Naidheachdan

A’ comharrachadh fosgladh a’ Mhòid 2024 le deireadh-seachdain soirbheachail

Published: 13 Oct 2024

Ar Cànan ’s Ar Ceòl concert Farpaisean pìoba agus taisbeanadh de cheòl, ealain agus cultar ri fhaicinn agus Am Mòd air tilleadh dhachaigh dhan Òban

Bha deagh dheireadh-seachdain san Òban agus Am Mòd Nàiseanta Rìoghail air tilleadh dhachaigh, a’ daingneachadh a chliù mar phrìomh thachartas cultarail na Gàidhlig.

Fo stiùir A’ Chomunn Ghàidhealaich, chaidh an fhèis a stèidheachadh san Òban ann an 1891 agus thachair a’ chiad tachartas sa bhaile àlainn ann an 1892. Tha sia làithean eile ri dhol aig Mòd an Òbain agus dùnaidh cuirm-chiùil Trail West an fhèis Disathairne sa tighinn.

Tha ceòl, ealain agus spòrs air bhith dol an deireadh seachdain sa mar-thà. Chruinnich cluicheadairean ball-coise aig Campa Trèanaidh Nàiseanta le Alba FA. Chaidh an stèidheachadh gus ball-coise a cheangal le Gàidhlig tro thachartasan ball-coise sa choimhearsnachd.

Thachair cuirm Ar Cànan ’s Ar Ceòl a-raoir ann an Tallaichean a’ Chorrain le tàlant bho air feadh Earra-Ghàidheal.

Bha an cuirm fo stiùir Sileas Nic na Ceàrdaich agus John Joe MacNèill mar fhear an taighe. Cuide riutha bha tàlant ionadail leithid an t-seinneadair ainmeil à Muile, Alasdair MacIlleBhàin, Buidheann Traidiseanta Àrd-sgoil an Òbain agus pìobairean Àrd-sgoil an Òbain, luchd-ciùil Fèis Latharna, Còisir Ghàidhlig an Òbain, Na Garvins, Sorren MacIllEathain agus Hannah Fisher againn a’ chiad Chòisir Ghàidhlig Makaton san t-saoghal: ‘Aon Ghuth’.

Gu mì-fhortanach, ri linn na droch shìde, chaidh geamaichean spòrs a chuir dheth. Cha do thachair Cupa Camanachd a’ Mhòid aig Pàirc Mossfield ach tha dòchas ann an fharpais a dhèanamh latha eile.

Chaidh geàrr-liosta Duais Ealain na Gàidhealtachd fhoillseachadh, le 12 iarrtasan air leth o air feadh na h-Alba air an taghadh le tidsear agus neach-ealain Iseabail Mhoireach. ’S iad iarrtasan mìorbhaileach:

  • Blue Grey Sea, Cille Pheadair, South Uist/Sé Liath, Cille Pheadair, Uibhist a Deas le Caroline Hunter, Artmap Argyll
  • Dùthchas: Pabaigh Strollers le Yasmin Davidson, Comann Ealain Uibhist
  • In the Wilds ¦ Anns an Fhàsach le David Deamer, Resipole Studios, Àird nam Murchan
  • Inverewe - Branches Make Trees le Catherine Sargeant, An Talla Solais in Ulapul
  • Metamorphic (2023) le Laura Donkers, Comann Ealain Uibhist
  • Rust, Trotternish le John Nicholson, Comann Ealain Inbhir Nis
  • Snow Colours, Moray Firth le Jude Edgar, An Talla Solais, Ulapul
  • The Edge of the Atlantic 3 le Lesley McKenzie, Open Studios Hebrides, Eilean Leòdhais
  • The Vast Expanse ¦ An Leud Mòr le Jane Rushton Resipole Studios, Àird nam Murchan
  • The Vennel le Katie Squires, Comann Luchd-ealain Cataibh
  • Travelling Alone le Jules Mather, Artmap Argyll
  • 240 Burning Houses le Michael Forbes, Teapot Trust, Inbhir Pheofharain.

Thèid buannaiche na bliadhna-sa ainmeachadh aig cuirm ann an Ionad Achadh na Creige, Dihaoine 18mh Dàmhair.

Bidh Seirbheis Eaglais a’ Mhòid ann an Eaglais Pharraist an Òbain aig 3f agus thèid a chraoladh beò air BBC Radio nan Gàidheal. A-nochd, bidh Ceòl Soisgeulach Cheilteach aig Tallaichean a’ Chorrain.

Fad na seachdain bidh cothrom ann cur-seachadan is spòrs ùr fheuchainn le Farpais Sligheadaireachd don òigridh a-màireach, Bòrd Seasaimh, Club Gàidhlig LEGO agus leasan Sgèithidh Dròn.

Bidh cuideachd farpaisean Cogadh nan Còmhlan Diluain is Dimàirt an t-seachdain-sa, Latha Litreachais, Dràma a’ Mhòid Diciadain, Bonn Òir Traidiseanta Diardaoin agus latha nan còisirean Dihaoine.

Thuirt Seumas Greumach, Àrd-oifigear A’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Tha an ceòl agus ealain ealanta ri fhaicinn aig Mòd Nàiseanta Rìoghail 2024 air deagh thòiseachadh a thoirt dhan seachdain. Eadar cuirm Mànran agus na tàlant air leth a th’ aig luchd-ealain na sgìre, tha a’ Mhòd air tilleadh dhachaigh le stoidhle. Tha a’ Mhòd na adhbhar misneachd, mar sin cluinnear ceòl agus còmhradh Gàidhlig air feadh an t-Òbain.

Chan ann air ceòl a-mhàin a bha an deireadh-seachdain – tha Seirbheis Eaglais agus Ceòl Soisgeulach an-diugh nan cothrom do dhaoine tighinn cruinn còmhla gus meòrachadh agus taing a thoirt seachad. ’S e adhbhar thoileachas a th’ ann gun do thòisich prìomh fhèis na Gàidhlig le beartas cothroman cultarail, a comharrachadh beartas ar cànain.”

Tha na buidhnean EventScotland, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Riaghaltas na h-Alba, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, BBC ALBA, Alba Chruthachail agus SQA a’ cumail taic ris A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail am bliadhna san Òban.

Bidh Mòd Nàiseanta Rìoghail san Òban gu Disathairne 19 Dàmhair.

Tuilleadh fiosrachaidh air ar làrach-lìn.

Tha Prògram an Iomaill an seo.

« Back to Mòd News List

Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

The Highland Council

The Highland Council