Published: 30 Jul 2020
Tha an ùine a’ ruith airson tagraidhean a chlàradh airson a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail a thèid a chumail air loidhne am bliadhna. Bu mhath, ge-tà, leis a’ Chomunn Ghàidhealach innse gu bheilear a’ sìneadh ceann là nan tagraidhean chun an 21mh Lùnasatal. Tha sin a’ toirt barrachd cothrom do dhaoine cur a-steach agus pàirt a ghabhail ann am Mòd na bliadhna sa.
Thuirt Seoang NicAnndrais, Oifigear a’ Mhòid, “Le sgoiltean a’ tilleadh tràth san Lùnastal a-niste, tha sinn airson airson ùine a bharrachd a thoirt do chlann, gu h-àraidh, iarrtasan a chur a-steach airson a’ Mhòid air loidhne le bhith a’ sìneadh a-mach ceann là nan tagraidhean rud beag nas fhaide. Tha daoine air oidhirp nach gann a dhèanamh le an cuid thagraidhean gu ruige seo, ann am farsaingeachd de roinnean. Tha cothrom a bharrachd a-nise aig sgoiltean
agus sgoilearan pàirt a ghabhail”.
Thuirt Seumas Greumach, Àrd Oifigear a’ Chomuinn, “’Ri linn a’ choròna-bhìorais, ‘s e bliadhna air leth mì-àbhaisteach a th’ air a bhith ann do thachartasan ealain, leithid Am Mòd Nàiseanta Rìoghail. Cha robhar an dùil idir gum bithear a’
cumail thachartasan air loidhne seach ann an da-rìribh. Le sin a ràdh, ‘s e cothrom eile a th’ ann a bhith a’ taisbeanadh nan ealain Gàidhlig dhan mhòr-shluaigh a dh’ aindeoin nan dùbhlain a tha romhainn an-dràsta.”
Thèid Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chumail air loidhne am bliadhna san Dàmhair. Ma tha feum air tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn, feuch gun tadhal sibh air: https://www.ancomunn.co.uk/air-loidhne.
« Back to Mòd News List