Published: 12 Oct 2024
Tha Mòd Nàiseanta Rìoghail 2024 air tòiseachadh, latha trang le farpaisean ciùil traidiseanta agus spòrs san Òban madainn an-diugh.
Thòisich naoi làithean na tachartais le stoidhle a-raoir agus Caismeachd Lòchranach tro shràidean a’ bhaile. Cha do chuir an droch shìde stad air coimhearsnachd an Òbain gus am faiceadh iad is gum biodh iad an sàs sna bha a’ dol air àilean a’ bhaile.
Bha cuirm aig còmhlan Albannach Mànran ann an Tallaichean a’ Chorrain, a’ comharrachadh a’ Mhòd a tilleadh dhachaigh le stoidhle.
Chaidh cuideachd Neach-ionnsachaidh na Bliadhna ainmeachadh an-dè agus Caraidean a’ Mhòid. Air a thaghadh le Sabhal Mòr Ostaig chaidh urram na bliadhna sa ga thoirt do Harry Josephine Giles (i/iadsan). À Arcaibh o thùs agus a’ fuireach ann an Lite, chrìochnaich Harry Josephine cùrsa Gàidhlig is Conaltradh aig Sabhal Mòr Ostaig an-uiridh agus i aig bàrr a’ chlas – air leth math agus i dìreach air tòiseachadh Gàidhlig ionnsachadh o chionn dà bhliadhna.
Bha an obair aice uile barraichte. Cuideachd, bha i uabhasach taiceil do chàch anns a’ chlas, a’ bruidhinn na Gàidhlig gun sguir mun àrainn, agus a’ toirt eisimpleir de shàr sgoilearachd dhan na h-oileanaich eile. ’S e ùghdar cliùiteach a th’ ann an Josie. Choisinn an nobhail rannach aice ann an Scots, Deep Wheel Orcadia, duais Arthur C. Clarke ann an 2022, an duais litreachais Ficsean Saidheans as cudromaich anns an Rìoghachd Aonaichte. Tha PhD aice ann an sgrìobhadh cruthachail, agus dà MA aice: tè ann an stiùireadh dràma agus tèile ann an leasachadh seasmhach. Tha i an dùil a-nis cumail oirre ag ionnsachadh le Sabhal Mòr air astar anns an dàrna bliadhna.
Thuirt Neach-ionnsachaidh Gàidhlig na bliadhna, Harry Josephine Giles: “Nach buidhe dhomh gun do dh’ionnsaich mi a’ Ghàidhlig? Còmhla ris a’ chànan, tha mi air caraidean ùra a dhèanamh, air òrain ùra a ghabhail ’s air sgeulachdan ùra a chluinntinn. A bharrachd air sin, tha sealladh nas fharsainge agam a-nis air eachdraidh, cultar is muinntir na dùthcha—an dùthaich agam fhìn. Tha làn fhios agam gu bheil mo chuid Ghàidhlig glè bheag fhathast, ach, mar sin, làn taingealachd gu bheil tòrr a bharrachd ri ionnsachadh—agus, mar sin, làn taingealachd airson urram na duaise.”
Tha duais Caraidean a’ Mhòid ga thoirt seachad do dhaoine a tha air sàr obair a dhèanamh a thaobh na Gàidhlig agus nam Mòdan. ’S iad Moira agus Sandy Dunlop às A’ Choingheal a choisinn duais na bliadhna sa, Iseabal Banks às an Òban fhèin, Margaret Farmer à Tairbeart Loch Fìne agus Jon ‘Hearach’ MacDhòmhnaill.
Tha Moira agus Sandy Dunlop air a bhith dèanamh obair shaor-thoileach aig Mòdan Ionadail agus Nàiseanta fad bliadhnaichean. Ged nach cuala Moira a’ Ghàidhlig ach air an telebhisean, ghluais Moira dhan Òban a Siorrachd Lannraig gus obrachadh sa bhun-sgoil, is sin far an thòisich a gaol air cultar agus ceòl na Gàidhlig, a dol gu Mòdan le còisir na sgoile. Mar phàrantan le ceathrar chloinne, tha e a’ còrdadh riutha a bhith aig tachartasan, a cumail pàrantan rèidh agus a’ dearbhadh gun còrd an tachartas ri a h-uile duine a tha an sàs.
Rinn Iseabal Banks a’ chiad farpais aig Mòid aig aois naoi ann am Mòd Ghlaschu 1949. Bha Gàidhlig aig a h-athar à Cataibh agus bhrosnaich e a h-ùidh ann an ceòl is cultar na Gàidhlig. Bha Iseabal pòsta aig Robin Banks, nach maireann, a bha na rùnaire aig Comunn Gàidhealach an Òbain. Fad 51 bliadhna pòsta bha Iseabal an còmhnaidh an sàs, agus chithear aig bòrd nam breitheamh a’ feitheamh toraidhean agus beachdan a thoirt dha na farpaisich.
Thòisich Margaret Farmer a’ seinn ann an còisirean aig aois 10 bliadhna. Le còisir na sgoile fo stiùir a h-athair an toiseach, an uair sin còisir Àrd-sgoil an Òbain agus mu dheireadh Còisir Ghàidhlig an Òbain. Tha Margaret a cur luach air ‘teaghlach na còisire’ – chan e a-mhàin na òrain agus ach na buannachdan sòisealta bho bhith ann an còisir. Tha Margaret air a bhith ag obair le luchd saor-thoilich eile ann am pròiseact Acadamaidh a’ Mhòid a thug cothrom dha òigridh na sgìre taic fhaighinn le ullachadh farpaise.
Bhuineadh Jon ‘Hearach’ MacDhòmhnaill dha Lingreabhagh agus dh’obraich e an sgìre Inbhir Nis fad bliadhnaichean mòra. Chaidh e gu Mòd an toiseach ann an 1966 an Inbhir Nis fhèin agus bha a bhean agus a nighean tric ann am farpaisean seinn. Tha Jon air bhith a cumail taic ris a’ Mhòd tro a ghnìomhachas stèidhichte an Inbhir Nis.
Chaidh Alba Football Association a stèidheachadh gus ball-coise a cheangal le Gàidhlig sa choimhearsnachd. Bidh Campa Trèanaidh Nàiseanta na Bliadhna aig Àrd-sgoil an Òbain fad an deireadh seachdain.
Gu mì-fhortanach chaidh na geamaichean Cupa Camanachd a’ Mhòid a chuir dheth ri linn na droch shìde aig Pàirc Mossfield. Feuchaidh iad na farpaisean a chluich latha eile ma ghabhas a dhèanamh.
Bidh farpaisean teann cuideachd aig tachartasan pìoba, le Farpaisean Pìoba Òigridh ann an Àrd-sgoil an Òbain aig aoisean fo 16 agus 16 – 18. Tha Farpaisean Inbheach cuideachd a’ tòiseachadh le Prìomh Chluicheadairean Ìre A agus B, an dà chuid Pìobaireachd agus Caismeachd, Srath Spè is Ruidhle.
Bidh cuirm Ar Cànan ’s Ar Ceòl a-nochd aig Tallaichean a’ Chorrain. Oidhche air leth de cheòl traidiseanta agus cultar Gàidhlig le tàlant gu leòr bho air feadh Earra-Ghàidheal. Bidh an seinneadair ainmeil Alasdair MacIlleBhàin nar measg còmhla ri tàlant ionadail eile: Buidheann Traidiseanta Àrd-sgoil an Òbain còmhla ri Sunday Sessions Fèis Latharna. A bharrachd air a’ sin bidh pìobairean Àrd-sgoil an Òbain againn agus Còisir Ghàidhlig Makaton ‘Aon Ghuth’.
Tillidh Seirbheis Eaglais a’ Mhòid a-màireach, a thòisicheas aig 3f ann an Eaglais Pharraist an Òbain a thèid a chraoladh beò air BBC Radio nan Gàidheal. Bidh Ceòl Soisgeulach Cheilteach ann an Tallaichean a’ Chorrain feasgar.
Thuirt Magaidh Choineagan, Ceann-suidhe A’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Tha Am Mòd air tòiseachadh gu h-oifigeil às dèidh cuirm Mànran na h-oidhche a-raoir, is abair deagh thòiseachadh. An-diugh tha rud cudromach againn air clàr-ama a’ Mhòid, na farpaisean pìoba. Gu mì-fhortanach bha againn ri na geamaichean iomain a chuir dheth ri linn na droch shìde ach tha sinn an dòchas gun tachair iad latheigin eile.
Tha e cho math Am Mòd a thoirt air ais dhachaigh dhan Òban, tha deagh fhaireachdainn ann air an dàrna latha den tachartas. Nuair a bhios farpaisean an latha seachad tha cuirm air leth air thoiseach oirnn, far am faicear tàlant gu leòr bho air feadh Earra-Ghàidheal, còrdaidh e ri muinntir na sgìre agus luchd-turais.”
Tha na buidhnean EventScotland, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Riaghaltas na h-Alba, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, BBC ALBA, Alba Chruthachail agus SQA a’ cumail taic ris A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail am bliadhna san Òban.
Bidh Mòd Nàiseanta Rìoghail san Òban gu Disathairne 19 Dàmhair.
Tuilleadh fiosrachaidh air ar làrach-lìn.
Tha Prògram an Iomaill an seo.
« Back to Mòd News List