Prògram a’ Mhòid
Tha sinn toilichte innse gu bheil Prògram oifigeil a’ Mhòid ri fhaotainn air-loidhne a-nis.
Prògram Mòd Nàiseanta Rìoghail 2022 Peairt
Bidh lethbhreacan den Phrògram rin ceannach anns na laithean a tha romhainn. Cumaibh sùil air www.ancomunn.co.uk agus air na meadhanan sòistealta againn airson tuilleadh fiosrachadh.
Bidh na prògraman rin ceannach aig na h-àiteachan a leanas:
Oifis a’ Chomuinn (Steòrnabhagh)
Oifis a’ Chomuinn (Inbhir Nis)
Comhairle nan Leabhraichean, Glaschu
Horsecross
iCentre Peairt
Bidh cothrom ann prògram òrdachadh airson a dhol thugaibh sa phost cuideachd.
Seall air cuid de na rudan ùra a th’ againn am bliadhna;
Farpais TikTok
Tha Am Mòd Nàiseanta Rìoghail air TikTok agus tha sinn airson ur bhideothan fhaicinn!
Clàraich bhidio sa Ghàdhlig, mu 3 mionaidean a fhaid, air cuspair sam bith (ach cuirear fàilte chridheil air feadhainn èibhinn). Cuir an àrd iad ro Dihaoine 14 Dàmhair 2022, le #modpheairt2022 agus taga @royalnationalmod.
Sruth - Cothrom do dh’òigridh a thighinn a bhruidhinn ri cuid de na rionnagan as ainmeil air a’ Ghàidhealtachd. Thigibh ann is coinnichibh ri aghaidhean ainmeil, faighibh a-mach mun obair agus na cur-seachadan aca - bu thoigh leotha bhith a’ cabadaich ribh sa Ghàidhlig!
