Published: 11 Mar 2020
Tha Soisgeul, a’ Chòisir Ghàidhlig Shoisgeulach, air ais! Nach mìorbhaileach! Agus tha sinn gu mòr air ar dòigh a bhi nar pairt de ghrunn chuirmean an Inbhir Nis thairis air an deir-sheachdain, a’ togail airgid agus a’ togail aire dhaoine gu bheil am Mòd Rìoghail Nàiseanta a’ tilleadh do phrìomh bhaile na Gàidhealtachd nas fhaide dhen bhliadhna.
Os cionn gnothaich aon uair eile bidh Màiri Anna NicUalraig agus ar prìomh stiùiriche air aoigheachd, Gareth Fuller, agus air a’ phiàna bidh Pòl Watson. Bidh againn dà là de bhùithean-obrach le ceann a’ mhaide ga chumail rinn is sinn ag ionnsachadh òrain ainmeil soigeulach nar dreach Gàidhlig fhìn, agus bidh sinn cuideachd a’ tilleadh do dh’iomadh òran spioradail air a bheil sinn ro-dheidheil.
Is e seo an ceathramh turas a bha Gareth air aoigheachd againn an Alba. Tha cliù aige mar aon de phrìomh stiùirichean soisgeulach na rìoghachd, agus theab nach eil e air fàs cleachdte ri aimsir na h-Alba mu dheireadh thall – b’ ann car fionnar a bha a bhaisteadh anns a’ chòisir agus e a’ tadhal air Eilean Ì comhla rinn aig deireadh a’ gheamhraidh bho chionn tri bliadhn’ air ais.
Mur a cuala sibh fhathast sinn, agus sibh deiseil airson ceòl a thogas anam is cridhe, no ma chuala sibh cheana sinn, is sibh air bhioran airson tuilleadh, tha dà chothrom ann ar cluinntinn air an deir-sheachdain seo.
Tha sinn gu math moiteil an cothrom fhaighinn a bhi air aoigheachd sinn fhìn aig cuirm shònraichte oidhche Shathairne (14mh) aig taigh-òsta, far am bi sàr-ghaisgich ceòl na Gàidhlig - Iain ‘Costello’ MacÌomhair agus New Tradition air an àrd-ùrlar.
Agus bhiodh sinn cho toilichte ur faicinn ann an ionad-bhùithean an Eastgate air an DìDòmhnaich (15mh). Bidh sinn a’ seinn fad uair a thìde le Gareth agus Pòl aig am ‘Blue Wall’ làimh ri bùth Waterstones bho 2uf. Gàirdeachas mòr!
Tha Soisgeul a’ toirt taing airson an taic bho Alba Chruthachail agus stòras Tasgadh.
www.facebook.com/gaelicgospelchoir
« Back to Mòd News List