Published: 16 Oct 2024
Bidh gaisgich saoghal litreachas na Gàidhlig a’ faighinn urram aig A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail an diugh, agus bidh na seinneadairean as fheàrr a’ strì ann am Farpais Chrìochnachaidh a’ Bhuinn òir feasgar.
’S e Bàrd a’ Chomuinn Ghàidhealaich an t-urram litreachais as cudromaiche a bhios air a thoirt seachad an diugh, agus ’s i Meg Bateman, foghlamaiche Albannach, bàrd agus sgrìobhaiche, a bhios ga fhaighinn.
Tha còrr is ceud bliadhna bhon a chaidh a thoirt seachad son a’ chiad uair, agus tha an duais seo a’ toirt urram ri neach a tha air mòran a chur ri saoghal litreachail na Gàidhlig. ’S i Meg Bateman an trì-ficheadamh Bàrd a fhuair an crùn, agus tha i a’ leantainn Niall O’ Gallagher, am bàrd agus eadar-theangair Albannach.
Rugadh Meg ann an Dùn Èideann. Rinn i ceum na Ceiltis aig Oilthigh Obar Dheathain agus an dèidh a bhith bliadhna ann an Uibhist a Deas ga bogadh anns a’ Ghàidhlig, chrìochnaich i ollamhachd air bàrdachd chreidmheach Ghàidhlig. An uair sin, theagaisg i aig Oilthigh Dhùn Èideann, Oilthigh Obar Dheathain agus Sabhal Mòr Ostaig. Nochd a cuid bàrdachd ann an iomadh duanaire, nam measg Aotramachd is dàin eile, a bhuannaich duais bho Comhairle Ealain na h-Alba, agus a bha air geàrr-liosta Duais Stakis airson Leabhar Albannach na Bliadhna. Tha Meg air duaisean a ghlèidheadh ann an iomadh Fèis Litreachais. Tha i air cruinneachaidhean bhàrdachd a dheasachadh agus eadar-theangachadh, nam measg bàrdachd dhiadhaidh eachdraidheil, agus bàrdachd le mnathan. Chaidh an leabhar as ùire aice fhoillseachadh ann an 2020 – Window to the West: Culture and Environment in the Scottish Gàidhealtachd. Tha seo a’ sgrùdadh ma tha barail shònraichte aig Gàidheil air an t-saoghal.
Thuirt Meg Bateman: “’S e urram a th’ ann a bhith a’ dol nam bhàrd aig a’ Chomunn, gu h-àraidh seach gum b’ e ionnsachadh a rinn mi. Tha e a’ faireachdainn neònach ge-tà gu bheil rudeigin a nì mi ann an uaigneas a’ dol na rud corporra! Tha mi an dòchas gun dèan mi feum sa bhliadhna a tha romhainn do bhàrdachd na Gàidhlig. Tha e mìorbhaileach gu bheil a’ Ghàidhlig fhathast ann agus gum bi daoine – luchd-labhairt dùthchasach agus ùra – a’ lorg na fìrinn aca sa chànain. Cha leig mi leas innse gur e cànain bhrèagha shùbailte a th’ innte, làn ciùil is ìomhaighean talmhaidh.”
Nuair a ruigeas sinn an t-siathamh latha de Mhòd Nàiseanta Rìoghail 2024, bidh mòran dhuaisean eile air an toirt seachad, ann an sgrìobhadh, ealain agus na meadhanan, mus tachair na farpaisean crìochnachaidh ann an Dràma, an Aigeallain Airgid agus anns na Buinn Òr.
Bidh seinneadairean sònraichte – luchd-ionnsachaidh ann am farpais an Aigeallain Airgid, agus fileantaich sa’ Bhonn Òr – a’ seinn do na britheamhan is iad an dùil na duaisean tarraingeach a ghleidheadh.
An-dè, chaidh iomadh duais a thoirt seachad don òigridh. Ghabh farpais Bonn Airgid an t-Seann Nòis àite ann an Cathair-eaglais Naomh Eòin airson balaich is caileagan eadar 13 is 15 bliadhna. Ghlèidh Fionnlagh Moireasdan à Àrd-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu agus Millie Bonniwell à Àrd-sgoil an Òbain na Buinn Airgid. Bhuannaich Millie cuideachd an duais airson na comharran as àirde thairis air an dà fharpais, ’s e sin Cuach Cuimhneachan Anna Cheallaidh NicDhòmhnaill.
Bha farpaisean Prìne Fèilidh Airgid a’ Chomuinn Ghàidhealaich agus Aigeallan Airgid a’ Chomuinn Ghàidhealaich ann an-dè cuideachd. Fhuair Iain MacLeòid à Inbhir Nis am Prìne-Fèilidh agus bhuannaich Lily Robastan às an t-Òban an Aigeallan Airgid. Rinn an dithis aca an gnothach air còrr is fichead farpaiseach.
Bha Farpais Cogadh nan Còmhlan a’ tachairt an raoir ann an Tallaichean Cruinneachaidh Earra-Ghàidheil, agus chrìochnaich Ceòl a’ Chaisteil sa chiad àite an aghaidh ceathrar còmhlain eile. Tha iad air cothrom clàraidh ann an stiùidio ionadail a bhuannachd, a’ sealltainn an uiread de thàlant a tha a’ nochdadh ann an Gàidhlig is ceòl traidiseanta an Alba.
Aig Tallaichean a’ Chorrain ann am farpaisean còisir 13-18 bhuannich Sgoil Sir E Scott à Tairbeart na Hearadh Còisir Aon-fhuaimneach agus Còisir Co-sheirm. Bhuannaich Còisir Àrd-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu Puirt-à-beul.
Anns na farpaisean fo 13 an-dè, bhuannaich Còisir na h-Òige an fharpais aon-fhuaimneach, Geall-dùbhlain Meur Sgìreil Obar Phoill. Fhuair Còisir Sgoil Sir E Scott farpais a’ phuirt-à-beul a togail Cupa na M-p Schroder, agus farpais Chòisirean Co-sheirm Fileanta, a togail
Geall-dùbhlain Cuimhneachaidh na M-p Anna Ghranndach à Lagain. Bhuannaich iad cuideachd Geall-dùbhlain Chaledonian Mhic a’ Bhriuthainn Siùsaidh NicPhàdraig mar na buannaichean a b’ àirde tarsainn nan roinnean uile. Choisinn Sgoil an Iochdair Cuach Chomataidh Sgìreil Bhàideanaich agus Srath Spè san fharpais Aon-fhuaimneach Fosgailte Fo 13 bliadhna.
Cluinnear measgachadh de cheòl tron t-seachdain ‘s bidh taighean-seinnse an Òbain a’ tighinn beò le Ceòl sa Bhaile seachdain a’ Mhòid. Bidh na seiseanan neo-fhoirmeil seo a’ toirt còmhla ceòl na Gàidhlig le cuid den luchd-ciùil as ainmeile sa sgìre agus ann an Alba.
Thuirt Seumas Greumach, Àrd-oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “’S e Diciadain latha cudromach eile aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail, oir ’s e àm gu math sònraichte a th’ ann, leis na h-àiteachan air feadh an Òbain, bho Thallaichean a’ Chorrain gu Tallaichean Cruinneachaidh Earra-Ghàidheil, loma làn le òrain, ceòl, litreachas agus ealain.
Meal a naidheachd air Meg Bateman, Bàrd na bliadhna-sa; tha àite sònraichte aig a h-obair ann an litreachas na Gàidhlig, agus thathas a’ guidhe gach soirbheachas do na farpaisich air fad an diugh.
Thuirt Dòmhnall MacIlleathain, Cathraiche Comataidh Ionadail Mòd 2024: “On a tha sinn a’ toirt urram don fheadhainn tàlantach ann an litreachas na Gàidhlig, leithid Bàrd ùr a’ Chomuinn Ghàidhealaich, bithear a’ comharrachadh beartas coimhearsnachd an Òbain le Bonn Òr a’ Chomuinn a’ gabhail àite agus seiseanan ciùil beòthail sna taighean-seinnse. Bidh am baile air goil, ’s bidh am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ toirt a chuid as fheàrr den chultar againn còmhla. Ar taing do dh’àitean-fuirich an Òbain, tachartasan an iomaill agus Ceòl a’ Bhaile, a’ toirt cothrom do luchd-ciùil ionadail agus luchd-tadhail tlachd a ghabhail ann an ceòl is cultar na Gàidhlig.”
Tha na buidhnean EventScotland, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Riaghaltas na h-Alba, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, BBC ALBA, Alba Chruthachail agus SQA a’ cumail taic ris A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail am bliadhna san Òban.
Bidh Mòd Nàiseanta Rìoghail san Òban gu Disathairne 19 Dàmhair.
Tuilleadh fiosrachaidh air ar làrach-lìn.
Tha Prògram an Iomaill an seo.
« Back to Mòd News List