Published: 15 Oct 2024
Bidh guthan òga Gàidhlig agus tàlant ciùil ùr am follais san Òban an-diugh, agus farpaisean seinn òigridh airson fileantaich agus Cogadh nan Còmhlan a’ tilleadh chun a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail.
An-dè, bha daoine òga a’ farpais ann an grunn thachartasan a’ gabhail a-steach farpaisean nan còisirean òigridh agus tiotalan seinn aon-neach òigridh cliùiteach.
Anns a’ cho-fharpais Còisir Aon-fhuaimneach, bhuannaich Còisir Ghàidhlig Fèis Phàislig, a’ toirt dhachaigh Geall-dùbhlain Dhòmhnaill MhicPhàil, a bharrachd air cupa Iubailidh Airgid Chomunn Gàidhlig Darlington airson nan comharran as àirde ann an Gàidhlig. Bhuannaich Comunn Gàidhealach Mhuile Cuach Cuimhneachaidh Mhòraig Robb airson nan comharran as àirde ann an ceòl.
Bhuannaich Comunn Gàidhealach Mhuile farpais Puirt-à-Beul Luchd-ionnsachaidh Fo 13, leis na seinneadairean tàlantach a’ toirt dhachaigh Cupa Mhic an t-Saoir agus Geall-dùbhlain Mnatha Uasail Chaimbeul MBE.
Bhuannaich Còisir Òg Ghàidhlig na h-Eaglaise Brice tòrr eadar Geall-dùbhlain Crùnadh na Banrigh Ealasaid ann am farpais Còisir Aon-fhuaimneach Fosgailte fo 19, Geall-dùbhlain Thòmais MhicCreamhain ann am farpais Còisir Co-sheirm Fosgailte Fo 19 agus Cupa Mhàrtainn MacUilleim anns an fharpais Puirt-à-Beul a bharrachd air duaisean airson sreath fharpaisean.
San fharpais Seinn Aon-neach Balaich 16-18, choisinn Seamus MacRath bho Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh a’ chiad àite agus choisinn Isla Duke bho Chòisir Òg Ghàidhlig na h-Eaglaise Brice a’ chiad àite ann am farpais nan nigheanan. Fhuair Isla Duke agus Caitlyn Yule, bho Chòisir Òg Ghàidhlig na h-Eaglaise Brice na comharran as àirde airson ceòl agus roinnidh iad Geall-dùbhlain Cuimhneachan Meryl Mae Stiùbhart, le Isla Duke cuideachd a’ faighinn na comharran as àirde ann an Gàidhlig airson Cuach Thura.
Rinn Aimee NicLeòid à Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh math nuair a bhuannaich i Bonn Pròbhaist na h-Eaglais Brice. Anns a’ cho-fharpais Seinn Aon-neach fo 19, b’ i Caitlyn Yule bho Chòisir Òg Ghàidhlig na h-Eaglaise Brice a choisinn a’ chiad àite.
Bha òigridh aois 13-15 a’ farpais airson Bonn Cuimhneachaidh Sheumais C Mac a’ Phì, le Robbie Dòmhnall MacIllEathain, aois 13, à Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil ann am Barraigh a’ buannachadh cupa nam balach agus Geall-dùbhlain Alasdair Hamalton airson a’ chomharra as àirde ann an Gàidhlig. Fhuair Cara Joe NicAonghais fhèin, aois 15, à Àrd-sgoil an Òbain duais nan nigheanan agus choisinn Erin Greig, aois 14, bho Chomunn Gàidhealach Mhuile an comharra as àirde ann an ceòl agus thog i Cuach Cuimhneachaidh Sìne Greumach.
An-diugh bidh farpaisean Bonn Airgid Thraidiseanta nan nigheanan is na balaich a’ tòiseachadh aig 2:30f ann an Cathair-eaglais an Naoimh Eòin. Bidh deugairean aois 13-15 bho air feadh na h-Alba a’ seinn an taghadh fhèin, a’ farpais airson aithne nàiseanta.
Air an fheasgar seo chithear nigheanan a’ farpais airson Aigeallan Airgid a’ Chomuinn Ghàidhealaich agus co-fharpaisean Prìne Fèilidh Airgid nam balach. Cuideachd ann an Cathair-eaglais Naoimh Eòin bho 6f, bidh daoine òga a’ seinn òrain Ghàidhlig do phannal de bhritheamhan cliùiteach.
Diardaoin aig a’ Mhòd bidh farpais fo aois 19 bliadhna a dh’aois Cogadh nan Còmhlan a’ tilleadh, a’ taisbeanadh na tàlantan a tha a’ tighinn am bàrr bho bhuidhnean air saoghal a’ chiùil Ghàidhlig agus thraidiseanta.
Bidh a’ chuairt dheireannach a’ gabhail àite aig 7:30f a-nochd ann an Tallachan Cruinneachaidh Earra-Ghàidheal, far am bi na farpaisich a’ strì airson prìomh dhuais ùine ann an stiùidio clàraidh ionadail. A-nis san treas bliadhna, tha an fharpais a’ toirt cothrom dhan ath ghinealach de thàlant fhaicinn a’ deàrrsadh air an àrd-ùrlar.
A-raoir chunnacas Ceòl a’ Chaisteil a buannachadh ann am farpais fo aois 13 bliadhna Cogadh nan Còmhlan, a’ gabhail a’ phrìomh àite ann am farpais chruaidh.
Bidh Sruth, tachartas òigridh, a’ tilleadh airson dàrna seisean an-diugh, bho 10m gu 3f aig Tallaichean Cruinneachaidh Earra-Ghàidheal. Ag amas air luchd-labhairt na Gàidhlig aig aois sgoile, tha a’ bhùth-obrach a’ toirt cothrom do dhaoine òga na sgilean còmhraidh aca a chleachdadh le an co-aoisean còmhla ri cuid de rionnagan Gàidhlig ainmeil.
Tha Àite Ealain Ionad Achadh na Creige cuideachd a’ cumail seiseanan an-asgaidh le Bookbug agus Club Ealain Gàidhlig an-diugh, a’ toirt cothrom don fheadhainn bheaga sgeulachdan Gàidhlig a chluinntinn agus a bhith cruthachail leis na teaghlaichean aca. An-diugh agus a-màireach, bidh Cluba Sradagan ann an Talla Guides, le raon de chur-seachadan a’ gabhail a-steach ealain is ciùird, geamannan paraisiut agus geamannan ball, fosgailte do sgoilearan P1-7 ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig agus fileantaich.
Bidh cothroman gu leòr ann airson ceòl is dannsadh an-diugh cuideachd, le Cèilidh Tràth-bhliadhnaichean san Talla Guides bho 1f airson teaghlaichean le clann nas òige, agus dàrna Cèilidh Teaghlaich na seachdain ann an Tallaichean a’ Chorrain aig 6:30f, le ceòl, geamannan, agus dannsa.
Tha grunn thaisbeanaidhean inntinneach rim faicinn cuideachd fad seachdain a’ Mhòid. Bidh Taisbeanadh Duais Ealain na Gàidhealtachd ann an Seòmar Uinnseinn aig Ionad Achadh na Creige, fosgailte eadar 10m - 3f gach latha, a’ taisbeanadh sàr luchd-inntrigidh na bliadhna-sa fad na seachdain, ron chuirm chliùiteach dhuaisean air Dihaoine 18 Dàmhair, far an tèid buannaiche na bliadhna-sa ainmeachadh.
Bithear a’ comharrachadh beatha Seònaid NicLachlainn, a’ chiad ghuth ann an Gàidhlig a chaidh a chlàradh a-riamh air a’ ghramophone, inneal a bha ùr ann an 1899. Bha far ainm ‘Smeòrach nan Gàidheal’ oirre agus bidh taisbeanadh sònraichte a’ ruith fad na seachdain aig Ionad ChalMac. Rugadh Seònaid san Òban ann an 1866, agus b’ i rionnag a’ chiad Mhòd a-riamh san Òban ann an 1892 agus thàinig i gu bhith na seinneadair cliùiteach ainmeil air feadh an t-saoghail.
Tha Taisbeanadh Còisirean Earra-Ghàidheal aig Ionad Achadh na Creige fosgailte bho 10m - 3f gach latha. ’S e an cuspair dualchas beairteach chòisirean ionadail, a’ toirt sealladh do luchd-tadhail air buaidh cultarail ceòl còisirean Gàidhlig agus an dìleab mhaireannach.
’S e Diciadain latha litreachais a’ Mhòid, agus a-màireach bidh na Duaisean Litreachais ann an Seòmar Darach aig Ionad Achadh na Creige aig 12f, a’ taisbeanadh na farpaisich a bhuannaich ann an roinnean sgrìobhaidh, ealain agus nam meadhanan. Thèid leabhar ùr fhoillseachadh cuideachd, a bharrachd air leughadh bàrdachd feasgar.
Thuirt Magaidh Choineagan, Ceann-suidhe a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Tha an latha an-diugh a’ cur fòcas air an òigridh aig a’ Mhòd agus a’ comharrachadh cho cudromach sa tha iad a thaobh glèidheadh agus leasachadh cultar na Gàidhlig. Bho cho-fharpaisean seinn na h-òigridh gu Cogadh nan Còmhlan, agus le grunn thachartasan air an iomall ag amas air luchd-labhairt òg agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, tha guthan ùr is òg aig cridhe prògram an latha an-diugh. Tha e sgoinneil òigridh na sgìre agus luchd-tadhail fhaicinn a’ dol an sàs agus a’ cur feum air gach nì a tha aig a’ Mhòd air an son.”
Tha na buidhnean EventScotland, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Riaghaltas na h-Alba, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, BBC ALBA, Alba Chruthachail agus SQA a’ cumail taic ris A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail am bliadhna san Òban.
Bidh Mòd Nàiseanta Rìoghail san Òban gu Disathairne 19 Dàmhair.
Tuilleadh fiosrachaidh air ar làrach-lìn.
Tha Prògram an Iomaill an seo.
« Back to Mòd News List