Naidheachdan

Acadamaidh a' Mhòid 2020

Published: 05 Mar 2020

​Tha Sgioba na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd ag obair còmhla ri Fèisean nan Gàidheal agus An Comunn Gàidhealach gus pròiseact Acadamaidh a’ Mhòid a leasachadh, gu h-àraid ann an sgìre Inbhir Nis a thoiseach air Mòd Roinneil Inbhir Nis agus am Mòd Nàiseanta Rìoghail a bhios air an cumail ann an Inbhir Nis san Ògmhios agus san Dàmhair. Tha Acadamaidh a’ Mhòid ag amas air sgoiltean Foghlam tron Ghàidhlig agus sgoiltean Foghlam tron Bheurla a tha air a’ Ghàidhlig a thaghadh mar dhàrna cànan a bharrachd (C3). Airson Ionnsachadh Cànain 1+2 cuiridh a’ chlann agus na daoine òga eòlas air cànan a bharrachd bho P1 air adhart (Cànan 2 no C2). Tha dàrna cànan a bharrachd air a thoirt a-steach bho P5 (Cànan 3 no C3). Bidh am pròiseact cuideachd air a lìbhrigeadh ann an sgoiltean a tha airson taic
fhaighinn le bhith ag ullachadh dhaoine òga airson a’ Mhòid.

Tha am pròiseact an-dràsta a’ cur oidean air dòigh gus oideachadh a lìbhrigeadh ann an ionnsachadh is cleachdadh na Gàidhlig, òrain Ghàidhlig, seinn chòisirean Gàidhlig, bàrdachd, agus cluiche còmhlain-chiùil. Bidh an t-oideachadh a’
buntainn ri clàr-obrach is farpaisean a’ Mhòid agus com-pàirteachas sa Mhòd.

Bidh An Comunn Gàidhealach a’ lìbhrigeadh sreath de thachartasan Togail Aire Òigridh a’ Mhòid ann an sgoiltean na sgìre.

Thuirt Iar-Phròbhaist Inbhir Nis, an Comhairliche Graham Ros, “Bidh pròiseactan a bhrosnaicheas ionnsachadh, cleachdadh is com-pàirteachas a thaobh cultar na Gàidhlig a’ neartachadh eòlas ionnsachaidh dhaoine òga. Tha mi an dòchas gun gabh sgoiltean an cothrom gus com-pàirt a ghabhail ann am pròiseact Acadamaidh a’ Mhòid seach gu bheil e a’ tabhann fìor dheagh oideachadh mar ullachadh airson prìomh fhèis na Gàidhlig.” Lean e air adhart, “Tha a’ Chomhairle ag
aithneachadh gu bheil buannachd shòisealta, chànanach, chultarail is eaconamach an lùib na Gàidhlig anns a’ Ghàidhealtachd.”

Thuirt Janice NicRath, Ceannard Bun-Sgoil Bhaile an Fhraoich, “Tha sinne, aig Bun-Sgoil Bhaile an Fhraoich fìor thoilichte gun deach iarraidh oirnn Acadamaidh a’ Mhòid a chur air bhog airson na bliadhna sa.” Lean i air adhart,
“Tha pàirt fìor chudromach aig a’ Ghàidhlig ann an cultar is dualchas na Gàidhealtachd. Tha e sgoinneil gu bheil sinne a’ faighinn taic mar sgoil gus com-pàirt a ghabhail sa Mhòd ionadail agus nàiseanta, agus gu bheil cothrom aig a’ chloinn againn com-pàirt a ghabhail ann am fèis Ghàidhlig bheothail a tha a’ brosnachadh an ùidh is an tlachd sa chànan.”

Thuirt Eilidh NicCoinnich Barker, “Tha Fèisean nan Gàidheal a’ cur fàilte air a’ chothrom obrachadh còmhla ri daoine òga gus na sgilean ciùil Gàidhlig aca a thoirt air adhart. Tha am meur foghlaim foirmeil againn, Fèisgoil, air a bhith
an lùib Acadamaidh a’ Mhòid airson grunn bhliadhnaichean a’ cuideachadh chloinne is thidsearan gus òrain is bàrdachd ullachadh sa bhaile anns am bi am Mòd air aoigheachd gach bliadhna. Tha sinn gu h-àraid toilichte a bhith ag
obair ann an sgoiltean FtG na Gàidhealtachd agus anns na sgoiltean far a bheil sgoilearan ag ionnsachadh na Gàidhlig mar chànan a bharrachd. Chuireamaid fàilte air a’ chothrom an com-pàirteachas co-obrachail seo a leudachadh le
bhith a’ brosnachadh luchd-obrach is dhaoine òga gus na cothroman a tha an lùib ionnsachadh cultarail Gàidhlig a ghabhail.”

Tha am pròiseact a’ faighinn taic bho Bòrd na Gàidhlig.

« Back to Mòd News List

Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

The Highland Council

The Highland Council