Published: 10 Jun 2020
Tha e na thlachd don Chomunn Gàidhealach foillseachadh gun tèid dreach air loidhne den Mhòd Nàiseanta Rìoghail a chumail nas fhaide air adhart dhan bhliadhna. Mar a bu dual don Mhòd a h-uile bliadhna, ‘s ann anns an Dàmhair a bhios an tachartas; a’ comharrachadh agus a’ taisbeanadh cànan agus cultar na Gàidhlig.
Bha dùil ri Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna-sa ann an Inbhir Nis, ach, mar thoireadh air a’ Choròna-bhìoras, b’ fheudar a chur dheth chun an ath-bhliadhna.
Tha fàilte gu chur air clann agus inbhich pàirt a ghabhail anns an tachartas. Eadar roinnean seinn, bàrdachd, ionnstramaidean agus dannsa Albannach, faodar clàraidhean a chur dhan Chomunn tron eadar-lìon. Bithear gan taisbeanadh tro mheadhanan sòisealta a’ Chomuinn. Gheibhear an liosta slàn de roinnean agus tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn a’ Mhòid air loidhne tro bhith a’ tadhal an seo.
‘S e 31mh Iuchair an ceann là mu dheireadh airson clàraidhean a chur a-steach.
A thuilleadh air Mòd air loidhne na bliadhna-sa, tha tachartasan air loidhne cuideachd anns an amharc aig a cheart àm. Bithear a’ sgaoileadh tuilleadh fiosrachaidh mun seo anns na seachdainnean a tha romhainn.
Thuirt Oifigear a’ Mhòid, Marina NicAoidh “Tha sinn gu mòr an dòchas gun gabh clann agus inbhich brath air a’ chothrom a tha seo, gun uallach a bhith air beulaibh luchd-amharc neo britheamhan. Chan ann a’ feuchainn ri Mòd Nàiseanta Rìoghail àbhaisteach a tharraing còmhla a tha sinn idir. ‘S e tha fainear dhuinn ach cothrom a thoirt do dhaoine ar cànan ‘s ar ceòl a thaisbeanadh ann an dòigh mi-fhoirmeil, spòrsail.”
Thuirt Seumas Greumach, Àrd Oifigear a’ Chomuinn, ‘Bha e na bhriseadh dùil air leth dhuinn gum b’ fheudar Mòd Nàiseanta na bliadhna-sa ann an Inbhir Nis a chur dheth, ‘s ri linn sin, nach fhaigh coimhearsnachd na Gàidhlig an cothrom
tighinn còmhla mar is àbhaist. Tha sinn air bhioran, ge-tà, tachartas air loidhne a chur air dòigh, feuch ceangalaichean agus conaltradh a chumail ri coimhearsnachd a’ Mhòid. Tha suidheachadh den t-seòrsa seo air cothrom a thoirt dhuinn dòighean eile a lorg airson a’ Ghàidhlig agus ceòl a thaisbeanadh agus a chomharrachadh.’
Daibhidh Boag, Stiùiriche Planadh Cànain is Leasachaidhean Coimhearsnachd - “Tha Bòrd na Gàidhlig agus tha sinn cinnteach daoine air feadh an t-saoghail a’ cur fàilte bhlàth air an naidheachd seo. Tha e nas cudromaiche an-dràsta na bha e riamh gum bi coimhearsnachd na Gàidhlig a’ tighinn còmhla gus cleachdadh na Gàidhlig a chur air adhart agus gus ar cultar agus ar cànan luachmhor a chomharrachadh. Tha sinn a’ guidhe gach soirbheachas gu An Comunn Gàidhealach agus a h-uile duine a bhios a’ gabhail pàirt anns a’ Mhòd air loidhne anns an Dàmhair.”
Thuirt an Comhairliche Helen NicIlleMhicheil, Probhost Inbhir Nis: “Tha sinn a’ guidhe gach soirbheachas dhan Mhod Naiseanta Rioghail air-loidhne 2020 agus tha Baile Inbhir Nis a’ coimhead air adhart ri failte a chur air neach-tadhail a’ Mhoid don bhaile ann an 2021.
Tha An Comunn Gàidhealach toilichte a bhith ag obair ann an co-bhann le Caledonian Mac a’ Bhriuthainn a-rithist ‘s iad nan prìomh bhuidheann maoineachaidh airson an tachartais sònraichte seo. Thuirt Diane Burke, Stiùiriche Coimeirsealta Caledonian Mhic a’ Bhriuthainn, “Tha sinn air a bhith ag obair ann an com-pàirteach leis a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail fad iomadh bliadhna, agus ‘s e tlachd a th’ ann a bhith a’ cumail taic ri coimhearsnachd agus cultar na Gàidhlig. Tha sinn gu mòr an dòchas gun glac an tachartas sònraichte seo aire dhaoine air feadh an t-saoghail.”
Airson tuilleadh fiosrachaidh fhaotainn air Mòd Nàiseanta Rìoghail air loidhne 2020, neo airson stiùireadh sam bith fhaighinn air mar a bu chòir clàraidhean a chur thugainn tadhaibh air www.ancomunn.co.uk cuiribh fios gu info@ancomunn.co.uk, neo fòn 01463 709705.
« Back to Mòd News List