Naidheachdan

Bidh tachartasan am pailteas aig a’ Mhòd airson Gàidheil òga agus luchd-ionnsachaidh

Published: 14 Oct 2024

​Tha Am Mòd Nàiseanta Rìoghail 2024 a’ leantainn an-diugh le grunn thachartasan is fharpaisean gu sònraichte airson daoine òga agus luchd-ionnsachaidh.

Bidh farpaisean chloinne is òigridh aig cridhe raon de chuspairean, bho sheinn aon-neach is còisir gu sgeulachdan is bàrdachd. Bidh prìomh cho-fharpaisean a’ toirt a-steach Bonn Pròbhaist na h-Eaglaise Brice Fosgailte 16-18 agus Bonn Cuimhneachaidh Balaich is Nigheanan 13-15 Sheumais C. Mac a’ Phì a’ cur fàilte air òigridh bho air feadh na h-Alba, bho Inbhir Nis chun Eilean Sgitheanach, gus an cuid ghuthan as fheàrr a chuir air adhart.

Bidh na còig còmhlain as fheàrr bho Cogadh nan Còmhlan fo 13 a’ cluich aig Tallaichean Cruinneachaidh Earra-Ghàidheal a-nochd. Anns a’ cho-fharpais a bhios a’ taisbeanadh tàlant ùr ann an saoghal ciùil Ghàidhlig is traidiseanta chìthear na còmhlain òga a’ farpais airson prìomh àite: ùine clàraidh aig stiùidio ionadail. Thèid a’ chuairt dheireannach, còmhla ri cuairt dheireannach fo 19 a-màireach, a chraoladh beò cuideachd gus am bidh cothrom a choimhead air feadh an t-saoghail.

Tha cuideachd clàr làn de thachartasan tarraingeach do dhaoine òga agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a’ ruith tron t-seachdain seo, bho sgeulachdan didseatach gu cèilidhean. Tha an sreath inntinneach de thachartasan nan cothroman bogaidh air leth ann an cultar na Gàidhlig aig prìomh thachartas na Gàidhlig.

Do luchd-labhairt na Gàidhlig is òige, tha Sradagan a’ tabhann cur-seachadan spòrsail aig Talla Guides an Òbain. A’ ruith bho 10m gu 12f gach latha gu Diciadain, bidh an club chloinne seo a’ gabhail a-steach ealain is ciùird, geamannan paraisiut, agus geamaichean ball, a’ cruthachadh cothrom air leth do chloinn aois bun-sgoile a bhith a’ cruinneachadh, a’ cluich, agus a’ cleachdadh an cuid Gàidhlig.

Aig Tallaichean Cruinneachaidh Earra-Ghàidheil, tha seiseanan còmhraidh Sruth a’ ruith eadar 10m-12f agus 1f-3f an-diugh agus a-màireach. Bheir an tachartas neo-fhoirmeil seo cothrom do luchd-labhairt òga na Gàidhlig coinneachadh ri Gàidheil ainmeil agus na sgilean cànain aca a chleachdadh ann an suidheachadh nadarrach.

Thall aig Cafaidh Òigridh an Òbain bho 10m-12f an-diugh agus a-màireach, tha seisean aithris sgeulachdan didseatach Cruth a’ toirt cuireadh do dhaoine cruthachail òga iad fhèin a bhogadh ann an cruthachadh susbaint agus riochdachadh bhidio. Glacaidh com-pàirtichean spiorad beothail a’ Mhòid agus ionnsaichidh iad sgilean ùra sna meadhanan didseatach anns na seiseanan a bhios FilmG a’ ruith.

Bidh seiseanan òrain, rannan is sgeulachdan cuideachd a’ tighinn am follais airson Bookbug aig Àite Ealain Ionad Achadh na Creige, a bhios cuideachd a’ cumail Seisean Ealain feasgar. Cuiridh Tosgaire na Gàidhlig an-uiridh agus preasantair CBeebies ALBA Linda NicLeòid fàilte cuideachd air daoine òga aig Leugh is Seinn le Linda.

Aig 6:30f a-nochd agus feasgar a-màireach, gheibh an teaghlach gu lèir cuireadh gu Cèilidh Teaghlaich ann an Tallaichean a’ Chorrain. Làn ceòl traidiseanta Albannach, dannsadh agus geamannan, tha an tachartas seo freagarrach dha-rìribh do theaghlaichean a tha airson eòlas fhaighinn air cultar na Gàidhlig.

Bidh cuideachd Cèilidh Tràth-bhliadhnaichean a’ gabhail àite aig an Guide Hall a-màireach aig 1f a bhios gu sònraichte freagarrach airson teaghlaichean le clann nas òige. Bheir an seisean seo ro-ràdh spòrsail agus socair don cheòl traidiseanta agus na dannsan a tha aig cridhe cultar na Gàidhlig.

Thuirt Seumas Greumach, Àrd-oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “’S e àm air leth brosnachail a th’ ann a bhith nad Ghàidheal òg agus ’s e deagh chothrom a th’ anns a’ Mhòd dhan ath ghinealach a bhith a’ gabhail ris a h-uile càil a tha aig a’ chànan aca ri thabhann. Tha e na fhìor thoileachas guthan òga Gàidhlig a bhith air an togail còmhla air feadh an Òbain agus chan eil dòigh nas fheàrr air seachdain slàn de cho-fharpaisean a thòiseachadh. Tha gu leòr thachartasan airson gach aois is ìre gan tabhann an-diugh agus a-màireach agus bhithinn a’ brosnachadh clann agus pàrantan a dhol an sàs agus na cothroman iongantach seo a ghlacadh.”

Tha na buidhnean EventScotland, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Riaghaltas na h-Alba, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, BBC ALBA, Alba Chruthachail agus SQA a’ cumail taic ris A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail am bliadhna san Òban.

Bidh Mòd Nàiseanta Rìoghail san Òban gu Disathairne 19 Dàmhair.

Tuilleadh fiosrachaidh air ar làrach-lìn.

Tha Prògram an Iomaill an seo.

« Back to Mòd News List

Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

The Highland Council

The Highland Council