Published: 04 Oct 2012
Tha sinn fhathast a’ feitheamh ri duaisean a thighinn air ais thugainn bho Mod an-uiridh. Tha seo a’ ciallachadh gum bidh feadhainn a’ bhuannaicheas aig Mod na bliadhna seo nach fhaigh duais mur am bidh iad air an tilleadh thugainn.
Tha e ag innse gu math soilleir anns na riaghailtean gun teid cain a chur air neach sam bith nach till iad ron 31mh den Luntastal.
Ma tha duaisean sam bith agaibh fhathast, cuiribh fios thugainn cho luath’s a ghabhas airson innse dhuinn cuin a tha sibh a’ dol nan tilleadh thugainn. Ma tha duil agaibh a thoirt chun a’ Mhod, FEUMAIDH sibh sin innse dhuinn.
« Back to Mòd News List