Naidheachdan

Spòrs do theaghlaichean aig cridhe Mòd an Òbain 2024

Published: 16 Aug 2024

Club Cloinne Gàidhlig
Club Cloinne Gàidhlig

Bidh spòrs do theaghlaichean aig cridhe Mòd Nàiseanta Rìoghail am bliadhna nuair a thilleas e dhan Òban eadar 11 - 19 Dàmhair 2024, le prògram làn tachartasan sa bhaile. A’ tilleadh dhan dachaigh eachdraidheil, far an do thachair a’ chiad Mòd ann an 1892, bidh prìomh fhèis Ghàidhlig agus cultar na h-Alba a’ comharradh cànan agus cultar tro cheòl traidiseanta, dràma, litreachas, ealain agus spòrs. Bidh mòran luchd-ciùil agus luchd-ealain air àrd-ùrlar san Òban thairis air naoi làithean.

Bidh pailteas chur-seachadan ann a fhreagras air pàrantan rè làithean saora na sgoile san Dàmhair aig àm A’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail. Tha an tachartas a’ comharrachadh dualchas, cànan agus cultar na h-Alba, le fòcas sònraichte air òigridh gus dìleab na Gàidhlig a neartachadh sna bliadhnaichean a tha romhainn.

Bidh cothroman gu leòr ann Gàidhlig a chluinntinn agus ionnsachadh, raon farsainn chur-seachdadan spòrsail, a cheart cho math ri cothrom dhaibhsan a tha fileanta sa Gàidhlig an cànan a chleachdadh agus coinneachadh ri luchd-labhairt aig a h-uile aois.

Seo agaibh tachartasan teaghlaich a thèid a chumail aig Mòd an Òbain.

Cèilidhean Teaghlaich

Diluain 14 agus Dimàirt 15 Dàmhair, Tallaichean a’ Chorrain: Cèilidhean Teaghlaich spòrsail dhan teaghlach air fad le ceòl, geamannan agus Dannsa Gàidhealach. Tha na tachartasan seo air an cuir air dòigh le Comunn na Gàidhlig far am faigh clann cothrom dannsa.

Bidh Cèilidh Tràth Bhliadhnaichean ann an Talla Guides an Òbain air Dimàirt 15 Dàmhair, ag amas gu sònraichte air teaghlaichean le clann nas òige.

Bòrd Seasaimh

Cothrom rud ùr fheuchainn aig a’ Mhòd am bliadhna. Bidh seiseanan Bòrd Seasaimh air an cumail le Spòrs Gàidhlig. Bun-sgoil 5 – 7 Dimàirt 15 Dàmhair agus Àrd-sgoil 1 – 4 Diciadain 16 Dàmhair. A’ fàgail Tallaichean a’ Chorrain, bidh an òigridh a’ cuir eòlas air sgìre àlainn an Òbain agus ag ionnsachadh sgilean ùr tro mheadhan na Gàidhlig.

Cruth – Na Meadhanan Sòisealta

Ann an co-bhanntachd le FilmG agus Astar Media, aig Cruth bidh deugairean le Gàidhlig nan sgeulaichean didseatach! Togaidh iad eòlas air susbaint a chruthachadh agus bhidio a chlàradh. Aig Café Òigridh an Òbain Diluain 14 agus Dimàirt 15 Dàmhair, nì iad agallamhan le feadhainn a th’ aig a’ Mhòd gu faigh iad blas air na bhios a’ dol.

Leugh is Seinn le Linda NicLeòid

Seisean de dh’òrain Gàidhlig, geamannan agus pupaidean air a chuir air dòigh le Comhairle nan Leabhraichean fo stiùir Linda NicLeòid: tosgaire leughaidh Gàidhlig agus tosgaire Gàidhlig A’ Chomuinn Ghàidhealaich. Anns a’ mhadainn bidh seisean ann do dh’aoisean 0-5 agus feasgar aoisean 5-8. Thèid tachartas a chumail aig Ionad Achadh na Creige Diciadain 16 Dàmhair le amas litreachas am measg an òigridh a leasachadh ann an dòigh spòrsail.

Bookbug Gàidhlig

Seisean spòrsail agus càirdeil làn òrain is sgeulachdan airson clann a bhios aig Àite-cluiche Ionad Achadh na Creige Diluain 14 agus Dimàirt 15 Dàmhair rè Mòd na Cloinne.

Sradagan (Club Òigridh Gàidhlig)

Bidh raon chur-seachadan ann, nam measg ealain is obair-chiùird is diofar gheamannan, fosgailte do chlann aois Bun-sgoile aig a bheil no a tha ann am foghlam Gàidhlig. Ann an Talla Guides an Òbain Diluain 14 – Diciadain 16 Dàmhair, bidh seo na dheagh cothrom do chlann òg thighinn cruinn còmhla rè làithean saora na sgoile agus an cuid Gàidhlig a chleachdadh.

Club LEGO Gàidhlig

Aig Ionad Achadh na Creige Latha na Sàbaid 13 Dàmhair bidh Club LEGO Gàidhlig ann, far am faigh òigridh cothrom air rudan a thogail mar chur-seachad. Tha an tachartas seo freagarrach dhan h-uile ìre a’ toirt cothrom beagan Gàidhlig ionnsachadh tro chluich.

Slighe nan Rannsachair

Eadar Didòmhnaich 13 – Dihaoine 18 Dàmhair bidh Slighe nan Rannsachair ann an Taigh -tasgaidh, Caisteal agus Geàrraidhean Dhùn Ollaidh. Freagraidh seo air aois sam bith le cothrom duais fhaighinn aig an deireadh. Gabhaidh duilleagan a thogail air an rathad a—steach dhan làraich eachdraidheil.

Tachartas Sligheadaireachd

Cur-seachad a chòrdas ri òigridh aig a bheil Gàidhlig ann an clasaichean bun-sgoile 4 gu 7, tachraidh tachartas sligheadaireachd Spòrs Gàidhlig ann an Taigh-tasgaidh, Caisteal agus Geàrraidhean Dhùn Ollaidh Diluain 14 Dàmhair. Cleachdaidh an òigridh mapaichean gus eòlas a chuir air an làrach shònraichte, eachdraidheil seo, mus faigh iad cothrom air a’ chùrsa sligheadaireachd agus duaisean a bhuannachadh!

Seiseanan Ealain

Anns an Àite Ealain aig Ionad Achadh na Creige Diluain 14 is Dimàirt 15 Dàmhair, bheir Seiseanan Ealain Mòd an Òbain cothrom dhan òigridh an cuid Gàidhlig (aig ìre sam bith) a chur gu feum agus a bhith cruthachail.

Sruth “Buainidh Aon Fhacal Ceud”

Gheibh an òigridh cothrom tachairt ri feadhainn as ainmeile ann an saoghal na Gàidhlig aig Tallaichean Cruinneachaidh Earra-Ghàidheil Diluain 14 is Dimàirt 15 Dàmhair. Seo an treas bliadhna aig an tachartais seo a bhios a’ brosnachadh luchd labhairt na Gàidhlig le ìre cànan sam bith.

Tachartasan Leasachaidh Sgilean Albannach

Diluain 14 agus Dimàirt 14 Dàmhair bidh seiseanan Sgèithidh Dròin an asgaidh do dh’aoisean 10 – 16 bliadhna, far am faigh sgoilearan cothrom ionnsachadh mar a stiùireas iad dròn agus ciamar a tha drònaichean air an cleachdadh ann an companaidhean air feadh na dùthcha.

Air na h-aon làithean bidh Leasachadh Sgilean na h-Alba cuideachd a tabhainn Tog muileann-gaoithe le LEGO do dh’aoisean 10-14. Tachraidh seo air a’ bhàta-aiseig eadar an t-Òban agus Muile. Ionnsachaidh iad mu dheidhinn mar a tha lùth gaoithe air a chruthachadh agus na dreuchdan a tha rim faighinn ann an Alba sa ghnìomhachas seo.

Thuirt Seumas Greumach, Àrd-oifigear A’ Chomuinn Ghàidhealaich:

“Tha òigridh agus teaghlaichean aig cridhe A’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail is tha e air leth cudromach dhuinn gum bi raon farsainn de thachartasan air an son aig Mòd an Òbain san Dàmhair. ’S e cothrom air leth a th’ ann do dh’òigridh an Òbain, no a tha tadhal air an sgìre, Gàidhlig ionnsachadh is a bhruidhinn, sgilean agus caraidean ùr fhaighinn, a’ cheart cho math ri deagh spòrs agus iad a’ cuir eòlas air a’ Mhòd.

“Mholainn gun glèidheadh daoine àite ro làimh gus am faigh iad cothrom air na seiseanan a tha iad ag iarraidh, is gum faic iad a h-uile càil a bhios a dol air feadh a’ bhaile. Bidh sinn air ar dòigh glan nuair a chì sinn feadhainn aig gach aois a’ dol an sàs!”

Thuirt Dòmhnall MacGillEathain, Cathraiche, Comataidh Ionadail Mòd 2024:

“Tha cothroman dhan òigridh tron Ghàidhlig cho cudromach sa ghabhas – tha coimhearsnachd luchd-labhairt Gàidhlig òg agus pàrantan san Òban, agus tha na h-ionadan tro mheadhan na Gàidhlig aig Bun-sgoil Achadh na Creige agus Bun Sgoil Srath na h-Apainne a’ trèanadh Gàidheil òg comasach gach bliadhna. A bharrachd air sin tha buidhnean coimhearsnachd ionadail againn, buidhnean ciùil is eile.

’S iad an fheadhainn comasach seo a th’ air am prògram farsainn seo dhan òigridh a chuir ri chèile. Tha mi cho moiteil às an obair a rinn an comataidh gus am prògram ullachadh. Bidh rudeigin ann don h-uile duine aig Mòd an Òbain – is tha am Prògram seo a’ dearbhadh sin.”

Tha na buidhnean EventScotland, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Riaghaltas na h-Alba, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, BBC ALBA, Alba Chruthachail agus SQA a’ cumail taic ris A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail am bliadhna san Òban.

Tachraidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail san Òban eadar 11 – 19 Dàmhair 2024. Airson tuilleadh fiosrachaidh, tadhlaibh air ar làrach-lìn.

Gheibhear Prògram an Iomaill an seo.

« Back to Mòd News List

Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

The Highland Council

The Highland Council