Naidheachdan

Ceann-latha iarrtasan a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail a’ teannadh airson tagraichean air-loidhne

Published: 23 Jun 2016

​​Tha tagraidhean airson Mòd Nàiseanta Rìoghail 2016 a’ taomadh a-steach, ach thathas a’ cur an cuimhne daoine gu bheil an ceann là airson iarrtasan air-loidhne mu choinneamh farpaisean a’ teannadh dlùth. Tha gu deireadh na mìos aig daoine, 30mh den Ògmhìos, a tha airson pàirt a ghabhail ann am Mòd na bliadhna-sa, a thèid a chumail anns na h-Eileanan Siar, airson an t-siathamh turas.

Thuirt Seònaid NicDhòmhnaill, Stiùiriche a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail, “Tha làn-chothrom aig farpaisich cur a-steach an cuid iarrtasan on a chaidh an ceann-latha a leudachadh fad mìos na b’ fhaide. Tha an siostam iarrtais ùr againn a chaidh a leasachadh thairis air an dà bhliadhna a chaidh seachad air a dheagh chleachdadh le farpaisich mu thràth, le dùil gum bi fad a bharrachd a’ cur a-steach ro 30mh Ògmhìos. Bu mhath leinn cluinntinn bho fharpaiseach sam bith ma tha trioblaid sam bith aca le bhith a’ cur a-steach iarrtas, agus faodar comhairle a thoirt seachad le seo.”

“Thèid Cuairt Dheireannach nam Bonn Òir a chraoladh beò a-rithist air BBC Alba agus air Rèidio nan Gàidheal oidhche Chiadain seachdain a’ Mhòid, às deidh cho soirbheachail ‘s a bha craoladh Cuairt Dheireannach Bonn Òir an t-Seann Nòis beagan bhliadhnaichean air ais. Chuirear fàilte mhòr air na h-atharrachaidhean seo le farpaisich agus luchd-èisteachd le chèile ‘s tha sinn toilichte gum faigh luchd-coimhid ‘s luchd-èisteachd nas fharsainge an cothrom coimhead air na farpaisean seo a-nist.”

Chuir Neach-gairm na Comataidh Ionadail, Tormod Dòmhallach fàilte air prìomh fhèis chultarail na Gàidhealtachd a’ tilleadh dha na h-Eileanan an Iar. “Tha e air leth freagarrach gun till am Mòd gu na h-Eileanan an Iar seach gur e bun-stèidh a’ Mhòid beartas ar cànan is cultar a’ thaisbeanadh. `S e cànan coimhearsnachd a th’ anns a’ Ghàidhlig sna h-Eileanan agus bi luchd-frithealaidh a’ Mhòid cinnteach gum faighear fàilte fìor Ghàidhealach anns na h-Eileanan am bliadhna-sa.”

Tha Comhairle nan Eilean Siar fhèin a’ coimhead air adhart ris a’ Mhòd a’ tilleadh dha na h-Eileanan, a tha an-còmhnaidh na dheagh àite tarraingeach do luchd-frithealaidh is luchd-èisteachd a’ Mhòid. Thuirt Stiùiriche Poileasaidh, Sgioba na Gàidhlig, Doileag NicLeòid: “Tha Comhairle nan Eilean Siar toilichte dha rìribh taic a chur ris an tachartas am bliadhna-sa agus tha sinn a’ coimhead air adhart gus fàilte a chur air farpaisich, luchd-amharc agus a h-uile duine a bhios an làthair aig na co-fharpaisean agus na tachartasan. Tha a’ Chomhairle air a bhith taiceil don Ghàidhlig anns a h-uile roinn de sheirbheis thairis air na bliadhnachan agus tha an taic sin leantainneach. Tha sinn air a bhith adhartach le cleachdadh na Gàidhlig agus le bhith a’ togail inbhe a’ chànain agus le sin tha e freagarrach gum bi prìomh fhèis na Gàidhlig ga cumail anns na h-Eileanan san Dàmhair.”

Thèid Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chumail anns na h-Eileanan Siar eadar 14-22 Dàmhair 2016. Ma tha feum air tuilleadh fiosrachaidh a thaobh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail, feuch gun tadhal sibh air www.ancomunn.co.uk no www.modnaneileansiar2016.com.

« Back to Mòd News List

Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

The Highland Council

The Highland Council