Published: 28 May 2024
Bidh buannaichean Buinn Òir Mòid Nàiseanta Rìoghail 2023 ann am Pàislig, Emma NicLeòid agus Iain MacCarmaig, aig Mòd Chesapeake am Maryland san Lùnastal gus an dàimh làidir Gàidhealach eadar Alba is na Stàitean Aonaichte a chomharrachadh.
An lùib na choisinn iad nuair a bhuannaich iad na Buinn Òir airson seinn, bidh iad nan tosgairean aig an fhèis ionadail, a thachras Disathairne 3mh Lùnastal 2024. Seinnidh iad is bidh iad a’ teagaisg da bhùth obrach, a bharrachd air a bhith aig dìnneir comharrachaidh agus cèilidh air an oidhche.
Tha Mòd Chesapeake, a bhios air a chumail an Sgoil Gàidhlig Bhaile an Taigh Mhòir, a’ comharrachadh clach-mhìle chudromach do cheangalan eadar-nàiseanta A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail, a’ daingneachadh a bhuaidh chruinneil agus ceangalan làidir le coimhearsnachdan anns gach ceàrnaidh.
Bho na chaidh a stèidheachadh ann an 2023, tha na tosgairean agus an turas a’ riochdachadh ath-bheòthachadh ceangalan cultarail eadar dealasaich Gàidhlig Albannaich agus Ameireaganaich, a’ neartachadh càirdeas agus dualchas cumanta, le turas Iain agus Emma tarsainn a’ chuain mar shamhla air na ceangalan a th’ aig coimhearsnachdan Gàidhlig air feadh an t-saoghail.
Chaidh Mòd Chesapeake a stèidheachadh le dà bhuidheann ionadail Sgoil Gàidhlig Bhaile an Taigh Mhòir ann am Baltimore agus Gàidhlig Photomac, iad ann an Washington D.C. agus Virginia a Tuath. Tha Mòdan sgìreil a’ fàs sna Stàitean Aonaichte, le Mòd New York agus Mòd Kentucky cuideachd a’ tòiseachadh ann an 2023 agus tha Mòd Carolina a Tuath agus Mòd Nàiseanta Aimeireagaidh stèidhichte mar-thà.
Aig Mòd Chesapeake bidh cothrom aig feadhainn a bhios an làthair bogadh fhaighinn ann an cànan is cultar Gàidhlig tro shreath bhùithtean obrach ag amas air luchd-tòiseachaidh agus luchd-ionnsachaidh adhartach. Fo stiùir oidean eòlach tha na bùithtean obrach seo nan cothrom eòlas a bharrachd fhaighinn air cultar na Gàidhlig agus sgilean cànain a leasachadh.
Bha Emma NicLèoid, a bhuineas do Scalpaigh o thùs, mar-thà air am Bonn Òir Traidiseanta a bhuannachadh agus nuair a bhuannaich i aig a’ Mhòd an-uiridh choisinn i an dàrna Bonn Òir dhith fhèin leis an t-seinn àlainn aice. Tha Iain MacCarmaig, a bhuineas dhan Eilean Sgitheanach agus a-nis a’ fuireach an Glaschu, ann an teaghlach ainmeil deth bhuannaichean Buinn Òir, ghabh e an aon òrain sa gabh athair o chionn 40 bliadhna nuair a bhuannaich e fhèin am Bonn Òir.
Thuirt Liam Ó Caiside, co-stèidheadair agus breitheamh Mòd Chesapeake, co-eagraiche Gàidhlig Photomac agus Ceann Suidhe An Comunn Gàidhealach Ameireaganach:
“Tha sinn gu math toilichte gun tig Iain agus Emma a-nall dha na Stàitean airson Mòd Chesapeake am bliadhna. Bidh seo an dàrna Mòd ionadail againn anns an sgìre seo – eadar Baltimore, Washington, D.C., agus Virginia a Tuath. Gheibh luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig san sgìre brosnachadh mòr bhon tadhail seo – ’s mòr an onair.
Tha sinn uile aig Mòd Chesapeake air bhioran a bhith ag obair còmhla ris A’ Chomunn Gàidhealach ann an Alba am bliadhna. Togaidh ACG an oidhirp againn gu ìre nas àirde. Tha sinn a’ faighinn taic bhon Chomunn Gàidhealach Ameireaga (ACGA) cuideachd. Tha e cudromach dha na h-oileanaich air an taobh seo coinneachadh ri seinneadairean agus luchd-bruidhinn na Gàidhlig, agus bidh Iain agus Emma nan “tosgairean Gàidhealach.” Ionnsaichidh sinn mòran bhuapa, tha mi cinnteach, agus tha mi ’n dòchas gum faic iad dè cho làidir ’s a tha ùidh anns a’ Ghàidhlig sa cheàrnaidh seo.
Saoilidh mi gun tig feadhainn ann dìreach airson an coinneachadh! Bidh fàilte agus furan air an dithis aca.”
Thuirt Emma NicLeòid: “Tha mi air mo dhòigh a bhith a’ faighinn an cothrom seo a dhol thall thairis gu Mòd Chesapeake mar Tosgaire Gàidhlig, còmhla ri Iain. ’S e urram mòr a th’ ann a bhith a’ siubhal cho fad’ air falbh gus mo ghaol agus mo dhealas airson a’ chànain, cultair agus òrain Ghàidhlig a thaisbeanadh. Tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith a’ coinneachadh ris na daoine a bhios an làthair aig Mòd Chesapeake, gam brosnachadh gus gabhail ris na traidiseanan Gàidhlig, agus ag adhartachadh meas nas doimhne air dualchas na h-Alba.
Tha riochdachadh na Gàidhlig gu h-eadar-nàiseanta na urram agus cuideachd na dhearbhadh air ar dearbh-aithne chultarach. Dè an dòigh as fheàrr air cànan ionnsachadh na tro òrain? Bidh mi a’ tighinn beò aig àm a’ Mhòid agus tha mi a-nise a’ dol gu dhà dhiubh taobh a-staigh dà mhìos – air mo dhòigh!”
Thuirt Iain MacCarmaig: “Tha e na thlachd an cuireadh seo fhaighinn bho An Comunn Gàidhealach Ameireaga (ACGA) agus tha mi gu math moiteil gu bheil mi fhèin, cuide ri Emma, a’ dol a-mach gu Mòd Chesapeake mar thosgairean às leth A’ Chomuinn agus na Gàidhealtachd san fharsaingeachd. Tha am Mòd air pàirt shònraichte a chluich nam bheatha on a bha mi òg, agus tha mi a’ coimhead air adhart ri cothrom fhaighinn ar cànan ’s ar ceòl a thaisbeanadh gu h-eadar-nàiseanta. Tha e gu math cudromach ceangal ri cultar nan Gàidheal a chumail le ar caraidean ’s na Stàitean Aonaichte aig a bheil buntanas ris a’ Ghàidhealtachd, agus ’s cinnteach gum bi tòrr aig a’ Mhòd aig a bheil sinnsearan Gàidhealach. Gu pearsanta, tha mise gu h-àraid a’ coimhead air adhart ri bhith a’ coinneachadh ri cuid aig a bheil ceanglaichean Sgitheanach bho thus! Gura math a thèid do Mhòd Chesapeake!”
Tachraidh an dàrna Mòd Chesapeake bliadhnail aig Àrd-sgoil St. Vincent Pallotti, Maryland, Na Stàitean Aonaichte Disathairne 3mh Lùnastal 2024. Tadhalaibh air làrach-lìn Mhòid Chesapeake airson an tuilleadh fiosrachaidh.
Tachraidh Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna sa 11-19mh Dàmhair san Òban. Tha buidhnean Bòrd na Gàidhlig, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, EventScotland, Riaghaltas na h-Alba, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, BBC ALBA, Alba Chruthachail agus SQA a’ cumail taic ris A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail.
Tuilleadh fiosrachaidh air ar làrach-lìn.
« Back to Mòd News List