Naidheachdan

Cuairt a’ Mhòid a’ gabhail chun an rathaid

Published: 30 May 2018

Bidh Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna-sa a’ tilleadh gu Dùn Omhain. Mar sin, ghabh mi fhèin agus mo cho-obraiche, Seonag NicAnndrais chun an rathaid an t-seachdain a chaidh, le ‘Cuairt a’ Mhòid’; a’ tadhal air sgoiltean sgìre Dhùn Omhain is Earra Ghàidheal. Chuir sinn seachad trì là a’ bruidhinn ri sgoilearan bho 7 sgoiltean. Bidh sinn a’ tilleadh aig toiseach na h-ath mhìos airson tadhal air sgoiltean eile anns an sgìre.

Chaidh ‘Cuairt a’ Mhòid’ a stèidheachadh an toiseach san Òban ann an 2015. A h-uile bliadhna bhon uairsin, tha sinn air a bhith a’ tadhal air sgoiltean anns na sgìrean far a bheil am Mòd Nàiseanta Rìoghail ga chumail. ‘S e a bhith a’ brosnachadh chloinne gus pàirt a ghabhail sa Mhòd, prìomh àmais na h-iomairte. Tha Cuairt a’ Mhòid air a bhith gu math soirbheachail ann a bhith a’ piobrachadh chloinne gus ùidh san fhèis ath-bheothachadh a-measg fharpaisich òg.

Tha e cudromach gu bheil òigridh sgìre Dhùn Omhain a’ faireachdainn nam pàirt mhòr dhe na bhios a’ dol anns a’ bhaile aca fhèin san Dàmhair, thoireadh, aig deireadh an là, ‘s e am Mòd aca fhèin a th’ ann. Faodaidh iad sin a dhèanamh le bhith a’ feuchainn air cuid dhe na farpaisean. Ach, mas e agus nach eil iad airson sin a dheànamh, bidh iomadh cothrom eile anns am faod iad pàirt a ghabhail anns a’ Mhòd. Bidh bùithean-obrach, consairtean, seiseanan-ciùil is caismeachdan a’ dol, ‘s gu dearbha bi fàilte romhpa a bhith an làthair.

‘S e tha fainear dhuinne, a thaobh sgeama ‘Cuairt a Mhòid ‘ ach aire chloinne a tharraing gu na Mòdan Ionadail agus Nàiseanta, ann an dòigh aotrom, spòrsail agus inntinneach. Thathas an dòchas gun tog seo aire òganaich ann an cànan agus cultar na Gàidhlig agus gum bi na Mòdan mar mheadhan a thaobh sgilean-ciùil agus cànain a leasachadh. Bhiodh e na thlachd dha-rìribh riochdachadh mòr bho sgìre Dhùn Omhain fhèin fhaicinn a’ gabhail pàirt sa Mhòd am-bliadhna, gu sònraichte an dèidh na chualas de thàlant ann an sgoiltean na sgìre an t-seachdain a chaidh. Thèid Cuairt a’ Mhòid a thadhal air sgoiltean cho fad is farsaing ri Taigh na Bruaich, Srath Chura, Grianaig agus Gleann Da-Ruail. Bithear a’ tadhal air 12 sgoiltean uile gu lèir mus bi an cuairt seachad.

A thuilleadh air an seo, tha obair chudromach eile a’ dol air adhart ann an sgoiltean na sgìre an-dràsta tron sgeama ‘Acadamaidh a’ Mhòid’. Tha An Comunn Gàidhealach air a bhith ag obair còmhla ri Fèisean nan Gàidheal agus Fèisgoil gus luchd-teagasg a chur an luib nan sgoiltean mar thaic airson nam Mòdan. Bidh clann-sgoile a’ faighinn oideachadh le bhith ag ionnsachadh an cuid phìosan airson a’ Mhòid ‘s thathas an dòchas gun cuir an sgeama ri àrdachadh àireamhan fharpisich ‘s gum bi làn-riochdachadh ann bhon sgìre air fad.

Mar a bhios fios aig gu leòr, mar phàirt de phrògram tachartasan Riaghaltas na h-Alba ‘s e 2018, ‘Bliadhna na h-òigridh’, agus tha sinne gu mòr airson taic a chuir ris a bhliadhna shònraichte a tha seo, le bhith a’ brosnachadh na h-òigridh a thaobh nan ealan Ghàidhlig. ‘S e tlachd a th’ ann am faicinn aig Mòdan Ionadail agus Nàiseanta agus cha bheag an luach a thaobh na Gàidhlig.

Seumas Greumach
Manaidsear a’ Mhòid




« Back to Mòd News List

Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

Argyll & Bute Council

Argyll & Bute Council

BID4Oban

BID4Oban