Published: 11 Oct 2024
Tha an t-Òban a’ cuir fàilte air fosgladh A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail an-diugh – prìomh thachartas cultair Gàidhlig a thachras ann am baile Albannach diofraichte gach bliadhna. Bidh seo A’ Mhòd as motha o chionn còig bliadhna agus e air ais san àite far an do thòisich e.
Comharrachaidh an tachartas ainmeil de chànan, cultar is ceòl na Gàidhlig air feadh a’ bhaile Earra-Ghàidhealach eadar an-diugh agus Disathairne 19 Dàmhair.
Thachair a’ chiad Mòd san Òban ann an 1892, o chionn 132 bhliadhna, agus bha e aig baile mu dheireadh ann an 2015. Seo an 17mh Mòd Nàiseanta san Òban agus bidh e air leth: timcheall air 10,000 farpaiseach, luchd-ciùil is luchd-tadhail an dùil tighinn tharais air na naoi làithean a tha romhainn gus am faic iad cuirmean, farpaisean, taisbeanaidhean agus spòrs.
Thèid Caismeachd Lòchranach air adhart tro shràidean an Òbain gus an oidhche a chur air cois gu foirmeil. Bidh Leas Prìomh Mhinisteir na h-Alba Ceit Fhoirbeis, buill A’ Chomuinn Ghàidhealaich agus Comataidh Mòd an Òbain ga stiùireadh tron bhaile. Nochdaidh an uair sin an còmhlan Albannach Mànran air àrd-ùrlar Tallaichean a’ Chorrain. Chì sinn tàlant o air feadh Earra-Ghàidheal a-màireach aig cuirm Ar Cànan ’s Ar Ceòl.
Tha am baile air fàilte chridheil ullachadh, le tòrr gnìomhachasan san t-Òban air a bhith an sàs ann am farpais sgeadachaidh uinneige, a’ beothachadh a’ bhaile le sealladh agus ìomhaigh a’ Mhòid.
Thèid latha fosglaidh a’ Mhòid cuideachd a chomharrachadh le ainmeachadh Tosgaire Gàidhlig na Bliadhna – urram le Riaghaltas na h-Alba air a thoirt seachad do Ghàidheal a th’ air sàr obair a dhèanamh às leth na Gàidhlig.
Bheir Leas Prìomh Mhinisteir, Ceit Fhoirbeis, seachad urram na bliadhna do dhithis a bhuineas do dh’Eilean Leòdhais – eòlaiche foghlam agus leasachadh Mairead NicÌomhair agus neach iomairt Gàidhlig Fionnlagh MacLeòid nach maireann.
Rinn Mairead NicÌomhair bliadhnaichean rannsachaidh agus teagaisg Gàidhlig, ann an àrd-sgoiltean anns A’ Mhanachainn, Inbhir Nis, Glaschu agus An t-Òban mus do thòisich i air obair leasachaidh na Gàidhlig. Dh’obraich i air feadh na h-Alba aig Bòrd Leasachaidh na Gàidhealtachd agus Comunn na Gàidhlig. Chuir Mairead Buidheann Adhartachaidh Foghlam Gàidhlig air chois, iomairtean fastaidh tidsearan agus a’ chiad rannsachadh nàiseanta a chaidh a dhèanamh às leth luchd-ionnsachaidh. Stèidhich i Comunn Nam Pàrant (Nàiseanta) a tha an-diugh mar a’ phrìomh bhuidheann coimhearsnachd a tha strì airson foghlam Gàidhlig agus lìonra proifeasanta Comann Luchd-teagaisg Àrd-sgoiltean (CLAS). Nas fhaidhe air adhart ghabh Mairead obair òraidiche Gàidhlig aig Oilthigh Obar Dheathain agus tha i air a bhith an sàs ann an iomadach buidheann, na measg na rùnaire a’ Chòmhdhail Cheilteach. Tha 50 bliadhna o na thòisich i na breitheamh aig Mòd Nàiseanta Rìoghail.
Chuir Fionnlagh Macleòid, nach maireann, a bheatha seachad ag iomairt às leth na Gàidhlig agus a’ chànan a leasachadh dha clann fo aois sgoile. Rinn e tòrr siubhail air feadh na dùthcha agus b’ e a’ chiad neach a fhuair airgead bho Bhòrd Leasachaidh na Gàidhealtachd airson pròiseactan Gàidhlig. Ann an 1981 dh’fhosgail a’ chiad cròileagan anns an Òban. Goirid an dèidh sin, thòisich cròileagain eile a’ nochdadh. Bha e na Stiùiriche air Comhairle Nan Sgoiltean Àraich fad bliadhnaichean agus stèidhich e Ionad Gàidhlig Mhoireibh ann an siorrachd Bhanff. An sin, sgrìobh e agus leasaich e cùrsaichean chloinne fo aois sgoile agus nan tràth-ìrean bun-sgoile, cho math ri cùrsaichean phàrantan. Fhuair obair Fhionnlaigh cliù agus moladh eadar-nàiseanta agus dh’obraich e le luchd-leasachaidh cànanan dùthchasach air feadh an t-saoghail. Air a chuimhneachadh mar mhiseanaraidh na Gàidhlig, bhiodh Fionnlagh a’ frithealadh Mòdan Nàiseanta Rìoghail gach bliadhna agus bha e aithnichte mar neach iomairt Gàidhlig. Togaidh piuthar Fhionnlaigh, Margaret Wilks, an duais às a leth.
Thuirt Mairead NicÌomhair: “Tha an duais seo na mhòr-urram dhomh, agus tha mi fo fhiachan don a’ Chomunn Ghàidhealach gun do mheas iad mi freagarrach airson tiotal Tosgaire na Gàidhlig a bhuileachadh orm, air a’ bhliadhna seo. Gun teagamh sam bith, ’s e adhbhar irioslachd a th’ ann dhòmhsa.”
Thuirt Margaret Wilks: “Tha mi air leth pròiseil an duais seo fhaighinn às leth mo bhràthair Fionnlagh, nach maireann. Tha e ag aithneachadh obair a bheatha às leth leasachadh na Gàidhlig. Bhiodh e air a dhòigh, mar a tha mi fhìn, gu bheil e air a roinn le ar co-ogha Mairead.”
Thuirt Seumas Greumach, Àrd-oifigear A’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Tha e cho math a bhith air ais san Òban aig a’ Mhòd agus sinn a’ cur fàilte air na mìltean: Gàidheal agus luchd-taic na Gàidhlig gus ar cànan is cultar a chomharrachadh. Tha àite cudromach fhathast aig a’ Ghàidhlig ann am beatha làitheil na h-Alba agus chì sinn gun tèid sin a neartachadh thar na naoi làithean a tha romhainn. Tha mi airson aithneachadh ar Tosgairean Gàidhlig 2024 agus an cuid misneachd dhan Ghàidhlig na cànan fàsmhor àraidh air moladh. Seallaidh na naoi làithean a tha romhainn cho shoirbheachail sa tha an cànan, air bunait cultar agus coimhearsnachd làidir.”
Thuirt an Leas-Phrìomh Mhinistear agus Rùnaire a’ Chaibineit airson na h-Eaconamaidh agus na Gàidhlig, Ceit Fhoirbeis: “Tha e iomchaidh gun tilleadh am Mòd dhachaigh don Òban is sinn a’ comharrachadh fàs ann an àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig airson a’ chiad uair ann an còrr air 50 bliadhna.
“Mar neach-labhairt pròiseil den chànan ’s e urram a tha ann a bhith a’ faicinn gaisgich na Gàidhlig air an aithneachadh le duais Riaghaltas na h-Alba airson Tosgaire Gàidhlig na Bliadhna.
“Tha sinn air barrachd air £120 millean a thoirt do dh’iomairtean Gàidhlig mar am Mòd bho 2021. Gus togail air an taic seo, tha sinn a’ cur air adhart Bile nan Cànan Albannach gus foghlam Gàidhlig a neartachadh is inbhe a bhuileachadh air a’ Ghàidhlig mar aon de chànain oifigeil na h-Alba.”
Thuirt Comhairliche Jim Lynch, Ceannard, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid: “Ceud mìle fàilte. Tha e na thoileachas A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail fhaicinn air ais na dachaigh fhèin, san Òban, às dèidh cha mhòr deich bliadhna. Tha àite eaconamach agus cultarail cudromach aig a’ Mhòd ann an Earra-Ghàidheal is Bhòid, an-dè, an-diugh is a-màireach. Mar chomhairle, agus mar choimhearsnachdan, tha sinn moiteil taic a chumail ri tachartas an seachdain a tha romhainn gus ar cultar Gàidhlig a chomharrachadh. Tha mi an dòchas gun còrd seallaidhean agus aoigheachd Earra-Ghàidheil is Bhòid ribh. Gur math thèid le na tachartasan.”
Thuirt Rebecca Edser, Ceannard EventScotland, VisitScotland: “Tha sinn moiteil taic a’ chumail ris A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail tro ar Prògram Maoineachaidh Tachartasan Eadar-nàiseanta. Tha Am Mòd Nàiseanta Rìoghail air leth cudromach dha cànan, cultar agus ceòl na Gàidhlig. ’S e adhbhar misneachd a th’ ann a bhith cluinntinn mu dheidhinn prògram nan tachartas, agus na th’ ann de ghnìomhachasan a th’ air fàilte a chuir air a’ Mhòd. Tha fhios againn gun tèid fàilte a chuir air muinntir na sgìre agus luchd-tadhail a bhios air an glacadh le prìomh fhèis Gàidhlig na h-Alba.
Thuirt Ealasaid Dhòmhnallach, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig: “Tha Mòd an Òbain an-còmhnaidh sònraichte agus bu mhath le Bòrd na Gàidhlig gach soirbheachas a ghuidhe don a h-uile duine a bhios a’ gabhail pàirt ann tron seachdain a tha romhainn. Tha e an-còmhnaidh cudromach a bhith a’ comharrachadh obair dhaoine a chuir gu mòr ris a’ Ghàidhlig thar ar coimhearsnachdan, agus tha Mairead NicÌomhair agus Fionnlagh MacLeòid le chèile airidh air an aithne a bhith air ainmeachadh mar thosgairean na Gàidhlig.”
A bharrachd air cothrom na tachartasan fhaicinn sa bhaile air feadh na seachdain, bidh sruth bhidio air loidhne aig cuid a thèid air feadh an t-saoghail. ’S iad cuirm Mànran a-nochd, Ar Cànan ’s Ar Ceòl a-màireach agus cuairtean deireannaich Cogadh nan Còmhlan Oidhche Luain is Oidhche Mhàirt. Thèid cuideachd criomagan à prìomh fharpaisean a chraoladh air BBC ALBA Diluain gu Dihaoine an ath sheachdain.
Tha na buidhnean EventScotland, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Riaghaltas na h-Alba, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, BBC ALBA, Alba Chruthachail agus SQA a’ cumail taic ris A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail am bliadhna san Òban.
Tachraidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail san Òban eadar 11 – 19 Dàmhair 2024.
Tuilleadh fiosrachaidh air ar làrach-lìn.
Tha Prògram an Iomaill an seo.
« Back to Mòd News List