Published: 24 Apr 2020
Mar thoireadh air a’ bhìoras COVID-19 a tha air sgapadh air feadh an t-saoghail, cho-dhùin Bòrd Stiùiridh a’ Chomuinn Ghàidhealaich nach tèid Mòd Nàisenta Rìoghail 2020 na bliadhna a chumail.
Thathas cuideachd air co-dhùnadh gun tèid Mòd Nàiseanta Rìoghail na h-ath bhliadhna a chumail ann an Inbhir Nis, 8-16 Dàmhair 2021. Bithear a’ conaltradh ann an co-bhann le Ùghdarasan Ionadail feuch slighe a dhearbhadh do Mhòdan 2022, 2023 & 2024, thèid tuilleadh fiosrachaidh a sgaoileadh mun seo cho luath ‘s a thèid planaichean a dhaingneachadh.
Cha bheag am briseadh dùil a th’ ann dhuinn nach bi sinn a’ coinneachadh san Dàmhair am bliadhna ach tha sinn a’ coimhead air adhart le mòran fiughair ri coinneachadh ribh an Inbhir Nis ann an 2021.
« Back to Mòd News List