Naidheachdan

Prìomh 10 Tachartasan aig Mòd Nàiseanta Rìoghail an Òbain

Published: 02 Oct 2024

Còisirean aig Mòg Phàislig 2023
Còisirean aig Mòd Phàislig 2023

Tha Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ tilleadh dhan Òban san Dàmhair. Mar sin, tha ullachadh gu leòr a’ dol le prògram làn farpaisean, ceòl Ceilteach, ealan agus spòrs. Bidh cuideachd tachartasan iomaill is cur-seachadan a fhreagras air a h-uile aois.

Tachraidh an fhèis cultarail Albannaich sa bhaile eadar 11 – 19 Dàmhair 2024, a’ toirt cothrom do mhuinntir an Òbain agus luchd-siubhail o air feadh an t-saoghail eòlas fhaighinn air dualchas na h-Alba agus cànan is cultar na Gàidhlig.

Tha nas lugha na dà sheachdain ri dhol, mar sin seo cuid de na prìomh rudan ri fhaicinn is ri dhèanamh aig Mòd am bliadhna.

1. Cuirm Fhosglaidh Mànran

Goirid às dèidh cuirm air leth aig Lochaber Live, cuiridh an còmhlan traidiseanta ainmeil Mànran am Mòd air a chasan le deagh oidhche air Dihaoine 11d Dàmhair, a’ tòiseachadh an t-seachdain le stoidhle. Aithnichte gu h-eadar nàiseanta am measg nan còmhlan as cliùitiche an Alba san latha an-diugh, tha misneachd aig an seachdnar aca agus iad a’ putadh stoidhlean ciùil ùra, a’ toirt togail dhan luchd-èisteachd gach uair a thèid iad air àrd-ùrlar air feadh an t-saoghail.

2. Ar Cànan ’s Ar Ceòl

Tillidh Ar Cànan ’s Ar Ceòl gu Tallaichean a’ Chorrain Disathairne 12na Dàmhair. Oidhche air leth de cheòl traidiseanta agus cultar Gàidhlig le tàlant gu leòr bho air feadh Earra-Ghàidheal. Thigibh còmhla rinn airson taisbeanadh de thàlant ionadail le Buidheann Traidiseanta Àrd-sgoil an Òbain còmhla ri Sunday Sessions Fèis Latharna. A bharrachd air a sin, bidh Còmhlan-pìoba Àrd-sgoil an Òbain againn agus bidh an seinneadair ainmeil Alasdair MacIlleBhàin nar measg agus cuideachd Còisir Ghàidhlig Makaton ‘Aon Ghuth’.

3. Cogadh nan Còmhlan (Battle of the Bands)

Tillidh farpaisean Cogadh nan Còmhlan don Mhòd am bliadhna a’ taisbeanadh an tàlant ùr ann an saoghal na Gàidhlig agus ceòl traidiseanta. Bidh a’ chuairt deireannaich farpais fo aois 13 air Diluain 14mh Dàmhair agus fo aois 19 Dimàirt 15mh Dàmhair, ann an Tallaichean Cruinneachaidh Earra-Ghàidheil.

Gheibh an còmhlan a bhuannaicheas cothrom clàradh còmhla aig stiùidio ionadail. Sàr chothrom an ath ghinealach tàlant Ceiltich ùr fhaicinn air àrd-ùrlar.

4. Caismeachd Lòchranach

Fosglaidh an caismeachd solais Mòd Nàiseanta Rìoghail am bliadhna air Dihaoine 11d Dàmhair, a’ tòiseachadh aig Ceàrnag an Stèisein aig ciaradh na h-oidhche. Cuiridh e fàilte air an tachartais a’ tilleadh dhan dachaigh eachdraidheil le bhith soillseachadh a’ bhaile. Tha fàilte romhaibh uile a bhith an sàs.

5. Cupa Camanachd a’ Mhòid

Tachraidh seo aig Pàirc Mossfield, Disathairne 12na Dàmhair, a’ tòiseachadh aig 10:30 nuair a bhios cluicheadairean òg o air feadh Earra-Ghàidheal a’ farpais airson Cupa Camanachd na h-Òigridh. Tòisichidh geama nam bàn aig 12:00 a’ farpais airson Cupa Camanachd nam Ban. Tòisichidh geama nam fear aig 2:00f. ’S cinnteach gum bi farpais teann ann. Chan eil cosgais a bhith ga choimhead, mar sin feuch nach caill sibh seo!

6. Cuir air Bhog Leabhar ùr a’ Hebridean Baker

Bidh rionnag nam meadhanan sòisealta agus bèicearachd Coinneach MacLeòid, air a bheil The Hebridean Baker, a’ cur air bhog an leabhar ùr aige aig tachartas sònraichte aig a’ Mhòd. Thigibh còmhla rinn gu Ionad Achadh na Creige Diardaoin 17mh Dàmhair. airson cèilidh is craic cuide ris a’ Hebridean Baker agus a’ Hebridean Hutter, Padruig MacCuithean.

7. Duais Ealain na Gàidhealtachd: Farpais & Taisbeanadh

Bidh Ealain aig Mòd am bliadhna a-rithist agus iarrtasan farpais Duais Ealain na Gàidhealtachd ann an Seòmar Uinnsinn, Ionad Achadh na Creige Dihaoine 11d – Disathairne 19mh Dàmhair. Bidh Cuirm-Fosgailte Duais Ealain na Gàidhealtachd a’ gabhail àite air Disathairne 12mh aig 5:30f leis na duaisean gan toirt seachad Dihaoine 18mh Dàmhair aig 12:30f.

Tha fàilte air a h-uile duine chun an tachartasan agus an taisbeanadh.

8. Let’s Make a Scene aig a’ Mhòd

’S ann eadar ‘open mic’ agus taigh cèilidh a tha Let’s Make a Scene; àite far an tèid ceòl agus sgrìobhadh ùr a thaisbeanadh ann an suidheachadh càirdeil, neo-fhoirmeil aig Ionad Achadh na Creige Oidhche Dhiardaoin 17mh Dàmhair. Tha fàilte air duine sam bith le bàrdachd, sgeulachd no òran ùr a’ ghabhail (ann an cànan sam bith). Air a mhìos seo, tha sinn a’ toirt brosnachadh bhon Mhòd agus cultar na Gàidhlig, is sinn a’ cur fàilte shònraichte air pìosan air cuspairean ceangailte ri cànan, dualchas, dùthchas agus fèin-aithne, bho Alba agus thall thairis.

9. Co-Chòisirean

Disathairne 19mh Dàmhair: fear de na tachartasan mu dheireadh aig Mòd Nàiseanta Rìoghail an Òban - cruinnichidh na còisirean aig Tallaichean a’ Chorrain mus bi iad a’ caismeachd gu Ceàrnag an Stèisein. Abair seinn a bhios aig na còisirean còmhla, chan eil a shamhail ann. Bidh fàilte romhaibh uile agus na seinneadairean a’ comharrachadh an latha mu dheireadh dhen Mhòd mus tèid a’ bhratach a thoirt seachad do Loch Abar airson 2025.

10. Cuirm Dùnaidh a’ Mhòid le Trail West

Aig deireadh naoi làithean na tachartais, feasgar Disathairne 19mh Dàmhair, cuiridh Cuirm Dùnaidh a’ Mhòid fàilte air Trail West aig Tallaichean a’ Chorrain gus prìomh fhèis chiùil agus cultar na Gàidhealtachd a thoirt gu crìch.

Thuirt Seumas Greumach, Àrd-oifigear A’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Tha nas lugha na dà sheachdain gus an tòisich Mòd Nàiseanta Rìoghail am bliadhna san Òban, tha sinn ro thoilichte prìomh thachartasan an iomaill a chomharrachadh. Ceòl, ealain, spòrs, litreachas, tha rudeigin ann a fhreagras air a h-uile duine. Mholadh sinn gun leugh daoine am prògram gus an dealbhaich iad an ùine a bhios aca ann am baile àlainn an t-Òban agus an sgìre mun cuairt. Co-dhiù ged a bhiodh iad a siubhail astar mòr no a’ fuireach sa sgìre tha sinn ag iarraidh gum faigh iad buannachd às a’ Mhòd. Tha fadachd oirnn fàilte a chuir air a h-uile duine gu prìomh fhèis cànain Gàidhlig, ceòl agus cultar.”

Tha na buidhnean EventScotland, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Riaghaltas na h-Alba, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, BBC ALBA, Alba Chruthachail agus SQA a’ cumail taic ris A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail am bliadhna san Òban.

Tachraidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail san Òban eadar 11 – 19 Dàmhair 2024.

Tuilleadh fiosrachaidh air ar làrach-lìn.

Tha Prògram an Iomaill an seo.

« Back to Mòd News List

Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

The Highland Council

The Highland Council