Gach bliadhna, bidh Taisbeanadh Gàidhlig againn aig a’ Mhòd a bhios a’ ruith fad na seachdain. Bidh measgachadh de bhuidhnean Gàidhlig agus ionadail ann le fiosrachadh mu dheidhinn na seirbhisean a tha iad a’ tabhann.Nam measg bidh Comhairle nan Leabhraichean, Bòrd na Gàidhlig, Acair, Sabhal Mòr Ostaig, Àrainneachd Eachdraidheil Alba, NàdarAlba agus mòran eile.
Cuideachd, bidh tachartasan beò, òraidean, ceòl agus taisbeanaidhean eadar-dhealaichte a’ gabhail àite thairis air an t-seachdain aig an Taisbeanadh, mar sin dèanaibh cinnteach gun tig sibh a chèilidh oirnn an ath bhliadhna!
Bidh sinn cuideachd an dòchas gum faigh sinn cothrom blasad bìdh agus deoch ionadail fhaighinn… chì sinn aig an ath Mhòd sibh!
Airson tuilleadh fiosrachaidh cuiribh post-dealain gu:
Seonag Anderson: seonag@ancomunn.co.uk