Published: 09 Apr 2010
Atharrachadh air Riaghailtean Mòd 2010
Tha obair ullachaidh airson Mòd Nàiseanta Rìoghail 2010 a-nis aig àrd-ìre agus tha Gallaibh ag ullachadh airson aoigheachd a thoirt don tachartas bliadhnail seo airson a’ chiad uair nan eachdraidh. Thathas an dùil gun tàladh prìomh fhèis Ghàidhlig na h-Alba suas ri 8,000 neach don sgìre taobh a-staigh an tachartais naoi-latha san Dàmhair, a’ toirt fìor thogail don sgìre, gu h-eaconamach agus gu dualchasach.
Tha buidheann eagrachaidh a’ Mhòid, An Comunn Gàidhealach, air ainmeachadh grunn atharrachaidhean ann an riaghailtean a’ Mhòid a thig gu buil aig Mòd 2010. Tha iad sin a’ toirt a-steach a bhith a’ cur pìosan ciùil fèin-roghnaichte gu h-iomlan a-steach ro 30 Ògmhios. Mur a dèanar sin, gearraidh oifis a’ Mhòid 3 comharraidhean bho chomharradh iomlan an fharpaisich anns gach farpais iomchaidh. Cuideachd am-bliadhna thathas ag iarraidh àrdachadh beag anns an àireamh den fheadhainn aig a bheil cairtean fileantachd airson cuid de fharpaisean còisir a-rèir an amas fad-ùine adhartas fhaighinn ann an ìrean fileantachd buill chòisirean. Airson mion-fhiosrachadh mu na h-atharrachaidhean sin, tadhlaibh air ar làrach-lìn.
Thuirt Rianadair a’ Mhòid, Rena NicAsgaill, “Tha e deatamach gum bi gach farpaiseach làn-mhothachail air na h-atharrachaidhean sin sna riaghailtean mus cur iad an ainm a-steach airson farpaisean. Gheibhear làn-liosta de na riaghailtean bho làrach-lìn a’ Chomuinn neo le bhith a’ cur fòn gu oifis a’ Mhòid air 01463 709705.”
Chì Mòd 2010 ann an Gallaibh An Comunn Gàidhealach a’ dèanamh fìor oidhirp a bhith a’ fastadh nas urrainn dhaibh de bhritheamhan aig a bheil sgilean gach cuid anns a’ Ghàidhlig agus ann an ceòl. Thuirt Ceann-suidhe a’ Chomuinn Ghàidhealaich, Iain Macleòid, “Ann a bhith a’ cumail ris na h-amasan againn a bhith a’ brosnachadh cleachdaidh na Gàidhlig agus a’ neartachadh luach a’ chànain san latha ’n-diugh, tha sinn airson ìre a ruigsinn far am bi againn, airson farpaisean iomchaidh, co-aontachadh de bhritheamhan Gàidhlig le eòlas aithnichte air ceòl, agus britheamhan ciùil aig a bheil eòlas agus tuigse air a’ Ghàidhlig. Tha sinn mu thràth air grunn leis na comasan sin a chomharrachadh a bhiodh nar beachd-sa iomchaidh airson an uallach seo a ghabhail, a bheireadh, gun teagamh, àrdachadh don pròiseas breithneachaidh, a b’ urrainn am breithneachadh aca a lìbhrigeadh anns a’ Ghàidhlig mar a bhiodh sin iomchaidh, agus a dh’àrdaicheadh creideas an tachartais. Dh’fhaodadh gun toireadh am pròiseas seo beagan ùine gus a thoirt gu buil gu h-iomlan, ach tòisichidh e am-bliadhna aig cuid de Mhòdan Ionadail agus aig a’ Mhòd Nàiseanta.” Airson tuilleadh fiosrachaidh mu Mhòd 2010 an Gallaibh, feuch an tadhail sibh air ar làrach-lìn.
« Back to Mòd News List