Published: 11 May 2011
Gabhaidh cèilidh agus dannsa àite ann an taigh-òsta a’ Chaladh air Disathairne 21 Cèitean 2011 airson airgead a chruinneachadh mu choinneamh a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail. ‘S iad comataidh Fèis nan Còisir a tha air an oidhche a chur air dòigh, agus tòisichidh e aig 7f. ‘S ann a’ gabhail àite a’ Chuirm Bhliadhnail aig Fèis nan Còisir a bhios a’ gabhail àite aig an àm seo gach bliadhna a tha a’ chèilidh seo.
An làthair air an oidhche bi Eòghainn MacLeòid agus Mairead NicLeman, a bhuannaich Bonn Òr an t-Seann Nòs aig Mòd Ghallaibh ann an 2010. Tha iad, le chèile, cuideachd nam buill de Chòisir Sgir’ a’ Bhac. Cuideachd bi cothrom èisteachd ri na ceithir còisearan a tha stèidhichte ann an Leòdhais agus iad a’ tòiseachadh ag ullachadh mu choinneamh a’ Mhòd. Cluinnear cuideachd na còmhlain-ciùil a bhuannaich aig Mòd Ionadail Leòdhais anns a’ Mhàrt 2011. ‘S iad sin Bun-sgoil Steòrnabhaigh, Sgoil Lional agus Sgoil MhicNeacail. Agus mura robh gu leòr ann an sin, ‘s e Iain Aonghas MacLeòid agus a chòmhlan a bhios a’ toirt thugaibh an cèol dannsa. Is e Dòmhnall Màrtainn còir a bhios a’ cumail rian air cùisean is e na fhear-an-taighe.
Tha tiogaidean airson a’ chèilidh a cosg còig notaichean agus ma tha sibh ann an Steòrnabhagh, gheibhear iad bho Events no faodar cuideachd pàigheadh aig air doras air an oidhche. Airson tuilleadh fiosrachaidh cuir fios gu Amy NicAmhlaigh, comataidh na Fèise air amyvmacaulay@gmail.com.
« Back to Mòd News List