ann an 2013.

Chaidh fhoillseachadh aig a’ Mhòd an-uiridh gun tilleadh an Fhèis dhan dà bhaile, ach bha dàil ann a bhith ag innse gu mionaideach cò am baile dhan deidheadh am Mòd cuin, mar thoireadh air tagradh Phàislig airson Prìomh Bhaile Chultarail na Rìoghachd Aonaichte ann an 2021.

Leis nach deach an là le Pàislig a thaobh an tagraidh sin, cho-dhùin Bòrd Stiùiridh a’ Chomuinn siostam phuingean a chleachdadh airson co-dhùnadh cò a’ shoirbhicheadh le Mòd 2021 fhaighinn, agus cò am baile dhan deidheadh an Fhèis ann an 2022.

Thuirt Iain Moireasdan, Àrd-Oifigear a’ Chomuinn;

“Bha sinn ann an suidheachadh gu math àraid an-uiridh a thaobh cò a shoirbhicheadh le tagraidhean airson Mòd Nàiseanta Rìoghail 2021 agus 2022. Bha na tagraidhean bhon dà bhaile air leth math. Mar thoireadh air an sin, roghnaich sinn gum faigheadh an dà bhaile cothrom air a’ Mhòd, Ach, cho-dhùin sinn cuideachd feitheamh ri naidheachd mu thagradh Phàislig airson Prìomh Bhaile Chultarail na Rìoghachd Aonaichte mus biodh taghadh ann a thaobh cò am baile a gheibheadh am Mòd agus cuin. Chaidh an dà bhaile a chur fo sgrùdadh gu math mionaideach a-rithist, le siostam phuingean. Fhuair Peairt beagan a bharrachd chomharran, ‘s mar sin, ‘s ann an sin a bhios Mòd Nàiseanta Rìoghail 2021.

Tha sinn da-rìreabh a’ dèanamh fiughair ri Mòd Pheairt; tha seachd bliadhna deug air a dhol seachad bho bha am Mòd anns a bhaile seo mu dheireadh. Tha dàimh làidir aig a’ bhaile ri cultar nan Gàidheal. Aig a cheart àm, chaidh Mòd Phàislig 2013 a mheas mar aon den fheadhainn bu shoirbheachail bho chionn beagan bhliadhnaichean. ‘S e fìor dheagh naidheachd a th’ ann gu bheil am Mòd a’ tilleadh do bhaile a tha air na h-uimhir a dhèanamh a thaobh brosnachadh na Gàidhlig bho chionn ghoirid.

Tòisichidh Mòd Nàiseanta Rìoghail 2018 air an 12mh den Dàmhair, chun 20mh den Dàmhair ann a Dùn Omhain, a’ comharrachadh agus a’ brosnachadh cànan agus cultar nan Gàidheal; eadar litreachas na Gàidhlig, ceòl, seinn agus ealain, le farpaisean do gach aois agus comas.

Thuirt an Comhairliche Murray Lyle, Ceannard Chomhairle Pheairt agus Cheann Rois;

“Tha mi air mo dhòigh glan gu bheil am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ tilleadh gu Peairt ann an 2021. ‘S e cothrom air leth a tha seo airson ìomhaigh na Gàidhlig a thogail agus airson cultar agus dualchas ar sgìre a chur mu choinneamh an t-sluaigh. Tha sinn air bhioran cothrom fhaighinn Prìomh Fhèis na Gàidhlig a chumail, gu sònraichte aig àm nuair a thathas a’ cur luach cho mòr air cultar, le bhith a’ cumail taic ri Taigh-Cluiche Pheairt agus ann a bhith ag ath-bheothachadh Talla Bhaile Pheairt. Cha bheag cliù Pheairt is Cheann Rois a thaobh tachartasan aig fìor àrd-ìre gu h-eadar-nàiseanta. Chan eil teagamh nach toir prìomh fhèis na Gàidhlig spionnadh air leth dhan bhaile agus dha eaconamaidh na sgìre.

Thuirt Probhaist Siorrachd Rinn Friù, Iar-Chathraiche Comataidh Ionadail a’ Mhòid:

“Tha sinn toilichte dha-rìribh gun tig am Mòd Nàiseanta Rìoghail air ais a Phàislig ann an 2022. Tha muinntir Phàislig glè aithnichte mar ‘Buddies’- ‘s bidh fàilte bhlàth air Gàidheil bho air feadh Alba is fad is farsaing.

Nuair a chaidh am Mòd a chumail ann am Pàislig ann an 2013 airson a’ chiad turas-b’ e an dàrna Mòd a bu mhotha ann an eachdraidh an tachartais, le mu 8,000 duine ann thairis air naoi latha, buaidh eaconamach de £1.4 dhan sgìre, ‘s bha an t-àite air bhoil.

Thog tagradh Phàislig, ann am farpais ‘Baile Chultarail na Rìoghachd Aonaichte 2021’ ìomhaigh na sgìre mar bhaile tarraingeach an Alba. ‘S e tha fainear dhuinn a-nise, togail air soirbheachas na sgìre a thaobh tachartasan mòra, ‘s bidh am Mòd an teis meadhain sin nuair a thilleas e.

« Back to Mòd News List

Comataidh na h-Òigridh 2018

Published: 09 Mar 2018

Tha An Comunn toilichte innse dhuibh mun Chomataidh ùr againn a tha gu bhith stèidhte mar phàirt de Bhliadhna na h-Òigridh 2018 ann an Alba.

Tha sinn a’ lorg 6 inbheach òg eadar 16-26 bliadhna dh’ aois airson a bhith air a’ Chomataidh ùr Gàidhlig againn. ‘S e deagh chothrom a tha seo dha òigridh am beachdan a chur air adhart.

Gheibh sibh barrachd fiosrachadh an seo.

Cuiribh fios gu Alison Bruce aig alison@ancomunn.co.uk ma tha ceist sam bith agaibh.

Ceann-latha: Diluain 2 Giblean, 12f.

Foirm-Iarrtais



Nach tadhal sibh air làrach-lìn YOYP 2018 ma tha sibh airson barrachd fhaighinn a-mach mu dheidhinn na tachartasan eile a thèid a chumail mar phàirt de Bhliadhna na h-Òigridh.

« Back to Mòd News List

Làrach-lìn Comataidh Ionadail a' Mhòid

Published: 06 Mar 2018

​Tha làrach-lìn Comataidh Ionadail a’ Mhòid beò a-nis.

Dèanaibh cinnteach gun tadhal sibh air airson fiosrachadh a thaobh Comataidh Ionadail a’ Mhòid, tachartasan airson airgead a thogail, àitichean-fuirich agus cothroman saor-thoileach!

www.moddhunomhain.com

Cuideachd, tha duilleag Facebook aca– dèanamh cinnteach gu bheil sibh gan leantainn: www.facebook.com/DunoonMod2018/

« Back to Mòd News List

Bliadhna na h-Òigridh 2018

Published: 21 Dec 2017

​Tha sinn gu math toilichte a bhith mar phàirt de na tachartasan a bhios a’ gabhail aite an ath-bhliadhna airson Bliadhna na h-Òigridh ann an Alba a chomharrachadh. Nach cum sibh sùil air na meadhanan sòisealta againn airson barrachd fiosrachadh sa bhliadhn’ ùr.

« Back to Mòd News List

Am Mòd Nàiseanta Rìoghail 2021 & 2022

Published: 07 Dec 2017

​Tha An Comunn Gàidhealach ag aithneachadh an obair mhòr a rinn Pàislig leis an tagradh aca airson inbhe Baile Cultarail na Rìoghachd Aonaichte 2021 a chosnadh. Ged nach robh Pàislig soirbheachail aig a’ cheann thall, bha an tagradh aca air leth adhartach agus cruthachail.

Aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail a chaidh a chumail ann an Loch Abar bho chionn ghoirid, chaidh dearbhadh mura biodh Pàislig soirbheachail leis an tagradh aca airson inbhe Baile Cultarail na Rìoghachd Aonaichte 2021, gun deidheadh ath-sgrùdadh a dhèanamh air an dà thagradh a thàinig a-steach airson Mòd 2021. ’S ann bho Phàislig agus bho Pheairt a fhuair sinn na tagraidhean sin.

Bidh sinn a’ dèanamh sgrùdadh air an dà thagradh agus gheibh an tagradh leis na comharran as àirde cothrom am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chumail ann an 2021 agus gheibh an tagradh eile cothrom air a’ Mhòd ann an 2022. Ainmichidh An Comunn Gàidhealach far an tèid am Mòd a chumail ann an 2021 agus 2022 aig coinneamh bhliadhnail a’ Chomuinn Ghàidhealaich anns a’ Mhàrt 2018.

Thuirt Iain Moireasdan, Àrd-oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich:

“Ged nach robh Pàislig soirbheachail leis an tagradh aca airson Baile Cultarail na Rìoghachd Aonaichte 2021, tha sinn airson meal an naidheachd a chuir air an sgioba airson tagradh a bha air leth proifeiseanta agus cruthachail a chur ri chèile.

Tha sinn airson cothrom a thoirt dha Pàislig agus Peairt aoigheachd a thoirt don Mhòd Nàiseanta Rìoghail san àm ri teachd as dèidh an obair chruaidh a rinn iad leis an dà thagradh aca airson inbhe Baile Cultarail na Rìoghachd Aonaichte 2021. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ris na h-àitichean seo gus sin a thoirt gu buil anns na bliadhnaichean a tha romhainn.”

Thathas an dùil gun tèid Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chumail air na cinn-latha a leanas:

2021- 8mh – 16mh den Dàmhair (ri dhearbhadh)

2022- 14mh – 22mh den Dàmhair (ri dhearbhadh)</br>

« Back to Mòd News List

Aigeallan Airgid 2018

Published: 14 Nov 2017

​Feumaidh farpaisich ann an ​A252 (Mnathan) agus A253 (Fireannaich) òran a thaghadh a tha leantainn air cuspair sònraichte.

Airson 2018 ‘s e tàladhcuspair an òrain do dh’fharpaisich ann an A252 (Mnathan) agus ‘s e òran-seilgecuspair an òrain do dh’fharpaisich ann an A253 (Fireannaich).

« Back to Mòd News List

Taing Mhòr

Published: 30 Oct 2017

Tha luchd-obrach a’ Chomuinn Ghàidhealaich air ais ag obair seachdain as dèidh Mòd air leth soirbheachail ann an Loch Abar.

Taing mhòr a-rithist dhan a h-uile duine a bha an sàs ann am Mòd na bliadhna-sa: Bòrd-Stiùiridh a’ Chomuinn; an sgioba a chuidich sinn ann an Oifis a’ Chomuinn agus aig Ionad Fiosrachaidh a’ Mhòid; Comataidh Ionadal a’ Mhòid; na stiùbhardan; an luchd-taic againn; na britheamhan agus na cathraichean againn; na farpaisich; an luchd-èisteachd agus muinntir Loch Abar. Cha bhiodh Mòd ann gun bh’ ur taic.

Tha sinn an dòchas gun do chòrd Mòd Nàiseanta Rìoghail Loch Abar 2017 ribh uile agus gu faic sinn sibh ann an Dun Òmhainn eadar 12 - 20 den Dàmhair 2018.

​Cuimhnichibh gum faigh sibh dealban a’ Mhòid bho làrach-lìn Graham Hood an seo.

« Back to Mòd News List

Fiosrachadh cudromach dha Farpaisich

Published: 09 Oct 2017

​Dàil air Farpaiseach

Ma thachras gum bi dàil air farpaiseach ann a bhith a’ faighinn gu farpais sam bith aig an àm iomchaidh, feumaidh e/i fios a chur chun Àrd-stiùbhard no aon de luchd-taic aige/aice ann an àite na farpais gu am faighear fios mun dàil gu Cathraiche na farpais.

Stiùireadh dha Farpaisich

Chan faod farpaisich leabhar, làmh-sgrìobhainn, no leth-bhreac de cheòl a chleachdadh ann am farpais, ach a-mhàin ann am farpaisean ionnstramaid ciùil.

Ionad Fiosrachaidh Mòd 2017

Bidh Ionad Fiosrachaidh a’ Mhòid ann an Àrd-sgoil Loch Abar Disathairne 14mh, Diluain 16mh agus Dimàirt 17mh agus ann an Ionad Nibheis eadar Diciadain 18mh ‘s Dihaoine 20mh Dàmhair.

Gheibhear tiocaidean a’ Mhòid agus progràman bhon Ionad Fiosrachaidh. Ma tha sibh air tiocaidean no prògraman a cheannach air-loidhne, faodar an togail an seo cuideachd.

Bileagan Breithneachaidh

Gheibhear bileagan breithneachaidh airson gach farpais aig Ionad Fiosrachaidh a’ Mhòid ann an Àrd-sgoil Loch Abar Disathairne 14mh, Diluain 16mh agus Dimàirt 17mh agus ann an Ionad Nibheis eadar Diciadain 18mh ‘s Dihaoine 20mh Dàmhair.

Nota: Bu chòir farpaisich feitheamh co-dhiù 2 uair a-thìde às deidh crìoch farpais mus tog iad bileagan breithneachaidh aig an deasc.

Pìosan ainmichte Mòd 2018

Gheibhear Leabhran nam Pìosan Ainmichte airson Mòd 2018 aig Ionad Fiosrachaidh a’ Mhòid ann an Àrd-sgoil Loch Abar Disathairne 14mh, Diluain 16mh agus Dimàirt 17mh agus ann an Ionad Nibheis eadar Diciadain 18mh ‘s Dihaoine 20mh Dàmhair.

Pàirceadh aig an Lime Tree, An Gearasdan

Cha bhi pàirceadh ri fhaotainn airson tahcartasan Mòid a bhios a’ gabhail àite aig an Lime Tree. Thèid na h-àiteachan a tha ann a chleachdadh do luchd-chleachdaidh ciorramach a-mhàin. Bidh pàirceadh ri fhaighinn tarsaing an rathaid mu choinneamh an Lime Tree fhèin ge-ta, ann am ‘Pàirc-chàraichean Ceann an Iar- Fuirich Fada’ (comharraichte mar àireamh 1 air mapa nam pàirce-chàraichean).

Dèanaibh cinnteach gu bheil sibh gar leantainn air Facebook no Twitter airson fiosrachadh fhaighinn seachdain a’ Mhòid.

« Back to Mòd News List

Parcadh aig a' Mhòd - 2017

Published: 20 Sep 2017

Bidh ​tàillean pharcaidh Comhairle nan Gàidhealtachd fhathast air dòigh seachdain a’ Mhòid. Gheibh sibh mapa de na h-àitichean pharcadh anns a’ Ghearasdan. Bidh oifigear trafaig a’ dol timcheall na h-àitichean parcadh fad na seachdain.

« Back to Mòd News List

***STIÙBHARDAN**

Published: 20 Sep 2017

​Leis gu bheil Mòd Nàiseanta Rìoghail 2017 dìreach ceitheir seachdainnean air falbh, tha comataidh ionadail a’ Mhòid air a bhith a’ sireadh luchd saor-thoileach a bhiodh deònach a bhith nan stiùbhardan air an t-seachdain mhòr fhèin.

Tha pàirt cudromach dha rìreabh aig na stiùbhardan ann a bhith a deànamh cinnteach gu bheil a h-uile càil a’ ruith mar bu chòir, agus tha feum air grunnan dhiubh, gu h-àraidh aig toiseach an t-seachdain aig àm farpaisean na cloinne. ‘S e dòigh air leth a tha seo a bhith a’ gabhail pàirt sònraichte anns a’ Mhòd agus fìor bhlas a’ Mhòid fhaighinn. Bhiodh sinn toilichte cluinntinn bho neach sam bith aig a bheil ùidh ann an cànan, ceòl agus cultar nan Gàidheal.

Ma tha ùidh agaibhse a bhith nur stiùbhard cuiribh fios gu Comataidh Ionadail Loch Abar.

« Back to Mòd News List

Tiocaidean a' Mhòid 2017 rim faighinn air loidhne

Published: 15 Sep 2017

Tha sinn toilichte gu bheil Prògram a’ Mhòid agus tiocaidean airson tachartasan a’ Mhòid a-nis rim faighinn AIR LOIDHNE

Bidh tiocaidean rim faighinn anns na h-oifisean againn agus sa Ghearasdan a dh’aithghearr. Cumaibh sùil a-mach airson tuilleadh fiosrachach an seo.

**Bidh sinn a’ cur a-mach na h-òrdughan gu lèir nuair a thig am Prògram. Tha dùil againn am Prògram fhaighinn ann an dà sheachdain**

« Back to Mòd News List

Àireamhan Farpaiseach gun Samhail airson Mòd Nàiseanta Rìoghail 2017

Published: 13 Sep 2017

​Tillidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail gu Loch Abar an ath mhìos (Dihaoine 13 Dàmhair – Disathairne 21 Dàmhair) airson bliadhna don Fhèis a tha coltach a bhios gun samhail, agus àireamhan farpaiseach an dùil a bhith nas àirde na 3,600 – an àireamh as àirde ann an deich bliadhna.

Thèid an tachartas naoi-latha de cheòl, ealain agus spòrs Gàidhlig a chumail anns a’ Ghearasdan airson a’chiad uair ann an deich bliadhna agus, am-bliadhna, bheirear aoigheachd do riochdairean bho bhailtean beaga is mòra nach fhac am Mòd fad ghinealaichean.

An-uiridh thug am Mòd a-steach £2.5m airson na sgìre aoigheachd, na h-Eileanan an Iar, agus tha luchd-eagrachaidh misneachail gum bi an aon sheòrsa buaidh ri fhaicinn ann an Loch Abar, a tha ainmeil airson coimhearsnachd bhlàth agus aoigheil.

Tòisichidh an Fhèis Chultarail Ghàidhlig as motha ann an Alba air Dihaoine 13 Dàmhair le caismeachd lòchranach, anns am bi na ceudan de dhaoine a’ coiseachd ann an soilleireachd nan lòchrain tro shràidean a’ Ghearasdain.

Thig a’ chaismeachd gu crìch aig Ionad Nibheis far an tèid an tachartas fosglaidh air adhart agus air an àrd-ùrlar bidh Raibeart MacDhonnchaidh a choisinn am Bonn Òir, Ross MacUilleam agus buidheann ciùil dùthchail Na h-Òganaich anns a bheil buannaiche Bonn Òir, a’ cur fèis na bliadhna seo air bhog.

Tha Am Mòd mar an fhèis as cudromaiche don Ghàidhlig ann an Alba. Chithear na mìltean de dh’fharpaisich à Alba agus bho air feadh an t-saoghail, eadhon buidheann de dh’fharpaisich Ameireaganach am-bliadhna, a’ gabhail pàirt no an làthair aig còrr air 200 farpais a’ toirt a-steach dannsa Gàidhealach, spòrs, litreachas agus dràma, a bharrachd air ceòl is òrain Ghàidhlig.

Taobh ri taobh ris na farpaisean, bidh Iomall a’ Mhòid le prògram beòthail le lànachd de cheòl traidiseanta, leabhraichean gan cuir air bhog, mòran chuirmean agus cruthan ealain de gach seòrsa fad na seachdain. Gheibhear prògram iomaill na Fèise, a thèid a chuir air bhog an-diugh cuideachd, an seo agus air na meadhanan sòisealta agus thèid a chuairteachadh tro Thìm an Òbain a bharrachd air a bhith ann an taighean-seinnse, taighean-òsta agus àiteachan eile air feadh Loch Abar.

Thuirt Iain Moireasdan, Àrd-oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich; “Tha sinn air ar dòigh a’ tilleadh don Ghearasdan airson a’ chiad uair ann an deich bliadhna agus tha e air leth misneachail a bhith a’ dèanamh sin le àireamhan farpaiseach gun samhail. Tha bliadhna gu math trang air a bhith againn a’ tighinn nas dlùithe air an fhèis, eadar a bhith a’ ruith Chlasaichean Ciùil a’ Mhòid a tha cho tarraingeach, a’ brosnachadh na cloinne gus pàirt a ghabhail ann, agus Acadamaidh a’ Mhòid a tha a’ toirt luchd-teagaisg le Gàidhlig gu 14 sgoil air feadh na h-Alba – agus mar sin tha e math a bhith faicinn àireamhan mòra mar thoradh air an sin. Tha sinn toiliche gu bheil luchd-ciùil ainmeil bhon sgìre againn le Raibeart MacDhonnchaidh, Ross MacUilleam agus Na h-Òganaich mar phairt den tachartas fosglaidh am-bliadhna, agus bi seo na fhìor thòiseachadh math do Mhòd Nàiseanta Rìoghail 2017.”

Thuirt an Comhairliche Gàidhealach, Alister MacFhionghuin, Cathraiche Comataidh nan Goireasan Corporra: “Tha sinn air leth toilichte gu bheil Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ tilleadh gu Loch Abar, sgìre den Ghàidhealtachd far a bheil a’ Ghàidhlig agus a cultar fhathast na pàirt den choimhearsnachd. Tha sinn toilichte a bhith toirt taic don Mhòd Nàiseanta Rìoghail oir tha an tachartas seo a’ cur gu mòr ri coimhearsnachd na Gàidhlig. Bidh e math fàilte a chuir air luchd-turais don Ghàidhealtachd, nam measg feadhainn bho thall thairis, a gheibh tlachd bhon chàirdeas a bhios ann, an raon farsaing de dh’fharpaisean seinn agus ciùil, na h-iomadh cèilidhean, òraidean agus diofar thachartasan a tha mar phàirt de phrògram inntinneach an iomaill. Tha am Mòd a’ cur a’ Ghàidhlig air àrd-ùrlairean ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta, leis gu bheil e a’ toirt seachad cothrom a’ chuid as fheàrr de ar cànan, cultar a thaisbeanadh, anns na sgìrean far a bheil sinn beò, ag ionnsachadh agus ag obair.

“Tha mi cinnteach gun toir am Mòd buaidh adhartach air an sgìre agus tha sgrùdaidhean oifigeil a’ dearbhadh gu bheil e a’ cur gu mòr ri eaconamaidh na sgìre anns am bidh an tachartas. Bu math leam an cothrom seo a ghabhail airson taing a thoirt do Chomataidh Ionadail a’ Mhòid ann an Loch Abar airson an cuid saothair, gu sònraichte co-cheangailte ri togail airgid, agus tha mi a’ guidhe gach soirbheachas do Mhòd Loch Abar. Le dìreach mìos ri dhol, cumaibh ag ullachadh agus gach soirbheachas don h-uile farpaiseach bhon Ghàidhealtachd.”

Thuirt Pòl Bush OBE, Stiùiriche Thachartasan VisitScotland: “Tha dualchas Gàidhlig na h-Alba mar phàirt mhòr de ar dearbh-aithne nàiseanta. Tha sinn toilichte a bhith toirt taic don Mhòd Nàiseanta Rìoghail airson seo a chomharrachadh, gu sònraichte tro Bhliadhna Eachdraidh, Dualchas is Àrsaidheachd na h-Alba. A-rithist, tha prògram làn de cheòl, Dhannsa Gàidhealach, dhràma agus barrachd, aig an luchd-eagrachaidh don choimhearsnachd Ghàidhlig às gach cuid Alba agus thall thairis, a bheir tlachd dhaibh.

Gu dearbh tha Alba na fhìor àrd-ùrlar math airson tachartasan cultarail agus tha sinn a’ coimhead air adhart ris an fhèis ainmeil eadar-nàiseanta seo ann an ceann mìos.”

Thuirt Stiùiriche Coimhearsnachd agus Ceangal Luchd-ùidhe aig CalMac, Brian Fulton: “Tha Am Mòd Nàiseanta Rìoghail na fhìor thachartas mòr ann am mìosachan CalMac agus tha sinn gu mòr a’ coimhead air adhart ri bhith tighinn don Ghearasdan, le cinnt gum bi sin an-còmhnaidh na thachartas tlachdmhor as fhiach a chumail air chuimhne.”

Shane O`'Rua
Shane O’Rua (10), Arran Stephen (10)

Ciara MacDonald (11), Owen MacRaild (9), Shane O’Rua (10), Arran Stephen (10), Seumas MacFarlane (10), Seumas Stevenson (9)

« Back to Mòd News List

Aite Fuirich

Published: 25 Aug 2017

​Ma tha sibh fhathast a’ lorg aite fuirich airson Mod Naiseanta Rioghail na bliadhna seo, faic gu h-iosal:

Mrs Johanna MacGillivray

Dontra

Banavie

Fort William

PH33 7PB

Tel: 01397 772 349

1 House sleeps 5

1 Chalet sleeps 4

« Back to Mòd News List

Piping Competitions

Published: 05 Jul 2017

​​Tha obair ullachaidh Mòd Nàiseanta Rìoghail 2017 a’ sìor thighinn air adhart!

Bu mhath leis a’ Chomunn Ghàidhealach cur an cuimhne farpaisich phìobaireachd gum feum tagraidhean a bhith a-staigh ro Dihaoine 7mh Iuchar 2017, ‘s nach tèid gabhail ri tagraidhean anmoch, neo ri feadhainn air nach deach crìoch a chur, as dèidh a’ cheann-latha seo.

Cha ghabh sinn iarrtasan airson farpaisean sam bith ach farpaisean pìobaireachd.

« Back to Mòd News List

Ceann-latha 30/06/2017

Published: 30 Jun 2017

​​Tha agaibh gu MEADHAN OIDHCHE A-NOCHD (30/06/017) airson iarrtas a chur a-steach airson a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail.

Feumaidh sibh iarrtas a chur a-steach air loidhne aig enter.ancomunn.co.uk

Cha ghabh sinn foirmean tro post-dealain no tron phost.

Ma tha ceistean agaibh a thaobh an iarrtas agaibh, cuir fios thugainn air 01463 709705 no 01851 703487 suas gu 5f.

Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bh’ur faicinn ann an Loch Abar san Dàmhair! ☺

♪♫♪♫♪♫♪♫

« Back to Mòd News List

​SUAICHEANTAS ÙR IS AMASAN ÀRDA AIR AM FOILLSEACHADH AIRSON MÒD GHLASCHU 2019

Published: 23 Jun 2017

Thàinig clann-sgoile bho air feadh Ghlaschu còmhla an-diugh (Dihaoine 23 Ògmhios) gus an suaicheantas airson a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail ann an 2019 fhoillseachadh.

Thèid Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ Chomuinn Ghàidhealaich a chumail ann an Glaschu ann an 2019 – bidh 29 bliadhna ann an uair sin bho chaidh am Mòd a chumail sa bhaile mu dheireadh – agus chaidh suaicheantas ùr a dhealbh airson Mòd Ghlaschu a tha na shamhla beòthail is ealanta air an fhèis iomraitich a mhaireas seachdain agus far an tèid bratach cànan, ceòl agus cultar nan Gàidheal a thogail an àirde sa bhaile-mhòr uair eile.

Tha e na amas do Chomataidh Ionadail Mòd Ghlaschu 2019, le taic bho Chomhairle Baile Ghlaschu agus Glaschu Beò, An Comunn Gàidhealach a chuideachadh le bhith cur Mòd adhartach is lèirsinneach air dòigh a bhios cuideachd a’ sealltainn spèis do dhualchas is freumhan cultarach a’ Mhòid.

Tha a’ bhuidheann-dhealbhachaidh shoirbheachail a tha stèidhichte ann an Glaschu, An Còmhlan Cruthachail, air a bhith ag obair gu dlùth còmhla ris a’ Chomataidh Ionadail gus suaicheantas a dhealbh a bhios na shamhla iomchaidh air a’ Mhòd an dà chuid ann an stuthan clò-bhuailte agus thar nam meadhanan sòisealta. Thathar an dòchas gum bi an ìomhaigh ùr, bhrosnachail seo a’ togail ùidh sa Mhòd am measg luchd na Gàidhlig agus dhaoine aig nach eil an cànan agus gum bi i gam piobrachadh gu bhith gabhail pàirt sna farpaisean, a’ toirt taic dhan Mhòd mar luchd-obrach saor-thoileach agus gu bhith dol ann mar luchd-èisteachd.

Bidh taghadh farsaing de dh’fharpaisean ann a-rithist aig Mòd 2019 airson clann agus inbhich – a’ gabhail a-steach aithris is còmhradh, seinn agus farpaisean ciùil. Dh’fhaodadh cuideachd gun tèid na farpaisean airson Dannsa Gàidhealach is Pìobaireachd a chumail aig àm ùr aig a’ Mhòd gus an gabh comasan is sgilean nam farpaiseach tàlantach seo an taisbeanadh aig cridhe na fèise.

A thuilleadh air na farpaisean, bidh prògram iongantach is farsaing aig Iomall a’ Mhòid far am bi cuid den luchd-chiùil as fheàrr a th’ ann an Alba a’ cluich fad seachdain a’ Mhòid agus airson beagan làithean ron Mhòd, le cuid de na seinneadairean is luchd-ciùil as cliùitiche a th’ ann bho am measg nan Gàidheal a’ nochdadh air an àrd-ùrlar.

Thuirt Dòmhnall Iain MacIlleDhuinn, Cathraiche Mòd Ghlaschu 2019: “Nuair a shoirbhich leis an tairgse bho Ghlaschu airson Mòd 2019 a chumail, bha fios againn gum feumamaid ìomhaigh is suaicheantas beòthail a chruthachadh gus an fhèis a chur air adhart agus a chuireadh an cèill do mhuinntir Ghlaschu gu bheil am Mòd fosgailte dhan a h-uile duine agus gum bi fàilte air a h-uile duine. Tha sinn airson sealltainn gum faod duine sam bith a dhol an sàs ann an cultar na Gàidhlig, chan eil e gu diofar ged nach eil Gàidhlig aca.

“Nuair a chluinneas daoine ceòl is seinn ann an cànan sam bith, tha e gan toirt còmhla, agus tha sinne mar Chomataidh Ionadail air a chur romhainn gum brosnaich sinn an àireamh as motha de dhaoine as urrainn dhuinn gu bhith dol an sàs sa Mhòd agus tha sinn airson gun toir muinntir Ghlaschu taic dhan tachartas agus gun gabh iad tlachd ann an dualchas beairteach nan Gàidheal , dualchas a tha na phàirt de chultar a’ bhaile aca fhèin.”

Thuirt an Comhairliche Daibhidh MacDhòmhnaill, Iar-Cheannard Comhairle Baile Ghlaschu agus Ball de Ghlaschu Beò: “Tha ceangal air a bhith aig a’ bhaile seo ris a’ Chomunn Ghàidhealach fad còrr is 120 bliadhna bho chaidh am Mòd a thòiseachadh ann an 1891. Tha e cha mhòr 30 bliadhna bho bha am Mòd ann an Glaschu agus leis an t-suaicheantas ùr a chaidh fhoillseachadh an-diugh tha sinn ceum nas fhaisge air an latha nuair a thilleas am Mòd ann an 2019.

“Tha Comhairle Baile Ghlaschu a’ toirt taic do dh’adhartachadh na Gàidhlig tron Phlana Ghàidhlig againn, agus tha am Plana sin na bhunait don obair againn a thaobh na Gàidhlig ann am foghlam, coimhearsnachdan, àiteachan-obrach, na h-ealain, na meadhanan, dualchas, turasachd agus a thaobh a bhith cur na Gàidhlig air adhart agus a’ meudachadh nan cothroman a th’ ann gus an cànan a chleachdadh. San latha an-diugh, mar eisimpleir, tha barrachd sgoilearan ann am Foghlam tron Ghàidhlig ann an Glaschu na gheibhear ann an cha mhòr sgìre sam bith eile ann an Alba, ’s iad a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan na h-aon sgìrean far a bheil barrachd.

“Cuideachd, tha cliù eadar-nàiseanta aig Glaschu mar àite fìor ghoireasach airson tachartasan mòra, agus le bhith cumail a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail thèid cur ris a’ chliù sin agus bidh e mar bhun-stèidh làidir air an gabh togail sna bliadhnaichean ri thighinn gus a’ Ghàidhlig a thoirt air adhart ann an Glaschu.”

Thuirt Iain Moireasdan, Àrd-oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Tha sinn fìor thoilichte gu bheil am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ tilleadh a Ghlaschu às dèidh cha mhòr deich bliadhna fichead. Tha cliù aig a’ bhaile air feadh an t-saoghail mar àite air leth airson ceòl agus nan ealain agus tha sinn a’ faireachdainn gu bheil an suaicheantas seo a’ nochdadh beothalachd is brìgh a’ Mhòid agus spiorad Ghlaschu fhèin. Tha am Mòd am measg nam prìomh thachartasan cultarach a bhios gan cumail gach bliadhna, far am faic sibh na Gàidheil agus iomadh duine eile bho air feadh an t-saoghail aig na diofar thachartasan is farpaisean a bhios ann. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri fàilte chridheil bho mhuinntir Ghlaschu ann an 2019.”

Tha a’ Ghàidhlig na pàirt daingeann de dh’eachdraidh is cultar Ghlaschu. Tha Gàidheil air a bhith fuireach sa bhaile fad iomadh linn, agus tha ath-bheothachadh air tighinn air a’ chànan sa bhaile san latha an-diugh, agus àrdachadh mòr air tighinn air an àireimh de sgoilearan FtG sa bhaile thar nan deich bliadhna a dh’fhalbh.

Thathar an dùil gum bi trì bun-sgoiltean Gàidhlig ann an Glaschu ann an 2019, a bharrachd air àrd-sgoil agus na sgoiltean-àraich ceangailte riutha, agus tha ro-innleachd èifeachdach airson nan ealain agus a’ Ghàidhlig a chur air adhart am measg dhaoine a’ toirt taic dhan fhoghlam sin.

Thèid farpaisean Mòd Nàiseanta Rìoghail 2019 a chumail san Talla Chonsairt Rìoghail, Glaschu eadar Dihaoine 11 – Disathairne 19 Dàmhair, agus bidh mìltean de dh’fharpaisich bho air feadh Alba agus bho air feadh an t-saoghail a’ tighinn dhan bhaile gus pàirt a ghabhail ann an dannsa Gàidhealach, spòrs, litreachas is dràma, agus ceòl agus seinn na Gàidhlig.

« Back to Mòd News List

Farpaisean Litreachais 2017

Published: 12 Jun 2017

​​Tha tìde gu leòr agaibh fhathast airson pìosan litreachais a chur a-steach airson farpaisean a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail

« Back to Mòd News List

Iomain Cholmcille a’ còmharrachadh deich bliadhna de shoirbheachas aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Loch Abar.

Published: 09 Jun 2017

​Thèid Iomain Cholmcille, an co-fharpais iomain eadar-nàiseanta do luchd-labhairt na Gàidhlig a chumail anns a’ Ghearasdan am–bliadhna-sa, a’ còmharrachadh deich bliadhna mar thachartas cho soirbheachail a tha ann ann an saoghal spòrs na Gàidhlig ann an Alba. Thèid an fharpais a chumail air an 14mh den Dàmhair an lùib Mòd Loch Abair 2017

Feumaidh Gàidhlig na h-Alba no na h-Èireann a bhith aig a h-uile cluicheadair air a’ phàirc agus feumaidh i a bhith ga cleachdadh air a’ phàirc cuideachd. Is e seo a a’ chaid uair a chaidh an fharpais a chumail mar phàirt den Mhòd na eachdraidh fhada shoirbheachail.

Chaidh Iomain Cholmcille a ruith airson a’ chiad uair anns an Òban mar phàirt de Fhèill Chaluim Chille air an deicheamh latha den Ògmhios 2007. On uairsin, tha e air a bhith ga cumail ann an Conamara, Dùn nan Gall, An t-Eilean Sgitheanach agus Glaschu. Tha i air leudachadh o aon gheam eadar Alba agus Cumann Micheal Breathnach gu bhith a’ toirt a-staigh sgiobaidhean eile, Fir Uladh o Cheann a Tuath na h-Èireann agus Na Gaeil Óga à Baile Atha Cliath. Tha co-fharpais ann a-nise cuideachd eadar na boireannaich às an dà dhùthaich, le Còrn Sgàthaich ga cluich gach bliadhna.

Am –bliadhna-sa, bidh co-fharpais òigridh ann do dh’òigridh Loch Abair far am bi iad ag ionnsachadh beagan Gàidhlig tro bhith a’ cluich spòrs nan Gàidheal. Ionnsaichidh iad mu dheidhinn na sgilean a tha an-sàs ann an iomaniocht cuideachd le coidseadh mus faigh iad cothrom geam eadar an dà sgioba Èireannach a choimhead air An Àird anns a’ mhadainn.

Thuirt Eòghan Stiùbhart a tha air a bhtih na cho-ordanaiche Albannach on a thòisich an tachartas o chionn deich bliadhnaichean “Tha sinn glè thoilichte a bhith a’ cumail Iomain Cholmcille X anns a’ Ghearasdan aig an aon àm ri Mòd Loch Abair. Tha e a’ suidheachadh an tachartais iongantaich a tha seo aig cridhe cultarach na Gàidhlig agus ’s e cothrom air leth a th’ ann a bthih ag ionnsachadh o chèile an dà chuid mu chànan agus mu spòrs”

“Tha mòran rudan brosnachail a’ tachairt thall ann an Èirinn an-dràsta a thaobh strì airson còraichean cànain agus tha sinn an dòchas gun tog muinntir na h-Alba spionnadh o ar n-aoighean Èireannach. Is iomadh neach òg a bhrosnaich sinn gus Gàidhlig a bhruidhinn a-rithist le Iomain Cholmcille thar nam bliadhnaichean agus tha sinn an dòchas gun lean sinn oirnn a dhol o neart gu neart.”

Chuir Seumas Greumach, Manaidsear Leasachaidh a’ Mhòid, fàilte chridheil air a’ chompairteachas “Tha An Comunn Gàidhealach air ar dòigh a bhith a’ cumail na farpaise eadar-naiseanta iomain airson Gàidheil na h-Alba agus na h-Èireann. Chan eil àrd-urlar nas fhèarr ann airson na farpaise na am Mòd Nàsieanta Rìoghail, an fhèis as motha airson Ealain Ghàidhlig ann an Alba. Cuideachd, tha e glè fhreagarrach gu bheil an fharpais a’ tachairt ann an Loch Abar, sgìre le dualchas iomain làidir. Tha an fharpais cudromach gu cultural dhan dà chànan, Gàidhlig agus Gaeilige, le bhith a’ neartachadh a’ cheangail eadar na coimhearsnachdan Gàidhealach anns gach dùthaich.”

Bidh am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ cumail farpais a h-uile bliadhna airson iomain co-dhiù, agus cha tèid dearmad a dhèanamh air sin. Thèid Cùpa a’ Mhòid do sgiobaidhean ionadail a chumail cuideachd air an aon latha aig àite eile anns an sgìre. Uile gu lèir, ’s e fèis iomain air leth thar Loch abair a bhios ann.

Tha Iomain Cholmcille a’ faighinn taic-airgid o Cholmcille, compairteachas eadar Bòrd na Gàidhlig agus Foras na Gaeilge a bhios a’ feuchainn ri ceanglaichean eadar Gàidheil ann an Èirinn is Alba a leudachadh is a neartachadh.

Bidh Iomain Cholmcille ag obair ann an compairteachas leis a’ Chomunn Ghàidhealach agus Comataidh Ionadail Mòd Loch Abair air a’ phròiseact seo còmhla ri Sgioba Iomain a’ Ghearasdain cuideachd.

« Back to Mòd News List

​Am Mòd Nàiseanta Rìoghail 2017, Loch Abar-Farpaisean Pìobaireachd

Published: 19 May 2017

Tha obair ullachaidh Mòd Nàiseanta Rìoghail 2017 a’ sìor thighinn air adhart! Bu mhath leis a’ Chomunn Ghàidhealach cur an cuimhne fharpaisich pìobaireachd gum feum tagraidhean a bhith a-steach ro Dihaoine 7mh Iuchar 2017, ‘s nach tèid gabhail ri tagraidhean anmoch, neo ri feadhainn air nach deach crìoch a chur, an-dèidh a’ cheann-latha sin.

Bidh am Mòd a’ tilleadh gu Loch Abar airson a’ chiad uair ann an deich bliadhna, ‘s thèid farpaisean Pìobaireachd na h-òigridh ‘s nan inbheach a chumail ann an Àrdsgoil Loch Abar am bliadhna Disathairne 14mh Dàmhair 2017

Thuirt Moira Robastan, Màidsear na Pioba, Còmhlan Pìoba Loch Abar agus ball de Chomtaidh Ionadail a’ Mhòid, “Tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ri bhith a’ cumail farpaisean pìobaireachd a’ Mhòid am bliadhna. ‘S e eachdraidh phròiseil, fharsaing a th’ aig Loch Abar a thaobh na Pìobaireachd ‘s tha an t-uamhas de thàlant a-measg nam pìobairean òga anns an sgìre.”

Feumar foirmean airson farpaisean pìobaireachd a chur a-steach gu An Comunn Gàidhealach ro Dihaoine 7mh Iuchar 2017. Faodar tagraidhean a chur a-steach air loidhne: enter.ancomunn.co.uk. Faodar foirm iarrtais a luchdachadh a-nuas agus air a chur a-steach tron phost cuideachd. Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu na farpaisean fhèin sa chlàr-eagair an seo.

Tha farpaiean C108 (caismeachd) agus farpaisean C109 (srath spè & ruidhle), a bha roimhe do dh’ aois 13-15, a-niste fogailte do dh’ fharpisich fo 15 bliadhna a dh’aois. The farpaisean C130 (MSR) and C131 (port cruinn), a bha roimhe do dh’ aois 16-18, a-niste fosgailte do dh’ fharpisich fo 19 bliadhna a dh’ aois. Thathas a’ cur an cuimhne farpaisich na h-òigridh mu dheidhinn fharpais fhosgailte Phìobaireachd fo aois 19 bliadhna, ‘s bidh farpais ùr ann do dh’fharpisich fo aois 13, a’ cluich port mall Gàidhealach air an fheadain.

Thèid Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chumail ann an Loch Abar eadar 13mh agus 21mh Dàmhair 2017.

Airson tuilleadh fiosrachaidh, cuiribh fios gu An Comunn Gàidhealach air am fòn, 01463 709705 air neo air a’ phost-d: info@ancomunn.co.uk.

« Back to Mòd News List

Farpais Ùr B327

Published: 10 May 2017

​Tha farpais ùr againn dha inbhich am bliadhna: Farpais B372. ‘S e farpais fosgailte a th’ ann dha cluicheadairean a’ bhogsa agus an fhìdheall. Gheibhear barrachd fios bho clàr a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail.

♪ ♫ ♩ ♬♪ ♫ ♩ ♬♪ ♫ ♩ ♬♪ ♫ ♩ ♬

« Back to Mòd News List

Atharrachadh air Farpaisean agus Riaghailtean

Published: 13 Apr 2017

​Bidh mòran agaibh ag ullachadh airson cuir a-staigh airson farpaisean Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo a dh’ aithghearr. Dèanamh cinnteach gu bheil sibh a’ cleachdadh an liosta as ùra de farpaisean a’ Mhòid, gun fhios nach deach atharrachaidhean sam bith a dhèanamh ri na farpaisean. Tha sinn air cuid de na riaghailtean atharrachadh am bliadhna, cuideachd. Gheibh sibh na pàipearan seo gu h-ìosal:

https://www.ancomunn.co.uk/nationalmod/rules

Feumar cuir a-staigh airson na farpaisean ro 31 Cèitean 2017 tron phost agus ro 30 Ògmhios 2017 air loidhne. Bidh an siostam iarrtais againn fosgailte a dh’aithghearr.

Ma bhios ceistean sam bith agaibh, cuiribh fios thugainn air 01463 709 705 no post-d gu info@ancomunn.co.uk

« Back to Mòd News List

*Farpais A234*

Published: 28 Mar 2017

​​Tha sinn air an òrain ainmichte airson an fharpais seo atharrachadh.

‘S e ‘Maighdean Loch nan Eala’ a th’ ann an àite ‘Eilean Cholla’.

Cuiribh fios gu mairi@ancomunn.co.uk airson leth-bhreac de dh’òrain fhaighinn.

« Back to Mòd News List

Sgeama Measaidh nan Cairtean Gàidhlig

Published: 15 Mar 2017

Tha Sgeama Measaidh nan cairtean a’ toirt taic agus spionnadh do dh’fharpaisich an cuid sgilean Gàidhlig a leasachadh, gus am faigh iad na cairtean a tha dhith orra airson pàirt a gabhail ann an cuid de dh’fharpaisean a’ Mhòid. Ri linn seo, tha Sgeama a’ Chomuinn gu mòr a’ cur ris an àrdachadh de fhileantas a-measg inbhich agus luchd-labhairt na Gàidhlig agus ri leasachadh na Gàidhlig san fharsaingeachd.

Faodar iarrtas a chur gu An Comunn Gàidhealach gus measadh a dhèanamh aig àm sam bith den bhliadhna ach tron t-Sultain. B’ fheàrr leis a’ Chomunn Ghàidhealaich nam b’ urrainn do dhaoine Measadh a dhèanamh ro ceann-latha iarrtasan a’ Mhòid.

Bidh agaibh ri Measadh a dhèanamh ro ceann-latha iarrtas a’ Mhòid an ath bhliadhna.

Ma tha sibh airson latha measaidh a chur air dòigh no ma tha ceist sam bith agaibh a thaobh na measaidhean, cuiribh fios gu seonag@ancomunn.co.uk no cuiribh fòn gu 01463 709 705.

« Back to Mòd News List

Oidhche Fosgailte- Mòd Loch Abar 2017

Published: 02 Feb 2017

​Tha Comataidh Ionadail Mòd Loch Abar a’ cumail Oidhche Fosgailte air Diluain 6 An Gearran, 7f aig ‘Oisean a’ Mhòid’ air Àrd-Shràid a’ Ghearasdain.

Gheibhear fios mu dheidhinn: de th’anns a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail, luach eaconamach dhan sgìre agus ciamar a ‘s urrainn dhuibh a bhith an sàs ro làimh no tron tachartas san Dàmhair.

Ma tha ceistean sam bith agaibh, cuiribh brath chun an duilleag aca no cuiribh post-d thuca air lochabar2017@gmail.com

Bidh fàilte chridheil romhaibh.

« Back to Mòd News List

Àite-fuirich rim faotainn- Mòd Loch Abar 2017

Published: 05 Jan 2017

Two rooms within walking distance of Lochaber High School available to rent during the week of the Mod in Lochaber. They are a double and a twin, on ground floor level and served by a toilet/bathroom/shower.

Shared kitchen and sitting room facilities will also be available.

Please phone Isabel on 01397 703 819 for more information

« Back to Mòd News List

Aigeallan Airgid 2017

Published: 09 Nov 2016

Feumaidh farpaisich ann an ​A252 (Mnathan) agus A253 (Fireannaich) òran a thaghadh a tha leantainn air cuspair sònraichte.

Airson 2017 ‘s e ‘eileanan’ cuspair an òrain do dh’fharpaisich ann an A252 (Mnathan) agus ‘s e ‘seòladh’ cuspair an òrain do dh’fharpaisich ann an A253 (Fireannaich).

« Back to Mòd News List

Shuttle Bus

Published: 17 Oct 2016

​Tha Comhairle nan Eilean Siar a’ cur bus air dòigh a bhios a’ dol timcheall Tallaichean a’ Mhòid tron t-seachdain.

Ma sibh airson bus a chuir air dòigh- cuiribh fòn gu 07795291551

« Back to Mòd News List

Massed Choirs 2016

Published: 12 Oct 2016

​​

Please note that the time for this year’s Massed Choir event has changed to 11.30am

« Back to Mòd News List

Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

Argyll & Bute Council

Argyll & Bute Council

BID4Oban

BID4Oban

The Gordon and Ena Baxter Foundation

The Gordon and Ena Baxter Foundation