Naidheachdan

Am Mòd air buaidh nach beag a thoirt air eaconamaidh an Òbain agus a’ Ghàidhlig

Published: 19 Dec 2024

Dùnadh Mòid Nàiseanta Rìoghail an Òbain 2024
Dùnadh Mòid Nàiseanta Rìoghail an Òbain 2024

Chruthaich Am Mòd Nàiseanta Rìoghail 2024, a chaidh a chumail, san Òban san Dàmhair àrdachadh eaconamach £3.6 millean. Tha seo na dhùblachadh air a’ bhuaidh a chaidh a mheas bhon uiridh, a’ dol thairis air targaidean ris an robh dùil agus figearan nan còig bliadhna a dh’fhalbh.

Dh’ullaich eòlaichean aig Tourism Resources Company aithisg buaidh eaconamach na bliadhna-sa às leth an luchd-eagrachaidh An Comunn Gàidhealach. Chaidh fàilte a chur air mu 9,000 neach-tadhail aig a’ phrìomh thachartas a’ comharrachadh cànan is cultar na Gàidhlig, am Mòd Nàiseanta Rìoghail as motha ann an còig bliadhna.

Dhearbh an rannsachadh gun robh a’ bhuaidh air cliù agus ùidh a thogail sa Ghàidhlig gu math cudromach. A-mach à 464 luchd-frithealaidh an tachartais a chaidh a sgrùdadh, bha 78% a’ faireachdainn gun tug am Mòd orra creidsinn nas treasa ann an cudromachd na Gàidhlig. Bha 64% air am mothachadh àrdachadh agus 60% an tuigse air na h-ealain Ghàidhlig.

Bhrosnaich Mòd an Òbain barrachd dhaoine a bhith a’ cleachdadh a’ chànain nam beatha làitheil, le 67% air am brosnachadh gus an sgilean Gàidhlig a leasachadh agus 65% gus Gàidhlig a chleachdadh nas trice. Fhreagair 53% gun do leasaich e an sgilean Gàidhlig agus bhrosnaich e 72% gu bhith a’ frithealadh thachartasan Gàidhlig na bu trice.

Cuideachd bha comas an tachartais agus a’ Ghàidhlig gus sunnd dhaoine a leasachadh agus dèiligeadh ri aonarachd sòisealta na phrìomh chuspair san aithisg. Bha am Mòd buannachdail do shlàinte inntinn 71% a fhreagair, bhrosnaich e 75% a dhol an sàs gu sòisealta, agus airson 80% bha e na dhòigh math caraidean a choinneachadh.

Fhuair an t-Òban buannachd mhòr cuideachd bho bhith a’ toirt aoigheachd don tachartas 132 bhliadhna a dh’aois airson an 17mh turas, le 96% a’ meas a’ bhaile fìor mhath neo math mar bhaile a’ Mhòid. Bha seo a cumail ri cliù an Òbain mar ‘chreathail a’ Mhòid’. Thadhail cha mhòr a h-uile duine a chaidh a sgrùdadh, 98%, air taighean-bìdh, cafaidhean is taighean-seinnse ionadail, thadhail 90% air bùthan ionadail agus chuir 78% ùine seachad aig àiteachan tarraingeach do luchd-tadhail.

Bha luchd-tadhail air leth toilichte le obair ullachaidh an tachartais, le 90% ga mheas math no fìor mhath, agus 94% ga mheas gu mòr airson deagh fhaireachdainn, mar thoireadh air faireachdainn coimhearsnachd làidir.

Thachair an tachartas Albannach ann an 12 ionad air feadh a’ bhaile bho 11 - 19 Dàmhair, a’ comharrachadh cànan, spòrs, ealain is cultar na Gàidhlig le còrr air 2,700 com-pàirtiche ann an timcheall air 200 farpais. Bidh an tachartas bliadhnail ann an Loch Abar ann an 2025, an naoidheamh turas anns an sgìre.

Thuirt Seumas Greumach, Àrd-oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Tha an aithisg seo na dearbhadh gu bheil an dà chuid Am Mòd agus a’ Ghàidhlig nam maoin eaconamach is cultarail deatamach do dh’Alba. B’ e tachartas air leth soirbheachail a bh’ ann am Mòd an Òbain agus chunnaic sinn na buannachdan farsaing a thug e don bhaile, do ghnìomhachasan ionadail agus do luchd-labhairt na Gàidhlig, luchd-ionnsachaidh agus luchd-taic le chèile, gar fàgail cho pròiseil. Tha e sgoinneil a bhith a’ faicinn an Òbain air a mheas cho math san t-suirbhidh seo – chuir am baile fàilte chridheil oirnn agus tha sinn air leth taingeil don a h-uile duine a rinn an tachartas cho soirbheachail. Tha sinn a-nis ag amas gum bi cùisean a’ cheart cho math ann an Loch Abar ann an 2025 agus a’ taisbeanadh ar cànain agus na buannachdan a tha na lùib.”

Thuirt an Leas-Phrìomh Mhinistear Ceit Fhoirbeis: “Tha cho soirbheachail sa bha Mòd na bliadhna seo a’ sealltainn mar a tha brosnachadh na Gàidhlig is na h-eaconamaidh a’ dol an lùib a chèile. Tha mìltean de luchd-labhairt na Gàidhlig air feadh na cruinne is tha seo a’ fàgail gur i rud sònraichte cumhachdach gus daoine a thàladh a dh’Alba. Gus cuir ri fàs a’ chànain, tha sinn air £5.7 millean a bharrachd a chuir ris a’ Ghàidhlig ann an dreachd Bhuidseit na h-ath-bhliadhna. Tha sinn cuideachd a’ toirt air adhart Bile nan Cànan Albannach gus foghlam Gàidhlig a neartachadh.”

Thuirt an Comhairliche Jim Lynch, Ceannard Chomhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid: “Tha a’ bhliadhna seo, 2024, air a bhith math don Òban. Chuir am baile fàilte chridheil air daoine o air feadh an t-saoghail. Tron Mhòd agus Rèis Clipper dhearbh sinn gun urrainn dhuinn sàr thachartasan mòr a chumail. Bha e cho math dha na gnìomhachasan againn agus dha cliù a’ bhaile. Mar Bhaile Albannach na Bliadhna tha sinn a’ moladh an luchd-eagrachaidh airson Mòd cho soirbheachail agus tha fiughair oirnn fàilte a chuir air a-rithist san àm ri teachd.”

Thuirt Rebecca Edser, Ceannard EventScotland, VisitScotland: “Tha Mòd Nàiseanta Rìoghail an Òbain air a bhith soirbheachail, mar thaisbeanadh air beartas cànan, ceòl is cultar na Gàidhlig, a bharrachd air na buannachdan sòisealta, cultarail agus eaconamach a thug e dhan sgìre. Bidh tachartasan gar ceangal agus a’ cruthachadh deagh chuimhneachain is mar sin tha iad cudromach nar coimhearsnachdan. Bha EventScotland moiteil taic a chumail ris a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail tro ar Prògram Tachartasan Eadar-nàiseanta, a daingneachadh mar a tha a’ Ghàidhlig a’ còrdadh ri luchd-èisteachd gu h-ionadail agus gu h-eadar-nàiseanta.”

Thuirt Ealasaid Dhòmhnallach, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig: “Gach bliadhna tha Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ cruthachadh luach mòr cultarail agus eaconamach ann am bailtean agus bailtean-mòra air feadh na h-Alba. Rinn Mòd na bliadhna-sa san Òban seo cuideachd agus sheall e cho cudromach agus a tha a’ bhuaidh a tha aig a’ Ghàidhlig, ar cultar agus am Mòd fhèin air Alba agus ar coimhearsnachdan.”

Thuirt Dòmhnall MacGilleEathain, Neach-gairm Comataidh Ionadail Mòd an Òbain: “Tha an aithisg seo a’ dearbhadh na ’s aithne dhuinn gu ‘neo-oifigeil’, gun urrainn dhan t-Òban, mar chreathaill a’ Mhòid, sàr Mhòd a chumail. Tha seo mar thoradh air ar cultar agus dualchas beartach, a bharrachd air na buannachdan coimhearsnachd an cois tachartas mar seo a leasachadh. Tha mi fada an comainn buill a’ Comataidh Ionadail, feadhainn a dh’obraich gu saor-thoileach, taighean-seinnse, cafaidhean, bùithtean, taighean-òsta is buidhnean ionadail eile a dh’obraich còmhla a dh’fhàg am baile cho trang agus deagh fhaireachdainn ann. Tha mi an dòchas gun urrainn dhuinn togail air soirbheachas a’ Mhòid san àm ri teachd.”

Thug na buidhnean EventScotland, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Riaghaltas na h-Alba, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, BBC ALBA, Alba Chruthachail agus SQA taic dhan A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail am bliadhna san Òban.

Bidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail 2025 ann an Loch Abar 10 – 18 Dàmhair.

« Back to Mòd News List

Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

The Highland Council

The Highland Council