Naidheachdan

Àireamhan Farpaiseach gun Samhail airson Mòd Nàiseanta Rìoghail 2017

Published: 13 Sep 2017

​Tillidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail gu Loch Abar an ath mhìos (Dihaoine 13 Dàmhair – Disathairne 21 Dàmhair) airson bliadhna don Fhèis a tha coltach a bhios gun samhail, agus àireamhan farpaiseach an dùil a bhith nas àirde na 3,600 – an àireamh as àirde ann an deich bliadhna.

Thèid an tachartas naoi-latha de cheòl, ealain agus spòrs Gàidhlig a chumail anns a’ Ghearasdan airson a’chiad uair ann an deich bliadhna agus, am-bliadhna, bheirear aoigheachd do riochdairean bho bhailtean beaga is mòra nach fhac am Mòd fad ghinealaichean.

An-uiridh thug am Mòd a-steach £2.5m airson na sgìre aoigheachd, na h-Eileanan an Iar, agus tha luchd-eagrachaidh misneachail gum bi an aon sheòrsa buaidh ri fhaicinn ann an Loch Abar, a tha ainmeil airson coimhearsnachd bhlàth agus aoigheil.

Tòisichidh an Fhèis Chultarail Ghàidhlig as motha ann an Alba air Dihaoine 13 Dàmhair le caismeachd lòchranach, anns am bi na ceudan de dhaoine a’ coiseachd ann an soilleireachd nan lòchrain tro shràidean a’ Ghearasdain.

Thig a’ chaismeachd gu crìch aig Ionad Nibheis far an tèid an tachartas fosglaidh air adhart agus air an àrd-ùrlar bidh Raibeart MacDhonnchaidh a choisinn am Bonn Òir, Ross MacUilleam agus buidheann ciùil dùthchail Na h-Òganaich anns a bheil buannaiche Bonn Òir, a’ cur fèis na bliadhna seo air bhog.

Tha Am Mòd mar an fhèis as cudromaiche don Ghàidhlig ann an Alba. Chithear na mìltean de dh’fharpaisich à Alba agus bho air feadh an t-saoghail, eadhon buidheann de dh’fharpaisich Ameireaganach am-bliadhna, a’ gabhail pàirt no an làthair aig còrr air 200 farpais a’ toirt a-steach dannsa Gàidhealach, spòrs, litreachas agus dràma, a bharrachd air ceòl is òrain Ghàidhlig.

Taobh ri taobh ris na farpaisean, bidh Iomall a’ Mhòid le prògram beòthail le lànachd de cheòl traidiseanta, leabhraichean gan cuir air bhog, mòran chuirmean agus cruthan ealain de gach seòrsa fad na seachdain. Gheibhear prògram iomaill na Fèise, a thèid a chuir air bhog an-diugh cuideachd, an seo agus air na meadhanan sòisealta agus thèid a chuairteachadh tro Thìm an Òbain a bharrachd air a bhith ann an taighean-seinnse, taighean-òsta agus àiteachan eile air feadh Loch Abar.

Thuirt Iain Moireasdan, Àrd-oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich; “Tha sinn air ar dòigh a’ tilleadh don Ghearasdan airson a’ chiad uair ann an deich bliadhna agus tha e air leth misneachail a bhith a’ dèanamh sin le àireamhan farpaiseach gun samhail. Tha bliadhna gu math trang air a bhith againn a’ tighinn nas dlùithe air an fhèis, eadar a bhith a’ ruith Chlasaichean Ciùil a’ Mhòid a tha cho tarraingeach, a’ brosnachadh na cloinne gus pàirt a ghabhail ann, agus Acadamaidh a’ Mhòid a tha a’ toirt luchd-teagaisg le Gàidhlig gu 14 sgoil air feadh na h-Alba – agus mar sin tha e math a bhith faicinn àireamhan mòra mar thoradh air an sin. Tha sinn toiliche gu bheil luchd-ciùil ainmeil bhon sgìre againn le Raibeart MacDhonnchaidh, Ross MacUilleam agus Na h-Òganaich mar phairt den tachartas fosglaidh am-bliadhna, agus bi seo na fhìor thòiseachadh math do Mhòd Nàiseanta Rìoghail 2017.”

Thuirt an Comhairliche Gàidhealach, Alister MacFhionghuin, Cathraiche Comataidh nan Goireasan Corporra: “Tha sinn air leth toilichte gu bheil Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ tilleadh gu Loch Abar, sgìre den Ghàidhealtachd far a bheil a’ Ghàidhlig agus a cultar fhathast na pàirt den choimhearsnachd. Tha sinn toilichte a bhith toirt taic don Mhòd Nàiseanta Rìoghail oir tha an tachartas seo a’ cur gu mòr ri coimhearsnachd na Gàidhlig. Bidh e math fàilte a chuir air luchd-turais don Ghàidhealtachd, nam measg feadhainn bho thall thairis, a gheibh tlachd bhon chàirdeas a bhios ann, an raon farsaing de dh’fharpaisean seinn agus ciùil, na h-iomadh cèilidhean, òraidean agus diofar thachartasan a tha mar phàirt de phrògram inntinneach an iomaill. Tha am Mòd a’ cur a’ Ghàidhlig air àrd-ùrlairean ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta, leis gu bheil e a’ toirt seachad cothrom a’ chuid as fheàrr de ar cànan, cultar a thaisbeanadh, anns na sgìrean far a bheil sinn beò, ag ionnsachadh agus ag obair.

“Tha mi cinnteach gun toir am Mòd buaidh adhartach air an sgìre agus tha sgrùdaidhean oifigeil a’ dearbhadh gu bheil e a’ cur gu mòr ri eaconamaidh na sgìre anns am bidh an tachartas. Bu math leam an cothrom seo a ghabhail airson taing a thoirt do Chomataidh Ionadail a’ Mhòid ann an Loch Abar airson an cuid saothair, gu sònraichte co-cheangailte ri togail airgid, agus tha mi a’ guidhe gach soirbheachas do Mhòd Loch Abar. Le dìreach mìos ri dhol, cumaibh ag ullachadh agus gach soirbheachas don h-uile farpaiseach bhon Ghàidhealtachd.”

Thuirt Pòl Bush OBE, Stiùiriche Thachartasan VisitScotland: “Tha dualchas Gàidhlig na h-Alba mar phàirt mhòr de ar dearbh-aithne nàiseanta. Tha sinn toilichte a bhith toirt taic don Mhòd Nàiseanta Rìoghail airson seo a chomharrachadh, gu sònraichte tro Bhliadhna Eachdraidh, Dualchas is Àrsaidheachd na h-Alba. A-rithist, tha prògram làn de cheòl, Dhannsa Gàidhealach, dhràma agus barrachd, aig an luchd-eagrachaidh don choimhearsnachd Ghàidhlig às gach cuid Alba agus thall thairis, a bheir tlachd dhaibh.

Gu dearbh tha Alba na fhìor àrd-ùrlar math airson tachartasan cultarail agus tha sinn a’ coimhead air adhart ris an fhèis ainmeil eadar-nàiseanta seo ann an ceann mìos.”

Thuirt Stiùiriche Coimhearsnachd agus Ceangal Luchd-ùidhe aig CalMac, Brian Fulton: “Tha Am Mòd Nàiseanta Rìoghail na fhìor thachartas mòr ann am mìosachan CalMac agus tha sinn gu mòr a’ coimhead air adhart ri bhith tighinn don Ghearasdan, le cinnt gum bi sin an-còmhnaidh na thachartas tlachdmhor as fhiach a chumail air chuimhne.”

Shane O`'Rua
Shane O’Rua (10), Arran Stephen (10)

Ciara MacDonald (11), Owen MacRaild (9), Shane O’Rua (10), Arran Stephen (10), Seumas MacFarlane (10), Seumas Stevenson (9)

« Back to Mòd News List

Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

The Highland Council

The Highland Council