Published: 17 Feb 2025
Tha luchd-eagrachaidh A’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail, an fhèis chultarail is ainmeil a thachras gach bliadhna, a’ sireadh iarrtasan airson Mòd na bliadhna ann an Loch Abar.
A’ tilleadh dhan Ghearasdain agus an sgìre mun cuairt 10 – 18 Dàmhair, an naoidheamh uair a bhios an tachartas 133 bliadhna a dh’aois sa sgìre. Bha a’ chiad Mhòd Nàiseanta Loch Abar ann an 1922 agus tha ochd bliadhna air a bhith ann bho chaidh a chumail mu dheireadh ann.
Bha còrr air 2,700 com-pàirtiche aig Mòd an Òbain 2024 ann an timcheall air 200 farpais, am Mòd a bu mhotha ann an còig bliadhna, agus tha An Comunn Gàidhealach an dòchas gum bi Mòd na bliadhna-sa a cheart cho soirbheachail.
Feumaidh iarrtasan aig farpaisich no buidhnean a bhith staigh aig meadhan-oidhche Disathairne 31 Cèitean. Tha iomadachd farpais ann, nam measg: seinn còisir, bogsa-ciùil, fidheall, dràma agus Cogadh nan Còmhlan.
Gheibhear liosta nam farpaisean sna Clàran-eagair an seo agus gabhaidh iarrtasan a chur a-steach an seo.
Thuirt Seumas Greumach, Àrd-oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: Chunnaic sinn na mìltean aig farpaisean Mòd an-uiridh, a’ cur ri leasachadh na Gàidhlig an Alba agus a’ comharrachadh ar ceòl is ar cultar. Tha na farpaisean aig cridhe an tachartais agus tha e tlachdmhor fhaicinn an dàimh, pròis agus an coimhearsnachd am measg nam farpaiseach. Ged a bhiodh tu air a bhith an sàs aig iomadach Mòd no a’ tòiseachadh as ùr, mholainn gun dèan thu iarrtas agus a dhol an sàs san tachartas mòr Albannach seo. Tha fhios gum faigh sinn deagh aoigheachd ann an Loch Abar agus tha sinn air bhioran Am Mòd a thoirt air ais a-rithist san Dàmhair.
Thuirt Cathraiche Comataidh Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd, an Comhairliche Calum Rothach: “Tha Comhairle na Gàidhealtachd air leth toilichte gu bheil am Mòd a’ tilleadh a Loch Abar, far a bheil cliù aig a’ choimhearsnachd airson a dualchais Ghàidhlig is chultarach, gu h-àraid a thaobh ceòl traidiseanta. Tha a’ Chomhairle a’ toirt taic don dreuchd chudromaich a th’ aig a’ Mhòd ann a bhith a’ brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig agus a’ togail deagh ìomhaigh airson a’ chànain tron chruinneachadh shuaicheanta am measg coimhearsnachd na Gàidhlig. A bharrachd air na farpaisean, tha am Mòd a’ toirt cothrom cudromach do luchd-labhairt de dhiofar chomasan a’ Ghàidhlig a chleachdadh gu neo-fhoirmeil tron tachartas agus cuiridh seo gu mòr ri beòthalachd shòisealta, eaconamach is chultarach coimhearsnachd Loch Abar.”
Thèid Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chumail ann an àite eadar-dhealaichte air feadh na h-Alba san Dàmhair gach bliadhna. ’S e a’ phrìomh fhèis cànan, spòrs, ealain agus cultar na Gàidhlig. A bharrachd air na farpaisean tha prògram an iomaill anns am bi cuirmean-ciùil, bùthan-obrach, taisbeanaidhean agus seiseanan ann an tòrr àitean sa sgìre. Thadhail mu 9,000 neach air Mòd 2024 agus chruthaich e àrdachadh eaconamach £3.6 millean don Òban.
Tillidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail 2025 a Loch Abar 10 – 18 Dàmhair. Dùnaidh iarrtasan farpaisean Disathairne 31 Cèitean. Siostam iarrtais an seo.
« Back to Mòd News List