Published: 14 Oct 2022
Tha an tachartas cliùiteach nàiseanta a’ tilleadh don Bhaile Bhòidheach airson a’ chiad uair bho 2004
Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ fosgladh a-nochd gu fàilte is furan agus mu 7,500 neach-tadhail a’ tighinn a Pheairt gus tlachd a ghabhail às an raon mhòr de ghnìomhaidhean iongantach agus de ghnìomhachdan cultarach a thathar a’ tabhann thar nan naoi làithean ri teachd.
A’ tilleadh don Bhaile Bhòidheach airson a’ chiad uair ann an ochd bliadhna deug, bidh an tachartas eachdraidheil seo a’ tarraing luchd-leantainn ceòl is cultar na Gàidhlig còmhla uair eile, gus an cànan, an eachdraidh agus àm teachdail nan Gàidheal a chomharrachadh, agus thathar a’ sùileachadh gun toir e togail eaconamach de £1 millean don sgìre sa phròiseas sin.
Gus fosgladh a’ Mhòid chudromaich seo a chomharrachadh, tha luchd-eagrachaidh a’ Mhòid An Comunn Gàidhealach air Tosgaire Gàidhlig na Bliadhna ainmeachadh. Tha an t-urram bliadhnail seo bho Riaghaltas na h-Alba ga bhuileachadh am-bliadhna air Iain Urchadain – preasantair, sgrìobhadair, òraidiche agus na phearsa fhollaiseach sa choimhearsnachd Ghàidhlig.
Tha Mgr Urchadain, a rugadh is thogadh sna Hearadh le Gàidhlig mar chiad chànan, air prògraman rèidio a’ BhBC leithid Caithris na h-Oidhche agus Car mu Chnoc a phreasantadh, agus prògraman TBh leithid Prògraman a’ Mhòid air a’ BhBC, Dòtaman, Brag, Around Scotland, The Ice Cream Van agus Beag air Bheag.
Anns na 1990an, chuir Iain facail Ghàidhlig ri òrain roc do na còmhlain-ciùil 101 agus Mise Mise. Bha e a’ frithealadh mar Mhinistear Eaglais na h-Alba airson dà bhliadhna dheug agus dh’eadar-theangaich e mòran artaigilean, leabhraichean agus laoidhean Beurla gu Gàidhlig. Bha e cuideachd na phàirt den sgioba a dh’eadar-theangaich an Tiomnadh Nuadh bho Ghreugais gu Gàidhlig.
Mar ùghdar agus mar bhàrd cliùiteach, bhuannaich e Duais Dhòmhnaill Meek leis a’ chiad chruinneachadh bàrdachd aige, Turas, agus bha e air a’ gheàrr-liosta airson duais sgrìobhainnean
neo-fhoillsichte aig na Duaisean Litreachais air an ruith le Comhairle nan Leabhraichean, airson an dàrna cruinneachaidh aige, Ceum. Tha Mgr Urchadain gu làithreach na òraidiche aig Sabhal Mòr Ostaig agus bidh e a’ preasantadh podcastan SpeakGaelic.
Is e Mgr Urchadain an 14mh neach a fhuair an duais chliùiteach seo le taic bho Riaghaltas na h-Alba, gus aithne a thoirt do agus tabhartasan sònraichte a thaobh cànan is cultar na Gàidhlig a chomharrachadh.
Thuirt Iain Urchadain: “ ’S e fìor urram a th’ ann Tosgaire Gàidhlig na Bliadhna fhaighinn, agus tha mi air leth toilichte a’ choimhearsnachd Ghàidhlig a riochdachadh. ’S e Gàidhlig mo chiad chànan agus tha mi air a bhith ag obair ann am foghlam agus fèisteas do na Gàidheil fad còrr air 30 bliadhna, mar sin tha e a’ dèanamh an urraim seo fiù nas speisealta.”
Tha 2022 cuideachd a’ faicinn A’ Chomuinn a’ cur duais ùr air bhog. Tha Caraidean a’ Mhòid a’ tuigsinn na h-obrach a tha a leithid de dhaoine air a dhèanamh, agus a’ leantainn air adhart a’ dèanamh, gus dèanamh cinnteach gum fuirich spiorad na Gàidhlig beò. Bidh suas ri ceathrar luchd-faighinn a’ dol a-steach do Thalla Cliù Caraid a’ Mhòid gach bliadhna, air an taghadh airson na chuir iad ri coimhearsnachd, ceòl agus cànan. Is iad a’ chiad ceithir taghaidhean Anna NicLeòid, an Gàidheal aithnichte Freddie MacCoinnich, Marlene Yule bho Chòisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain agus an taoitear Gàidhlig, Christine NicIain.
Bidh am feasgar seo a’ cur a dhol prògram aoibhneach a’ Mhòid de ghnìomhaidhean is fharpaisean le Caismeachd Lòchranach air a stiùireadh le Còmhlan Pìoba Shrath Athaill agus Còmhlan Pìoba Sgìre Pheairt a’ fàgail bho Àrd-Shràid Pheairt aig 6.30f.
Chithear aig an t-seirbheis fhosglaidh chatharra, an seinneadair cliùiteach à Siorrachd Pheairt, Mairead Bennett, a’ lìbhrigeadh òraid dhealasach mar fhosgladh oifigeil a’ Mhòid, agus Cuirm-chiùil an Fhosglaidh a’ cur nan tachartasan ciùil air bhog le stoidhle ann an Talla Consairt Pheairt aig 7.30f. Bidh cuid den tàlant as fheàrr ann an saoghal nan Gàidheal, a’ gabhail a-steach nan seinneadairean Màiri NicAonghais, Art MacCarmaig, Ceitlin Lilidh agus Darren MacIlleathain, a’ tighinn còmhla le còmhlan-ciùil fo stiùir luchd-ciùil Mànran agus preasantairean a’ BhBC Gary Innes agus Eoghann MacEunraig.
Thar nan naoi làithean às dèidh sin, bidh an fhèis a’ cothlamadh clàr eadar-mheasgte de fharpaisean brosnachail beò agus consairtean air an iomall, a thuilleadh air clàr de ghnìomhaidhean air-loidhne a bhios rin craoladh fad na seachdaine, le timcheall air 2,000 neach-ciùil is com-pàirtiche a’ lìonadh còrr air 14 ionadan-cruinneachaidh air feadh a’ bhaile.
Am measg nam prìomh thachartasan, bidh farpais chrìochnachaidh Bonn Òir a’ Chomuinn Ghàidhealaich air Diciadain 19 Dàmhair agus farpais chrìochnachaidh Bonn Òir an t-Seann Nòis air Diardaoin 20 Dàmhair. Bidh Farpaisean nan Còisirean Dùthchail agus Farpaisean nan Còisirean Sgìreil a’ tilleadh cuideachd air Diardaoin agus Dihaoine an ath-sheachdain.
Thuirt Seumas Greumach, Àrd-Oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Tha sinn air leth toilichte fàilte a chur air seann chàirdean agus càirdean ùra chun a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail ann am Peairt. Tha eachdraidh aig a’ Ghàidhlig ann an Siorrachd Pheairt agus mar sin tha sinn air ar dòigh a bhith air ais ann am Peairt airson a’ chiad Mhòd sa bhaile bho 2004.
“Tha buannachdan cultarach agus eaconamach a’ Mhòid fad-ruigsinneach, agus thar nan naoi làithean ri teachd bidh sinn a’ coimhead gum bi adhartachadh eadar-nàiseanta na Gàidhlig agus
baile aoigheachd Pheairt a’ toirt buaidh dheimhinneach air a’ ghnìomhachas turasachd is aoigheachd ionadail, agus gu sònraichte a’ togail spiorad dhaoine coinneachadh a-rithist agus dàimhean ath-ùrachadh.
“Tha a’ Chaismeachd Lòchranach agus a’ Chuirm Fhosglaidh le chèile nan dòigh fhoirfe air an tachartas a chur air bhonn le toileachas, agus tha sinn a’ dèanamh fiughar ris gach neach a bhith a’ gabhail tlachd às a’ chlàr bheairteach de thachartasan, farpaisean agus cuirmean-ciùil a tha sinn a’ tabhann am-bliadhna.”
Thuirt Rùnaire an Fhoghlaim Shirley-Anne Somerville: “’S e fìor urram a th’ air a bhith ann comharrachadh am Mòd Nàiseanta Rìoghail a bhith a’ tilleadh a Pheairt.
“’S e seo sàr fhèis na h-Alba son a bhith a’ comharrachadh a dualchas cultarail is cànanach Gàidhlig. Tha am Mòd cuideachd a’ tabhann cothrom bliadhnail son Gàidheil is feadhainn gun Ghàidhlig cruinneachadh gus comharrachadh aon de phrìomh phàirtean fèin-aithne na h-Alba.
“Tha tachartasan den t-seòrsa seo a’ cur am follais carson a bu chòir dhuinn leantainn oirnn a’ toirt taic don Ghàidhlig is aithneachadh luach cultarail, eaconamach is sòisealta a’ chànain
do dh’Alba gu lèir.”
Thuirt Stiùiriche Comhairle Pheairt is Cheann Rois, An Comhairliche Grant Laing: “Tha sinn air leth toilichte gu bheil am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ tilleadh a Pheairt gus Gàidhlig a chomharrachadh ann an iomadach dòigh. Tha sinn air a bhith ag ullachadh airson fàilte a chur air luchd-tadhail gu Peairt agus Siorrachd Pheairt bho fhad’ is farsaing, agus tha sinn an dòchas gum bi fèis mhìorbhaileach aig gach com-pàirtiche anns na prìomh fharpaisean agus sna tachartasan air an Iomall.”
Thuirt Pòl Bush OBE, Stiùiriche Thachartasan VisitScotland: “Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail air a bhith an-còmhnaidh na àrd-ùrlar foirfe airson cultar agus cruthachalachd na Gàidhlig adhartachadh tro cheòl, dràma agus barrachd agus tha EventScotland fìor thoilichte leantainn air adhart a’ cur taic ris an tachartas ann an 2022. A’ fosgladh a-nochd le caismeachd lòchranach mhìorbhaileach, agus le ealain agus luchd-ealain air an riochdachadh sa phrògram loma-làn airson a’ chiad uair, tha mise co-dhiù a’ coimhead air adhart ris a’ Mhòd a’ tilleadh a Pheairt airson a’
chiad uair ann an 18 bliadhna.”
Thuirt Seòna NicIllinnein, Ceannard, Bòrd na Gàidhlig: “Tha sinn fìor thoilichte taic a chur ris a’ Mhòd am-bliadhna ann am Peairt. Tha am Mòd an-còmhnaidh na shubhachas mòr às leth cànan is cultar na Gàidhlig, a’ toirt seachad chothroman air a’ chànan a chleachdadh ann an raon farsaing de thachartasan. Tha e cuideachd a’ cur ri faireachdainn de shunnd, gu h-àraid tro bhith a’ tarraing seann charaidean is caraidean ùra còmhla an dèidh bliadhnaichean a bha glè dhùbhlanach. Tha sinn a’ cur fàilte air subhachasan uile às leth na Gàidhlig agus a cultar, agus tha mi cinnteach gum bi Peaairt na àite-cruinneachaidh air leth a-rithist am-bliadhna.”
Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ faotainn taic bho Bhòrd na Gàidhlig, Comhairle Pheairt is Cheann Rois, EventScotland, Riaghaltas na h-Alba, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn agus SQA.
Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ ruith ann am Peairt gu Disathairne 22 Dàmhair. Tha tuilleadh fiosrachaidh ri fhaotainn aig www.ancomunn.co.uk. Tha tiogaidean rim faotainn le an ceannach bho oifis Ealain Horsecross aig www.horsecross.co.uk.
« Back to Mòd News List