Published: 10 Aug 2011
Tha obair ullachaidh airson Mòd Nàiseanta Rìoghail 2011 a-nis aig àrd-ìre agus bu mhath leis a’ Chomuinn Ghàidhealaich cur an cuimhne fharpaisich pìobaireachd nan inbheach gum feumar tagraidhean a bhith a-steach ro 26mh Lùnasdal 2011, ’s nach tèid gabhail ri tagraidhean anmoch neo neo-chrìochnaichte a gheibhear an-dèidh a’ cheann-latha sin.
Thèid farpaisean Pìobaireachd na h-òigridh ‘s nan inbheach a chumail ann an Sgoil Lìonacleit ann am Beinn na Faoghla am bliadhna air 15mh Dàmhair 2011. ’S e eachdraidh phròiseil, fharsaing a th’ aig na h-Uibhistich a thaobh na Pìobaireachd, mar sin, ’s ann gu math iomchaidh a tha e gun till farpaisean pìobaireachd a’ Mhòid dhan na h-Eileanan seo. Thèid farpaisean agus tachartasan a chumail air feadh nan eilean aig a’ Mhòd am bliadhna, le farpaisean dannsa Gàidhealach gan cumail ann am Barraigh.
Thuirt Dòmhnall Bàn Dòmhnallach, air a bheil meas mòr mar neach-teagaisg ann an Uibhist, “Tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ri bhith a’ cumail farpaisean pìobaireachd a’ Mhòid am bliadhna. Tha an t-uamhas de thàlant a-measg nam pìobairean òga anns na h-Eileanan agus gheibh iad cothrom èisteachd ri cuid dhe na pìobairean as fheàrr a th’ ann san t-saoghal, ’s bidh fàilte bhlàth romhpa.”
A bharrachd air na duaisean a bhios rim faighinn, glèidhidh an neach a bhuannaicheas farpaisean pìobaireachd inbheach a’ Mhòid aig a’ cheann thall àite-inntrigidh gu farpais Uibhist & Barraigh Ghlaschu, a bhios a’ gabhail àite Disathairne 10mh Màirt 2012.
’S e seo an còigeamh turas a thèid am Mòd a chumail sna h-Eileanan an Iar le Mòdan air gabhail àite ann an 1979, 1989, 2001 agus 2005. Tha e soilleir gu bheil muinntir nan Eilean a’ cur fàilte air a’ Mhòd a chumail a-rithist. Thuirt Neach-gairm na Comataidh Eagrachaidh Ionadail, Alex Dòmhnallach, “Tha sinn airson ’s gum bi Mòd 2011 a cheart cho soirbheachail ri na Mòdan a chaidh an cumail sna h-Eileanan an Iar a cheana. Tha sinn misneachail gur e Mòd fìor mhath a bhios ann, ann an 2011 agus gun còrd an turas dha na h-Eileanan ri luchd-tadhail. Gu dearbh, tha fàilte chridheil Ghàidhealaich a’ feitheamh air luchd-tadhail agus farpaisich.”
Thèid Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chumail anns na h-Eileanan Siar eadar 14mh agus 22mh Dàmhair 2011.
Airson tuilleadh fiosrachaidh a thaobh a bhith a’ cur a-steach airson farpais, cuiribh fios gu Seumas MacIlleathain air 01505 612 134/07833 742 024 air neo air post-d: jmacleanpiper@hotmail.co.uk.
Airson fiosrachadh sam bith eile mun Mhòd Nàiseanta Rìoghail neo Mòd nan Eilean Siar 2011, feuch an tadhal sibh air ar làrach-lìn. « Back to Mòd News List